[179]

XI

AN LINNET MHÒR

[179] [180] [181] [182] [183] [184] [185] [186] [187] [188] [189] [190] [191] [192] [193] [194] [195] [196]
[197]

Fhuair sinn gairm a-nis gu bròn,
s e thagainn tuireadhn àite ceòl,
s gach uile neach dan lèir ar dòigh
nis dèanadh bròn iad maille rinn.

Than duine truagh gach uile
adol air thuras dhionnsaigh bhàis,
s gun fhios an t-àm an tèid en sàs
tha uair a bhàis am falach air.

Ach tinn no slàn, dar thig an uair,
thèid e dhionnsaighn dachaigh bhuain,
s mar sin a tha gach neach den t-sluagh,
air thuras luath gu bith-bhuantachd.

N Linnet mòr bha siubhal achuain,
thàinig i steach ri oidhche fo ghruaim,
is chaidh iomrall anns an dorch,
is thilg an stoirm i Chadabol.

Is dhfhan i sin ùingun ghluasd
na soitheach bristsna creagaibh cruaidh;
is cuid a dhfheuch ri togail suas,
s cur air achuans bhithg obair leath’.

Ach dhiùlt i falbh dhaibh uair no dhà
is iad ga feuchainn le luchd-ceàird;
ach nuair a thàinig oidhchabhàis,
siud ghabh i an sàl is dhimich i.


1
THUAIR sinn gairm a nis gu bròn,
Se thagainn tuireadhn aite ceòl,
S gach uile neach dan leir ar doigh
Nis deanadh bròn iad maille ruinn.

2
Than duine truagh gach uile la
A dol air thuras dhionnsaidh bhais,
S gun fhios an t-àm an teid en sàs
Tha uair a bhais am folach air.

3
Ach tinn na slan, ’n tra thig an uair,
Theid e dhionnsaidhn dachaidh bhuain,
S mar sin a tha gach neach don t-sluagh,
Air thuras luath gu bith-bhuantachd.

4
NLINNETmor bha siubhal a chuain,
Thainig i steach ri oidhche fo ghruaim,
Is chaidh iomrall anns an dorch,
Is thilg an storm iCHATABOL;

5
Is dhfhan i sin re uingun ghluasd,
Na soitheach brist’ ’sna cragaibh cruaidh;
Is cuid a dhfheuch ritogail suas,
S cuir air a chuans bhig obair leath.

6
Ach dhiult i falbh dhoibh uair na dha,
S iad ga feuchainn le luchd-ceard;
Achnuair a thainig oidhcha bhais,
Sud ghabh in sàl is dhimich i;


[198]

Is ged bha àireamh mhòr air bòrd
ga tarraing suas gu Bailan Todhair,
dhfhalbh i uathgun stiùir, gun seòl,
is cha bu deòin leathfuireach dhaibh.

Oir cheadaich Dia, san Fhreastal chruaidh,
dhi dol san turas ud gu luath,
oir ruith an ùinis thàinan uair
s bu sheasamh cruaidh gun teagamh e

Don t-seachdnar a bha air bòrd,
s bhair am fàgail siud gun treòir,
is gun dol às acon abhàs
a bfhaidna bàrr nan crannagan.

Is iad gun sùil a ghabhadh truas,
no stiùir a thionndadh i mun cuairt,
ach ruith a cùrsle doineann tuath
leò dhionnsaighn uaigh sna chaidil iad.

Cia dòrainneach bha leabaidhm bàis,
sna piantaibh geur ud dol an sàs,
dar bha i gabhail steach an t-sàil
thucanns gach àitn robh briseadh oirr’!

Air pian nan daoine ud san àm
a dhfhaodas chur an cainnt,
nuair chaidhm fàgail anns an oidhch
ri aghaidh ghairbh na doineann ud?


7
Is ge dbha aireamh mhor air bord,
Ga tarruing suas gu BALINTORE,
Dhfhalbh i uath gun stiur gun seòl,
Is cha bu deoin leathfurach dhoibh.

8
Oir cheadaich DIA, ’san fhreusdal chruaidh,
Dhi dol san turas ud gu luath,
Oir ruith an uinis thanan uair,
S bu sheasadh cruaidh gun teagamh e.

9
Don t-seachdnar a bha air bòrd,
S bhair am fagail sud gun treòr,
Is gun dol as aco na bhàs
Bfhaid na barr nan crannagan.

10
Is iad gun suil a ghabhadh truas,
Na stùir a thionndadh i man cuairt,
Ach ruith a cuirsle doirionn tuadh,
Leo dhionnsaidhn uaighsna choidil iad.

