AM PÒSADH
(92) An oidhche ron phòsadh
Ach an oidhche mu[m] pòsadh i, bha cùdainn bùrn le leth-chrun. Bha an leth-chrun [ann], is bha sgilling, is bha cinderan às an teine agus tarraig is fàinne boireannach. Rachadh, nis, na caileagan bhàn anns a’ chùdainn feuchainn dè gheobhadh iad. Nam faigheadh iad an cinder – bha aon falt bhuineadh don bhrogach, bha e anns an cinder – nis, bha thu dol a phòsadh am fear sin.
Agus, nis, am fàinne: cha robh thu fada ach am biodh tu dol chur am fàinne ort; luck anns an tarraig agus luck anns a’ ghuail. Cha robh an còrr ann. Cha robh copar idir ann. Ach ’s e na
(93) Diabhlaireachd air oidhche a’ bhainis
Ach [a’ bhean,] bha iad cur an sùith air a casan, cur an làimh an-àirde anns an t-similear is chuireadh iad sùith oirre. Sin an rud bha ann.
Mur do phòs mo bhràthair-chèile – bha e pòsta ri caileag à Baile an Todhair – bha mi fhìn agus Willie, mur do phòs sinn, thug sinn na boltachan anns a’ mheadhan às [an leabaidh]. Dar chaidh i an-àirde anns an leabaidh bha i thurad agus bha an duine bhàn anns an toll air a thòin anns an leabaidh. ’S ann bha i còineadh is cur an taigh dith.
(94) Am prèasant aig a’ phòsadh
Bha seòrt do gloidhc an seo – chan e gloidhc bu chòir domh chantainn. Bha i pòsta an seo. Ach rachadh sinn air Disathairne gus an tè bha dol phòsadh agus bheireadh sinn dhà no thrì thastanan mar sin di na làimh: dar bheireadh i drama duinn, bheireadh sinn rudeigin di na làimh-se, tastan no dhà. Dè rinn mise ach – donas mi fhìn! cha robh mi smaoineachadh gur e bha ann – thug mise an-àird e agus cha do choimhead mi: ’s e bonn-a- sia bha agamsa.
Aig an oidhche, thàinig aoneigin a-steach gus an taigh againn agus thuirt e,
‘Diabhal! It’s rumpus bha shìos aig Billy Bonnie!’
‘Carson?’
‘Thug aoneigin bonn-a- sia di an àite airgead is tha i dol fagais air à a ceann a-mach [às a ceann] leis am bonn-a- sia fhuair i.’
(95) Na deargadan
Bha mi na mo bhridesmaid aig C—— am Bun Ilidh – aig màthair an tè sin. Bha an taigh aca làn deargadan agus bha h-uile builg orm cho mòr ri sin leis na deargadan, h-uile
Rèist, an oidhche aig am pòsadh dar thàinig mi dachaigh, arsa mo mhàthair,
‘Dè an grilligeadh tha ort?’
Bha aice ri dhol gus an doctair ag iarraidh rud a chuirinn air mo dhruim: bha mo dhruim nas miosa na bitch-up, h-uile aon cho mòr ri sin air mo mhuin! Obh, obh! Bhith cho mòr ri sin! Brùidean dubh! Agus dar fhuair iad an craicinn còir agam, ’s ann a reub iad an craicinn dìom.
Bha an t-àite sa cho glan, h-uile taigh cho glan ris an òr ach bha siud air ithe. Bha soap againn, bha cloinn glan an seo ach an diabhal taigh rapach – tòrr chloinn bheag is iad air ithe! Bha iad mar mo mheur – cho tana – leis am brusgaireachd. Cha robh i glanadh iad. Agus siud an tè as sine aice a phòs agus thug ise invitation domhse. M’ anam fhìn! Bios cuimhne agam cho fada is tha an anail na mo shròin.
Bha mo mhàthair-sa mar amber! Nan d’ rachainn-sa a-mach anns a’ mhadainn gun m’ aghaidh a ghlanadh, bheireadh i air an fhalt agam,
‘Siubhail steach seo is glan t’ aghaidh mur tèid thu mach!’
’S ann a bha mo mhàthair-sa ro ghlan!
(96) An duine bha subhach
Anns an t-seann tìm bha iad gu truagh gun biadh agus bha an duine sa dol – an gin sa dol a phòsadh an t-seachdain an
Nis an deaghaidh an t-iasg bhith creic’, siud a dh’fhalbh iad ag iarraidh aiteal biadh gu restaurant is thuirt e dar chaidh e steach,
‘Splesh doon plate o’ broth an’ two spoons! ’
(97) Cupal òg a’ faighinn taigh
Cha robh neach riamh dol a phòsadh gun taigh. Dh’fhimireadh iad taigh bhith aca mur’m pòsadh iad. Cha d’ rachadh iad steach leis na pàrantan. ’S e rùm nas motha na nì – bha rùm aca gum b’ urrainn daibh ceannachd taigh. Bha sin ceart gu leòr ach rachadh iad steach ann an rùm airson tìm ach am faigheadh iad air adhairt san t-saoghal.
Bhiodh leabaidh san rùm agus bhiodh teine ann agus sin uile. Gheobhadh iad dreasair beag no seathraichean. Nam biodh airgead aig an duine, dh’fhaodadh e taigh a cheannachd agus chur an òrdugh e. Ach anns an t-seann tìm cha b’ urrainn do sin a bhith, bhail cha robh airgead ann. Agus dar phòsadh iad, dh’fhimireadh iad dhol steach ann an rùm, no gheobhadh iad steach còmhla ri cupal eile bhiodh anns a’ cheann eile agus gum faigheadh iad an aon taigh eadar-riutha.
’S e mar seo a tha e: dar phòsadh tu, ’s e t’ athair gheobhadh an rùm dut. Fagais air h-uile taigh a bha ann, bhuineadh iad do chàch-a- chèile agus, nam biodh rùm agadsa gun nichein bhith ann, bheireadh tu an rùm daibh, don cupal. ’S ann mar sin a bha e. Nis, dar gheobhadh an cupal air adhairt anns an t-saoghal, cheannadh iad seann taigh mar tha iad dèanamh [an-dràsta] agus chuireadh iad ceart e airson iad fhèin.
(98) Ag iarraidh faidhreanan
Bha cupal anns an t-seann tìm dol a phòsadh is chaidh iad steach airson faidhreans a Bhaile Dhubhthaich, e fhèin is a’ bheanag, an
‘Hò, hò! yes, yes! hò, hò!’
Ghabhadh i h-uile nì ach cha robh an t-airgead aca.
Arsa an duine rithe,
‘Ciorstaidh, bi sàmhach! Cuimhnich gu bheil “hò, hò!” na mo phòcaid!’ Nach d’ robh mòran aige.
(99) ‘Chan eil diofar’
Bha aon chuairt, bha bean-uasal agus bha i airson fhaighinn aon uair gu Inbhir Gòrdain, is chaidh i anns an sgothag beag còmhla ri dà dhuine. Is thuirt aon fear ris am fear eile,
‘À, dhuine! Nach math an oidhche a dhèanadh i?’
‘ ’S i dhèanadh!’
Is thuirt i ris an duine a thuirt e, ‘Cuir do mheur anns a’ mhuir agus cuir an do bheul e!’
Rinn e so.
‘Cuir nis air an taoibh eile aig an sgoth e!’
Nis, rinn e an aon rud a-rithist is chuir e ri bheul e.
‘A bheil diofar? A bheil diofar aig aon taoibh don sgoth no bhon taoibh eile?’
‘Chan eil!’
‘Uill, chan eil diofar eadar mise agus do bhean.’
title | Am Pòsadh |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |