AN DEOCH
(132) An duanag a bha aig an smeòrach
Bha Ùistean dol dachaigh aon oidhche, làn liquor. Shuidh e anns an ditch is bha smeòrach seinn. Bha an smeòrach ràdh is seinn,
‘Òl uile e, òl uile e, òl uile e, òl uile e!’
‘Chan eil mise amaideach! [thuirt Ùistean.] Tha thusa ag iarraidh mi òl uile e, ach chan òl! Tha mi cumail glainneag airson am madainn.’ (ÙR)
(133) Botal teatha an àite an ruma
Bha stoirm ann agus bha e fagais air tìm an trèan againn dol bhith dol air falbh. Agus cha robh Jess an là sa – cha d’ fhuair i iasg – ach bha mi fhìn is Bella Johndan is Jessie Peigeag cuideachd, an triùir againn, agus fhuair sinn an t-iasg. Nis, bha am bàs orainn gun
bhiadh no nì aig stèisean na Manachainn. Agus b’ àbhaist do Jess fhàgail am basgaid ach an tigeadh a’ mhadainn is, rèist, thigeadh i an ath-là, bheireadh i dachaigh e. Agus dar chaidh Bella gus am basgaid, ’s ann a fhuair i gill rum.
‘Thighearna,’ arsa ise, seallaibh gill rum aig Jess! Òlaidh sinn eadar an triùir againn e!’
Bha jug ann an uair ud, bha siuga le chain air aig a cùlaibh, agus cò thàinig ach Miller – tha e nis marbh – agus ’s e bha aig an stèisean.
‘Oh, you buggers!’ [thuirt e.]
Dh’òl an ceathrar againn an gill liquor: bha sinn fann. Agus nis, bha an taigh aig taoibh an stèisean.
‘Siud,’ arsa eise, ‘a bheil fhios agad dè nì mi? Bheir mi am botalan gill an-àirde gus an taigh is cuiridh mi teatha ann.’ Chuir mi air ais sa bhasgaid e.
Thàinig, nis, an station-master an ath-là rithe agus thuirt e [ri Jess] ,
‘Tha basgaid a bhuineas dut aig an stèisean.’
‘Ò, tha. Tha am basgaid tighinn an-còmhnaidh. Ma chaill mise an trèan, tha iad cur am basgaid air an trèan aig a’ mhadainn.’
Chaidh i, nis, gus am basgaid aice mur d’ rachadh sinn air adhairt air an trèan. Ò, glòir do glòir, nan cluinneadh tu i!
‘Trì bugairean! Dh’òl sibh an gill rum agam agus coimhead, ’s e teatha tha ann!’
(134) Am botal dubh
Bha tìm uamhaidh bochd ann agus b’ àbhaist daibh aig a’ Challainn botal liquor bhith aca, ach – och! – leis am bochdas cha b’ urrainn daibh am botal a cheannachd. Siud a dh’fhalbh mo mhàthair is chuir i an uncle agam suas gu Baile an Todhair ag iarraidh gill liquor agus chuir i an gill ann am botal dubh agus chaidh i steach gus an nàbaidh againn is thuirt i,
‘Thoir domh glainne ach an toir mi aiteal liquor à seo dut.’
Sa mhadainn dar dh’èirich i, chaidh i gus a’ bhùth is a’ chiad rud fhuair i,
‘Càite fo Dhia an d’ fhuair thu an t-airgead airson am botal mòr dubh liquor?’ – A bheil thu faicinn?
Thuirt an nàbaidh ri feadhainn eile gun d’ robh i anns an taigh aice le botal liquor. Agus an uabhas a ghabh am baile uile gum biodh am botal dubh aice, agus an aon gill beag a bha ann!
(135)Wully agus an t-airgead aig an rent
’S e miser a bha ann. Thigeadh e steach thugam, dar thiginn dachaigh, le 10 tastan a dh’airgead:
‘Thoir notag [Nota airgid air luach 10 tastain] domh!’ – A bheil thu faicinn? Bha mi dèanamh sin h-uile uair. Ma bha ten-shilling note agam, chumainn e ach an tigeadh e dachaigh is chuireadh e bhàn na deich tastan – boy! – agus gheobhadh e an nota. Is dè rinn e ach bha seann drathars aige agus gheàrr e sin an drathars agus an-àirde an seo, an drathars. Thigeadh e steach thugamsa,
‘Feuch a bheil notag agad domh?’
Bheirinn-sa da an-còmhnaidh e dar a thiginn dachaigh. Agus dè rinn e ach gheàrr e an drathars aige. Bha e cur sreang an seo agus sreang an-àirde an sin. Bha e cur na deich tastan a-bhàn an sin, a bheil thu faicinn?
Agus thàinig a’ Churracag [, a mhac,] dachaigh agus thuirt e – thàinig e steach thugamsa – arsa eise,
‘Chan eil fhios agam fo Dhia dè tha m’ athair dèanamh. Tha airgead aige ach Dia tha fhios càite a bheil e.’
‘Bha e steach seo an t-seachdain mu dheireadh ag iarraidh deich tastan, notag deich tastan. Bha e cur ann an caob drathars e.’
‘Thighearna,’ arsa eise, ‘an e sin an rud a tha aige? Uill, donas mi fhìn!’ arsa eise, ‘dar thèid e mach an-diugh, bios an taigh air a thurnigeadh upside down ach am faic mise am faigh mi e.’
Thàinig e steach.
‘Fhuair mi e,’ arsa eise. ‘Tha timcheall fichead nota agam, gun nichein ach green ten-shilling notes. ’
‘À, Thighearna!’ thuirt mo mhàthair rium. ‘Ò, ma tha Dia umad, innis don t-seann bodach gun d’ fhuair e an t-airgead!’
‘Chan innis! Chan eil mi dol ghabhail gnothaich riutha.’
Agus thàinig an t-seann fear steach, an ath-dhoras.’
‘Ò,’ arsa eise, ‘cha robh Danag [.i. a mhac, a’ Churracag] riamh cho math domhse is a tha a-nis. Tha mi faighinn an teatha an mo leabaidh agus ham and egg airson mo bhracbhast.’ – Agus mise marbh mar thug [Leugh thog] e an t-airgead aige fhèin.
Fuirich thusa! Dar thàinig an tìm aig an rent agus chaidh e ag iarraidh na deich tastan a phàigheadh an rent, donas mi! nam faigheadh e biod deth.
‘Ò, Thighearna,’ arsa eise, ‘chan iongantach gun d’ robh e gu math domh. ’S ann tha e gu math leis an t-airgead agam fhìn.’
(136)Wully agus an carbolic
Bha a phiuthar pòsadh, a bheil thu faicinn? Is bha botal liquor aige fo cheann san leabaidh agus dh’èirich an t-seann fear tron oidhche is chaidh e air a chasan gus an t-àite an d’ robh Curracag [na laighe] is dh’òl e am botal liquor, an seann fear.
Agus dar dh’èirich e sa mhadainn, thuirt Curracag,
‘Chan eil fhios agam cò fo Dhia dh’òl an carbolic?’
Thàinig e [an sean bhodach] steach seo. Cha robh fhios aige dè bha sa liquor ceart.
‘Dh’òl mi an “abolic”! Bidh mi marbh mur tig an oidhche. Cha robh fhios agamsa nach e aiteal a ruigeadh mo chridhe a bha ann agus dh’òl mi e. Agus ’s e an “abolic” a bha ann!’
(137) An tàillear misgeil
’S e caileag à Steòrnabhagh dh’innis domhse e agus shaoil liom gun do chaochail mi [leis a’ ghàire] air an t-Sàbaid. Bha mi fhìn is i fhèin dol an-àirde ag iarraidh bainne ann an Stronsay, agus thuirt mi rithe,
‘Ò, Thighearna, chan eil ceannachd domh air a’ bhainne. Trì mìle airson botalan bainne mar sin, trì mile an-àirde!’
Thuirt i,
‘Bha tàillear ann aon chuairt, Bell Ann, agus diabhal do fear
‘ “Ò, Thighearna, chan eil fhios agamsa dè nì mi.”
‘Dh’innis e do fear bha dol còmhla ris. “Cuimhnich,” arsa eise, “an diabhal tha siud leis an liquor! Chan eil fhios ciamar tha mo phiuthar bochd beò.”
