NA TREABHAIR: AN TEINE
(45) An gual aig Port Làirig
Bha mise ag iarraidh baoit rachadh air na lìonachan don uncle agam agus choinnich mi an tè sa air an rathad.
‘Càite an d’ robh thu?’ [thuirt mi] ri Nanna Theàrlach.
‘Thàinig long le guail steach aig Port Làirig agus fhuair mi poc bhom fear is tha tunna a ghuail agam.’
‘Thighearna, gu dearbh,’ – bha peile agam – ‘nam biodh poc agam, dhèanainn gràineag guail.’ Bhiodh guail cruaidh an uair sin fhèin.
‘Sin am poc dut, ma nì thu feum deth.’
Rinn mi tunna a ghuail, a thilg [mi] an-àirde air an stèill e [Leugh air an stèill] . Nis, cò bha, nis, dol thoirt dachaigh e? Dh’èirich mi sa mhadainn aig sia uairean sa mhadainn – bha an duine agam an Inbhir Gòrdain, dèanadaich air am fleet. Dh’èirich mise aig sia uairean sa mhadainn. Rinn mi fhìn gu goirid a chur an slippers beag orm.
Siud a-bhàn, tha mi creideil, trì no ceithir mìle, is thuirt mi ris an duine [.i. fear na cairt] ,
‘An tig thu màraich?’
‘Thig mi còmhla riut air am mionad, bhail tha mi faicinn nach eil thu fit.’
Dà là an deaghaidh sin, rugadh Doilidh agus tha sràilleach [feamainn, .i. comharra dhith] air a gàirdean. Agus chuir mi an-àirde an tunna a g[h]uail a rinn an geamhradh duinn. Bha e an-àirde air an stèill is thuirt mo mhàthair,
‘Airson Dia, m’ eudail! Bios tu marbh, a dol a-bhàn trì mìle.’
Agus bha an seann duine [.i. sean bhràthair màthar di] còmhla rium agus bha e ag amhran da fhèin: ‘daidheadal-dobhdal-daidh aidheadal-daidheadal-dobhdal-dadal’ tighinn dachaigh. Nam b’ e [mura b’ e] sin bha mi na mo chorp air an rathad. Bha mi cumail step ris: ‘aidh-aidheadal-obhdal-daidh aidheadal-daidheadal-obhdal-dadal, is dobhdal-aidheadal, dobh-aidheadal-daidheadal-dobhdan’. Agus thàinig mise dachaigh. Dar dh’èirich mi sa mhadainn – is cha d’ innis mi don duine [.i. don duine aice fhèin] : bhithinn na mo chorp aige. Is dh’fhalbh mi bhàn le lornean ag iarraidh cart – càrn a bheireadh an tunna a ghuail agam dachaigh. Chaidh mi sìos gus an tunna a ghuail còmhla ris [.i. ri fear na cairt] ach am biodh fhios aige – chuir mi sin e. Ò, bha mi cho làidir ris an t-each. Bha, gu dearbh. Hundredweight iasg, cha chuireadh e nì orm.
title | Na Treabhair: An Teine |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |