[92]

NA CEÀIRDEAN

(115) Am pòsadh aig na ceàirdean

Bha mo mhàthair agus nàbaidh, bha iad shìos fo na creagan ag iarraidh bàirnichsin baoit airson an lìonagus, dar bha iad tighinn an-àirde às an tràigh, chuala iad pìobaireachd. Dhfhàg iad na peileachan leis na bàirnich. Chaidh iad sìos bhail bha fhios aca gur e às achove bha am pìobaireachd tighinn. bha sin ach gràinne ceàirdean agus bha an cupal òg leum air an teine. Sin an seòrt rathad bha iad pòsadh.

Agus chaidh trì gillean bòidheach [on àite againne] sìos gus am pòsadh agus aon do na brogaich bha eise smocaigeadh, am brogach sa. rinn e ach rinn spong steach anns achovefhuair iad liquor bhuathaagus thilg e an spong anns an leabaidh an drobh an cupal òg dol is chaidh sin na theine. Thòisich na ceàirdean air carraid riutha [Leugha leotha] . Ruith iadan deaghaidh ach an tàinig iad gus an t-àite sa fhèin, gus am bothie, agus nam faigheadh na ceàirdean iad, bha mìrean deis diubh!


[93]

(116) Bana-cheàrd a’ breith leanabh

Bha sinn ag iarraidh am buntàta agus bha sgùil againn toirt dachaigh am buntàta aig Baile Mhuchaidh. Agus bha coille mòr ann an-àirde, agus thàinig an leanabh machbha i trì bliadhnachan no nas mothais thuirt mo mhàthair riumsa,

Chan eil mise tuigeil tha i cantainn.’

Ò, Thighearna!’

Chaidh sinn a-nis a-steach gus aChoille Bheag agus bha spring cart an-àirde san adhar. Bha an duine ann am Baile Dhubhthaich. Dhfhàs ise gu tinn.

Arsa mo mhàthair,

Ged a gheobhainn an saoghal sa, chan urrainn dhomh dhol an gaoith di!’

Tha sin diabhlaidh math, ach ma bhios i marbh mur tig an duine? bha ann?’ arsa mise.

Bha seòrt do àite an drobh iad acumail pana mòr.

Fimireas tu dhol a-bhàn gus an taigh sin. Ma tha Dia umad, iarr oirre criomag plangaideanrudeiginthoirt dut!’

Agus a bheil thusa dol ghabhail an leanabh leat fhèin?’

Tha. Fimireas mi!’

A bheil fhios agad càite an do ghlan mi an leanabh? Ann am poit, an am pana, a bheil thu cluinntinn? Bha bundle aodach aice le h-uile air an talamh dhfhimireadh i. Agus dar thàinig an duine dachaigh, bha an leanabh beautiful.

Ò, Thighearna, air an t-Sàbaid thàinig e. Bha e sireadh an t-àite airson an t-ainm: thug mi an t-ainm Bell Ann don bhean is thàinig e air an t-Sàbaid.

Thug mise an t-ainm agad air an leanabh.’

Ciamar fhuair thu an t-ainm agamsa?’

Fhuair mise an t-ainm agad. Bhiodh mo bhean marbh nam be [mura b’ e] thu!’

Thug an auntie agam, Elspeth, dise leth-plangaid bhail chuir sinn [Leugh eise] an t-ainm’s e Bell Ann a bha innte. Agus thigeadh ise agus chanadh i aig an doras, mur tigeadh i steach, ‘Bell Ann!’


[94]

(117) Bana-cheàrd a’ goid

Bha i goid agus thàinig i steach seo aon [Leugh an sa] agus chaidh i steach anns an taigh aig an auntie agam. Agus bha air an tarraig ach aon do na sgiortachan aice, a bheil thu faicinn? Agus mur drobh [mura robh, .i. nach robh] i agamsa an t-seachdain roimhne sin, cur elastic anns abhand di, elastic.

À, choimhead mi ris abhana-cheàrd. Thuirt mi rithe,

Càite an dfhuair thu sin?’

Cheannaich mi sin ann an Inbhir Pheofharain, an t-àite a bheil thu fhèin dol leis an t-iasg.’

Agus mhionaid an deaghaidh sin thàinig ach an auntie agam:

A bheil abhana-cheàrd sa an seo?’

Tha. Seallaibh i!’

Ò, tha mi dol ag iarraidh am poilìos dut. Ghoid thu sgiort don tarraig [den tarraig] anns aphassage.’

Feuch a bheil thu ceart, a bhean!’

Tha mi cho ceart gun cuireadh tu mo sgiorta an-dràst dhìot, no cuireas mi an-àirde airson am poilìos dut!’

(118) An ceàrd sa bhùth

Ceàrd bha dol aon chuairt agus chaidh e steach ann am bùth agustha fhios agad, aig achunntair bhios mar sin feuchainn na rudandar chunnaic eise sin, thòisich eise air ithe an rud nach buineadh da.

Is thuirt an ris,

God bless me! You ate all that! ’

S ann a bha iad agàire ris, gun drobh e cho far back agus dol ithe na bhiodh anns achunntair. Thighearna, chan fhaca e an còrr.

(119) Geordie atoirt guail do na ceàirdean

Tha na ceàirdean nis cho math ris an sluagh. Tha iad faighin treabhair. Dar bha Geordie dol timcheall seo, bha na ceàirdean


[95] an-àirde mur tigeadh tu a Bhaile Dhubhthaich. Thilgeadh e, dar bha e air an t-seann engine, thilgeadh e clach guail mach air an rèile daibh.

Agus thàinig an le truinnsearan seo is thuirt i [Leugh mi] chuir i an [Leugh na] truinnsearan an sin,

natha gu leòr a soithichean agamsa. Chan eil mi feum iad.’

Chan ann dutsa a tha iad, mo ghràidh,’ thuirt i, ‘achs ann tha iad dom balach air an engine. Tha e gu math. Tha an taigh againn an [Leugh am] meadhan an rathad agus, dar tha e dol seachad leis an engine, tha e tilgeil clach ghuail an t-seachdain duinn.’

Bha e gu math daibh, na ceàirdean. Bha George uamhaidh math: thilgeadh e clach mòr.

(120) Duanag nan ceàirdean

Dhèanadh iad pitcheran is peileachan:

Bheil a-staigh bhon taigh [Leugh anns an taigh] ,
bheil dad sam bith ri chàradh againn?
Bheil toll air pana?
Bheil toll air pot?
Bheil toll air airgead agaibh
no spàinean againn [Leugh agaibh] ?’ (US)

(121) An aithis aig a’ bhana-cheàird

A bheil fhios agad chuala mise? Abhana-cheàrd maille ris am fear beag tighinn an deaghaidh i. Is bha e reòthadh is bha na rathadan sleamhainna bheil thu gam thuigsinn? – na rathadan sleamhainn. Thuit am brogach beag. A bheil fhios agad thuirt am màthair ris?

Nam be glainne a bhiodh na do thòin, bha e briste bho ùine fhada!’

S e sin thuirt i ris. Chuala mi fhìn i ag ràdh sin. (US)

titleNa Ceàirdean
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page