‘ “Àch, cò dhèanadh sin ach thu fhèin? Tha thu dol gus an taigh-sheinnse, toirt air do mhuin e dachaigh gus an taigh. Rèist, chan eil diofar aige. Tha fhios aige gum bi e dachaigh, co-dhiù. Ach innsidh mi dut dè ni thu. Thig thu mur [mun cuairt] a’ chladh agus tilg e steach measg na clachan. Dèanadh e laighe an sin ach an dùisg e anns a’ mhadainn. Cha thachair nichein da.”
‘Dh’innis iad don bhean ma dheidhinn. Chaidh am bràthair-chèile air a thòir gus a’ hotel no àite sam bith a bha e ag òl an liquor. Chuir e air a mhuin e. Bha e dol, nis, seachad a’ chladh is thuirt am fear sa,
‘ “Tilg an seo e!”
‘Thilg e. Thighearna, dar choimhead e càite an d’ robh e, dh’èirich e, tha mi creideil, is dh’fhalbh e dachaidh gus a’ bhean.
‘ “Margaidh! Margaidh! Geall fichead nota nach b’ urrainn dut fhaighinn a-mach càite an d’ robh mise bho raoir na mo laighe!”
“Càite an d’ robh thu? Nach eil thu mar sin an-còmhnaidh, laighe leis an liquor. Nam b’ e [mura b’ e] mo bhràthair-sa, cha bhiodh tu dachaigh idir.”
‘ “Anns a’ chladh! Ach, mionna Dhia, cho fada is tha an saoghal ann, cha tèid drap liquor sìos na mo chorp. ”’
(138) A’ bhean nach robh faighinn mòran airgid
Bha tè agus bha cloinn dol bhith aice. An duine aice, ’s e diabhal
‘Uilleam!’
‘Dè?’
‘Nach eil tìm agad bhith glic? Tha thu ag òl an sin mar robaire gu sìorraidh, ag òl, ag òl. Ma bhios tastan na do phòcaid, cha bhi thu ceart ach an cuir thu anns an taigh-sheinnse e.’
‘Ò, Chiorstaidh, Chiorstaidh! Nach eil mise air mo shàrachadh leatsa? Chan eil fhios agadsa dè na tha mise dèanamh. Dè an donas diofar dut dè tha mi toirt dut?’
‘Ò, chan eil sin mòran.’
‘Ò uill, ged a chuirinn-sa [e] air a’ bhòrd, ag innseadh dut an fhìrinn, tha bloody sight nas motha [ann] na tha agamsa. Tha e dà thastan no trì thastan nas fheàrr na tha mise fhaighinn. Carson tha thu dèanamh othail airson dhà no thrì thastanan? Ged tha thu ag èigheachd sin, tha thu ag èigheachd gu sìorraidh, bithbhuan. An e sin? Dè dhèanadh sin, dhà no thrì thastan?’
(139) Am botal Congo
Thàinig am brogach [, Cogga,] à Canada agus bha dà bhotal Congo aige. Is ghlèidh mi na botalaichean bhàn an sin air mo chùlaibh. Of course, bha sinn ag òl sinn fhìn – gràinne. Àch, chùm mise am botal an seo. Bha eise, rinn mi blackenin’ do Cogga, a chur air na bòtan a bha air – seallaibh! – is dh’fhalbh e suas gus an dannsa.
Thuirt mise,
‘A-nis, cuimhnich gum bi thu dachaigh mur bi còig uairean sa mhadainn, bhail tha Doilidh dol an rathad is mi fhìn dol a dhol an rathad air a’ bhridge air falbh.’
Bha nis, cha d’ rinn sinn ach coimhead an tigeadh e. Cha tàinig e.
[An uair sin,] thàinig e gus an leabaidh, Cogga:
‘Are you waken? ’
‘Tha,’ I said. ‘Tha mi seo. Dè a-nis?’
‘Càite an do chuir thu am botal Congo?’
‘Dè an Congo?’
‘Nach do ghlèidh thu botal an sin?’
‘Uill, ma ghlèidh mise, siubhail ach an—. Òl ach am faic thu!’ Ged a dh’itheadh e an taigh sa, cha d’ fhuair e an Congo, no dùrd mu dheidhinn an Congo.
title | An Deoch |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VII. Fearas-chuideachd |