11
Cia dòruinneach bha leabaidhm bàis,
S na piantaibh geur ud dol an sàs,
N tra bha i gabhail steach an t-sàil
H-ucanns gach aitn robh briseadh oir!

12
Air pian nan daoine ud san àm
Co a dhfheudas chuiran cainnt?
N uair chaidhm fagail anns an oidhche
Ri aghaidh ghairbh na doirionn ud.


[199]

Be an t-àm san uair ud àm achràidh
dar chaidh i steach do ghleann abhàis,
s gun acair aica rachadhn sàs
s gun chàball bàis a chumadh i!

Cia uabhasach bha dhaibh san uair,
is tonna achuain ag èirigh suas,
dar thugadh leis na sruthaibh luath
iad steach gu uair abhreitheanais!

Gun chaladh acno baile dìon
s an neart air fàilneachadh gu lèir,
s gun chomas teichidh acon uair,
s ann thugadh buaidh sna tuiltean orr’.

Och, a Bhàis, ban-iochdmhor cruaidh
thu ann an siudm measg thonnaibhchuain
dar chuir thu ort do chlogaid chruaidh
is thilg gun truas do shaighead annt’.

e a theicheas às uait fhèin?
Oirs tu òglachs teachdairDhè;
s dar thig an t-àm a dhòrdaich E
do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.

Is thèid thu siud a-mach nan dèidh
s bheir thu mar eun iad bhàrr an t-slèibh’,
s duine cha làmhaich às do dhèidh
dar bheir thu dhachaighm foghar leat.


13
Ben t-àms an uair ud àm a chraidh,
N trath chaidh i steach do ghlann a bhàis,
S gun acair aica rachadhn sàs,
S gun chàbul bàis a chumadh i!

14
Cia uabhasach bha dhoibh san uair,
Is tonnachuan ag éiridh suas,
N trath thugadh leis na sruthaibh luath
Iad steach gu uair a bhreitheanas!

15
Gun chaladh acna baile dian,
S an neart air failneachadh gu leir,
S gun chomas teicheadh acon uair,
S ann thugadh buaidhsna tuiltean orr’.

16
Och, a Bhais! ban-iochdmbor cruaidh
Thu ann an sud measg thonnaibhchuan,
N trath chuir thu ort do chlogaid cruaidh,
Is thilg gun truas do shaighead annt’.

17
Co e a theicheas as uait fein?
Oirs tu oglachs teachdar Dhe;
Sn trath thig an t-àm a dhorduich e,
Do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.

18
Is theid thu sud a mach nan déigh,
S bheir thu mar eun iadbhar an t-sléibh,
S duine cha lamhaich as do dheigh,
N tra bheir thu dhachaidhm foghar leat.


[200]

Fhionnlaigh Thàlaich, dhuine shuairc,
s duilich liom gun deach thu uainn:
theireadhm measg an t-sluaigh
gun robh an uair cho fagas dhuit?

Duine tapaidh, sultmhor, treun
led chaitheamh-beatha glans deagh-bheus,
s na coimhearsnaich ga chur an cèill
deagh dhol dhuit fhèin san turas ud.

On turas ud cha phill thu rìs:
s ann bha i dhuitsna turas sgìth;
ach ma fhuair thu fear do shìth
chaidh crìoch dhuit air an trioblaid.

Iain Mhorair thairis chaomh,
s mòr bhannad fhèin do ghaol,
s tha fàile cùbhraidh dhe do chliù-s
nis air gach taobh air aithris ort.

Chaidh thu mach le neart is slàint
n coinneimh cathan geur abhàis,
gun fhios gus an dràinig thu an t-àit
s gun do shàth e siud a shaighead ort.

Ciamar thigeadh dhuinn gach uair
bhithg iarraidhn ullachaidh o shuas
s na neart-sgum faigheadh sinn abhuaidh,
s gun fhios cian uair an tachair e.


19
Fhionnlaidh Thalaich, dhuine shuairc!
S duilich leam gun deach thu uainn:
Co theireadhmeasg an t-sluaigh,
Gun robh an uair cho fogus dhuit!

20
Duine tapaidh, sultmhor, tréun;
Le dchaithe-beatha glans deadh bhéus;
S na coimhearsnaich ga chuir an céil,
Deigh dhol dhuit fein san turas ud.

21
On turas ud cha phill thu rìs,
S ann bha i dhuitsna turas sgì;
S ach ma fhuair thu fear do shìth,
Chaidh crioch dhuit air an trioblaid.

22
Iain Mhorair, thairis, chaomh!
S mor bhannad fein do ghaol,
S tha fáile cùbhraidh dheth do chlius
Nis air gach taobh air aithris ort,

23
Chaidh thu mach le neart is slaint’,
N coinnidh cathan geur a bhàis,
Gun fhios gus an drainig thu an t-ait’,
S gun do shàth e sud a shaighead ort.

24
Cia mar thigeadh dhuinn gach uair
Bhig iarraidhn t-ullachadh o shuas!
S na neartsgum faigheadh sinn a bhuaidh,
S gun fhios cian uair an tachair e.


[201]

Dhòmhnaill Mhorairn aodainn chiùin,
na thusbu tairis gnùis?
Cha chuir min cèill ort air do chùl
ach sinn do ghnùis a chunnaic mi.

S bha do cheuma glan da rèir
le beusan grinn, gun idir beud,
s gus an tàinig oidhchabhàis
bhan àilleachd ud ri fhaicinn ort.

Iain Tarail, ’n gasan ùr
bha afàs gu dìreach suas mar chraoibh,
cha dfhàg thu -chliù air do chùl
adol o ùingu bith-bhuantachd.

Alaidh Mhorair, ’m meangan òg,
o ghlùin do mhàthar fhèin gu bòrd,
bha thus’, mar-aon, gun spotn do chòt
dar chaidh thu leòsan turas ud.

S ged nach beòl dhomh idir càch
gu cliù thoirt orran dèidh am bàis,
s e than coimhearsnaich uilag ràdh,
Air chàch nach robh air dheireadh iad.’

Cha bhunait slàintdhaibh siud deagh chliù
le bhith ga aithris air an cùl,
ach bfheàrr gum bitheadh na h-uile dhiubhs’,
dam buin deagh chliù is teisteanas,


25
Dhomhail Mhorairn eudain chùin!
Co na thusbu tairis gnuis?
Cha chuir miceil ort air do chul
Ach sinn do ghnuis a chunnaic mi.

26
S bha do cheuma glan do reir,
Le beusan grinn, gun idir beud,
S gus an dthanaig oidhchebhais,
Bhan ailleachd ud ri fhaicinn ort.

27
Iain Tarail, ’n gasan ùr!
Bha fas gu dìreach suas mar chraobh;
Cha dfhag thu mi-chliu air do chul,
Aig dol o uin gu bith-bhuantachd.

28
Alidh Mhorair, meangan òg!
O ghlun do mhathair fein gu bòrd,
Bha thus maraon gun spotn do chot
Trath chaidh thu leos an turus ud.

29
S ged nach beòl dhomh idir cách,
Gu cliu thoirt orran déigh am bais,
Se than coimhearsnaich uilag radh,
Air chach nach robh air dheireadh iad.’

30
Cha bhunait sláintdhoibh sud deadh chliù,
Le bhi ga aithris air an cùl;
Ach bfhearr gum bitheadh na h-uile dhius
Dom buin deadh chliu is teisteanas.


[202]

Ach dòchas ann an Dia nan Gràs
gun dfhuair le cuid dhiubh bunait slàint
bha seasmhach dhaibhsaig oidhchabhàis
s nach dfhàillnich anns na tuiltibh iad.

S ged nach burrainn dhaibh umpuila ràdh
gun dfhuair nan anmaibh fhèin iad gràs,
chaidh gu lèir iad tron abhàs
o chleachdachàch bha maslach.

Ach Dia, am breitheamh s’, bàm gu leòr
nuair chaidhm fàgail siud air bòrd,
n ùina bha iad fhathast beò,
an sin bha a thròcaircomasach.

Shaor e an gadaichair a chrann
s e air a thàirngneachadh gu teann:
dar chuir am bàs a shaighead ann
air ball a fhuair e an turas ud

Gu dol a-steach don lùchairt shuas
a mhealtainn sìth is sonas buan
s a chliùthchadhn thug dhàsan buaidh
is, anns an uair ud, teasairginn.

Is sona dhaibhse aig uair abhàis
dom bu Crìosd abhunait slàint’;
s beannaichte, uime sin, gu bràth
na gheibh am bàs sa charraig ud.


31
Ach dochas ann an Dia nan grás
Gun dfhuair le cuid dhiu bunait slaint’,
Bha seasmhach dhoibhsaig oidhcha bhais,
S nach dfhailnich anns na tuiltibh iad.

32
S ged nach burrtumpuila ghradh,
Gun dfhuair nan anmaibh fein iad gras;
Chaidh gu leir iad troimh na bhas,
O chleachdachach bha maslach.

33
Ach Dia, am breitheamhs’, bam gu leòr,
N uair chaidhm fagail sud air bòrd,
N uin a bha iad fathast beò,
An sin bha throcair comasach.

34
Shaor en gaduich air a chrann,
S e air a thairneachadh gu teann,
N tra chuir am bàs a shaighead ann
Air ball do fhuair en turus ud

35
Gu dol a steacb don luchairt shuas,
A mhealtainn sith is sonas buan,
S a chliuthchadhn Ti thug dhasan buaidh,
Is anns an uair ud teasairginn.

36
Is sona dhoibhs’, aig uair a bhais,
Dom Criosd na bhunait slaint’;
S beannaicht’, uime sin, gu brath,
Na gheibh am bas sa charaig ud.


[203]

Oir, ciod air bith an uair no an t-àit
anns an coinnich riùsam bàs,
dar chuireas e a shaigheadn sàs
bidh làthreachd Chrìosd dol maille riù.

S ged fhaod na cathan ud bhith cruaidh,
dar chuidcheas Gaisgeach Treun nam Buadh,
bheir E mach dhaibh siud abhuaidh
mar fhuair E fhèin na fhulangas.

S bheir E dhaibh bhith seinn na buaidh
n tìr na fìreantachd tha shuas
air clàrsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
s gach deur on sùil ghlanadh leis.

Iarraibh sibhs’, a chlann nan gràs,
neart chum seinn a chliù gu h-àrd,
fhads tha neart is is slàint’,
s do chàch gun tabhair eisimpleir.

Chan eagal dhuibhsoir gheibh sibhbhuaidh,
ged fhaod na cathan ud bhith cruaidh,
air bàs is ifrinns air an uaigh
s an truaillidheachd tha maille ribh.

Cliùthaichibh, uime sin, gu h-àrd
sna h-aibhntibh teinnteach neart a ghràis!
Oir ged tha chathair shuas gu h-àrd
bidh ghàirdean treun toirt cobhair dhuibh.


37
Oir, ged air bith an uair nan tait
Anns an coinnich riusam bas,
N tra chuireas e a shaighead sas,
Bithlarachd Chriosd dol maille riu.

38
S ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
N tra chuidcheas Gaisgeach treun nam buadh,
Bheir E mach dhoibh sud a bhuaidh,
Mar fhuar E fein na fhulangas.

39
S bheir E dhoibh bhi seinn na buaidh,
N tìr na fireantachd thu shuas,
Air clarsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
S gach deur on suilni ghlanadh leis.

40
Iarraidh sibhs’, a chlann nan gras,
Neart chum seinn a chliu gu h-ard,
Fhads tha neart, is la, is slaint,
S do chach gun dthabhair eiseamplair.

41
Chan eagal dhuibhs’, oir gheibh sibhbhuaidh,
Ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
Air bas, is ifrinn, ’s air an uaidh,
S an truaillidheachd tha maille ribh.

42
Cliuthaichibh uime sin gu h-ard,
S na h-aimhntibh teinndeach neart a ghrais,
Oir gedtha chathair shuas gu h-ard,
Bithdh ghairdean treun toirt cobhair dhuibh.


[204]

S e siud rinn dìon dhaibh anns gach linn
ri aghaidh uisgibh maras tuinn,
le Esbhithn-còmhnaidh air an crann
gan stiùireadh anns na tuiltibh ud.

S lìonmhor trioblaid clann nan gràs
o an ath-bhreith dhionnsaighm bàis,
ach astair fad Dia nan Gràs
gu sàbhailt’ ’n stiùireadh dhachaigh leis.

Ach cia truagh tha neach gun Chrìosd
ann an glacaibhbhàiss don uaigh dol sìos!
Gu dearbh, an tuil nan uisgibh mòr,
cha ruig fa-dheòidh en caladh ud.

Oirs uisge domhain siud is dorch,
sruthaibh Iòrdain atmhor borb,
an latha an fhoghairg èirigh garbh
s an t-iasg marbh cha shnàmh se thairis air.

Achs ann a bheir an sruth e sìos
gu cuan na sìorraidheachd gun chrìoch,
s a dhionnsaighchnuimh bhios dhàsmar phian
s fo thuiltibh dian na corraichud.

Sibhstha acluinntinn Bìoball Dhia,
teichibh dhionnsaighbhaile dhìon
mun dòirt na tuiltibh oirbh a-nuas
is greim gun dèan an lasair oirbh.


43
S e sud rinn dion dhoibh anns gach linn,
Ri aghaidh uisgibh maris tuinn,
Le Esbhin comhnuidh air an crann,
Gan stiuradh anns na tuiltibh ud.

