[24]

6

BHRUIDHINN mi mar thà air Coinneach Iain a tha air a bhith pòsda airson grunn mór bhliadhnachan. Bha e ’na sheòladair uair mar a bha móran do’n fheadhainn a th’anns a’ bhaile ’s tha e ’n diugh toilichte gu leòr a bhith ris an fhearann ged a bha e cleachdte ri gluasad na mara. Duine beag tioram le dréin air ’s e uabhasach trom air an tombac, ’s a bhean mór reamhar ’s i aosda mar a tha e fhéin. Nuair a thàinig e dhachaidh an toiseach tha e coltach gum biodh e dol suas am baile a shealltainn ri na soithichean a’ tighinn a-steach do’n bhàgh. Sheasadh e air a’ chidhe gan coimhead ’s gu h-àraid nuair a bhiodh iad a’ fàgail, a’ dol do’n Chaol no taobh Ghlaschu. Tha e air a bhith ann a Hong Kong, ann an Astràilia, ann an Ameireaga a Deas.

Aon uair ’s an deoch air, bliadhnachan air ais, thubhairt e rium, “Chan eil fhios ciamar a dh’fhuirich mi aig an tigh.


[25] Ach chunna mi an saoghal a bh’air thoiseach orm, aonaranachd ’s an deoch. ’S phòs mi.” Phòs e Anna a bha air a bhith a’ sealltainn ás déidh a pàrantan ’s iad aosd is meata. “A bheil fhios agad mu dheidhinn Hong Kong,” ars esan. “Bidh iad a’ fàgail biadh aig uaighean nam marbh. Tha iad de’n bheachd gun éirich iad a rithist ’s gun tòisich iad a’ coiseachd air feadh nèamh nuair a bhàsaicheas iad. ’S tha na teampullan aca cho mór. Ach chan eil càil coltach ri bhith air soitheach ’s latha bòidheach ann ’s na tuinn a’ gluasad air gach taobh dhiot.” Chan eil càil coltach ris.”

Cha robh dragh aige de mhòine no de dh’fhearann no de nithean mar sin aig an toiseach. ’S bhiodh e coiseachd sìos is suas an rathad mar gum biodh e air deic soithich. “Tha mar gum biodh bannan mun cuairt orm,” theireadh e. ’S an aon dréin air fad na tìde. ’S shaoileadh duine gu robh e fhéin ’s a bhean réidh gu leòr fad na tìde. Cha bhiodh a bhean ag ràdh móran, esan a bhiodh a’ còmhradh gun sgur. Bhiodh i ’na suidhe ris an teine mar chnap mór ag éideachd ris ’s a’ gàireachdainn an dràsd ’s a rithist. ’S chanadh i glé thric, “Dh’fhaodadh e bhith ’na chaiptein.”

Aon oidhche,” ars esan riumsa, “chaidh mi steach do thigh-seinnse ann an Astràilia ’s chunna mi stigh an sin ach an Starrag. Uill, cha do leig e air gun do dh’aithnich e mi. Bha e air a bhith air falbh bho’n tigh airson deich bliadhna ’s cha robh duine air litir fhaighinn bhuaidhe. Aon litir. Cha do leig e air gun do dh’aithnich e mi. Nach eil sin àraid. Bha e ’g òl gun sgur. Agus thuig mi gu math dh’fhaodte gun tachradh an aon rud dhomh fhìn. O bhiodh sinn ag òl, ’se drungairean mór’ a bh’annainn. Is sabaidean gun sgur. Ach nuair a thainig mi dhachaidh an toiseach bhithinn a’ suidhe ris an uinneig a’ sealltainn a-mach ris a’ chuan mar gum bitheadh pathadh orm, pathadh nach gabhadh a shàsachadh. Ach b’fheàrr dhomh, a bhith ’nam dhrungair agus a bhith saor ann an dòigh, no a bhith pòsda ’nam


[26] thigh fhìn. tha thusa ag ràdh? Tha foghlum agad-sa. ’Se sgoilear a th’annad.”

A bhith saor ’na do thigh fhéin,” arsa mise ris.

Cha ghabh sin dèanamh,” ars esan.

Bha fhios a’m nach gabhadh, oir ged a bha a bhean sàmhach, bha iad a’ cur oirre gum feumadh an tigh a bhith uabhasach glan, is gum biodh i a’ toirt dhà nuair nach biodh duin’ ann am follais.

Aon rud a dh’fheumas mi a ràdh,” ars esan. “Chan eil fhios ’s urrainn dhut a ràdh mu dheidhinn bhoireannach. Anns na ceàrnaidhean an Iar ’sann a bhios iad a’ coiseachd nan sràid gu math iriosal. Cha tog iad an sùilean idir.

Boireannaich. Carson a tha feum againn orra? Tha am Bìobull fhéin ag ràdh gur e Eubha a dh’ith an ubhal. “Cha bhiodh e dol do’n eaglais idir ged a bha fhios aige air trealaichean a leugh e uair anns a’ Bhìobull. “Chan eil ùghdar ann coltach ri Edgar Wallace,” theireadh e rium. ’S e ’na shuidhe anns a’ chathair cho tioram ’s cho beag ’s e smocaigeadh a phìob. ’S a bhean a’ cumail an tighe glan. Aon turas chaidh mi steach do a thigh ’s cha robh dealbhan nan soitheach sheòl air a’ bhalla idir. Càit an do chuir i iad ’s i cho sàmhach ’s cho reamhar ’s fiamh a’ ghàire oirre ’n còmhnaidh.

Obh obh,” chanadh i, “dh’fhaodadh e bhith ’na chaiptean.”

Is esan a’ gluasad a chathair a-null ’s a-nall mar gum biodh e aig muir. Chleachd e airson greiseig a bhith a’ dol a-mach air eathar a dh’iasgach ach sguir e de’n sin. “Cha robh e coltach ri bhith aig muir idir,” ars esan rium-sa. “ ’Sann a bha e mar gum bithinn air abhainn.”

’Se a’ cheist,” ars esan, “a bhith aosd is aonaranach no a bhith ’nam shuidhe an seo ris an teine. tha saor anns an t-saoghal a tha seo?”

Chan eil fhios aig duine,” ars esan, “ ’s còir dha a


[27] dhèanamh. ’S math dh’fhaodte gu bheil fhios aig Dia ach chan eil fhios aig duine. Tha sinn a’ gabhail eagal mar a chunna mi fear uair a’ dèanamh, ’s e shuas air crann. Bha eagal air gun tuiteadh e do’n mhuir ’s thòisich e ri sgriachails e a’ slaodadh ris a’ chrann. Sin dìreach mar a tha sinne. Ach cha robh eagal orm-sa a riamh ’s mi shuas air crann. Nach eil sin àraid?” Is shealladh e rium mar gum biodh e ’g iarraidh orm freagairt a thoirt dha a chuireadh a cheistean aig fois.

Uill,” ars esan, “bha an Starrag ’na sheasamh an sin aig a’ bhàr ann an Astràilia. Is thàinig mise steach, balach ás an aon bhaile. ’S cha do leig e air gun aithnicheadh e mi. Nach robh sin neònach? Thòisich e cluich air dominos le feadhainn a bha còmhla ris. Chuir siud iongnadh mór orm. Tha cuimhn’ agad air an Starrag? Sùilean car cam ann. Sin agad e. Cha do dh’fhosgail e bhial. Ann an Astràilia. Aig ceann eile an t-saoghail. Chaidh mi suas thuige ’s chuir mi mach mo làmh ris ach sheall e tromham. Bha mi smaoineachadh an toiseach gur e mearachd a rinn mi, gur ann á Astràilia fhéin a bha an duine. Ach cha b’ann. ’Se an Starrag a bh’ann ceart gu leòr. Cha do chaill mi cuimhn’ air an siud a riamh. Cha do dh’innis mi do a chàirdean a riamh gum faca mi e. Bha tollan ’na bhriogais, tha thu tuigsinn. Agus ’se fìon a bha e ’g òl. Smaoinich. Fìon.” Stad e a’ cnuasachd. “Smaoinich, fear ás an eilean ag òl fìon. Mar Fhrangach. ’S bha e bruidhinn dìreach mar Astràilianach. Tha mac an duine uabhasach àraid nach eil? Eh?” ’S chuir e mach smugaid. ’S thug a bhean sùil air. Bha mi cinnteach gum biodh trod ann nuair a dh’fhàgainn.

title6
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p

parent textAn t-Aonaran
<< please select a word
<< please select a page