[110]

TÌM A’ CHOGAIDH

(143) Bellag afalbh leis na saighdeirean

Bha saighdeirean an seo anns an campa an-àirde sin agus bha dhuine [de na maraichean] dol gus a’ mhuir agus, aig a’ hotel ann am Baile an Todhair, bha dìg ann is ghabh iad anail; chuir iad sgùileachan dhiubh.

Agus am fear sabàbhaist don bhean aiteal teatha dhèanamh do na saighdeirean bhiodh air an look-out tron oidhcheagus thuirt am fear sa, seòrt do bàrd [.i. de dhuine èibhinn] a bha ann, arsa eise ris,

Dòmhnall Alec, ciamar tha thu dol gus amhuir?’ thuirt e.

Carson nach drachainn gus amhuir?’ thuirt e.

Och, Thighearna,’ arsa eise, ‘nach eil fhios agad,’ arsa eise, ‘gu bheil Bellag agad dol còmhla ris na saighdeirean?’

Dhfhàg e an sgùil aig Baile an Todhair is thàinig e dachaigh gus an taigh agus dhèirich abhean.

thug air ais thu?’

À, thuirt am fear tha còmhla rium gum biodh tu còmhla ris na saighdeirean.’

Ò, amadan an donais!’ arsa ise, ‘Na bi cho diabhlaidh amaideach! Siubhail gus amhuir ach am faigh thu rudeigin!’

Bha teaghlaich aig abhean. Ach thuirt an diabhal sa do fear, thuirt e,

Chan fheadar nach eil na saighdeirean còmhla ri Bellag!’

Ach bha an deis da: bha an tìde a-nis a-muigh is cha burrainn da fhèin dhol gus amhuir, a bheil thu tuigeil? Dar a thèid an tìde a-mach chan urrainn do sgoth dhol a-mach.


[111]

(144) An Natal

Thàinig long an-àirde, aon don fleet, gu Inbhir Gòrdain, agus, aon do na h-oidhchean bha i an-àirde an Invergordon, thug an caiptean invitation do na h-uaisibh, do Evanton, Invergordon agus an-àirde gu Inbhir Nis, nas fhada na sin. Agus anns an uair sin sa mhadainn, dar nach robh dùrd aca mu dheidhinn German submarine, thàinig an submarine is chuir i an Natal san adhar. Agus bha na ceudan air agus bha iad uile bàthte.

Ach bha am brogach sa [a bha air bòrd] , ’s e gobhainn a bha ann agus bhuineadh e do Seannduaig. Bha athair marbh ach bha an t-seann mhàthair beò. Dar a bha e foreign, cheannaich e phioctair bheireadh e dachaighrudeigin da mhàthair. Is thuirt an commander,

Fimireas sinn h-uile one a tha ann bhith aig na bòird.’

Chaidh e [.i. am brogach] a thìr agus chaidh e gus am fòn. Fònaig e gu mhàthair nach burrainn da fhaighinn air falbh leis an dannsa mòr bha seo. Dar bha eise aig am post office, dhfhalbh an Natal san adhar.

Ach fuirich ach an innis mi sin dut. Bliadhnachan an deaghaidh sin, nis, thàinig e dachaigh agus retire-ig e ann an Seannduaig. Bha e gu dona airson dropag liquor.

Bha e dol dachaigh aon oidhche. Càite an deach e leis an liquor ach anns amhuir. Fhuair amhuir grèim air. Cha burrainn da thighinn leis an liquor às. Ò, bha e air an Natal fada.

*

Bha mi dol leis an t-iasg gus an taigh sa an Inbhir Gòrdain agus, dar chaidh mi steach anns amhadainn, bha an t-seann boireannach a bhuineadhan taigh, bha i còineadh rium is bha leanabh beag aice timcheall ceithir mìosachan agus thuirt i rium,

Coimhead seo,’ thuirt i, ‘tha an leanabh air fhàgail agamsa agus an t-athair is amhàthair anns achuan. Chuir mi fios ag iarraidh am piuthar aice-sa ach an tig iad ag iarraidh an leanabh.’


[112]

(145) An Jellicoe

An Jellicoe? Fuirich ach an innis mi dut, ma-thà. Bha cogadh air, an Daradh Cogadh, agus, h-uile brogach bha anns an Nèibhidh, dhfhimireadh iad dhol aig Invergordon agus chuireadh e [.i. an t-ùghdarras] iad fhèin an-àirde. Bha brogach an ath-dhoras domh, brogach beag òg, an aon aois ri Doilidh, agus fhuair eise call a dhol, is chaidh e, an leanabh bochd. Bha e mach ann an Sasainn: bha iad airson mìos, bha iad cur na brogaich tro drile, a bheil thu faicinn?

Bha mi leis an t-iasg an Inbhir Pheofharain, is thuirt an station-master rium,

A bheil càirdean idir agad air an Jellicoe?’

Ò, chan eil fhios agamsa,’ arsa misecha robh fhios agamsa an trèan a bha sa Jellicoe [.i. an trèan a bhuineadh dhan t-soithich] .

Achfuirich thusa! – bha fhios aig abhrogachan bochd bha an ath-dhoras gur e mise a bha ann agus, dar bha an Jellicoe tighinn a-steach, am fear a bha dràibhigeadh, thilg e an cable, thilg e steach anns an raon enis, dhfhimireadh càr dhol null timcheall.

Thàinig an station-master thugam. Thuirt e,

Mrs MacAngus, there somebody calling you. ’

Ò, chaidh mi bhàn mìle, fagais air mìle bhàn is thuirt a leanabh bochd,

Innis do mo mhàthair gun fhaca thu mi is gum bi mi cur mo ghaol gu mo mhàthair bochd.’

Is an ath-rud a fhuair sinn gun deach e fodha.

(146) Nolda

Aon do na làthachan bha mi fhìn is an nàbaidh agam, dhfhalbh sinn ag iarraidh stoban gu taoibh amhuir agus bha agamsa, mòr agus, dar bha sinn tighinn dachaigh, bha craobh an sin agus bha an tarraing an t-aodach agam an-àirde gus achraobh. Is thuirt mi ris abhoireannach eile,

Thighearna, fimireas rudeigin bhith aig achraobh sin. Tha an toirt an t-aodach dìom.’


[113]

Uill, cumaidh mise am bike agad. Siubhail an-àirde ach am faic thu tha ann!’

Ò, thàinig mise air ais.

Ò, meudail, tha boireannach foreigner agus tha i leughadh litir.’ – Fhuair i fios gun drobh leanabh beag bàthte – ’s e caileag bheag a bha anns an sgoilgun do mharbh na Germans i. ‘Agus tha i còineadh,’ thuirt mi.

Ò, chaidh mi [air ais] .

Nis,’ thuirt mi rithe, ‘tig dachaigh còmhla riumsa!’ Rinn mi cupa teatha di. Thuirt mi rithe,

Càite a bheil thu na laighe?’

Thuirt i,

Shuas sin.’ – Bha fhios aice.

Agus dhiarr mi oirre an e anns abhailean sa [anns a’ bhaile bheag sa] . Chuir i car acheann:

Fada, fada suas [don àird an ear] .’ – Cha robh dùrd Beurla aice.

Dhfhalbh i. Bha rùm aice ann am Baile an Todhair is chuir mi an-àirde gus achùlaibh i agus chuir mi air an rathad gu Baile an Todhair i.

Nis, bha mi gu tinn leis am flu agus thàinig mo nighean agus an duine aice a-mach airson an weekend bhail gun drobh mi gu tinn. Agus, gun canadh tu, timcheall trì uairean no ceithir thàinig, gnog gus an doras, is chaidh mo nighean gus an doras.

Thuirt i [.i. a’ bhana-choigreach] ,

Chan e, chan e, chan e! Chan e an aon boireannach, chan e!’ – Is bha mi ag innseadh do Doilidh mu dheidhinn i, agus thuirt i [.i. Dolly] ,

Fimireas tu èirigh à do leabaidh thighinn a-bhàn.’

Rinn i gloc dar chunnaic i mi. Ach bha aiteal Beurla aig an duine. Thuirt e,

Thàinig mi airson taing, taing [thoirt] dut, seachad na taingean,’ arsa eise, ‘gun tug thu abhean gus an taigh còmhla riut.’

S e an bheag aig an t-searbhanta [aice] , mharbh na


[114] Germans i tighinn às an sgoil, is am pocan air a cùlaibh, is chuir a màthair fios gu Nolda agus, dar fhuair i an litir air an rathad, chaidh i lodh gun drachadh i ag iarraidh an t-àite di fhèin, a bheil thu tuigeil? ’S ann aig Dia tha fhios càite an drobh i agus ciamar thigeadh i dachaigh.

Nis, dar choimhead mise oirre cha robh bòt air a cas.

Thì! Thighearna,’ thuirt mi ri Doilidh, ‘chan eil bòt air a cas.’

Ò uill, chan fhaigh i bòtachan gun cùpon.’

Agus thuirt mi rithe,

A bheil cùponan agad?’

Chan eil.’

Cha robh fhios aice bha ann an cùpon – ’s e anns an t-àite againn bha e. Agus thuirt George rithe,

Tha naoi cùponan agamsa fhuair mi airson dungarees. An gabh thu sin?

Gabhaidh,’ arsa mise, ‘is thèid mi gu Mr Cormack an Inbhir Pheofharain.’

Chaidh mi gus abhùth. bha ann ach a nighean.

Thuirt mi,

Cuine a chì mi tathair?’

Uill, ma thig thu air ais aig eadar uair is uair, gheobh thu e, bhail tha e dèanamh an-àirde na leabhraichean.’

Chaidh mi air ais is thuirt mi,

Mr Cormack, ma tha Dia umad, tha foreigner agamsa is chan eil bòt air a cas. Feuch am faigh thu paidhir bòtan.’

Gu an number aice?’

Chan eil fhios agamsa. Chan eil fhios.’ Achs e cas leathan a bha oirre, cas ploideach, leathan.

Chaidh e an-àirde is fhuair e am paidhir bòtan sa. Thuirt e,

Is fheàrr domh thoirt number sia dut agus bheir mi sia beag dut.’

All right! sin an gnothaich, is mur dèan iad i, an toir thu air ais paidhir eile domh?’

Bheir, ach tha iad nota, Mrs MacAngus.’

Chan eil diofar. Shin an nota dut.’


[115]

Phàigh mi iad. Dar thàinig mise dachaigh, rinn i leum aig an oidhche, dar chunnaic i na brògan. Fitigeadh iad A-one i.

Nis, chaidh i dhachaigh [an deaghaidh a’ chogadh] : bha i giùlan is chaidh i dachaigh. Bha brogach aice, Paulrugadh e an deaghaidh i dhol dachaigh. Dhiarr i air Doilidh is an duine dhol a Norway, is chaidh iad. Ò, an èilteachadh fhuair iad!

(147) A’ chantie

Cheannaich iad am piàno eadar-riutha, na daoinibh [sa champ] , agus bha iad dol a thoirt am piàno do mo mhàthair an a phrèasant airson dol an-àirde leis an t-iasg. Agus thuirt mo mhàthair ris an ,

Tha mise dol a dhfhaighinn am piàno ann an J-Block!’

Agus rinn mo nàbaidh airson diabhlaireachd ach chaidh i an-àirde is thuirt i ri mo mhàthair,

A bheil fhios agad tha iad dol a thoirt dut ach seann chantie. Ò, Thighearna, na bi dèanamh òinnseach dìot fhèin! Chan eil no piàno! A bheil fhios agad tha iad dol a thoirt dut ach chantie mòr.’

Uill,’ arsa mo mhàthair, ‘mas e chantie tha mise dol a dhfhaighinn, cha toir mise an chantie às am block aca!’

Siud a dhfhalbh i air ais is thuirt i ris an duine-uasal,

Im no wanting the piano. I have plenty pianos at home. ’

Ò, thàinig mise gu mo mhàthair air ais.

Manam fhìn, chan eil fhios agam mi leat! Nam biodh tu ceart, dhinnseadh tu domhse an tòs gun drobh thu dol a dhfhaighinn e agus bhiodh an gliocas agamsa gun gabhadh tusa e.’ – Thug iad gu Saltburn e! – ‘Agus an diabhal boireannach, gun tuirt i gur e chantie fon leabaidh tha e dol thoirt dut airson diabhlaireachd!’

