[102]

AN TOMBACA

(131) Mar thòisich duine a’ smocaigeadh

Dar thòisich mi an toisich, bha mi faicinn balaich beag òg an aon size rium fhìn asmocaigeadh is dhfhimireadh mise a dhfhaighinn chance don phìob cuideachd, ag ionnsachadh a chèile mar sin. Chan fhaigheadh tu tombacacha robh mòran airgead dol an uair sin dar bha mise òg. Ò, cha robh. Bha na pìobachan glègann.

Ach dar theaghadh sinn a-bhànan tràigh gus na creagan, gheobhadh sinn coidheag mòr is bha spògan mòr air. Dar bha i air a bruich, bheireadh sinn an claw dheth agus bheireadh sinn am biadh às an claw agus bha an claw fosgailte anns an taoibh staigh, agus ghabhadh sinn am barr geur aige is dhèanadh sinn rubigeadh air clach no air creag gus an tigeadh toll air. Bha vent nis dol troimhe. Bha sinn, nis, lìonadh an spòg an seo làn tombaca is bha sinn smocaigeadh sin airson pìob. (AC)

titleAn Tombaca
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVII. Fearas-chuideachd
<< please select a word
<< please select a page