II
AN T-IASGACH
NA MARAICHEAN
(19) ‘Bata da fhèin’
Tha cuimhne agamsa, dar bha mi òg, bha na maraichean, bha iad dol gus a’ mhuir. Agus dar bha iad an-còmhnaidh dol cho fada, bhiodh iad cho fada air a’ mhuir is gum biodh na boireannaich a’ cur an-còmhnaidh pocan-mara [.i. an diathad a bhiodh maraiche a’ toirt leis gus a’ mhuir] agus bhiodh cairteal do aran-coirce ann agus uinnean mòr. Dar bhiodh iad fann, dh’itheadh iad fhèin le cho fada— ’s e air na ràimhean a bha iad.
Ach phòs am fear sa agus bha e dol gus a’ mhuir còmhla ris
‘Thighearna, chan eil fada bhail phòs thu, dhuine. Carson nach biodh pocan-mara agad colach ri h-uile neach eile: criomag aran-coirce agus uinnean a ruigeadh do chridhe, ach bhith ag ithe à feadhainn eile?’
‘Tha e diabhlaidh math dutsa bhith bruidhinn!’ thuirt e. ‘ ’S iomadh fear chaidh gus a’ choille airson bata da fhèin agus sin mise.’
‘A bheil thu ag innseadh sin domhse, Iain?’
‘Tha mi ag innseadh sin dut.’
‘Uill, ma tha thu ag innseadh sin domhse, mur d’ rinn thu fhèin job dith, nì mise an job dith. Thig mise aig leth-uair an deaghaidh dà-reug thugad; thig mi gus an uinneag.’
[Thàinig e gus an uinneag aig an oidhche:]
‘A bheil thu na do chadal, Anna?’
Cha tug i freagairt.
‘A bheil thu na do chadal, Anna?’
Cha tug i freagairt. Is mu dheireadh thall thuirt an duine rithe,
‘ ’S fheàrr dut freagairt, m’ eudail, chan eil fhios agamsa nach e eachd a tha aig an uinneag. ’S fheàrr dut freagairt e.’
‘Dè tha sibh ag iarraidh?’
‘À, cuimhnich! Cha d’ robh pocan-mara don duine gus a’ mhuir mar h-uile duine eile. Cuimhnich, Anna! Gabh mar gheobh thu is gheobh thu mar chaitheas agus, mur bi thusa gu math don duine, cuiridh mise freagairt [Leugh feagal] ort.’
(20) An lìon aig an duine sa phrìosan
Bha an duine sa aig an fhèill – bha e anns an t-seann tìm. Fuirich thusa, nis. Agus dè rinn e ach bha fear bruidhinn ris agus, dar bha am fear mionnan ris, ’s ann a chuir e sgian ann. Thog iad e is thug iad gus am prìosan e. Bha e sin airson sia seachdainean agus
Dè rinn mo sheanair ach thuirt e – chaidh e gu h-uile maraiche bha anns an t-àite,
‘Cuiridh a’ bhean an lìon ceart agus bheir sibh gus a’ mhuir e, agus an t-iasg bhiodh anns an lìon, gheobh i dachaigh e airson biadh don chloinn.’
Rinn e sin daibh, a bheil thu faicinn? Nis, bha h-uile fear tighinn: bha an sgoth sa toirt an t-iasg, na rinn an lìon. Bha e ann am peile no ann an sgùil agus rachadh e gus an teaghlaich.
Nis, rachadh a’ bhean a-mach is chreiceadh i sin. Bha, rèist, biadh aca. Is bha e dol air h-uile sgoth. Tha mi creideil gun d’ robh seachd no h-ochd a sgothachan dol gus a’ mhuir, agus rachadh e air h-uile one an oidhche roimhne seo.
‘ ’S e do thurn-sa chur a-mach an lìon a-màraich agus cuimhnich gun toir i mach i!’
Nis, gu bith an t-iasg bha anns an lìon, ged a bhiodh seachd sgùileachan ann, gheobhadh a’ bhean e airson dhol a chreic airson biadh don teaghlaich.
(21) A’ cur clachan anns na sgùileachan
Anns an t-seann tìm bha na maraichean, b’ àbhaist daibh dhol leis na sgùileachan a Bhaile an Todhair agus na lìonachan anns na sgùileachan. Agus aig an taigh-sheinnse ann am Baile an Todhair, bha seòrt do dìg ann, agus b’ àbhaist daibh na sgùileachan a chur air an dìg, gabhail anail mur ruigeadh iad an sgoth.
Ach bha donas do bhrogach [ann] agus b’ àbhaist da fhaicinn iad dèanamh seo an-còmhnaidh h-uile madainn bhail bha na lìonachan anns na sgùileachan glè throm dar bhiodh iad fliuch, agus dè rinn e ach chaidh e bhàn air cùlaibh an dìg is chuir e clach ann a h-uile sgùil gun fhios daibh agus, dar bha na daoinibh dol suas gus a’ phier, thuirt aon fear ris am fear eile,
‘Uill, dhuine, tha mise cho sgìth nach eil fhios agamsa air an t-saoghal dè tha cur bhuam an-diugh ach chan urrainn domh an sgùil thoirt suas gus a’ phier.’
‘Tha mise an aon rud. ’S ann bha nàire orm bhith gearan.’
Lìonachan gan tiormachadh ann am Port Bhaile an Todhair.
Cuid de theaghlach Ceiteig (Mhorair) Ros a’ cur baoit air lìonachan air taobh a-muigh na dachaigh aice.
Agus dar ruig iad an sgoth sa, cha robh nì aca ach clach mòr ann a h-uile sgùil agus m’ anam fhìn! Nam faigheadh iad e!
(22) A’ ceannachd watch
Bha dà chàrnair ann am bothy cuideachd is thàinig fear le watchachan agus bha aon brogach diubh na chadal. Agus thuirt am fear eile ris,
‘Donald, feuch an toir thu domh bonn leth-chrun. A bheil thu na do chadal, Donald? Dhòmhnaill, Dhòmhnaill! A bheil thu na do chadal, Dhòmhnaill?’
‘Tha!’
‘Feuch an toir thu domh leth-chrun: tha am fear sa creic watches aig an doras.’
‘Àch, tha mise na mo chadal. Na dùisg mi!’
(23) Fear a bha ag obair is e na chadal
Bha duine ann an Seannduaig. Bha e fhèin is duine eile anns an sgoth ach thàinig rudeigin eadar-riutha, agus bha an duine ag iarraidh dhol gus a’ mhuir, mar tha leis fhèin, ach cha robh fòghnaidh stoban aige airson an sgoth. Siud dè rinn e ach dh’èirich e is dh’fhalbh e gus a’ choille is thug e stob mòr, fada a dhèanadh airson am pollaich air ais is dh’fhàg e aig taoibh an taigh aige e.
Dar dh’èirich e is a bhean sa mhadainn, thuirt i,
‘Uilleam, ’s ann tha pole mòr taoibh an taigh.’
‘Ò, m’ eudail, tha. Bha mise a-muigh bho a-raoir!’
(24)Insurance
Bha mo sheanair – dà chulaidh mòr bha aca – agus bha e cur anns an insurance – an dà sgoth mòr sgadan – bha e cur anns an insurance airson iad. Chaidh am fear insurance, chaidh e a Ameireaga, bhail bha am bràthair ann is chuir a bhràthair ag iarraidh e. Is cha d’ fhuair mo sheanair sgilling riamh agus bha fagais air trì fichead nota aige ann, a bheil thu cluinntinn?
Air a leabaidh-bhàis, thuirt e,
Iasgairean agus bradain a ghlac iad, Baile an Todhair.
A’ Bhean-phòsta Maighread C. Ros, Baile an Todhair, còmhla ri càirdean air an uidheamachadh airson iasgaich.
‘Cuimhnich cho fad is tha am fuil Suthurlanach dol tro nu cuirp [tro ur corp] , nach gabh sibh sgilling insurance.’
Chaochail an auntie agam, chaochail an auntie eile agam – ach bha airgead aice – chaochail mo mhàthair, chaochail an duine agam, chaochail an leanabh! Ged a bhiodhainn marbh mi fhìn, cha do chuir sinn riamh an insurance. Chaidh iad fon talamh cho eireachdail ri eireachdail. Bha mi cur airgead dachaigh airson na chuireadh mach mo chorp.
Chuir mise an taigh sa ceart agus, tha Dia cluinntinn mi air an t-Sàbaid, cha d’ fhuair mi tastan is cha d’ iarr mi sgilling air a’ ghovernment. Chuir mi air mo dhruim e agus nach biodh fhios agam corr uair càite am bithinn leis an sgùil mòr iasg air mo dhruim.
(25) A’ chiad sgoth le engine
Tha cuimhne agamsa a’ chiad sgoth aig Dànaidh, ’s e a’ chiad fear bha sgoth le little engine aige. Rinn e fhèin e. Bhiodh a cheann uamhaidh clever. Bha Baile an Todhair is Baile a’ Chnuic is Seannduaig timcheall i. Bha i cur steam.
‘À, Thighearna!’ arsa am fear air an tìr. ‘À, tha i dol na theine air!’
Bha an engine aige, bha e aig an tòin aig an sgoth, a bheil thu faicinn?
‘Eadh, tha i dol na theine. Bios i na theine.’
Cha robh fhios aca dè bha ann, na creutairean bochd.
title | Na Maraichean |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | II. An t-Iasgach |