[84]

A’ CHLANN

(100) Am pàigheadh aig a’ bhean-ghlùine

Bha ceithir bhean-ghlùine ann an seo bhiodh gabhail teaghlaich, agus an t-ainm aig aon diubh bha Seònaid Riabhach, agus chan eil neach ann am Baile aChnuic a chumadh [Leugh dh fhaodadh] tu smaoineachadh idir ma dheidhinn nach tug i leanabh ann a h-uile teaghlaich ann am Baile aChnuicthug i gus an t-saoghal iad. Iss e am pàigheadh a gheobhadh i, cupa mòr toddyliquoragus siùcar ann. Sin am pàigheadh bha i faighinn.


[85]

(101) Cùm ort!

Bha e an-àirde air uachdar Crombadh fuireachd, agus bha e – ’s e cìobair a bha ann. Agus dar bha cloinn dol bhith aig abhean aige, bha feagal air. Feagal! A bheil thu faicinn, nis? Agus thuirt e ris abhean,

Tha mi an dòchas gum bi thu nas fheàrr tron . Mur bi, ’s ann aig Dia tha fhios ciamar thèid mise bhàn airson abhean-ghlùine dutan-àirde anns an cnoc.’

Bha an taigh aca ann an t-àite [Leugh ann an àite] air cnoc àrd is bha e ag ùrnaigh gus an Tighearna gum biodh i nas fheàrr tron , achs ann a dhfhàs i nas fheàrr tron oidhche.

Is thuirt e rithethuirt i ris,

Mhurdo, bi ag èirigh! Fimireas tu dhol ag iarraidh abhean-ghlùine domh.’

Chaidh e gus an doras is chunnaic e an dorcha. Bha an dorcha cho dorcha ris an t-sùith.

Ò, thàinig e steach thuice:

Bhetty, meudail, ma tha Dia umad, feuch an cùm thu ort ach an tig amhadainn.’ – Rud nach burrainn dith dhèanamh.

(102) Plangaid airson leanaibh

Dar rugadh leanabh, an àite am powder tha sinn cur air an leanabh, gheobhadh iad criomag plangaid. Chuir iad gus an teine e is rubigeadh iad is rubigeadh iad gus an tigeadh e smootha bheil thu tuigeil? – gum burrainn daibh chur air an leanabh e, an deaghaidh an leanabh ghlanadh mur rùsgadh an leanabh.

Chitheadh tu mach air an t-sràid corr uair:

tha thu dèanamh, Seònaid?’

Tha mi glanadh caob plangaid chuireas mi air an leanabh.’

Àch, tha sin ceart. À, meudail! Anns an t-seann tìms e plangaid bhiodh air thilgeil air an ùrlar is am baoiteadh aca ri dhèanamh, [is chanadh iad ris an leanabh,]

Ma bhios tu beò, bi beò ach mur bi, chan fheagal dut!’

titleA’ Chlann
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page