IV
AIR MHUINNTIREAS
(32) Isbeil Anna air uachdar Evanton
Bha mi bliadhna gu leth an àite nach fhaca mi Crìosdaidh ach an fheadhainn bha anns an taigh – an t-àite a bha ann, bha e cho fiadhaich. Ach thàinig mo mhàthair còmhla rium.
Thuirt i,
‘M’ eudail, shin bonn leth-chrun dut. Ma dh’fhàsas tu gu tinn, tig dachaigh at once!Tha e diabhlaidh fiadhaich an t-àite an seo.’
Bha mi, nis, còig bliadhna air uachdar Evanton, còig bliadhna anns an aon taigh. Innsidh mi dut rud eile. Bha an cook bha ann mur tàinig a’ chef – agus bha bòrdan mar sin anns a’ phassage agus bha na lampachan aig an taigh uile air – agus bha an cook seo, bha i glanadh steach fo sin. Bhuail an druim am bòrd is siud the whole bloody lot nam mìrean! Uill, bhris lampa mòr uasal.
Agus bha an Diabhal aig am brogachan [de mhuinntir an taigh] , agus thuirt i [.i. an còcaire] riumsa,
‘Ò, Thighearna, cha bhi sgilling agamsa bheir mi dachaigh do mo mhàthair,’ thuirt i. ‘Bheir i an-dràsta na chostadh an lampa do mo eàrlas.’
‘Chan eil fhios agamsa dè nì thu,’ arsa mise rithe.
‘Tha mise dol chur air am brogachan e!’
Chuir ise air am brogachan e. Chuir i air an leanabh, gur e am brogachan a rinn e. Bhail innsidh mi dut ciamar – ò, lampa uasal! – bheireadh i trì no ceithir a notachan deth [air, .i. air an lampa] . Rèist, cha robh nichein aice dar rachadh i dachaigh gu màthair.
‘Ò,’ thuirt mise rithe, ‘do chuinnseas fhèin!’
(33) Magaidh agus Mrs Fraser
Bha Mrs Fraser Balaldie, ’s e lady uamhaidh gasta a bha innte is chuir i anns a’ phàipear gun d’ robh i feum cook. Agus chaidh
‘Ma tha sin ceart, tigibh an-àirde Diluain!’
Siud a dh’fhalbh Margaid an-àirde. Dar chaidh i an-àirde, thuirt Mrs Fraser rithe,
’Nis, tha [mo mhac] Malcolm – ’s e brose a ghabhas e sa mhadainn is aiteal salainn ann. Agus feuchaibh, Mhagaidh, gum bi e [.i. am bùrn] goil mur dèan thu am brose!’
Dar dh’èirich a’ mhàthair sa mhadainn, chaidh Malcolm an-àirde gu mhàthair,
‘Dè an seòrsa do diabhal cook fhuair thu siud? ’S ann a rinn i am brose agamsa le bùrn fuar.’
Dh’èirich an lady is thuirt i ri Magaidh,
‘Mhagaidh, ’s e [le] bùrn fuar a rinn thu am brose do Malcolm.’
‘Chan e, ach bùrn goileach! Ach innsidh mi dut dè nì thu. Siubhail is ith guail!’
*
Thuirt Mrs Fraser ri Magaidh,
‘Tha fhios agad, Mhagaidh, tha thu faicinn Dr Gillies. Tha e tighinn steady. Tha fhios agad fhèin carson tha e tighinn.’
‘Dè damainte diofar tha agamsa airson Dr Gillies! Chan eil e dèanamh nichein domhse ach obair, obair, teatha is obair san oidhche. Chan eil mi humbugigeadh mi fhìn [cur dragh orm fhìn] mu dheidhinn Dr Gillies!’
‘Nis, a Mhagaidh, cuireas tu an cosy air [a’ phoit-teatha] a-nochd! Cuimhnich! Na tig leis a’ phoit-teatha na do làimh mar is àbhaist duinn.’
Ò, Thighearna, dar bha am bòrd ceart, ’s ann a thàinig i leis an cosy le dà hair-pin fasta na ceann agus a’ phoit-teatha an a bais da. Ò, is tu bhith cinnteach gun fhaigheadh ise e bho Mrs Fraser dar rachadh Dr Gillies air falbh!
*
Isbeil Anna agus an cù aice, Mac; fear-dàimh, Dòmhnall MacAonghais; a cliamhain, Seòras MacDhòmhnaill; agus a màthair, Seòrasaìona Shutharlannach – air a thogail sna 1940an, is dòcha.
Isbeil Anna is cuid da càirdean: (bhon chlì) ‘Seekie’, fear Rosach; Dòmhnall MacAonghais, mac do phiuthar màthair Isbeil Anna; Iain Dòmhnallach (Jackie ‘Log’ ); Risteard (Dickie) Pàisteanach; Dòmhnall MacAoidh (Donnie Kay) a’ Mhanachainn – air a thogail sna 1940an, is dòcha.
Thàinig i gus a’ chidsin aice is thuirt i ri Magaidh,
‘Is tusa an cook. Fimireas tusa na clagachan uile sin a ghlanadh bhail tha uaisibh tighinn thugamsa agus chan fheadar nach iarr iad dhol steach anns a’ chidsin.’
‘Chan eil iad tighinn seo. Cùm dut fhèin iad anns an sitting-room agad fhèin! Chan eil iad feum thighinn gus a’ chidsin seo thugamsa. Chan urrainn domhse dhol air seathar ach am bris mi mo chasan is gum bi mi anns an ostail. Cò, rèist, gheobh thu chookigeas dut?’
‘Mhagaidh, fimireas na bellachan bhith deis.’
‘Feuchaidh mise dut na bellachan!’
’S ann a bheir i air a’ bhruis leis an làimh mòr, fada. Siud a thug i h-uile scotch don whole lot do na bellachan. Ghliog i h-uile one diubh agus, Thì! Thighearna, ’s ann a thàinig na daoinibh bhon study le feagal a bheatha [Leugh am beatha] gur e teine bha anns an taigh mhòr.
(34) Cogga [Faic (31) shuas] na bhoots
Bha e uair eile, dar bha mise creic an t-iasg ann an Inbhir Pheofharain, chaidh e uair eile na bhoots gu taigh anns an t-Srath. Thuirt mi ris,
‘Càite a bheil thu dol, John?’
‘Tha mi dol na mo bhoots gu tè a bheil [a tha] iad cantainn‘Miss, miss!! ’rithe, ach ’s ann aig Dia tha fhios dè seòrt tè tha innte.’
Ceithir là deug an deaghaidh – mìle mort! – ceithir là deug an deaghaidh sin, chunnaic mise an case aige fon chlass aig an stèisean an Inbhir Pheofharain is thuirt mi rium fhìn,
‘Diabhal mi fhìn! ’S e an case aig John.’
Arsa mise,
‘An e air holiday tha thu?’
‘Àch, holiday an donais! Tha mi dol dachaigh.’
‘A bheil thu ag innseadh sin domh?’
‘Tha, ge-ta. ’S ann dar a ruig mi thuirt i, “Siubhail agus bleoghain a’ bhò.”
‘ “Chan urrainn domhse, chan urrainn domhse dhèanamh.”
“Is tu thèid!”
‘Siud ghabh mise an stòl is am peile. ’S ann a thog a’ bhò a cas: thilg i mi fhìn sam peile.
‘Nis, aig an oidhche, dh’iarr i orm na bòtan a ghlanadh airson a’ mhadainn. Dar a chaidh mise ag iarraidh bòtan ann, ’s e bòtan fada boireannach a bha ann. Agus siud cha robh fhios agamsa fo Dhia dè dhèanainn. Bha bogsa mòr le blackening ann. Chuir mise am blackening air na suede boots aig an tè. ’S ann bha iutharn ann!
‘Thuirt i, “Bi dol dachaigh. Chan fhiach thu rud sam bith ach an òcrach. ”’
(35) Air mhuinntireas an taigh doctair
Bha mi air mhuinntireas an taigh doctair agus thàna doctair eile a-staigh agus thuirt eise ris an doctair,
‘Tha mise dèanamh dheth gum bruidhnich am maid againn a’ Ghàidhlig.’
Thàna e bhruidhinn a’ Ghàidhlig riumsa fhìn, an fhear sa agus thuirt e,
‘Cò dha bhuineas tu?’ thuirt e.
Arsa mise, ‘Buineas mise do Easter Ross, ma chuala sibh e riamh.’
‘Uill, thàna a’ bhean agamsa bho Easter Ross.’
Agus cò bha seo ach Dina Ross: bha a’ bhùth aca am Baile an Todhair. Agus thàna e is ’s e bha bruidhinn a’ Ghàidhlig riumsa h-uile ceum. (IJ).
title | IV. Air Mhuinntireas |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | Saoghal Bana-mharaiche |