(148) A còcaireachd anns an Drome

Bha mi còcaireachd; bha mi anns an Drome cho fada is bha achogadh ann. Bha mi bhliadhna gu leth san Drome, cookigeadh anns an Drome. Bha mi cookigeadh airson bhliadhna gu leth


[117] agus, dar chaidh mi ann, thuirt mo nighean rium,

Càite a bheil thu dol ach gum bi thu marbh? Tha iad cantainn gu bheil razor-slashers ann agus gheobh thu aon san aghaidh leis am boineid agus bios tu marbh agus cha bhi mice ceart nam inntinn!’

Bhiodh i tighinn h-uile Wednesday:

Am bu chaomh leat bhith ann?’

Ò, chan iarrainn thighinn às.’

Ò, tha thu morta le obair.’

Chan eil, no morta!’

Agus bha mi ann airson bhliadhna gu leth gus an deireadh agus bha fichead a seachd daoinibh agam. Bha agam ri èirigh sa mhadainn aig sia uairean sa mhadainn às an taigh againn. Bha agam ri siubhal gus an Drome. Bhithinn a-steach anns an campa aig cairteal an deaghaidh seachd.

Ach innsidh mi seo dut, ’s e an t-àite as fheàrr a bha mi riamh na mo bheatha. Ag innseadh dut an fhìrinn, ’s ann a bha bròn orm dar bha mi dol a dhfhàgail e, bhail bha an t-airgead gu math. Gheobhainn aiteal bheag gàire a ruigeadh mo chridhe.

*

Thug e pana mòr domh airson bhith dèanamh dumplings agus thug iad sguitear airson bhith togail bùrn is thug e leth-phoca buntàta is bogsa biosgaidean domh. Is chaidh e – [Bensey, an ceannard] – nis, dar bha an campa deis, chaidh e bhàn gu Bonar is chuir e fios orm thighinn a-bhàn a chookigeadh sin da, ach cha deach mi. Bha hotel aige.

Thàinig Bensey [on camp] airson mi. An bha ann, bha i dèanamh soupa bheil thu tuigeil? – agus cha robh i dèanamh fòghnaidh. Chuireadh i excuse do rudeigin air agus faodas tu bhith cinnteach nach drobh Bensey ag iarraidh sin a bhiodh gu ro-extravagantnan lìonadh iad an corp le lite agus soup, sin uile bha eise ag iarraidh.

Agus air na Sàbaid thàinig an duine às an Drome, an deaghaidh mi thighinn às an eaglais, is thuirt e rium,


[116]

Isbeil Anna air taobh a-muigh an taigh aice, ‘Nairnview’, ann am Baile aChnuic sna 1950an.

Isbeil Anna air taobh a-muighNairnviewan ath-dheichead.


[118]

tha thu dèanamh?’

Chan eil mi dèanamh nichein. Chan eil nichein ri fhaighinn.’

Cha robh iasg sin dol, a bheil thu faicinn? Bha na daoinibh aig an cogadh.

Chan eil mi dèanamh nichein.’

Uill,’ arsa eise, ‘tha brod job agamsa dut.’

Tha mi creideil gu bheil.’

Tha fhios agam gur e còcaire math tha ionnad. Tha fhios agam gun gabh thu rud sam bith chanas iad riut, nach tèid thu ro fhada air. Agus ma ghabhas tu e, tig an-àirde a-màraich!’

Is chaidh mi an-àirde. Cha deach mi gus achookigeadh idir: ghlan mi làn a saoghal a soithichean. Dar chaidh mi an-àirde, bha iad anns an sink feitheamh riumachs e achiad uair is an uair mu dheireadhach cha robh mi dèanadaich an uair sin anns an Drome. Thàinig Bensey is thuirt e,

I got a lovely character on you. Will you come up in the morning? ’

Is chaidh mi. Bha seachad ceithir notachan san t-seachdain agam agus mo bhiadh agus, dar bhiodh na làraidhean falaimh aig ceithir uairean, thigeadh e steach,

Get on your coat! ’

Chuireadh e bhàn mi gus an taigh; bha e glè mhath mar sin. Dhfhimirinn bhith ann aig cairteal an deaghaidh seachd sa mhadainn. Bha mi siubhal, mi fhìn is achaileag sabha table-girl agam.

Dhfhimirinn-sa am biadh dhèanamh do na daoinibh. Thighearna, bha uinneag agambha e mar aon do na h-uinneaganach chithinn aig cairteal an deaghaidh -reug: bha iad mar regiment tighinn an-àirde. Bha hutachan aca uile. Thigeadh iad steach aig leth-uair an deaghaidh -reug, ciudha diubh tighinn steach mar sin. Nis, dar dhitheadh iad an diathad, rachadh e air falbh. Bha na spàinean is bha na sgianan is h-uile aig na table-girlsbha table-girls cur a-bhàn an diathad daibh. Agus nis, rachadh iad a-mach, chan fhimireadh iad fuireachd aig na


[119]

bòrdachan, na shuidhe aig abhòrd. Dhfhimireadh iad dhol a-mach dar dhith iad an diathad. Rachadh iad a-mach, cuid diubh bhiodh cluich [.i. cluich chairtean] leis na putanan agus cuid dhiubh le airgead, a-muigh, taoibh a-muighan t-àite.

(149) A’ ghlainne aig an lampa

Cha robh glainneachan ri fhaighinn dar bha mise anns an Dromebha achogadh air is chan fhaigheadh tu leis achogadh. Bhris mo mhàthair – ’s e lampa a bha againnagus bhris i glainne. Chuir mi achaileag bha còmhla rium dèanadaich, thuirt mi,

Siubhail ach am faigh thu glainne no dhà bhios aig do mhàthair agus agam fhìn!’

Is dhfhalbh i is fhuair i ceithir, dhà di fhèin is dhà dhomhse.

Is thuirt mi ris [a’ cheannard an deaghaidh sin] gun do bhris mo mhàthair a’ ghlainne.

Och,’ ars eise, ‘gheobh thu aon à seo.’

A bheil dhà ann?’

Cha robh one aige. Bha e [Leugh iad] againn ach cha robh fhios aige.

(150) A’ dèanamh stiudha anns an Drome

[Bhiodh fear de na paidhleatan afaighinn rudeigin a dhitheadh e bho Isbeil Anna a thuilleadh air na bha e afaighinn bhon chòcaire a bha agabhail cùram don roinn aige fhèin.]

Dar bha mi anns an Drome, na daoinibh bha agam, bha pilotan ann agus bha feadhainn bha dèanadaich air an talamh. Agus aon chuairt bha sinn gun feòil airson dèanamh diathad do na daoinibh is thuirt mi ri aon diubh,

Siubhail a-bhàn gus an taigh agamsa. Chì thu caob bolt mòr, bheir thu an-àirde am bolt. Thèid sibh le lìon air uachdar an gunnars agus gheobh sinn na rabaidean. Glanaidh mise iad is stiudhaigidh mi iad.’

Agus bha am fear saà Sasainn a bha eagus dar a bha e à Sasainn, thigeadh e ag iarraidh criomag an-còmhnaidh agam do


[120] rudeigin [de rudeigin] bhiodh còrr ann. Bàbhaist domh thoirt da e. Agus dar bhiodh e dolan adhar ann an aeroplane, chanadh e,

Mam Riley, cùm aiteal don stiudha agad domh dar thig mi bhàn!’

Chanainn-sa ris,

Gheobh mise an sac is gheobh thu fhèin an sac, an diabhal a tha ionnad. Nach fhaigh thu bhon agad fhèin?’

Charadh e cheann: nach fhaigh!

(151) Im Baile aChàil too!

Dar bha mi anns an Drome cookadh, bha mi airson bhliadhna gu leth ann. Agus corr uair bha am biadh, chan fhaigheadh sinn fòghnaidh airson dèanamh. Agus bàbhaist domh dhol leis an t-iasg dhInbhir Pheofharain, agus tha mi creideil gum baithne don duine sa mi, bhails e an t-ainm agam ceart a chanadh e. Agus criomag feòil no uigh rachadh gu aoneigin, dhiarrainn air an bha toirt aig abhòrd,

Feuch an toir thu sin doBaile aChàil” !’ Agus sin an t-ainm aig Inbhir PheofharainBaile aChàil.

Fuirich nis! Bha fear bha fagais oirre aguss e Sasannach a bha ann agus bha e faicinn an duine sa faighinn criomag dar bhiodh còrr do diathad no agus, -eigin, thàinig e mach agus thuirt e rium,

I’m Baile a’ Chàil too. Give me a bittie!

titleTìm a’ Chogaidh
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVIII. Eachdraidh na Dùthcha
<< please select a word
<< please select a page