44
S lionmhor trioblaid clann nan gras,
O la an ath-bhreith dhionnsaidhm bais;
Ach asd air fad ni Dia nan gras
Gu sabhailtn stiuradh dhachaidh leis.

45
Ach cia truagh tha neach gun Chriosd!
Ann an glacaibh bhaiss don uaigh dol sios,
Gu dearbhan tuil nan uisgibh mòr
Cha ruig fa dheoigh en caladh ud,

46
Oirs uisge domhain sud is dorch,
Sruthaibh Iordan atmhor, borb,
An la an fhogharg eiridh garbh,
S an t-iosgmarbh cha shnamh se thairis air;

47
Achs ann a bheir an sruth e sios
Gu cuan na siorruitheachd, gun chrioch,
Sa dhionnsaidh chnuimh bhiths dhasmar phian
S fo thuiltibh dian na corruich ud.

48
Sibhstha cluintinn Biobull Dhia,
Teichibh dhionnsaidhbhaile dhian,
Mun doirt na tuiltibh oirbh a nuas,
Is greim gun dean an lasar oirbh.


[205]

Mun tig an t-àm ud oirbh gu dian
mar mhnaoi ri saothair ann am pian
s doras tròcair’ ’bhaile dhìon
gu sìorraidh air dhruideadh oirbh!

Cia cho goirids dhfhaodas ùin
sibhsa thoirt don dachaigh bhuan,
mar Fhionnlagh Tàlach chaidh don eug
s a cho-luchd-dreuchd bha maille ris.

Dhfhàg am mnathan pòst’ ’s an clann
s an co-luchd-eòlais anns an àm,
an saoghal is an làn a bhann
s bu teann a ghabh an turas leò.

Bhriseadh siud an ceangal dlùth
ri anams corp an tìr nam beò
s bheadar an clanns am mnathan pòst’,
s bu bhrònach àm an dealachaidh.

S na pàrantan on deach an clann,
bu ghoirt dhuibhn dealachadh a bhann,
an siud acaoineadh ur cuid mairbh
a dhfhalbh uaibh air an turas ud.

Gun tugadh e dhuibhsgu lèir ri ràdh
mar thubhairt Iòb an a chràidh,
An Tighearna thugs a ghabh air falbh,
s ainm-san gun robh beannaichte!’


49
Man dthig an t-am ud oirbh gu dian,
Mar mhnaoi ri saothair ann am pian,
S dorus trocairbhaile dhion
Gu siorruith air dhruideadh oirbh,

50
Cia cho ghoirids dhfheudas ùin
Sibhsa thabhairt don dachaidh bhuan!
Mar Fhionnlaidh Talach chaidh don eug,
Sa cho-luchd-dreuchd bha maille ris.

51
Dhfhag am mnathan pòsds an clann,
S an co-luchd-eolais anns an am,
An saoghal, is an lan a bhann,
S bu teann a ghabh an turus leo.

52
Bhriseadh sud an ceangal dluth
Ri anams corp an tìr nam beò
S bheadar an clanns am mnathan pòsd,
S bu bhronach am an dealaichidh.

53
S na parantan on deach an clann,
Bu ghoirt dhuibhn dealachach a bhann;
An sud a còaineadh ur cuid mairbh,
A dhfhalbh uaibh air an turus ud.

54
Gun dthugadh e dhuibhsgu leir ri ghradh
Mar thubhairt Ioban la a chraidh,
An Tighearna thug, sa ghabh air falbh,
S ainmsan gun robh beannaichte.’


[206]

Gun seas e dhuibhs’ ’n àitna dhfhalbh
s gun dèan e suas dhuibh siud abheàirn
a rinneadh anns an Fhreastal shearbh
nuair a dhfhalbh a chobhair uaibh!

Achobhair ud cha phill gu bràth,
oir chaidh gu lèir iad dhionnsaighn àit’,
gu bith-bhuantachd a ghabhail tàmh
dar thug am bàs dhuibh sumanadh.

ACHRÌOCH


55
Gun seas e dhuibhsn aitna dhfhalbh,
S gun dean e suas dhuibh sud a bheairn
A rinneadh anns an Fhreasdal shearbh,
N uair a dhfhalbh a chobhar uaibh.

56
A chobhar ud dha phill gu brath,
Oir chaidh gu leir iad dhionnsaidhnait
Gu bith-bhuantachd a ghabhail tamh,
N trath thug am bas dhoibh sumanadh.

A CHRIOCH.

titleXI. ‘An Linnet Mhòr’
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textSaoghal Bana-mharaiche
<< please select a word
<< please select a page