NA BÙTHAN
(61) A’ bhùth aig Mr Denoon
Anns an t-seann tìm bha bùth anns an t-àite beag an seo agus – mìle mort! – nach do bhris e agus cha robh fhios aige [ .i. aig fear na bùtha] dè dhèanadh e dh’easbhaidh an t-airgead [.i. an t-airgead a dh’fheumadh e thoirt seachad an dèidh dhan bhùth briseadh] . Siud a dh’fhalbh e sìos timcheall mìle às an t-àite is chuir e anns an dìg e. Agus nis, anns an dorcha dh’fhimireadh e chur ann e. Dar thàinig a’ mhadainn, chan fhaiceadh e am poc. Bhiodh e cur a’ chlach deth is a’ chlach is a’ chlach ach an tigeadh e air am poc agus cha tàinig e riamh air.
Agus thuirt aon fear ris, dar bha sinn dol gus na faochagan,
‘Mr Denoon, dè tha cur bhuaibh dar tha sibh gu sìorraidh tilgeil na clachan dheth mar sin?’
‘Àch, m’ eudail,’ arsa eise, ‘chan urrainn domhse innseadh dut.’
Isbeil Anna agus a nighean, Doilidh, sna lethcheudan air chùl ‘Nairnview’, a’ deasachadh an èisg airson a reic.
Isbeil Anna agus Nils, a cù Lochlannach.
‘Geall,’ arsa am fear, ‘gur e anns an dìg chuir sibh am poc airgead.’
‘Chan eil fhios agam nach eil thu ceart is chan eil fhios agam a bheil thu ceart.’
Cha robh Gàidhlig aig Mr Denoon. ’S e Beurla a bha aige. Bhuineadh e do timcheall Obar Dheathain. Chan eil cuimhne agam c’às a thàinig e ach thog e a’ bhùth seo shìos am baile. Agus nis, phòs e. Bha cloinn aige. Cinnteach gun deach e tron t-airgead. Dh’fhimireadh e bhith gun deach e tron t-airgead agus siud an t-àite an do ghlèidh e am poc: chuir e am measg timcheall na clachan e. Cinnteach gur e aig an oidhche. Dar thàinig a’ mhadainn, cha robh fhios aige càite an do chuir e e agus bhiodh clach is clach is clach dol ach am faiceadh e an tigeadh e air am poc airgead. Agus thuirt am fear sa ris,
‘Mr Denoon, dè fon Aon-fhear tha sibh dèanamh, gu sìorraidh cur na clachan a-bhàn an-còmhnaidh? Cinnteach gu bheil sibh sireadh mach am poc airgead chuir sibh anns an dìg.’
‘Chan eil fhios agam nach eil thu ceart is chan eil fhios agam a bheil thu ceart.’
(62) An tè nach robh pàigheadh
Bha iad an-àirde gus na h-amhaichean aca – cha robh iad pàigheadh rud sam bith. Agus nis, chaidh iad [.i. a’ chlann] anns a’ university; bha iad gu math aig sin, h-uile nì. Agus rinn iad eadar-riutha gun toireadh iad còta fur do am màthair airson a birthday. Agus bha mo sheanmhair agus an cousin aice tighinn às an eaglais agus bha bùth aig an tè sa, Magaidh Ùistean, is thuirt i,
‘Coimhead! Georgìna, nan creiceadh iad an còta aice, nan dèanadh iad mìrean don chòta, a bheil fhios agad dè na bhiodh oirre dar bhiodh iad deis?’
‘Dè, m’ eudail?’
‘An coilear a tha oirre timcheall a h-amhaich!’
Cha robh iad pàigheadh am biadh bhiodh aca. Is chaidh iad a chèile is thug iad an còta do am màthair agus, dar thug iad an
‘Nan creiceadh iad an còta, nan tigeadh na debtoran ag iarraidh an t-airgead, na bha an còta, bheireadh iad an còta uile don [den] druim aice ach an amhaich.’
(63) An tè bheag anns a’ bhùth
Chaidh tè bheag steach ann am bùth is thuirt i – bha tìm uamhaidh bochd ann – is thuirt i,
‘Tha mo mhàthair ag iarraidh lof aran agus, ma tha e sin at all, ghabhainn caob càis.’
‘À uill,’ arsa eise, ‘gheobh thusa an lof, bhail ’s e the loaf the staff o’ life, ’ – a bheil thu faicinn? – ‘ach dar thig do mhàthair a phàigheadh an leabhar, gheobh thu rud mar càis. Ach chan urrainn do càis dol bhail tha an càis nas àrd na thu fhèin san leabhar.’
(64) Ag iarraidh syrup
Thuirt a seanmhair ri caileag an seo,
‘Siubhail ag iarraidh fiach dà sgilling do shyrup!’
Bha jar aice – bha tumbler aice! Bha tumbler aice. Bha i cantainn,
‘Tuppence worth o’ syrup, tuppence worth o’ syrup’mun d’ rachadh e à cuimhne, an leanabh bochd, an tè bheag.
Chuala na brogaich i cantainn, ‘Tuppence worth o’ syrup, tuppence worth o’ syrup’.
‘No, ’arsa eise, ‘tuppence worth, but a yard. ’
Chaidh i gus a’ bhùth agus dh’iarr i yard o’ syrup. Thuirt am fear rithe,
‘Cò chuir an seo thu?’
‘Mo sheanmhair.’
‘Uill, siubhail air ais gu do sheanmhair is innis dhi nach eil sinn creic yards o’ syrup! ’
title | Na Bùthan |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |