AM BAOIT
(26) Ag iarraidh maorach
Anns an t-seann tìm b’ àbhaist daibh dhol a-bhàn gus an Inbhir ag iarraidh maorach bhiodh baoiteadh na lìonachan. Agus bha caileag òg, agus leatha seann boireannach. Chuir èidsa dà sgùil air am mhuin [Leugh air am muin] . Dh’fhalbh iad aig uair sa mhadainn a-bhàn gus an Inbhir a rèir an tìde agus bha a’ ghealach ann. Agus bha an tè sa
Siud a dh’fhalbh ise air adhairt agus chaidh a’ chaileag òg an [a] deaghaidh agus bha dà sgùil air am muin – bha iad toirt dachaigh a’ mhaorach airson na lìonachan. Mun canadh tu ‘Dhia, beannaich!’ bha i an-àirde seachad a glùinean anns a’ ghainmheach – ’s e quicksands a bha ann. Agus dar choimhead an tè òg, thuirt i rithe,
‘Ò, Dhia! Thuit thu anns a’— chaidh thu san t-àite dochair.’
Thilg i – fuirich thusa! – thilg i sgùil dith is thuirt i,
‘Here! Gabh grèim air an sgùil!’
Bha an tobha aig an sgùil aice fhèin is nam b’ e [mura b’ e] sin bha e an-àirde seachad a ceann, bhail bha i dol steach ann cho luath is— lodh lasraichean, bhàn anns a’ quicksand. Thàinig iad dachaigh is cha tug iad maorach no rud eile dachaigh le feagal am beatha. Bha am boireannach air chrith. Is iongantach gun tug a casan dachaigh bhon Inbhir i. Agus mur biodh an tè eile òg, làidir, chan fhaiceadh iad biod gu sìorraidh dith.
(27) An coidse is paidhir
Anns an t-seann tìm dar bhiodh an t-iasg pailte – pailteas iasg ann – bha againn ri dhol ’an Uig ag iarraidh lug agus, am madainn sa, an tè bha dol còmhla riumsa ag iarraidh an lug, cha thogadh an donas fhèin i le cho leisg is bha i. Chaidh mi thuice anns a’ mhadainn.
Arsa mise,
‘Bios an tìde a-steach is chan fhaigh sinn lug. Chan èirich thu! Cha toir an donas thu às an leabaidh!’
Never you mind! Dh’èirich i is dh’fhalbh sinn is thionail sinn an sin dà phitcher lug. Bha sinn, nis, tighinn dachaigh agus dè thàinig ach coidse is paidhir agus cha robh na h-uaisibh ann.
’S ann a bha iad dol leis na h-uaisean dh’Edderton, dh’innis e
‘Feuch an toir thu an-àirde sinn greiseag an rathad.’
‘Ò, gu dearbh, bheir!’
Thug e steach an lug air cùlaibh an rud agus thug e sinn ach an do ruig sinn a’ Mhanachainn. Agus bha an caibe air mo ghualainn agus air a gualainn-sa cuideachd, bhail bha tobha timcheall an caibe ach an cumadh e e fasta air: cha b’ urrainn domh bhith cur mo làimh an-còmhnaidh ris agus siubhal.
Bha pitcher lug an aon againn. Chuir sinn an t-aparan a-bhàn air beulaibh am pitcher mur salaicheadh e an rud air am brogach bochd thug sinn air adhairt mar sin. Thàinig sinn dachaigh seo agus chaidh am brogach leis ag iarraidh na h-uaisibh aige. Bha iad dol a dh’Edderton.
title | Am Baoit |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | II. An t-Iasgach |