[108]

VIII

EACHDRAIDH NA DÙTHCHA

AN T-SEANN AIMSIR

(140) Beinn an Uig

Uallach òr an [Leugh am] Beinn an Uig
Artair Cam bhios air am fear a gheobhadh,
ruith an deaghaidh seann gobhar
air madainn shamhraidh. (ÙR)

(141) Poit òir aig Port Làirig

Shìos aig Port Làirig, dar bhios tu dol an-àirde am bruthaich, anns an t-seann tìm bha seann bodach agus thàinig e bho foreign agus bha poit òr aige agus an tòs cha robh fhios aig an sluagh gun drobh poit òr aige. Ach mu dheireadh chuala iad mu dheidhinn e agus, rèist, ghlèidh e am poit òr dar a bhios tu dol an-àirde an rathad aig Port Làirig. Agus, coimhead, bha na ceudan sireadh airson am poit òr is cha dfhuair iad riamh e.

(142) An Linnet

(i)

Thàinig i gu tìr seo is bha i air na creagan agus chaidh crew às an àite an seo bhàn is bha iad examinigeadh i. Fhuair iad caskachan is cheangail iad caskachan ri taoibh na soitheach is, dar a thàinig an tìde a-steach, na caskachanbha i air-tightis leis na


[109]

caskachan, dh’èirich an soitheach do na creagan [de na creagan, bhàrr nan creag] . Is chaidh iad air bòrd i, is thàinig stoirm is thug i an soitheach air falbh is achrew a bhuineadh do seo còmhla rithe. [Thachair seo ann an 1843]

Agus mìltean air falbh bho seo, chaill iad uile am beatha. Is bha aon balachan òg air bòrd, agus chuala mise earrainn don t-amhran agus bha na loidhneachan anns aearrainn,

Meangan òg bha seo cha robh dol às aige bhon càs na bfhaide na bàrr nan crannagan’. (AC)

(ii)

S e long mòr a bha innte. Thàinig e bho pàirtean fad às an t-saoghalchan eil fhios agam càs a thàinig i. Ach dar thàinig i, chuir iad fioschaidh iad steach an àiteiginis chuir iad fios airson pilot à seo. Agus chaidh am brogach òg sacha robh e ach na slùsach ògchaidh eise còmhla ris am pilot airson chur an Linnet a-steach anns am port an sin shìos, Port Làirig.

Fuirich thusa nis. Dar chaidhmurn do ruig iad Port Làirigthàinig amhuir a-steach air an long, is dhfhàs an coirce dar fhuair e an t-uisgefuirich thusa! – dhat e mach. Dhat e macha bheil thu faicinn? – agus, nis, cha robh an còrr aca ach feuchainn an ruitheadh iad steach aig Port Làirig. Is cha tàinig iad steach Port Làirig. Cha do ruig iadchaidh iad steach aig Cadabol. Tha sin shìos sin anns aphàirc sin, a bheil thu faicinn? Chaill iad uile am beatha is cha burrainn, leis an stoirm, cha burrainn do neach anns an t-àite sa dhol a-mach. Cha robh sgoth fit a dhol a-mach. Bha iad nis deis.

Nis, bha an t-amhranseann bodach bha seo agus thog e an t-amhran‘ ’Linnet Mhòr’ – bha i mòr!

Linnet Mhòr bha siubhal achuan,
thàinig i steach air oidhche ghruaim
is thilg an stoirm a Chadabol i.


[110]

Seocan Mhorar, am meangan òg
a dh’èirich bho glùin a mhàthair
gum biodh am bàs cho fagais air.

Le stoirm ainchrìosdail a bha annstoirm mòrchuir e steach Chadabol nis i ann am mìrean, na criomagan.

titleAn t-Seann Aimsir
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVIII. Eachdraidh na Dùthcha
<< please select a word
<< please select a page