[135]

AN CU.

Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,” chaneil mi gun chù. Bho chionn beagan bhliadhnachan, chuir caraid dhomh cu-chaorach am ionnsaidh. Cha robh feum fon ghréin agamsair , ach ghléidh mim fear so; gun fhios nach fhaodadh am Freasdal fhaicinn iomchuidh grunnan chaorach a chur am rathad, bhon a bha nis an deas agam air an son. Ach tha mise fathast

Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich gheala,”

s tha mar sin an bochd as eugmhais na gnè oibre sin a tha nadurra dha. Tha e, gu dearbh, toileach gu leòir gu obair a dheanamh nam biodh achungaidh aige. Ach gu mi-fhortanach an obair a ni e air uairean, bfhearr i bhi gun deanamh.

Tha dhà no tri chearcan aig bana-choimhearsnach dhuinn, ’s ged tha iad glé mhiadhail aice fein, gu dearbh, chan fhaod mi ràdh gu bheil moran ciataich agamsa de na ceart chreutairean. Rug dhiu ubh an la-roimhe, ’s gu dearbh cha do chum i sin an uaigneas oirnn. Mach o nach do bhodhair i sinn le a goganaich. Ged a bubh òir a bhiodh ann, cha burrainn di tuillidh a ràdh mu dhéighinn. Dhfhàs mi, mu dheireadh, cho searbh da gogail, ’s gun do leig mi facal cabhagach troimh mfhiaclan an lathair Yarrow( ’s e sin ainm achoin), ’s mar gun leigteadh saighead á bogha, bha e mach air an dorus-chùil, agus mun damais misair mo chorragan a chur am bheul, a dheanamh na fead-ghlaice sin


[136]

a dhionnsaich mo sheanair dhomh, bha amhach na circe sgarte bho a colluinn. Chuir sin stad air a goganaich; ach ma chuir, bha amhach eilann nach robh cho soirbh a curna tosd. Bi sin amhach na ban-Eirionnaich dam buineadh achearc. Thainig i, ’s fada-cruaidh air a bathais, ’s a teanga cho geur ris an ealtuinn. Theich mi fein as an rathadnuair a chunnaic mi tighinn i, ’s dhfhag mi bean-an-tighe a réiteach aghnothaich mar a bfhearr a dhfhaodadh i. Tha mo bheurla-sa maith gu leòir a stuigeadh nan con, ’s a dheanamh gnothaichean beaga timchioll an tighe; ach nuair thig e gu trods gu h-iorguill, chaneil feum sam bith oirre. Bheireadh e gàirair seann each a bhig eisdeachd ris na mnathan; ach, mo chreach! cha baobhar ghàire na bha bhan-Eirionnach acur an eiric na circe. Sin agaibh eisimpleir bheag den ni a tha mi ciallachadh leis an obair a bfhearr a bhi gun deanamh.

Bho chionn beagan ùine, chuir duinuasal ann an Glascho fios thugam Oran-gaoil a dheanamh, ’s a chur thuige gun dàil. Bha toil mhor agam comain a chur air an duin’ -uasal, ach bha cho fhadon a bha misann an gaols nach robh cuimhnagam air a bheag mu dhéighinn. Bha e cheart cho soirbh dhomh rannan a dheanamh air an triogh, no air aghriobhaich, no turainn sam bith eile thachair dhomh ghabhail ann an laithean moige. Coma co-dhiù, thug mi oidheirp bhearraideach air beagan fhacal a chur ra chéile. Thagh min t-ainm a bu fhreagarraiche leam á measg mo sheann leannan, ’s be sin Iseabal. Bha cuimhne glé mhaith agam air Iseabal bhochd. Bhacridhe cho glan ri bonn òir, agus a ceann cho ruadh ris an t-sionnach. Chuir mi sios


[137]

Gruagach òg achuailein òr-bhuidh,” ’s shaoil mi gun deanadh sin feum maith gu leòir air son ceann peallach ruadh; ach mun chridhe, ged a bha làn-fhios agam gum be moran a bu luachmhoire nan ceann, cha robh diog agam ri ràdh. Bha sin dhomhsa, mar an t-ionad ro naomh, nach robh còir agam air innteart. Chuir so smaoin no dhà am cheann, ach cha robh iad idir den t-seorsa gheibhear ann an Oran-gaoil. Fhreagradh iad na bfhearr am Marbh-rann. Cha deanadh so feum. Spion mi mo cheann, ’s bhreab mi mo chasan, ’s thug mi roid no dhà trasd an urlairs mi cur dhiom mu Iseabal. Ach cha bu mhor a bfheaird mi sin. Cha robh aCheolraidh fabharrach, ’s cha robh an gnothach acordadh rium. Cha mhotha na sin a bha a cordadh ri Yarrow. Bha esan acumail suil nuagach orm, ’s gun e idir atuigsinn ciod am buaireas a thainig orm, no ciod a bu chiall don bhaothaireachd so mu dhéighinn Iseabails a cuailein òr-bhuidh; smaointich e gu robh an t-àm stad a chur air. Thug misaig acheart àm lamh air mo chota thilgeadh dhiom; ach ma thug, cha robh sin dhomhsa mar mo chuid fein. Leum an creutair coirbte sin air a bhonn agus colg air a chuireadh eagal air duine sam bith ach duinaig am biodh cuibhrionn dhubailte de spiorad na bardachd. Ach a leithid sin a dhuine, ’s e as a léinidh, adeanamh orain da sheann leannan; cha robh e tearuinte do bheathach, no do dhuine grabadh a chur air. Leis a sin thug mi paillearts achluais don chù, ’s dhorduich mi mach as an tigh e. Thug e grad leum thun an doruis, ach air an rathad, thachair an cat air. A nis bhan cat cho neo-choireach ris an naoidhean air a chìch mu dhéighinn Iseabail;


[138]

ach cha bhacadh sin don chù thilgte sin, ionnsaidh fhuilteach a thoirt air, a loireadh is abladh direach mar gum be a bu mhathair-aobhair don iorguill. Dhamais e air an dorus mu dheireadh, ’s theich e mach, le sian ghoirtna bheul, ceart mar gum besan a fhuair an leadairt a thug e fein seachad, ’s dhfhag e miseg eiridinn achait.

Thuig mi nach robh feum dhomh a bhi breabadh an aghaidh nan dealg aig an àm. Chaidh an gnothach tur am aghaidh.

Shuidh mi aig an teine, ’s chuir mi eibhleags aphiob. Mo mhile beannachd leis an fhear a fhuair a mach luibh an tombaca, cha bhithinn-sa beò as a h-eugmhais. Thug mi greis adeoghal na cutaig, ’s asmaointeachadh air ni no dhà a thachair bhon a bha Iseabals mi-fhein aleannanachd. “Chaneil anns an duine,” arsa mise rium fein, “ach an taisdealach truagh. Air a thilgeil lomnochd air cladach fuar an t-saoghail, gun a chead fein iarraidh no ghabhail. Cha luaithe dhfhosglas e shuileans a sheallas e mun cuairt na thuigeas e nach aite-comhnuidh seasmhach a than so; gur éigin dha cur uimes a thurus a gabhail; a churach bheag a chur air sàile, a siuil a sgaoileadh, ’s an saoghal mor a thoirt ma cheann. Afagail a chalaidh dha, bheir e suil na dhéigh, ’s chi e na lamhan geala bha gu so mu thimchiollga chumail as gach sgiorradh, togte ris na neamhan as a leth. Tha fhios aige gu bheil na deoir adalladh nan suilean caomha sin a tha strì ri sealladh a chumail air. Ach chan fhaodar fuireachd, tha siuil na h-iubhraich làn, an sruth fo a druim, is dochas làidir air an stiuir. Tha thriall air slighe na beatha, ’s cha chomasach dha pilleadh air ais. Fathast tamuill


[139]

bhig, biodh faighidinn aig na càirdean gaoil a dhfhag ena dhéigh, ’s an sin cluinnidh iad mu na nithe mora tha esan adeanamhs an t-saoghal. Is ann air aghaidh tha chùrsa, air aghaidh an stoirms am fèath, an turadhs an uisge, am fuachds an teas. An uine ghearr, ar leis gu bheil an saoghal nas farsuinne na shaoil e; ’s gu bheil fàsach leathann eadar esFearrann aGheallaidh.’ Than t-saothairs an t-allaban, am pathadhs an t-acras deuchainneach. Ach misneach mhaith! Thig thu gu dsheilbh mu dheireadh. Mu dheireadh, an déigh nan da fhichead bliadhnas an fhàsach, tham fearann sin a tha sruthadh le bainnes le mils an t-sealladh. Ach ma tha, tha e nis soilleir gur fearann e air a bheil droch chliu. Fearann a thag itheadh suas a luchd-aiteachaidh. Tha, os barr, famhaireansan tirMic Anaicdaoine borba, nach leig clod den fhearann uapa gun chogadh air a shon. Cog, ma . Mas fhiach am fearann a shealbhachadh, is fhiach e cogadh air a shon. Is obair chlaoidhteach an cogadh. Treigidh a chàil an curaidh as treine. Fàsaidh an cridhes laidire fann. Caillidh an gairdean as treise a neart. Tha mhor chuid den latha air dol seachad, ’s than oidhche teachd anns nach urrainnear cogadh a dheanamh. Air feasgar an latha, theid an t-iarrtas diblidh so suas. “Ceadaich dhomh, guidheam ort, àite beag a shealltainn a mach, anns am faod mi laidhe sios agus bàs fhaotainn.” Caidil an sìth. Thainig thu, mu dheireadh, gu dsheilbhfad agus leud do dhroma den fhearann sin a chaidh a ghealltainn duit, ’s a choisinn thu cho daor. Diomhanas nan diomhanas! Is diomhanas na h-uile nithe.”

Bha mi tighinn gu ceann mo theadhrach leis na smaointean


[140]

cianail sonuair chuala mi guth bronach mu thaobh-cùil an tighe. Dheisd mi. Dheirich e rithist, tuireadh cho tiamhaidh ris an tuireadh sin a rinn am fear nach maireann, Ieremiah. Chaidh mi thun an doruis a shealltainn co bhana leithid a thrioblaid. Co bhann ach Yarrow, ’s ena shuidhe air èarr, a shrons an adhar, a bheul fosgailte, ’s a shuilean dùinte, a dhà spàig togte ris na Neamhan os a chionn, ’s e, reir coltais, atagradh a chùis anns achearn sin, ’na dhòigh fein. Ghairm mi air, ach as a sin cha tigeadh e. Beigin domh dols a thogail leam ann am achlais. Shuidh mi leis aig an teinega bhanaltrachd, ’s a feuchainn ri comhfhurtachd a thoirt da. Ach cha baill leis comhfhurtachd fhaotainn. Bha chridhe briste, a chluas brùite, is osann a chleibh cho troms gu lìonadh i siuil na h-Iubhraich Bhallaich. Cha robh iocshlaint an Gilead a fhreagradh da chor, ’s cha robh arach air. Direachnuair shaoil mi gun robh es na h-ospagan deireannach, chuir mi cagarna chluaisan rachadh e ghabhail sràid? Cha robh am facal ach gann as mo bheul, ’nuair bha e leumraich air an urlar mar gum biodh e damhsadh Gille Calum. Thog sinn oirnn gu de phàircean a bhaile. Yarrow le earball thar a ghualainn aseoladh an rathaid. Tha bruthach corrach air leth-taobh na pàirce so, ’s chan urrainn do Yarrow amharc air gun réis a ghabhailna aodann, air fhads air fhiaradh, a cheart cho luath ris aghaoith. Thug e cuireadh dhomh, mar as gnath leis a dheanamh, réis a ghabhail leis. An saoil sibh nach robh mi cho faoins gun daontaich mi? Bha toil agam an sgailleag sin a thug mi dhas achluais a chur as a chuimhne. Ghrad leum sinn air falbh, taobh ri taobh; ach


[141]

cha deachaidh sinn ach glé ghoiridnuair a chuir mise car-a’ -mhuiltein dhiom leis abhruthach. Rol mi, car air char, an dara h-uair atreabhadh na fiadhrach le mshroin, ’s an uair eilagearradh sgroth as aghrunnd le mshàiltean, gus an do chuir tom conuisg stad orm. Bha bean-uasal adol seachad aig an àm, ’s chuir e giorag nach bu bheag oirre, mfhaicinn atighinn air a leithid de dhòigh. Thill Yarrow cho luaths a dhionndrainn e mi, ach cha robh mise ra fhaicinn. Mu dheireadh, chunnaic e rud-eigin coltach rium ann an teis-meadhoin tom conuisg agus an dearbh Iseabal a bu mhathair-aobhair don trioblaid uile, ’g am shlaodadh as an dris. ’Nuas le bruthach e mar mhaoim-sléibhe! Mortna chridhe! Dioghaltasna shuil! Agus gamhlas anns gach rioba da fhionna! Gu freasdalach, bha leithid de shiubhal airs gun deach e astar latha sàbaid seachad oirnn mum burrainn da stad. Bha misair mo chasan mun dfhuair e air ais; ’s bu mhaith gu robh. Cha robh an colg a bhair ris amhnaoi-uasail boidheach ra fhaicinn; ’s cha chreideadh e bhuam nach bi so an dearbh chuspair a chuir an ceol againn feadh na fìdhle. ’Nuair fhuair mise mi fein a thrusadh ra chéile, ’s mo shron a chur direach; thug mi taing don mhnaoi-uasail, —boirionnach anabharrach eireachdail, —air son achuideachaidh a rinn i leam. Ghabh Yarrows mi fein an rathad a rìs, ach an uair so, shiubhail sinn gu mìn, mall. Cha dthug sinn roid no leum, ’s cha chreid mi nach robh abhrùid bhochd taingeil mfhaotainn dhachaidh sàbhailte.

titleAn Cù
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page