AM BIADH
(46) ‘A rèir is mar thuiteas’
Bha aon bhliadhna ann gun d’ robh am buntàta uamhaidh, uamhaidh truagh. Chan fhaigheadh tu buntàta airson airgead: cha robh buntàta san dùthaich. Fhuair a’ bhean sa dhà no thrì buntàta. Bha i plocadh am buntàta is thàinig am brogach an ath-dhoras a-steach. Nis, bha smugan tighinn bhon t-sròin aice agus cho fada is nach tuiteadh an smugan anns am poca buntàta
ghabhadh am brogach e, ach nan tuiteadh an smugan anns am buntàta cha ghabhadh am brogach e, agus thuirt e rithe,
‘A rèir is mar thuiteas!’
(47) Am prìne anns an t-ìm
Anns an t-seann tìm bha taigh anns an t-àite sa agus bha iad glè uailleach: cha robh cho àrd anns an t-àite againn. Is dar a bhiodh na brogaich a’ dol airson cèilidh bha leth-phunnd ìm aca air a’ bhòrd. Bha e gu sìorraidh, bithbhuan am-feast air a’ bhòrd, gun thighinn dhen bhòrd. Agus thuirt aon fear ris an dithis eile,
‘M’ anam fhìn, nì mise job diubh! Cuiridh mise prìne anns an t-ìm.’ – A bheil thu faicinn?
Nis, an deaghaidh sin bha fhios aig an dithis eile, nis, gun d’ robh am prìne ann.
Chanadh e, ‘Ha, ha, ha!’
‘Carson tha an donas sin gàire?’ [chanadh an fheadhainn a bha san taigh.]
‘Ò, chan eil fhios agam carson tha e gàire. Tha e gàire mar sin an-còmhnaidh. Chan eil e glè ghlic.’
(48) A’ bruich faochagan
Dar bha sinn aig na faochagan, b’ àbhaist duinn thoirt coire ann le bùrn ach an dèanadh sinn aiteal teatha. Ach an là sa thàinig Doilidh mach, cha deach mise gus na faochagan, ach an ath-là chaidh mi agus dè bha orm ach an còta mòr railway aig George. Agus a-nis – bha èidsa cho cute – thuirt iad riumsa,
‘Siubhail gus a’ bheanag!’ – dar nach robh fhios agamsa gur dhiùlt i daibhsa – ‘Thèid thusa! Chan fheadar nach bruich i an coire dut.’
Dh’fhalbh mi fhìn, a-nis, gus an doras. Thuirt i,
‘À, m’ eudail, tig steach!’ – Thàinig bogsa à Dùn Èideann di le panachan agus frying-pan – Agus thuirt i riumsa,
‘A bheil thu feum frying-pan?’
‘Chan eil mise feum nichein ach bu chaomh liomsa e.’
‘Àch, gabhaibh-sa am fry-pan!’
Is thug i am fry-pan còmhla rium.
Thuirt i,
‘Madainn a-raoir bha dithis beag ann,’ thuirt i, ‘agus bha an dithis tha sin – agus dà bhana-cheàrd! – smaoineachadh gun cuirinn-sa coire daibh. Àch, gu dearbh! Cha robh mise dol bhith bruich faochagan do ceàirdean. Cuine a tha thu tighinn a-mach à shin [ag obair sa railway] ?’
‘Thighearna, chan eil fhios agamsa,’ thuirt mi, ‘chan eil fhios agamsa idir cuine a gheobh mi à seo.’
‘Uill, tha an tìm agad don aiteal teatha. Cha bhiodh e ach sia dar ruigeas tu.’
Chaidh mi mach agus bhruich sinn na coirean a-rithist is:
‘Fhuair mise am fry-pan.’
‘B’ aithne dut a’ bhean riamh?’
‘Cha do chuir mi sùil air a’ bhean!’
Ach ’s e the railway coat, bhail bha an duine aice air an railway. Bha i, nis, smaoineachadh gum buineadhainn don railway.
(49) A’ bheanag a’ coimhead na deaghaidh fhèin
Tha mi dol a dh’innseadh dut mu dheidhinn beanag agus bha i coimhead an deaghaidh i fhèin ach cha robh dùrd mu dheidhinn an duine. Agus thuirt i ris an nighean aice,
‘Magaidh, tig an seo!’
‘Dè, nis?’
‘Uill,’ arsa ise, ‘tha cairteal staoig a-steach an sin agus cuireas tu air do do mhàthair e, is dà ugh, bhail cha bhi do mhàthair fada agad!’
‘Agus dè bheir mi dom athair?’
‘Tha seann ciopair anns am frids agus bheireas tu dod athair e, bhail ithidh na daoinibh rud sam bith!’
title | Am Biadh |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |