TROM-LIGHE.
Tha cuid de dhaoin’ ann aig a bheil e mar chleachdainn a bhi bruidhinn riu fein; no co-dhiù, a bhi ceadachadh d’ am bilean run diomhair an cridhe leigeil ris do na feannagan. Tha muinntir eil’ ann do nach ’eil e soirbh an inntinn a chumail fo ghlais, ach an àite bhi leigeil le gaoth an fhàsaich am barail a chraobh-sgaoileadh, tha iad a’ deanamh cruaidh-ghreim air a’ cheud neach a shaoileas iad a bheir eisdeachd dhaibh, ’s a’ taomadh an sgeoil gun bhrigh ’na chluais, olc air mhaith leis e. Cha ’n ’eil mise, uile gu leir, cho ao-dionach riu so, ach ’s gle thoigh leam seanachas beag a bhi agam ri m’ chù an dràst ’s a rithist; gu sonruichte, ’nuair a thachras dhuinn a bhi leinn fein air leth-taobh bruthaich ’s gun duine ’g ar n-eisdeachd. Is creutair compant’ an duine thaobh naduir, ’s mar sin tha iarrtas aige air a bhi leigeil inntinn r’a cho-chreutair, gu sonruichte, ri caraid dìleas anns am bi lan-earbs’ aige. Ach tha mi m’ barail nach ’eil e furasda do dhuine caraid as dìlse no as earbsaiche fhaotainn na ’n cù. Cha toir fuachd no teas, pathadh no acras air a’ chù a mhaighstir a threigsinn. ’Nuair bhios tu fo laimh trioblaide, co as motha iomaguin mu d’ dhéighinn, no as motha co-fhulangas ri d’ chor na do chù? Cha’n ith e biadh ’s cha’n òl e deoch gus am faic e air do chasan thu. Cha chuir do chù facal a
t’ aghaidh ged nach bi do chainnt, uile gu leir, cho crabhach ’s a dh’ fhaodadh i bhith. ’S ged a thuiteas dhuit, ann ad sheanachas, leum-taoibh a thoirt thar smior na firinn, mar a thachras dhuinn air uairean, cha ’n e do chù a their riut gur h-olc. Faodaidh e, gun teagamh, car beag a chur an cuinnein a shroine mar gu ’m biodh e faotainn fàileadh bragsaidh, ach cha ’n abair e riut, am muigh ’s a mach, gu bheil thu dol tuaitheal air stéidh a’ ghnothaich. Cha mhotha na sin a thig e thairis, ri neach eile, air aon fhacal beag a their thu ris eadaruibh fein; ’s ’nuair a dh’ eireas droch thubaist dhuit, cha ’n abair do chù riut gur ann agad fein a bha choire. Cha ’n ionann sin ’s do d’ charaid ionmhuinn; thig esan le salann an achmhasain, ’ga shuathadh ann ad chreuchdan craiteach, gus am b’ fhearr leat na ni nach abair thu gu’n do ghabh e seachad air an taobh eile, no gu robh e gu comhfhurtachail ann an uchd Abrahàim, a’ gabhail fois o a shaothair aimsireil, no ’n àite sam bith eile ach far am faigheadh e cothrom air a bhi ’g ad fheannadh ’s ’g ad phìosdaireachd le lann mheirgeach a chronachaidh ’s an earalachaidh. Uch! Thoir dhomhsa cuideachd Yarrow, a roghainn air cuideachd a’ charaid sin.
’S e thug dhomh iomradh dheanamh air na nithe so aig an àm, gu robh seanachas beag eadar mi fhein is Yarrow, an la-roimhe, ’s ged nach fhiach an seanachas sin tigh’n thairis air, faodaidh mi cion-fàth a’ ghnothaich ainmeachadh. Beagan laithean roimhe sin, thill caraid dhomh air ais o bhi gabhail a chuairt shamhraidh am measg eileanan boidheach na h-àirde- ’n-iar, agus mar nach do shaodaich am Freasdal e thug e g’am ionnsaidh fhein an aona ghiomach a bu tlachdmhoire
a chunnaic mi idir. Bha mi fior thaingeil do m’ charaid air son a chaoimhneis, agus gle thoilichte ’n giomach fhaicinn, a thaobh gu robh mi eolach gu leòir air a sheorsa ’s na laithean a dh’ fhalbh. Cha deanadh feum le bean-an-tighe ach gu’m biodh an giomach againn gu’r suipeir. Dh’ aontaich mi fhein ri so, ged nach robh mi idir cinnteach gu’m b’e sin an tràth a bu fhreagarraiche air son a leithid de chuirm. Co-dhiù, bhruich is dh’ ith sinn an giomach, ’s air ball ghabh sinn mu thamh; ’s e sin ri radh, ghabh an còrr de ’n teaghlach mu thamh, ach tamh no clos cha do ghabh mise. Cha bu luaithe dhruid mi mo shuil na thòisich mi air bruadar air gach ni a b’ uamhasaiche na chéile, —uair an cunnart a bhi bàite; uair a’ tuiteam bharr bearra nan creag, ’s uair a’ tachairt air fiadh-bheathaichean neoghlan nach ’eil am mac-samhuil ri fhaotainn anns na neamhan shuas, no air an talamh a bhos. Mu dheireadh, shuidhich an gnothach a sios ann an trom-lighe cho dealbhach ’s a chunnaic duine de ’n àl so. Bha mi nis air mo ruagadh gu dian le buidheann de dhaoine dubha, alluidh, nach cuala riamh iomradh air an t-seathamh àithne. Bha fios agam—ach ciamar a fhuair mi fios cha ’n ’eil e ro shoilleir dhomh—gur ann air son an lòn-feasgair a dheanamh dhiom a bha iad cho dian air mo thòir. Tha mi lan-chinnteach gu’n do ruith mi leth-cheud mile dh’ astar feadh cladaich is garbhlaich anns nach b’ urrainn domh mo chasan a ghleidheadh, ’s na h-uilebheistean dubha sin air mo shàil. Mu dheireadh, thilg fear dhiubh ròpa ’s dul air a cheann mu ’m thuaiream. Chaidh an dul sin gu cruinn, cothromach, mu ’m mhuineal, ’s cha robh dol na b’ fhaid’ agam. Duaichnidh ’s mar a bha ’n gnothach, ciod a
thainig am inntinn ach a’ cheist a b’ abhaist duinn fharraid aig suil-fhadaidh na h-àtha air Oidhche-shamhna— “Co sud shios air ceann mo ròpain?” Ach ged a rachadh a’ cheist a chur aig an àm, cha robh de dh’ anail agam-sa na fhreagradh i. Shlaod iad leotha mi air ceann an ròpa gu bun craoibhe bha dluth laimh, ’s iad an run mo chrochadh ri meanglan de’n chraoibh; ach air a’ cheud spadhadh a thug iad air an ròpa, leum mise ’san adhar ’s dhuisg mi, agus gu dearbh bha ’n t-àm agam; mionaid eile dh’ uine ’s bha mi cho crochte ri sgadan dearg. ’Nuair a thainig mi gu’m mhothachadh ceart, an àite gad na croiche bhi mu ’m mhuineal, ’s ann a fhuair mi gairdean na mnatha trasd air ubhal mo sgornain. Thilg mi sud uam ’s thug mi raoic an cluais na mnatha, “an robh i mothachail air ciod a bha i deanamh?” Chlisg i, ’s sheall i ’n àird, ’s ’nuair a chunnaic i ’n coltas tilgte bh’ orm—mo shuilean an impis leum as mo cheann—m’ fhallus a’ sruthadh mu m’ ghruaidhean—m’ fhalt ’na sheasamh cho frionasach ri tom conaisg, ’s mi air chrith cho luath ri duilleig chrithinn, cha mhor nach do leum a’ cridhe as a chochull leis an eagal; shaoil i gu robh mi air aona spruidhleach céille bh’ agam a chall.
“Beannaich sinn,” ars’ ise, “Ciod a tha cearr?”
“Ciod a tha cearr?” arsa mise; “theagamh nach biodh dad cearr leatsa ged a chitheadh tu mi air mo chrochadh, agus sin cho àrd ri Hàman, Mac Hamedata.”
“Bha mise ann am shuain chadail,” ars’ ise.
“Mur am bitheadh,” arsa mise, “cha bhiodh tu cho carthannach.”
An saoil nach d’ thug e tomhas de thoileachas inntinn dhomh gu’n d’ fhuair ise dluth air uidhir eagail rium fhein. Air eagal ’s gu ’n tuitinn am chadal a rithist ’s gu faodainn a bhi air mo chrochadh am muigh ’s a mach mu rachadh agam air dusgadh leum mi air mo bhonn, ghairm mi Yarrow, ’s thug sinn am bruthach oirnn. Ach ged a fhuair mi cuidhte ’s an dul a bha mu’m mhuineal, cha d’ fhuair mi cuidhte de bhuil an eagail. Bha sin an crochadh rium ’s a’ fagail “mo chridhe cho trom ri cloich ann an gleann, nach caraich.” Bha mo shuilean a’ meudachadh ’s a’ cur mì-dhreach air gach ni air an sealladh iad, ’s mo mhisneach air mo threigsinn cho buileach ’s gu robh mi cho sgaoimeach ri each cladhaire. Mar sin cha robh facal maith no dona agam r’a sheachnadh ris a’ chù. Mu dheireadh, thainig sinn gu àit-adhlaic anns a bheil tolman beag uaine as prìseala leamsa na’n còrr de’n chruinne. Shuidh mi sios r’a thaobh, ’s laidh Yarrow air mo chùlaibh. Thug mi greis an sin a’ smaointeachadh mo smaointean fhein, ’nuair a mhothaich mi rud-eigin a’ beantuinn ri m’ ghairdean. Thionndaidh mi, ’s ciod a bha ’n so ach spàg Yarrow. Bha bhrùid bhochd ’na shuidhe ri m’ thaobh; a spàg gu reidh, faicilleach, air mo ghairdean; a dha shuil bhoidheach, lan iomaguin ag amharc am aodann, ’s a’ farraid cho soilleir ’s ged a chuireadh e ann an cainnt e, “Ciod a tha cur trioblaid ort?” Rug mi air spàig air, ’s thuirt mi ris nach robh mor-fheum dhomh fàth mo thrioblaid innseadh dhasan; nach tuigeadh e ged a rachadh innseadh dha, ’s gu’m b’ fhearr dha bhi mar bha e na bhi gabhail pairt ann an giulan trioblaid an duine. “Fhaic thu, a Yarrow,” arsa
mise, “Cha ’n ’eil annads’ ach cù. Cha deach buaidhean inntinn a bhuileachadh ort comasach air gleachd ris na ceistean cruaidh a tha ghnath ’nan saothair anama do ’n duine. Ciod an tuigse th’ agadsa air diomhaireachd beatha agus bàis, tìm agus siorruidheachd, no air na ficheadan cuspair eile air am bi inntinn an duine a’ beachd-smuainteachadh? Rinneadh thus’ ann an staid iosail, ach rinneadh an duine ann an inbhe àird, beagan na b’ isle na na h-ainglean, ’s air dha bhi air fhagail gu saorsa thoile fein, fhuair e ni no dhà a mach nach deach a theagasg dha ’n tùs, gus a bheil e nis mar dhé, fiosrach air maith agus air olc; agus mar sin, a thaobh eolais, na’s àirde na na h-aingil. Am fac thu aingeal riamh, a Yarrow?” Chrath e cheann, ach tha mi saoilsinn gur ann a chrathadh nan cuileag bharr a chluas. “Mata, a Yarrow, na’m bu chuimhne leatsa an té a tha ’na cadal fo’n tolman sin, ’s e sin coimeas as dluithe as urrainn domhsa thoirt dhuit air an aingeal. Ach mar thuirt mi riut cheana, cha ’n ’eil annads’ ach cù, ’s ged a tha thu leigeil ort a bhi geur-bhreithneachadh air na briathran cudthromach a tha tuiteam o m’ bhilean, cha ’n ’eil iad ann ad chluais ach mar fhuaim na gaoithe; mar ni gun fhoidheam. Tha thu tur aineolach air na nithe sin; cha ’n fhios duit cia as a thainig thu, no c’ àite bheil thu dol, no ciod is crioch àraid do dhuine no do bheathach. Ach na cuireadh so mor-churam ort, oir na’m bithinn-sa cho firinneach ’s cho onarach riutsa, dh’ aidichinn duit gu bheil mi fhein anns a’ cheart suidheachadh, ’s tha amharus agam gu bheil mi fhein ’s a’ mhor-chuid de m’ choimhearsnaich air ar tearradh leis an aona pheallan. Thuirt fear àraid mu dhéighinn aineolais
mhuinntir an t-saoghail so a thaobh an crannchuir, rud-eigin mar so:—
Tha ’n saoghal so mar thigh-òsd,
Aig taobh an ròid air son luchd-turuis;
Thig iad thuige gul ’s a’ bron,
Is théid fa-dheoidh a’ bron ’s a tuireadh.
Thig is théid, a dh’ oidhch’ ’s a là,
’S leo cuid an tràth anns an dol seachad;
Thig mar fhaileas, ’s théid mar sgàil,
Mar cheo a’ snamh air aodann leacainn.
’S cruaidh-cheist so o thùs an ré,
’S a liuthad inntinn gheur ’sa ghleachd rith’.
C’ as a thainig? C’ àit an téid?
Cha ’n fhios ’s cha léir do aon de’n fheachd sin.
Tha amharus agam gur ann mar so a tha chùis; ’s a dh’ aindeoin na bheil de dhaoine crabhach a’ dol sios ’s a suas air an talamh, a’ leigeil orra gu bheil iadsan lan-chinnteach air a h-uile ceum de’n turus, gu sonraichte air ar ceann-uidhe mur creid sinn a h-uile facal a their iadsan ruinn, tha mi deanamh dheth nach ’eil tuillidh fiosrachaidh aca mu ’n ghnothach na tha agadsa no agamsa. Tha mi toirt fainear, gu sonraichte, gur e chuid as lugha toinnisg ’s as aineolaiche d’an luchd-leanmhuinn, as diorrasaiche chumas a mach gur ann acasan a mhain a tha iuchair na firinn, ’s gu bheil gach aon a tha dh’ atharrach beachd riu fein air an t-slighe chlì. Ach co a tha air an t-slighe cheart, no co tha air an t-slighe chlì, bhiodh e dàna do dhuine sam bith breith a thabhairt.
Thuirt aon àraid mu dhéighinn na muinntreach dhannarra so rud-eigin mar leanas:—
An saoil sibh ’n ann d’ ur leithid-se de dh’ fhuigheall pòir,
A bhuamastairean leibideach na h-earra-ghlòir,
A dh’ fhoillsich Dia an diomhaireachd a dhiult e dhomhs’?
Seadh, seadh mata; creidibh-se sin mar ris a’ chòrr.
Gu dé so? A choin gun mhodh, gun nàire! An robh thu dol a dheanamh mort agus mo dhà shuil ag amharc ort? Ciod am buaireas a th’ air t’ aire? Mise taomadh rogha ’s tagha na bardachd ann ad chluais leobhair, ghlais, agus thusa dealbh uilc ann ad chridhe, ’s a geurachadh t’ fhiaclan a chur an uilc sin an gniomh! Nach d’ thuirt mi riut, uair is uair, gun thu chur fiacail air creutair beo ach ann ad fhein-dhion, no ’n dion do mhaighstir, no ma thachras dhuibh le chéile bhi dol bàs a dhìth sithinn? Nach d’ thuirt mi riut gu bheil a’ cheart uidhir còir aig a’ chreutair dhiblidh sin air a cuibhrionn fein de’n bheatha sin de bheil an saoghal lan ’s a tha agadsa no agamsa? Nach farsuing an t-achadh air ’ur son le chéile? An creutair neo-lochdach a bha gu saoithreach, dichiollach, a’ solar lòin dhi fein ’s do’n mhuirichinn laig a dh’ fhag i ’m bun an tuim thallad, agus thusa dol a thoirt bàs obann di mar luach saoithreach! O, Yarrow, Yarrow, nach e am peacadh gin a fhuair an droch ghreim ort! Seadh, seadh, tha thu smaointeachadh nach ’eil dhuit ach an spàg sin a thogail as a’ pholl ’s a cur am laimh ’s gu bheil an reite seulaichte. Ach na faiceam-sa leithid sud a rithist? Ma chi; chi thusa duine feargach a’ dannsadh “seann-triubhas,” air a’ chnaimh as àirde dhiot. Gabh mo chomhairle ’s bi iochdmhor ris gach creutair, eadhoin ris an dallaig-fheoir. An cual thu riamh mar a thuirt am bard Sasunnach; ’s gu dearbh, ged a bu Shasunnach e, bu ghrinn a labhair e? Eisd, mata, ’s bho’n a dh’ionnsaich bean-an-tighe dhuit-sa Beurla—ni a dh’ fhairtlich oirre
ionnsachadh dhomhsa—bheir mi dhuit rann an duine laghaich ’na chànain fhein.
Thoir geur aire dha so, oir tha mi ’g radh riut, gu bheil tuillidh de spiorad na diadhachd anns a’ bheagan fhacal so na tha ann an leth-cheud searmoin:—
“He prayeth best who loveth best
All things, both great and small;
For the dear God who loveth us
He made and loveth all. ”
A nis, a Yarrow, biomaid a’ bogadh nan gad. “Tog orm mo phiob is theid sinn dachaidh.” O! tha’n giomach sin ’na shac air beul mo chleibh, no air mo chogais, no’n àit-eigin mu m’ thimchioll, ’s tha e air mo ghruan a chur troimhe chéile, air chor ’s gu bheil leusan dubha tigh’n mu m’ shuilean, a tha cho leathann ri d’ bhroilleach. Ach, O, bha’n giomach maith, ’s b’ ann le deagh-ghean caraid math a fhuair sinn e; ach nach b’ oillteil an gnothach na’n deachaidh mise chrochadh air a thàillibh? Mise air mo chrochadh air son giomaich! Uch! Tiugainn, a Yarrow!
title | Trom-lighe |
internal date | 1907.5 |
display date | a1908 |
publication date | 1910 |
level | |
reference template | MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p |
parent text | Òraidean is sgeulachdan |