AN T-SLÀINTE
(87) Na dealachan
Dar bha mise òg – bha mi timcheall ceithir bliadhna deug – b’ àbhaist domh dhol bhàn gus an Lòn ag iarraidh am bainne againn. Rachadh sinn gus a’ chroiteag bheag sa agus bha seann boireannach ann ’an canadh iad Màiri. ’S e Artair Ros, ’s e sin an uncle aice – bha e na èildear anns an Eaglais Shaor agus ’s e bàrd a bha ann agus dhèanadh e amhran do glè bheag [a-mach à glè bheag] . Bha criomag talamh aice. Bha dà bhràthair aice, Uilleam agus Ailidh. Bha bò anns an taigh aca agus bhithinn-sa ag iarraidh bainne: gheobhadh sinn fiach sgilling an-àirde sin bhail bha lite is bainne againn h-uile là.
Agus bha jar mòr aice san uinneag. Cho fada is bha ise toirt duinn am bainne, bhiodh sinn coimhead ris an jar agus bha na rudan beag dubh sa, leithid gum biodh iad ann am bùrn no rudeigin. Agus dè bha san jar ach leechachan. An-dràsta, nam faigheadh neach srac, chuireadh iad leech ris an sin agus bheireadh e an fhuil dubh diubh. Uill, bhiodh sinn coimhead ris an jar agus chanadh Màiri ruinn an-còmhnaidh,
‘Bithibh coimhead ris an jar, ceart gu leòr, ach, airson an Aon-fhear! na cuir do mheur an gaoith da!’
Bha iad cho beag nach b’ urrainn dut faithneachdainn gum biodh e ann – rudeigin le fuil a bha ann san jar còmhla riutha is bha iad beò air sin.
Chanadh ise, ‘Cuimhnich, m’ eudail! na cuir do mheòir a-bhàn, bhail marbhas tu iad. Agus tha sin glè fheumail do neach bhios air a chiùrradh.’
Shaoil leinn a-riamh gur e iasg a bha ann. Bha e san jar agus bha e swimigeadh sin. Cho fada is bha i toirt a’ bhainne, bhiodh sinn coimhead ris.
(88) An leigheas air an at-sgòrnain
Dar bha Doilidh òg bha brownkatis oirre agus bha i na shuidhe [Leugh na suidhe] là-eigin aig an teine agus cò thàinig steach gus an taigh ach ceàrd – bana-cheàrd. Bha i creic na branndairichean agus thuirt i riumsa,
‘Ò, m’ eudail,’ thuirt i, ‘tha brownkatis air an leanabh sin.’
‘Ò,’ I said, ‘tha i dona leis am brownkatis.’
‘Uill,’ arsa ise, ‘innsidh mise dut cure ma chuireas tu oirre i,’ arsa ise. ‘ ’S aithne dut am pàipear tha iad cur air parsailean?’
‘ ’S aithne.’
‘Uill, cuir dà phàipear do sin gu chèile agus thoir toll air an dà phàipear agus cuir oirre e: caob dom pàipear a dhol air a cùlaibh agus a’ chaob eile air a beulaibh. Agus thig mise air ais ann an trì mìosachan is bios i cho math riumsa.’
‘Ò, Thighearna, mòran taing dut,’ thuirt mise. ‘Bheirinn an saoghal uile gum biodh i clìoras deth.’
Agus, nis, bha agam – dar bha an doctair examinigeadh a’ chloinn anns an sgoil, chanadh i riumsa is mi dol a-mach,
‘Mother, nach fhuirich thu aon leth-là ach an tèid thu còmhla riumsa an-àirde gus an doctair? Tha na cloinn eile faicinn mise leis am pàipear donn orm.’
‘M’ eudail, fimireas e bhith ort bhail cha bhi thu ceart – cho fada is tha thu dh’easbhaidh iad.’
Chaidh i an tìm sa an-àirde gus an doctair agus an nurs is thuirt mise ris an doctair – chuir mi line còmhla rithe an-àirde gus an nurs gun cuireadh i steach ann an rùman i agus an doctair agus gum faiceadh an doctair gun d’ robh i ceart. Reub an doctair am pàipear is thug e – rinn e fold mar parsail e. Agus fhuair i clìoras [deth] agus ’s e bana-cheàrd a dh’innis domh.
(89) ‘Chan e seo mo làimh-sa!’
[Choinnich Isbeil Anna ri tè san ospadal nach robh ag aithneachadh a làimhe fhèin le cho geal is a bha i nuair a chaidh am plàst a thoirt dhith.]
Bha là beautiful ann is bha mo sandals orm is nach do shlaoid an sandal is dh’fhalbh mi air mo cheann is bhris mi mo làimh. Agus, nis, bha agam ri dhol – thàinig an ambulance ag iarraidh mi – bha agam ri dhol trì no ceithir uair gus a’ hospital le mo làimh. Dar a ruig mi, an là sa, bha seann boireannach an sin agus bha i glanadh a làimh is thuirt i riumsa,
‘Bell Ann!’
‘Dè, nis?’ thuirt mi rithe.
‘Àch, chan e mo làimh idir a tha ann. Chan e, chan e mo làimh idir a tha ann.’
‘Thighearna,’ arsa mise, ‘ciamar nach e do làimh a tha ann?’
Thuirt an nurs,
‘An tug sinn an làimh dìot? Cinnteach nach eil thu glic! ’S e do làimh fhèin a tha ann. Airson Dia glan do làimh agus bi dol às! Bi dol a-mach às an rathad, bhail tha thu amaideach!’
(90) Aig an fhiaclaire
Dar bha mise dol a dh’Inbhir Pheofharain, bha mi toirt salmon gus an fhear aig na fiacailean agus cha tug a’ bhean aige riamh fiù ri còta bhiodh orm ged bhithinn fliuch. Chaidh mise a-steach, nis, airson na fiacailean fhaighinn às. Ach dar chaidh mi steach, ’s ann bha caileag na laighe air an cùidse – bha i ann an gas – ’s e le gas bha e toirt na fiacailean às — lodh gun d’ robh i gu tinn leis an gas fhuair i. Thàinig seann bodach às an Eilean Dubh steach airson an dentist thoirt na fiacailean às.
Dh’iarr e orm c’às a bha mi.
‘À Baile a’ Chnuic, àitean beag anns a’ Mhanachainn.’
Chuala e an dentist cantainn, nis, ‘Are you all right now, Molly? Are you all right? ’Bha e dùisgeadh i às an gas.
Chuir e [am bodach] am boineid aig mo chliathaich is thuirt e riumsa,
‘Bhean,’ arsa eise, ‘an e mar sin tha e toirt na fiacailean asad?’
‘Tha mi creideil gur e, leis na fiacailean mòr a tha ionnad fhèin.’
Bha am boineid air mo chliathaich is thog e am boineid.
‘Thighearna,’ arsa mise, ‘chan eil thu cur boineid ort airson na fiacailean thoirt as?’
‘Chan eil mise, ach tha mi dol a-mach. Chan fheadar nach e mar sin tha e dol dhèanamh mise. Chan eil e dol a reubadh mise.’
‘Càite a bheil thu dol?’
‘Mach an t-sràid!’ thuirt e ge-ta.
Thuirt an dentist riumsa,
‘Càite an deach an duine?’
‘Mach an t-sràid. Ghabh e feagal. Dar thuirt thu rithese, “Molly, are you all right? ”bha feagal air gur e mar sin bha thu toirt na fiacailean as.’
Thog e am boineid is air adhairt chaidh e.
Choinnich e mise air an t-sràid is mo bheul le fuil:
‘Is tu bha na t’ òinnseach. ’S fheàrr dut na seann fiacailean a bhith ionnad na sin!’
(91) Am fiaclaire an Stronsay
Bha sinn aig an sgadan an Stronsay agus chaidh sinn – mi fhìn agus boireannach eile – chaidh sinn ag iarraidh peile bùrn bhàn gus am pump. Chaidh sinn a-bhàn; cò choinnich sinn ach brogach, agus bha e cho uasal – chan e boineid ach ad air is h-uile nì, leis an rudan [Leugh leis na rudan] slaoid ann [a’ slaodadh rithe] .
Agus thuirt mise ris, ‘Dè an job a tha agad?’
‘Ò,’ thuirt e, ‘tha mise na mo dhentist — toirt mach na fiacailean.’
‘Ciamar tha thu cho dorcha ri seo?’
[Greiseag an dèidh sin,] bha e dà dheug air an t-uaireadair. Aon do na brogaich bho Inbhir Narann, bha e na shuidhe is thuirt mi ris,
‘Nam faiceadh tusa an lad a bha agamsa a-raoir is tha e anns a’ hotel!’
‘Dè an seòrt shape a tha air?’
Dh’innis mi da. Fuirich thusa, nis: aon do na caileagan, bha i marbh leis a’ chnuimh, is dh’innis mise di mu dheidhinn am fear sa agus thuirt mise rithe,
‘Ma dh’iarras tusa ann an tìm, bheir e na fiacailean asad.’
Agus na leapachan a bha againn, bha an leabaidh sa [an leabaidh aig a’ chaileag] air uachdar an leabaidh [agamsa], a bheil thu tuigeil? Bha dà leabaidh ann agus thuirt mise ris am brogach sa à Inbhir Narann,
‘Ò, nam faiceadh tu am blos do fear bha agamsa oidhche a-raoir!’
‘Ò,’ arsa eise, ‘fuirichidh mi ach am faic mi cò e.’
Thighearna, dar thàinig am fear [eile] an-àirde,
‘Thighearna,’ arsa eise [fear Inbhir Narann], ‘chan e dentist tha sin, ’s e cook anns am Britannia[ainm taigh-òsta] .’
Thòisich an tè bha aig an leabaidh,
‘Bugger an donais!’ thuirt i. ‘Tilgibh mach e! Na toir càis no aran no teatha da! Tilgibh mach air an doras am bugger.’
title | An t-Slàinte |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |