[14]

A’ DOL AIR FALBH BHON DÙTHAICH

(13) Am boireannach anns an t-ìm

Tha mi creideil gu bheil dusan bliadhnachan bho bha sinn dol gu Stronsay gus an sgadan. Agus bha sinn dol a dhfhaighinn an steamer bho Bun Ilidh, agusÒ, Thighearna! – dar chaidh sinn gu Bun Ilidh, bha na muirean cho mòr ris an taigh tha seo. Bha feagal na beatha [ar beatha] ged a bha sinn adoldfhimireadh sinn a dhol air an steamer.

Ach dhfhalbh sinn. Siud, dar bha sinn leatha mach air amhuir, dhfhàs h-uile boireannach bha air bòrd an steamer, dhfhàs iad uile gu tinn. Agus bha an sa uamhaidh gu tinn agus thuirt an sgiobair rithe,

Isbeil, siùbhlaibh an-àirde [gus an ceaban agam] ach am faic thu am bi thu rudeigin nas fheàrr!’

Siud a dfhalbh ise.

Nis, bha, nis, nàbaidh air mo chliathaich is bha ise cho beag agus bha i anns an leabaidh a bha fodham. Agus siud dhfhàs ise gu tinn is thuirt i riumsa,

Siubhail a-null, chriomag! Beir mi còmhla riut, bhail tha mise uamhaidh gu tinn is chan urrainn domh fuireachd an seo.’

All right,thuirt mi rithe. ‘Feuch an tig thu an-àirde!’

bha bhàn aig cas an leabaidh ach cùdainn beag le ìm agus leum i air sin airson dhol an-àirde còmhla riumsabhail bha i cho beag. Thì! Thighearna, ’s ann a chaidh i fastachaidh abhròg aice bhàn anns an t-ìm is cha burrainn di thighinn às. Is thàinig aon do na daoinibh an-àirde,

Thì! Thighearna, tha thu dèanamh sin?’

Ò, dhfhalbh e; thug e an èigheamh air achrew uile,

Ma tha Dia umaibh, trobhaibh uile! ’S ann tha boireannach fasta anns am pigean, anns an t-ìm agaibh. An t-ìm tha sibh dol dhithe, tha i ann!’

titleDol air Falbh bhon Dùthaich
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textI. Na Bana-mharaichean
<< please select a word
<< please select a page