AM BÀS
(106) An taigh-faire
B’ àbhaist don t-seann fheadhainn, dar bhiodh iad suirghe, dhol steach fad an oidhche agus cumail teine air an taigh-fhaire, a
bheil thu faicinn? Bha seann boireannach san t-àite is chaochail [i]. Bha an dithis sa na shuidhe [Leugh nan suidhe] aig an teine agus chaidh teine mòr air. Bhiodh poit-teatha – h-uile nì – aca airson aiteal teatha dhèanamh tron oidhche. Bha an cupal òg sa dol an aon oidhche is an cupal eile an ath-oidhche, nam buineadh iad di, a bheil thu tuigeil?
Agus dar a choimhead am fear bha na shuidhe air an leabaidh, chunnaic e an t-siot ag èirigh mar sin.
‘Thì! Thighearna,’ thuirt e, ‘chan eil Margaidh marbh!’
Rinn iad an t-sràid deth agus fhuair iad boireannach a-steach agus, dar thog i an t-siot, ’s e cat bha sin, an cat aig Margaidh. ’S ann bha an cat fo na siotachan.
(107) ‘Bidh am bàs againn duinn fhèin.’
Nis, bha dà bhrogachan aig tìm bàs aoneigin agus cha bhuineadh, an dà bhrogachan don taigh an d’ robh am bàs idir. Agus bha iad fad an là aig an doras feitheamh dè gheobhadh iad agus cha d’ fhuair iad nì, na chloinn bhochd! Is thuirt aon fear ris am fear eile,
‘Tig dachaigh!’
‘Och, cha tèid!’
‘Thèid sinn dachaigh. Bidh am bàs againn duinn fhèin is gheobh sinn ceapaire.’
title | Am Bàs |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |