[261]

GAISGEACH NA SGEITHE DEIRGE.

Fag mi, tag mi aig an àm so,
Gus an rannsaich mi achùis;
Ciod mas e an tìm a thann leinn
Acheart tìm a bhann o thùs?”

Thadhail mi air duine còir, caraid dhomh, air an oidhche roimhe, ’s fhuair mi e le grunnan de chloinn bhig ma ghlun. Dhfharraid mi dheth ciod a bha e teagasg don chloinn. “Ma ta,” ars esan, “tha an fhaoineis.” “Ud, ud!” arsa mise; “cha chreid mi sin uait ged is tu fein a thaga innseadh.” “Creididh tu mi,” ars esan, “nuair a their mi riut gur e seann sgeulachd a tha mi toirt daibh.” “Theagamh,” arsa mise, “nacheil an sgeulachd cho faoins a tha thu smaointeachadh; gabh air tadhairt, ’s buaidh uirsgeoil dhuit; ’s air son sgeulachd dheth, tha mise cho faoin ris achòrr de dluchd-eisdeachd.” Ghabh e air adhairt leis an sgeul, direach mar gum bu nàr leis sin a dheanamh. Bha mhuinntir òg ag eisdeachd ris an sgeul le geur-aire; suil, beul, is cluas, a reir coltais, ag òl a suas gach aon fhacal a bha tuiteam o bheul an t-seannduine.

Cha burrainn domh gun bhreithneachadh air an ni, agus acheist a mheorachadh: ciod aghne bhuaidh a thanns na seann sgeulachdan sin a thag an cumail a ghnath ùrail? Tha fhios againn gu bheil cuid diubh nas sine na na


[262]

sgriobhaidhean as sine thagainn; ’s ged a tha sin mar sin, thainig iad a nuas troimh na linntean gar n-ionnsaidh le beul-aithris an t-sluaigh. Tha ceart lethbhreac an sgeoil bhig sin, “Murachadh is Meanachadh,” anns anTalmud,” leabhar a tha na h-Iudhaich ameas mar earrann den t-Seann-Tiomnadh; ’s gheibhear sgeulachdan anns na Vedaleabhraichean naomha nan Hindùa bha, reir coltais, air an aithris mar sgeulachdan faoine measg an t-sluaigh, mun dfhuair iad àite anns na leabhraichean sin; ’s tha fhios againn gu bheil na leabhraichean sin nas sine nan Seann-Tiomnadh againne. Ach air sinead an sgeoils air cho trics a chluinnear e air aithris, ’s e ur-sgeul a theirear ris gus an latha-diugh.

Ciod ma tha feartans aChruinne nacheil afas sean le aireamh am bliadhnachan mar tha sinne? Tha fhios againn gu bheil an talamh fein aois mhor; aois cho mors nacheil en comas duinn eadhoin tuaireamas a thoirt oirre, gidheadh, tha na laghannan naduir a thaga chumail suas, ’s a tha riaghladh ordugh na Cruinne, a reir coltais, gun atharrachadh, gun sgàile tionndaidh, on fhuair iad air thùs am bith. Aghrian a tha soillseachadh ar latha-ne shoillsich i farsuingeachd do-thomhas na cruitheachd linntean do-aireamh mun robh an talamh idir ann; ach dhuinnen diugh, tha camhanaich na maidne cho òigeils a bha e air an sin air an do sheinn reulta na maidne cuideachd, ’s air an drinn uile mhic Dhé gairdeachas.

Co-dhiù thà no nacheil na nithean sin ceart mar tha miseg radh, fagaidh sinn air an t-suidheachadh sin fein iad aig an àm, agus bheir sinn suil car tiota air sgeulachd mo


[263]

charaid, dhfheuch an tuig sinn ciod aghne bhunait air an do thogadh i. Faodaidh mi thoirt fainears an àite so, gu bheil gach ni a thig a nuas gar n-ionnsaidh le beul-aithris an t-sluaigh buailteach gu bhi, an tomhas beag no mor, air a thruailleadh; ach mar as bitheanta, gu bheil prìomh stéidh aghnothaich gun a bheag as fhiach de dhatharrachadh. Air an aobhar sin cha bhiodh e chum mor-bhuannachd gach mion-thachartas a thas an sgeul a dhluth-leantuinn, no gach aon lides puinc a sgrudadh a dhfheuchainn ri brigh a tharruing as. Foghnaidh dhuinn aig an àm amharc car seal air na cuspairean as foghaintiche gluasads an sgeul, dhfheuch an teid againn air tuaireamas a thoirt air seadh an giulain.

Tha mhor-chuid de na tha air aithriss na sgeulachdan sin air a chur an cruth cho aibheiseachs gu bheil e coltach gu leòir nach robh e air a chiallachadh leis an sgeulaiche air son gniomh duine no beathaich, ach a mhain a riochdachadh gluasad cuspairean naduir, mar tha grian is gealach, talamh is adhar, gaoth is uisge, oidhches latha, ’s mar sin sios, agus na cuspairean sin air an cur an riochd duine no ainmhidh, direach mar as freagarraiche don phairt a tha iad agabhails an sgeul.

Thuit e mach gur eGaisgeach na Sgéithe Deirgean sgeul a bha mo charaid atoirt don chloinn; aon de na sgeulachdan sin a chuir Iain Caimbeul Ile, a machna leabhar sgeulachd—Popular Tales of the West Highlands.

S ann an Colasa a fhuair an Caimbeulach an sgeul; ach fhuaradh e le duin’ -uasal eile ann an Eilean Eige. Tha beagan eadar-dhealachaidh eadar an dhoigh aithris* ; ach


* FaicCeltic Review,III., 257, 346.


[264]

chaneil sin abuntainn ri brigh an sgeoil; ’s o nacheil mise dol a thoirt seachad ach na fior-chnàmhan loma dheth, direach na bhios buileach feumail air son an ciall a shoilleireachadh, cha ruig mi leas leantuinn dluth ri doigh seach doigh, ach na bhios feumail air son mo ghnothaich a ghabhail as an aon as deise dhiubh.

A reir mo bheachd-sa, buinidhGaisgeach na Sgéithe Deirgedon t-seorsa sgeulachd ris an abrar Sgeulachd-ghreine(Solar-myth) ; ’s e sin ri radh, sgeulachd anns a bheil cuspairean naduir air an cur ann an riochd duine no beathaich, mar as freagarraiche don phairt a tha iad agabhails an sgeul; agus an giulan-san asamhlachadh gluasad nan cuspairean a tha ann am beachd abhaird. Faodaidh na cuspairean sin a bhi de dhiomadh gne, bhon druchd air bharr an fheoir gu grian amheadhon ; agus faodaidh gach cuspair dhiubh dol fo iomadh ainm, direach a reir mar tha ega thaisbeanadh fein do shuil abhaird aig an àm. Chaneil e mar so furasda bhi daonnan cinnteach as an dearbh ni a tham beachd abhaird anns gach ceum da sgeulachd; ach faodaidh sinn buille-mu-thuaiream a thoirt air ciall an sgeoil a tha far comhair; ’s mur dean ar mìneachadh moran maith, theagamh nach dean e bheag de chron.

Than sgeul, matà, afosgladh air latha boidheachs an deireadh Fhoghair, le Righ na h-Eireann, a shloighs a laochraidh, a mhaitheans a mhor-uaislean, anns abheinn shithinn agus sheilg. Shuidh iad air cnocan boidheach uaine far an eireadh grian gu mochs an laidheadh i gu h-anmoch. Bha na coin air lomhainn, ’s na gaisgich air an


[265]

uilinn lan sgios is airsneil. An deigh dhaibh an cuibheas a ghabhail de bhiadhs de dhibh, thuirt an righ gum bait leis fein a nis greis air cantainn nan sgeul los togail cinn is cridhe thoirt daibh. Chaidh an cruitire air ghleus, is chaidh an sgeul air shiubhal mar sin air adhart.

Mas maith mo bheachd-sa, tha Righ na h-Eireann, a shloigh, a laochraidh, a mhaithean, ’s a mhor-uaislean, ariochdachadh na lan-bhliadhna, le a laithean, a seachdainnean, a mìosan, ’s a ràidhean. Bha saothair is othail an Fhoghair seachad; bha na coin air lomhainn; ’s bha na gaisgich a ghiulain uallach is teas an latha a nis fann, sgìth, airsnealach, ’s ag iarraidh air achruitear greis a thoirt air cantainn nan sgeul los togail cinn is cridhe thoirt daibh. ’S e sin ri radh, bha bhliadhna fas fann is aosda; bham Foghar ateannadh gu chrich; bha ghrian acall a neirt; aghaidh naduir acaochladh snuaidh; trusgan na coille ciaradhs atuiteam air falbh; agus anns an adhar spiorad cianalais ag èaladh mun cuairt, acur tromadais air gach ni.

S ann mar so a bhànuair chunnacadh dubhradh froise an iomall achuain atriall on àird-an-iar gus an àird-an ear, agus Marcaiche Fàlaire Duibhe tighinn gu sunndachna dhéigh. Thainig am marcaiche, ’s chuir e failtair an righs air achuideachd; ach mun robh bheag de sheanachas eatorra, bhuail e dorn air an righ eadar am beuls an t-sron; chuir e tri fiaclan as; cheap ena laimh iad; chuir ena phòc iad; ’s dhfhalbh e mar thàinig e, am fuaradh na froise. ’S e sin ri radh, chunnacadh comharra na h-anuair atighinn, agusna dhéigh sin an Geamhradh fein ann


[266]

an riochd Marcaiche Fàlaire Duibhe. Thainig an Geamhradh; chuir e tri ràidhean as abhliadhna, no tri miosan as an Fhogharchaneil e soilleir co aca, —ghabh e mar sin fad-seilbh, ’s ghabh e air a thurus. A reir coltais, ged a bha aimsir gheamhrail air teachd, bha fathast beagan laithean den Fhoghar gun ruith. Ghabh Mac mor an Righ, —Ridir aChuirn, agus a bhràthair, —Ridir aChlaidhimh, cothrom air an dàil so air son bòid a thoirt gu briosg-ghloireach nach itheadh iad biadh, ’s nach òladh iad deoch, ’s nach eisdeadh iad ceol, gus an tugadh iad aichmheil a mach air son na tamailt a thug am marcaiche don righ.

Tha e coltach gu bheil Mac Mor an Righ, —Ridir aChuirn, —an so ariochdachadh cinneas, no toradh na bliadhna, ’s gur ann air Corn-a’ -phailteis(Cornucopia)a tha e air a shloinneadh. Tha fhios againn gu robh Ban-dia an Aitich aig na Greugaich(Demeter) ,agus Ceres nan Romanach, air an dealbhadh le Corn-a’ -phailteisn an laimh. Bha Iupiter mar an ceudna air a nochdadh le Corn-a’ -phailteis, —adharc na gaibhre a thug bainne dha. Chaidh an adharc so dheanamhna h-aon de chomharran aChrios-ghreine(Zodiac) ,agus aghrian a bhig innteart achomharra so(Capricornus)aig an àm so den bhliadhna, tha e deanamh an ni nas coltaiche gur ann o Chorn-a’ -phailteis a thug Ridir aChuirn a thiodal. Mac eilan righ, Ridir aChlaidhimh, —faodaidh esan a bhi riochdachadh àm tional an toraidh, no àm na buana. Chaneil de dhfheum airs an sgeul ach a bhi bagradh, an dràsts arithist, an ceann a sgathadh de Mhac an Earraidh Uaine.

Bha fear eiles a chuideachd nuair a bhòidich mhac


[267]

an righ gun dioladh iad air amharcaiche an dorn a bhuail e air an athair. Be so Mac an Earraidh Uaine ri Gaisge, no reir na doigh aithris eile, Mac Cochaill Uaine ri Gaisge. Bhòidich esan mar aon de chàch nach itheadh e biadh, ’s nach òladh e deoch, ’s nach eisdeadh e ceol, gus an dthugadh e as aghaisgeach a bhuail an dorn air an righ an cridhe smaointich sin a dheanamh. Ach rinn mhac an rightàir agus tailceisair, ’s cha leigeadh iadnan cuideachd e, ach dhfhalbhadh esan ge boil leo. Dhfheuch iad seol no dhà air a chumail air ais; ach a dhaindeoin gach ni a dhfheuch iad bha esangan leantainn. Mu dheireadh, dhaontaich iad a leigeil leotha, gun fhios nach fhaodadh e bhi feumail dhaibh fathast; ’s mar sin rainig iad le chéile taobh na mara.

S e mo bheachd gu bheil againn ann am Mac an Earraidh Uaine, no Chochaill Uaine, an t-Earrach aleantainn aGheamhraidh fad as. Cha do dhearbh e fathast a ghaisge; ach tha e air a thurus a chum na faiche am faigh e cothrom air sin a dheanamh. Chaneil meas aig Mic an righ air aig an àm; ach chi sinn, mun dealaich sinn, ris, gur e fein Treun-laoch an sgeoil. Than t-ainm Mac an Earraidh Uaine, no Chochaill Uaine(green habit or mantle)gle fhreagarrach dha; oirs en t-Earrach a sgeadaicheas le trusgan uaine gach sliabh is srath, machair is coill.

Now in her green mantle blyth nature arrays, ”

arsa Raibeart Burns, ’s an t-àm so bhliadhnana bheachd, no mar thuirt ar fear-duthcha fein,

Bidh gach doire dluth, uaigneach,
S trusgan uainuimpe fas.”


[268]

Faodaidh sinn, mar sin, a bhi lan-earbsach gur ann ris an Earrach fein a tha ar gnothach.

Nuair a rainig Mic an righ agus Mac an Earraidh Uaine taobh na Mara, thachair Gruagach nan Cumha orra. [Cha ’neil iomradh air Gruagach nan Cumha an leabhar aChaimbeulaich. ] Thuirt iad ris aGhruagaich gum bu mhiann leo an t-aiseag fhaotainn. “Cha bhi chion oirbh,” ars esan, “ ’s leamsan long as fearr a chuireas tonnna déigh.” Chuir iad a mach an Iubhrach Bhallach; “thug iad a toiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr,” ’s dhfhalbh iad.

Tha e air innseadh dhuinn an so gum buineadh an longan Iubhrach Bhallachdo Ghruagach nan Cumha. A nis, tha fhios againn far a bheil luingeis air an ainmeachadhs na sgeulachdan so, —luingeis nach iarr stiùir, no ràmh, no taoman, ’s a theid direach an taobh a chuirear an aghaidhgur iad na neoil a tha air an ciallachadh. Tha e soilleir dhuinn aig acheart àm, an uachdaranachd a thaig aghaoith air na neoil; cho umhals a theid iad an taobh a chuireas i an aghaidh, ’s a sheolas iad luath no mall an co-sheasamh ra h-ordugh. Tha ghaoth dol fo iomadh ainms na sgeulachdan so, maith dhfhaoidte fo dhà no thri ainmean anns an aon sgeulachd, direach mar a tha i ciuin no garg, tlàth no fuaraidh. Chi sinn sin anns an sgeul Ghreugach anns a bheil aghaoth chubhraidh Chéit adol fon ainm Pan, agus agharg ghaoth tuath fon ainm Boreas. Anns an sgeul so bha Pan asuiridh air Pitys (achraobh ghiubhais). Rinn Pan ceol binn do Phitys; ’s thaitinn an ceol rithe cho maiths gun do thog i co-sheirm leis. Chunnaic Boreas


[269]

ciod a bha dol air adhairt, ’s dhfhas e eudmhor. Mu dheireadh, las fhearg, ’s thainig ena dhian-chorruich, ’s thilg e Pitys bharr bearradh na creige. Faodar a bhi cinnteachnuair thainig Pan an rathad a rithists a chunnaic e cor a leannain gun drinn e tuireadh air a son; co-dhiù, bhiodh a cheol aig an àm as eugmhais co-sheirm Phitys. Ach ciod sam bith acheart ni a bham bard aciallachadh le Gruagach nan Cumha, tha e coltach gu leòir gur i ghaoth is bonn-stéidh dha, oir ciod sam bith ainm fon teid am fear-ciuils an sgeulachd, ’s i ghaoth as mathair-aobhair da cheol. Maith a dhfhaoidte nach robh Ghruagach ach acumha na h-aimsir a chaidh ceachad; aimsir anns an robh machair fo bharrs coill fo dhuilleach, adeanamh co-sheirm ra cheol; tha cho-sheirm sin a nis a dhìth, ’s tha gaoth chaoin an apachaidh air tionndadh gu gaoth ànrach an deireadh Fhoghair.

Chunnaic sinn Mhac an righ agus Mac an Earraidh Uaine air bord na h-Iubhraich Bhallaich, “ ’s soirbheas beag, laghach aca, mar a thaghadh iad fhein, a bheireadh fraoch á beinn, duilleach á coill, ’s seileach òg as a fhreumhaichean, ’s a chuireadh tugha nan tighean an claisean nan iomairean.” Foghnaidh a radh gun drainig iad Eilean na Fiacais an ceann seachd laithean na seachdainn; ach bha cearcall teine mun cuairt air an eilean. Dhfheuch Ridir aChuirn agus Ridir aChlaidhimh ri dol troimhn teine, ach dhfhairtlich orra sin a dheanamh. “Chaidh Mac an Earraidh Uainena threallaichean-catha agus cruaidh-chomhraig, agus leum e o bharraibh a shleagh gu barraibh òrdag thar na teine. . . . Bhan sin an aon eilean a bu


[270]

bhoidhche chunnacadh o thùs an domhain gu deireadh na dìlinn.”

Faodaidh mi thoirt fainear an so, gu bheil am bard gu tric, anns na sgeulachdan so, agnathachadh modh-labhairt a tha gun mhoran brigh ann fein, ach a tha iomchuidh a chum snas agus àrdachadh a thoirt da chainnt, ’s a bhi co-fhreagarrach do ghluasad an sgeoil. Saoilidh mi gu bheil cuid den mhodh-labhairt so anns achunntas a tha e toirt duinn air turus-cuain nan gaisgeach, ’s gu faodar, mar sin, brigh an iomlain dheth a chur am fior-bheagan fhacal. ’S e sin gu robh àm na buana agus àm tional an toraidh, mar-ris na beagan laithean a bha gun ruith den Fhoghar, adol a mach air neoil bhallach, ghruamach an deireadh Fhoghair. Bha Mac an Earraidh Uainen an cuideachd, ’s ged a bha àm-san fathast gun teachd, agus an àm-san air dol seachad, chaneil singa dheanamh -fhreagarrach dhasan an t-aiseag a ghabhail leo, oir tha ghrian, a tha riaghladh amannan na bliadhna, agleidheadh air a cùrsa, gun éis, gun mhairneal; ’s am feadh a tha i toirt cùl ri aon àm, tha i toirt àm eilair aghaidh.

Nuair rainig na gaisgich Eilean na Fiacais, bha cearcall teine mun eilean sin. Than cearcall teine gle chumantasna sgeulachdan so; ’s tha e coltach gur en crios teine a tha ghrian acur mun talamhna cuairt bhliadhnail a bhan tùs air a chiallachadh leis, ach thainig e gu bhi air a ghnathachadh an seadh no dhà; ach saoilidh mi gur e bham beachd abhairds an earrainn so, an Aimsir a rinn ena h-aon de phrìomh-chuspairean a sgeoil, ’s a bha aig an àm fo thainistireachd chruaidh aGheamhraidh, a chomh-



[271]

arrachadh a mach air mhodh sonraichte; ’s bhan riomball teine acumail a mach gach cuspair ach esan a mhain aig an robh còir air faotainn a stigh. Be sin aig an àm an t-Earrach, a thainig a chumail cogaidh ris aGheamhradh. Chi sinn amhac samhuil so anns an sgeulachd Lochlannaich anns a bheil Odin acur seun cadail air Brynhild, ’s acur cearcall teine mu timchioll; ’s nach gabh i dusgadh ach leis achuraidh dam burrainn dol troimhn teine ga h-ionnsaidh.

Nuair a thog Mac an Earraidh Uaine mach ri aodann an eilein, be cheud ni a thachair air Oglach Mor, ’s ena shuain chadail, le cheann air glun Ailleagan nam Ban, —non Ionmhuinn Mhnatha, mar a tha en leabhar aChaimbeulaich. ’S e so an riochds an do chuir am bard an taobh marbhanta sin den Gheamhradh anns an teich fiadh-chreutairean dan garaidhean air son didein on fhuachd; ’s anns am paisg achoill a clarsach rioghail bhon a sgap an doireann a Coisir-chiuil; ’s na sruthain a bha ri borbhan ceolmhor an chòrr den bhliadhna nis air an tuchadhs air an tachdadh le reothadhs le sneachd gus nach cluinnear fuaim an guth. Gach ni mar so ann an staid turra-chadail, ’s agabhail dreach duaichnidh na h-Aimsire. ’S en t-Oglach Mor, matà, an Geamhradh, le cheann an uchd an Earraich; Samson le cheann an uchd Delilah.

Than t-Earrach atighn a stigh mar an leomhann; ach ged a tha ghiulan garg an toiseach, tha taobh eilair a theisteas; an taobh sin a tha tlusail. tlàth, bàigheil do dhuines do bheathach, ’s a tha toirt



[272]

Air an t-snodhach bhi direadh
As gach friamhach as ìsle
Troimh na cuisleannan snìomhain,
Gu mìodalach blàth.”

Tha fhios againn gu bheil na cuspairean naduir ris a bheil gnothach abhairdg an nochdadh fein fo iomadh dreach, ’s gu bheil e mar sin feumail don bhard gach atharrachadh dreach air achuspair a chur an atharrachadh riochdna sgeulachd. ’S e so an t-aobhar gu bheil thaobh an Earraich air an toirt duinn an so, aghaidh ri aghaidh, ann an riochd Mac an Earraidh Uaine agus Ailleagan nam Ban. Chi sinn acheart ni ann an sgeulachdan na Gréige agus na Roimhe, mar a than sgeul mu Helios (aghrian) a bhin gaol air Eos (camhanaich na maidne); achnuair a sheall Helios le mor-ghradh air Eos, theich Eos. ’S e sin ri radh, thuit aghrian an gaol air camhanaich na maidne, —am faileas a bha i fein atilgeadh air aghaidh na speur, —achnuair a dheirich i os cionn cuairt na speurs a sheall i le mor-speis air an fhaileas, theich am faileas. Tha lethbhreac eilen sgeoil so air aithris mu Apollos mu Aurora. ’Nuair a theann Apollo ri Aurora phogadh, fhuair Aurora bàs. Chi sinn gu bheil gach caochladh dreach a tha tighn thar aGheamhraidh air an laimhseachadh leis abhard air amhodh cheudna.

Ciod as dusgadh don òglach?” dhfharraid Mac an Earraidh Uaine den Ionmhuinn Mhnatha. “Thà,” ars ise, “rud nach dean thusa, no aona ghaisgeach anns an domhan mhor, ach Gaisgeach na Sgéithe Deirge, dan robh es an tairgneachd tighn don eilean so agus an carragh-cloichud


[273]

thall a bhualadh air an duine so ann an carraig an uchd. Chaidh an Gaisgeach air thapadh, ’s thog e an carragh-cloichena dhà laimh, ’s bhuail e air an Oglach Mhor e ann an carraig an uchd, ’s dhuisg sin e. Tha so adaingneachadh an ni a thuirt mi cheana nach robh e comasach gu faigheadh gaisgeach sam bith eile an taobh a stigh den chearcall theine ach esan a mhain dam bu dleasnas a bhi ann aig an àm. Be sin Mac an Earraidh Uaine a bha pearsachadh an Earraich. Thainig esan mar a bha es an tairgneachd, ’s bhuail en carragh-cloiche air an Oglach Mhor an carraig an uchd. Am briathran eile, thainig an t-Earrach mun cuairt mar a bha e suidhichtan cùrsa naduir gun tigeadh e, ’s rinn e ni nach burrainn séasan eile dheanamhan talamh a dhusgadh á cadal aGheamhraidh.

Ma sheallas sinn air an doigh dhusgaidh so, chi sinn gu bheil e cho nadurra ris achòrr. Tha fhios againn nuair a thionndas uisge gu eigh, gu bheil a thomad moran nas motha na bha ena uisge. ’Nuair a reothas, mar sin, an t-uisge tha faotainn aite-taimh am measg chòsan nan creag, tha eg at na h-uidhirs gu bheil e gu tric asgàineadh a mach roinn den chreig; ach fhads a mhaireas an reothadh, than eigh agleidheadh cruaidh-ghreim air an earrainn a chaidh a bhruchdadh a mach á aodann na creige, gus an tig aiteamh an Earraich; ’s ann an sin a tha Mac an Earraidh Uaine afuasgladh greim na h-eighe, ’s aleigeil leis acharragh-chloiche tuiteam air uchd an fhearainn a tha fathast an trom-chadal aGheamhraidh.

S e so a thug acheud mhosgladh air an taobh mharbhanta so den Gheamhradh, ’s a rinn e mothachail air a


[274]

chùis gu robh an t-Earrach gu deimhin air teachd, mar a bhas an fhàisneachd gun tigeadh e. ’Nar latha-ne cha ghabhadh e moran de spiorad na fàisneachd a chur an céill roimh-laimh gun tigeadh an t-Earrach mun cuairtna àm, ach, a reir coltais, cha robh iad idir cho cinnteachs na linntean a dhfhalbh. Tha sinn aleughadh anns na Veda nan ceistean iomaguineach a bhidhteadh afarraid mu àm laidhe na greine,— “an eirich aghrian a rìs? ’’ “An tig ar seana charaid, camhanaich na maidne, air ais?” “Am bi cumhachdan an dorchadais air an ciosnachadh le dia an t-soluis?” ’S an uair a dheireadh aghrian, bhàtar acur failtoirre le iolach ghairdeachais. ’N ar Bìobull fein, tha sinn aleughadh mu na mnathan Iudhach a bhi guls acaoidh air son Thamuis; ’s e sinnuair a bhan dia sin air a chuairt gheamhraidh, ’s gun iad cinnteach, a reir coltais, co-dhiù thilleadh no nach tilleadh e.

Nuair a bhuail Mac an Earraidh Uaine an carragh-cloiche air an Oglach Mhor an carraig an uchd, thug am fear sin blaomadh air a dhà shuils dhamhairc e air. “Aha!” ars am fear a bhana chadal, “an dthainig thu, Ghaisgich na Sgéithe Deirge? ’s ann an diugh a than t-ainm air a thoirt ort.” Tha sinn afaicinn le so, gur gann a bha Mac an Earraidh Uainen taobh a stigh den chearcall theinenuair a thugadh ainm eilair. Tha so adaingneachadh an ni a thuirt mi cheana, gu faod cuspairean an sgeoil dol fo iomadh ainm a reir na pairt a tha iad acluichs an sgeul. Than t-Earrach air tighn ga sheilbh fein; ’s tha e mar sin feumail tiodal ùr a thoirt . ’S ann air aghrein a bha e air a shloinneadh; air an sgéith dheirg sin on robh e


[275]

tarruing a neirt; aghrian a bhan suilean Oisein, cruinn mar sgiath a shinnsear. Tha sinn afaicinn mar an ceudna, gu bheil am bard acomharrachadh a mach gu sonraichte acheart latha air an dthugadh an t-ainm air aghaisgeach: “ ’s ann an diugh a than t-ainm ort,” arsan t-Oglach Mor ris. Thaan diugh,” saoilidh mi, aciallachadh an latha air a bheil aghrian a tighn thar an roinn sin da cùrsa ris an abrar an equinox; ’s e sin air an t-aona-la-fichead den mhìos Mhàrt, ’nuair a than lathas an oidhche cho-fhada. Tha, mar sin, Mac an Earraidh Uaine tighn thar achearcaill theine, agus a ghrian atighn thar an equator aig an aon àm.

Mar a leadair Gaisgeach na Sgéithe Deirges an t-Oglach Mor a chéile; mar a thug an Gaisgeach an ceann den Oglach; mar a fhuair e tri fiaclan an righ, mar shaoil leis, ann am pòcan Oglaich, ’s mar a thill e thun achladaich, atoirt leis Ailleagan nan Ban, non Ionmhuinn Mhnatha, chi sinn sin uilesan sgeulachd mar a tha i air a h-aithris an leabhar aChaimbeulaich a dhainmich mi cheana.

Nuair rainig Gaisgeach na Sgéithe Deirgen cladach, thainig Ridir aChuirn agus Ridir aChlaidhimhna chòdhail le boil is buaireasn an suilean, ’s afarraid co e an gaisgeach mor a bha tighnna dhéighs a thillnuair a chunnaic en leithid-san de dhà ghaisgeach a tighnna choinneamh. Cha bfhios do Ghaisgeach na Sgéithe Deirge co an gaisgeach a bhann, ach dhiarr e orra curam a ghabhail don Ionmhuinn Mhnathas do fhiaclan an athar, ’s gun tilleadh esans nach fagadh e fuigheall sgeoil anns an eilean.

Thill e, ’s sheall e sioss a suas; ach cha robh duine no


[276]

beathach ra fhaicinn an àit ìseal no àrd. Mu dheireadh chunnaic e seana chaisteal an iochdar an eilein, ’s ghabh e ga ionnsaidh. Chunnaic e tri òganaich atighn gu trom, airsnealach, sgìth, thun achaisteil. Thainig iad am briathran seanachais air a chéile; ’s co bhan so ach a thriuir dhearbh-chomhaltan. Chaith iad an oidhchan deagh thoilinntinn, achs amhadainn, ciod a chual an Gaisgeach ach gliogarsaich arm, ’s daoine doln an éideadh. Co bhan so ach a chomhaltan? Dhfharraid e càit an robh iad adol. “Tha sinnes an eilean so o chionn lathas bliadhna,” arsiadsan, “acumail cogaidh ri Mac Dorcha Mac Doilleirs ra shluagh; ’s a h-uile h-aon a mharbhas sinn an diugh bidh e beo am maireach.” “Theid mise leibh an diugh, ’s theagamh nach misde sibh mi,” arsesan. “Tha gheasan oirnn,” arsiadsan, “nach fhaod duine dhol gar cuideachadh mur an teid e ann leis fhein.” “Fanaibh-se stigh an diughs theid mise mach leam fhein,” arsesan.

Thog e air, ’s dhamais MacDorcha MacDoilleirs a thri mic dheug air, ’s cha dfhag e ceann air coluinn aca; ach bha e fein air a mhilleadhs air a reubadh cho mors nach burrainn dan àraich fhagail, ’s cha drinn e ach e fein a leigeilna laidhe am measg nam marbh. Bha tràigh mhor gu h-ìseal foidhe, ’s ciod a chunnaic e tighn air tìr air meadhon na tràghadh ach cailleach mhor fhiaclach nach facas riamh a leithid. Ghabh in àird thun na h-àraich, ’s thòisich i air ath-bheothachadh nam marbh. Thainig i far an robh esan, ’s chuir i a meurna bheul, agus sgath esan am meur dhith on alt. Bhuail i buille de bharr a coise air, ’s thilg i thar seachd iomairean e. Chrom in sin air fear eile, chum


[277]

ath-bheothachadh; ach thilg an gaisgeach an t-sleagh ghearr a bhaig a mac fein ma tuaiream, ’s chuir sin an ceann dith. Mhothaich en so a thriuir dhearbh-chomhaltanga shireadh feadh na h-àraich. “Tha misen so,” ars esan, “ ’s fuil is feoil is féithean air an dochann.” “Nam biodh againnen stòpan ìocshlaint a thaig achaillich mhoir, mathair MhicDorcha MhicDoilleir, cha bfhada bhiomaidg ad leigheas,” arsiadsan. “Tha i fhein marbh shuas an sin; ’s chaneil ni aice nach fhaod sibh fhaotainn,” arsesan. Thug iad a nuas an stòpan ìocshlaint, ’s nigh is dhfhailc iad a chreuchdan leis an rud a bhas an stòp, ’s dheirich e suas cho slan, fallans a bha e riamh.

Anns an earrainn so, tham bard acur far comhair taobh eile den Gheamhradh; an taobh dorcha, doilleir sin air a bheil sinn gle eolach. Than cogadh a tha MacDorcha MacDoilleirs a shluagh acumail ris an triuir chomhaltan, asamhlachadh na gne thuasaid a tha, reir coltais, adol air a h-aghaidh gun stad eadar cumhachdan an t-soluis agus cumhachdan an dorchadais. Ged a tha ghrian aig an àm air taobh eilen t-saoghail, tha i deanamh a cumhachd aithnichte an tomhas àraidh air an taobh so. Than cumhachd so air a phearsachadh leis an triuir chomhaltan. Tha tri mic dheug Mhic Dorcha Mhic Doilleir ariochdachadh nan tri seachduinean deug a tha deanamh suas ràidh aGheamhraidh. Tha achailleach mhor fhiaclach aseasamh air son gach gaillinn is cranndaidheachd a tha tighinn an lorg agheamhraidh, ’s an aghaidh a bheil na comhaltan acathachadh. Theagamh gur i so acheart chailleach a bha strì ris an fheur a chumail fo chois; ’s an uair a dhfhairtlich oirre


[278]

sin a dheanamh, a thilg uaipen slacan druidheachd ag radh

Dhfhag e shios mis dhfhag e shuas mi,
Dhfhag e eadar mo dhà chluais mi;
Dhfhag e thall mis dhfhag e bhos mi,
Dhfhag e eadar mo dhà chois mi.”

Riamh on thainig an duine gu staid creutair reusanta, tha e cur mor-earbsa am buaidhean cungaidhean leighis; ach anns na sgeulachdan so tha sinn afaicinn gu bheil na buaidhean sin air an aibhiseachadh cho mors gu faodar a bhi cinnteach gur ni eigin eile a tha air a chiallachadh. Ciod aghne ìocshlaint a bhas an stòp chaneil am bard acur an céill; ach tha amharus agam nach robh ann ach anail reota na gaoith-tuath a bhag ath-chruadhachadhs an oidhche na thaisich fann-ghath na greines an latha. Ann an lamhan nan comhaltan bhan ìocshlaint cho eifeachdach a chum creuchdan caraid a shlanachadhs a bha in lamhan na cailliche a chum namhaid ath-bheothachadh.

Bha aon chath eile aig Gaisgeach na Sgéithe Deirge ra chur mun do chriochnaich e gu buileach an obair a chaidh a shonruchadh dha, agus be sin comhrag a chumail ri Macaomh Mor Mhacaomh an Domhain. Thachair iad air a chéile, ’s mu robh a bheag de sheanachas eatorra

Bhuail iad air a chéile shadadh,”

mar a tha e air innseadh dhuinns an sgeulachd.

Mar a chunnaic sinn, than sgeul afosgladh leis aGheamhradh atighn a stigh an riochd Marcaiche Fàlaire Duibhe a thug tamailt don righ; agus tha gluasad an sgeoil gu h-iomlan ationndadh air an tòir a tha as deigh a


[279]

Mharcaiche. Tha sinn a nisga fhaicinn ann an cùil chumhainn, ’s Gaisgeach na Sgéithe Deirge cumail gleachd is cruaidh-chomhrag ris. Chaidh an latha leis aGhaisgeach mar a bha nadurra gu rachadh. Thug en ceann de Mhacaomh Mor; fhuair e tri fiaclan an righna phòcas thug e leis iad.

S e Macaomh Mor Mhacaomh an Domhain an t-ainm a fhuair sinn air aMharcaiche. Tha amharus agam nacheil an t-ainm uile gu leir ceart; ach tha miseg a thoirt seachad mar a fhuair mi e. ’S e mo bharail gu bheil Macaomh Mor Mhacaomh an Domhain asamhlachadh suim an iomlain de dheanadais a Gheamhraidh; agus, a reir coltais, lean e ris amhor-chuid da uachdranachd gus an robh e dluth air deireadh an Earraich, ni a tha gle chumantas na cearnan son ar latha fein.

Cha luaithe thug Gaisgeach na Sgéithe Deirge an ceann de Mhacaomh Mor na chaidh e dhionnsaidh a chomhaltan, ’s thuirt e riu seol a dheanamh dha air an eilean fhagail. Thuirt iad ris nach robh de sheol iomchair acasan leis a faodadh en t-eilean fhagail ach coite bheag a bhaig a mhuimes aig oide, ’s gum be lan a bheatha a toirt leis; nach iarradh i seol no stiuir ach rùn a chridhe fein; ’s gun tilleadh i dhachaidh leatha fhein mar a thilleas an fhaoileann do chladach a h-eolais. A reir na doigh-aithris Cholasaich, thug iad dha tri calamain a chumail àirdeachd ris air an rathad. Chuir e mach achoites cha do rinn i tàmh no clos gus an deach i air tir an Eirinn. Air fagail na h-eitheir dha, leig e air falbh na calamain, ach bu duilich leis sin a dheanamh a thaobh cho binns a bhan ceol aca.


[280]

Chaneil iomradh air na calamains an doigh-aithris Eigich.

Tha sinn afaicinn an so an Earraich, ann an riochd Gaisgeach na Sgéithe Deirge, leobair criochnaichte, agabhail a thuruis air neoil chléiteach, shoilleir amhìos Mhàigh, ’s gaoth chubhraidh Chéit mar cheol binnna chluais; direach mar a chunnaic sinn e an riochd Mac an Earraidh Uaine, no Chochaill Uaine, agluasad an déigh aGheamhraidh air neoil bhallach, ghruamach an deireadh Fhoghair. Faodar a bhi cinnteach gur i ghaoth a bha cumail àirdeachd ris, ’s aig acheart àm atoirt ciuil dha; co-dhiù dhainmichear am fear-ciuil Orpheus no Apollo; Hermes no Amphion; no, mar a thagainn an so, tri calamain nan Comhaltan— ’s i ghaoth a thair a chiallachadh.

Nuair a fhuair Gaisgeach na Sgéithe Deirge air tir an Eirinn, ghabh e lorg na lacha suas on chladach. Co a thachair air ach Gruagach nan Cumha? Dhinnis e don Ghruagaich gach ni mar a thachair, ’s dhfhalbh iad le chéile gu Caisteal an righ, ’s ma bhan rathad buan, bu bhuaine na sin ceolagraich Ghruagaich nan Cumha. Fhuair iad an righ an trom-thrioblaid le coireannan a dhithis Mhac, Ridir aChuirn agus Ridir aChlaidhimh. Bha iadsan, bhon a thill iad dhachaidh, astrì ri tri fiaclan seann eich a sparradh an ceann an righ an àite nan tri fiacal a chuir Marcaiche na Fàlaire Duibhe as. Lion Gaisgeach na Sgéithe Deirge cupan lan fiona, ’s chuir e na tri fiaclan a thug e á pòca Mhacaoimh Mhoirs achupan, ’s dhiarr e air an righ am fion òl. Rinn an righ sin, ’s chaidh na fiaclannan àite fein gu socair, samhach; gun nimh, gun doruinn. Dhordaich an righ, air ball, bearradh eoin agus amadain a



[281]

dheanamh air Ridir aChuirns air Ridir aChlaidhimh, ’s an sguabadh a mach as abhaile. “Na biodh achùis mar sin idir,” arsa Gruagach nan Cumha, “ach thoir dhomhsa do dhà Mhac; ’s cha chuirinn mo gheall nach faod iad seasamh air cnoc àrd fathast.” Dhaontaich an righ leis a so. Phòs Gaisgeach na Sgéithe Deirge agus Ailleagan nam Ban mar a bha e nadurra dhaibh sin a dheanamh. Tha so acur a h-uile gnothaich ceart. Tha bhliadhna slan aon uair eile. Tha thaobh an Earraich air tighinn ri chéile. Tha Mic an righ an dùil ri seasamh air cnoc àrd fathast, ’s gun teagamh ni iad sin. Thig an latha-san mun cuairt a cheart cho cinnteachs a thig àm curachd agus buana.

S eigin stad; cha cheadaich Deasaichen Review dhomh dol nas fhaidaig an àm. Tha mi mothachail air achùis, nach do shoirbhich leam mo mhìneachadh a dheanamh cho soilleirs a bu mhaith leam; ach a chum sin a dheanamh bhiodh e feumail eisimpleirean a thoirt seachad bho sgeulachdan aithnichte a mhìnichs a leudaich daoine foghluimte; ach chaneil cothrom air sin a dheanamh aig an àm. Theagamh gu foghainn na thubhairt mi a chum na slighe chomharrachadh a mach air a bheil seadh nan sgeulachdan so ra fhaotainn; ’s e sin ri radh, gur e gluasad chuspairean naduir a tha air a riochdachadh annta, ’s nach e deanadas duine no beathaich. Mar sin tuigidh sinn ciod as ciall do na h-euchdan do-chreidsinn a tha gaisgich an sgeoil acur an gniomh. Tuigidh sinn gur en reothadh am Famhair mor a chuireas drochaid thar na h-aibhne ann an aon oidhche; gur i ghaoth tuath an Curaidh feargach a


[282]

spion achraobh ghiubhais á bun, ’s a thilg i bharr bearradh na creige; ’s gur i ghrian aChlach-mhuilinn a tha Sisyphus, gach aon latha, arolladh o bhonn gu mullach na beinne, ’s nach luaithe ruigeas i am mullach na tha i rolladh le leathad air an taobh eile; agus mar sins an sgeul a tha far comhair, gur e Cùrsa na Greine agus Deanadas na h-Aimsire ràidhean aGheamhraidh agus an Earraich a tha air an riochdachadh le Treun-laoich an sgeoil.

titleGaisgeach na Sgéithe Deirge
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page