VII
FEARAS-CHUIDEACHD
CUR-SEACHADAN
(122) A seinn anns na concertan
Dar bha mi òg, cha robh mi às an concert idir – concert eadar seo is Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis is bhàn gu Wick. Agus chanadh mo mhàthair bochd rium,
‘Ò, Thighearna, a bheil thu dol gu sin a-rithist? Dè an t-aodach a tha agamsa dhut h-uile mionad?’
Dhèanadh i froca domh do [de, a-mach à] glè bheag. Bha auntie agam, bha i pòsta an Glasgow is chuireadh i slat no dhà d’ aodach – is chuireadh i lornes orm – dhachaigh domh airson bhith dol ann. Is rinn i dhà no thrì frocachan domh à criomagan bha i ceannach. Agus tha fhios agadsa air Johnson, am bùidsear, uill, bha bràthair-chèile-sa, bha eise an-còmhnaidh còmhla rium airson alto, a bheil thu tuigeil?
Agus dar thigeadh Dihaoine dar bhiodh sinn dol gu concert àite sam bith, gheobhadh sinn dachaigh aig dà uair às an sgoil, leigeadh iad dachaigh sinn. Agus chanadh an duine agam fhìn, – bha e anns an sgoil còmhla rium,
‘Bell Ann and Andrew John, be ready for the night! ’ – a bheil thu faicinn? – fachaid orainn. Agus bha sinn an-còmhnaidh cuideachd.
Tìm bochd! Cha b’ urrainn do mo mhàthair bhith toirt aodach h-uile mionad aig [do, airson] na concerts. Is a-rèist, donas mi fhìn! cha robh iad ceart ach am bithinn ann. À, Thighearna, tha cuimhne agamsa air fear le whitewash brush, dèanamh rud leis a’ whitewash brush. ‘Caesar’ a bha air, agus an tè bha tighinn còmhla ris, an tè bha dol a dhèanadaich còmhla ris, dh’fhàs i gu tinn no rudeigin, is leth-tìm, mur’n tàinig eise air adhairt air an rud, thàinig iad bhàn ag iarraidh mi.
‘Ò!’ arsa mise. Dh’innis e domh dè dhèanainn air cùlaibh an
(123) Am phonograph
Bha seann bodach eile aig mo chliathaich agus ’s e seann diabhal a bha ann. Seann diabhal, agus bha mac aige. Bha ‘a’ C[h]urracag’ – cha robh seòladair air an dùthaich colach ris – bha e air a’ mhuir bhail rugadh e, bhail thàinig e gu aois. Agus thàinig e dachaigh aon chuairt is dè thug e leis ach cockatoo agus phonograph – is aithne dut. Chuireadh tu cuff [gu litireil ‘muinichill’, .i. tè de na seann teipichean cèire air chruth siolandair a bhiodh a’ sgriubhadh a-steach dhan inneal] a-steach air. Bha an t-seann bodach, bha e à a ciall – a athair – dar chunnaic e an rud bha seo. Chuir a’ C[h]urracag air e, a bheil thu faicinn? Chanadh an rud, am phonograph a bha ann, ‘There was I, waitin’ at the church, waitin’ at the church. ’
Chanadh an t-seann bodach,
‘À, tha an Diabhal an sin, bhail tha e bruidhinn air eaglais Dhia.’ At the church, at the church,a bheil thu faicinn? Chuireadh eise an làmhthuagh air!
Is thàinig Dr MacKenzie ag iarraidh an cockatoo is thuirt an t-seann bodach,
‘Chan fhaigh thu an cockatoo, ach gabh sin! Agus mur gabh thu e, cuiridh mise an làmhthuagh air bhail tha e dèanadaich an-còmhnaidh air [.i. a’ sìor luaidh air] Taigh Dhia!’
(124) Duine a bha diabhaltaidh math
Bha teaghlaich fuireachd an sgìre an Uig, an-àirde sa Bheinn. Bha trì no ceithir bràithrean ann. Is bha aon bràthair glè amaideach. Bha e anabharr ag òl is dèanamh dròlaireachd gu sìorraidh. Chan eil fhios agam dè a’ Ghàidhlig chuireas fear air ventriloquist ach bha e glè m[h]ath aig sin. Uill, aon là bha seann boireannach an-àirde sa Bheinn. Thachair i ri fhaicinn bràthair don duine seo is thuirt i ris an duine,
‘Bha Johnny, do bhràthair, glè mhath aig an fhidheall.’
‘Ò, ’s e bha math aig an fhidheall.’
‘Bha e glè mhath aig an dannsa is bha e gu math aig seinn.’
‘Is bha e diabhaltaidh math aig sabaid!’ (ÙR)
(125) Falach-fead
Dar bha mo mhàthair òg bha, gun canadh tu, tè eile còmhla rithe an-còmhnaidh, agus chaidh iad a-steach ann an taigh toirt na falach-fead: bha brogaich ruith ’an deaghaidh agus bha iad dèanamh falach-fead. Nis, anns an taigh aig an t-seann fheadhainn sa bha tarraigean bhiodh cumail an t-aodach aca. Agus nach d’ fhast a’ chaileag eile bha còmhla ri mo mhàthair: chaidh an t-aodach aice fasta san tarraig is cha b’ urrainn di thighinn a-bhàn. Bha i ag èigheachd air àirde gun cluinneadh tu aig Beinn an Uig i,
‘Obh, thoir a-bhàn mi! Mur toir thu bhàn mi, bios mi ann an glòir còmhla ri Dada!’ – A h-athair, ’s e duine math bha ann. ‘Obh, nach toir sibh bhàn mi! À, mur toir sibh bhàn mi, bidh mi ann an glòir còmhla ri Dada!’
(126) A’ cluich a’ football
Bha na brogaich againn, bha iad cluich ann am Baile an Todhair aig football agus ’s e an team aig Alness bha nan aghaidh agus, ò, bha tìm uamhaidh dona aca. Cha robh an fheadhainn againn idir cur steach aon. Is cha robh Alness fhèin dèanamh mòran, agus bha mi fhìn is boireannach eile coimhead riutha cluich a’ football is thuirt mise ris an tè,
‘Ò, Thighearna,’ arsa mise, ‘gu dearbh, chan eil mise coimhead,’ arsa mise, ‘nach dèan Alness job diubh.’
Agus an goalie bha ann, bha e air na cliathaich [air ar cliathaich] agus dar choimhead mise ris – ’s e brogach bochd a bha ann, tha mi creideil – bha an vest aige, bha e aige ri chraicinn. Bha e tighinn a-bhàn anns an trùsar a bha air. Trùsar goirid a bha air. Is thuirt mise ris,
‘Thighearna,’ arsa mise, ‘tha an vest agad tighinn a-bhàn fon
’S e back bha ann an George [an duine aig mo nighean] – a bheil thu faicinn? – outside-left bha ann an George. Choimhead mise ri George mar sin is chuir mi an-àirde am maide-làimhe. Chuir George aon ann. Aon! Chaidh aon a-steach duinn. Eadh! Score-ig e an goal airson na Rovers. Cho fad is bha mise cur an rud agam [.i. am prìne] , choimhead mise ris. Chuir e e steach mar sin, air a cheann, agus cha deach aon ach an aon steach fad an là.
title | Cur-seachadan |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VII. Fearas-chuideachd |