[155]

ATH-LEASACHADH.

Bho chionn beagan bhliadhnachan thainig mi trasd air Eachdraidh an Ath-leasachaidh mhoir sin a rinneadh air an Eaglais, mu thuaiream dluth air tri cheud gu leth bliadhna roimh so. Rinn an leabhar drughadh anabarrach orm. Bhan t-ughdar cho deas-bhriathrachs cho soilleirna chunntas air gach ceum anns an ùspairn chruaidh a bhan sins nach burrainn domh gun aontachadh leis gach facal. Rinn e na daoine ghabh pairt air taobh an Ath-leasachaidh cho mor agus fiachail, ’s gu robh mi ann am inntinn fheing am faicinn marchraobhan ag imeachd”; ’s amhuinntir olc agus rag-mhuinealach a bha seasamhn an aghaidh, cho suarach agus cho dimeasachs gun duraichdinn an saltairt fo mchasan. Mun do chuir mi crioch air leughadh an leabhair, bha mfhuil air ghoil am chuislean; mfhaireachduinnean air an luasgadh air chors nach burrainn domh an ceannsachadh. Bhreab min , ’s thilg min cat a mach air an uinneig, ’s nam biodh a chridhagam, bheirinn achmhasan garbh do bhean-an-tighe, co-dhiù a bha no nach robh ig a thoilltinn. Dhuisg, mar so, dealas mor annam, a chum gach ni a bha cearr a chur ceart, is aimheal nach bu bheag orm nach robh mi lathairnuair a bha obair an ath-leasachaidh mhoir so adol air a h-aghairt, air chors gum biodh cothrom agam air pairt a ghabhail innte. Ghabh mi comfhurtachd on smuain, gu faod ni


[156]

no dhà bhi air aghaidh na talmhainn fhathast nach bu mhisde beagan ath-leasachaidh a dheanamh orra, ’s gum be mo ghnothach-sa sealltainn a machs an ni a bha cearr a chur ceart. Dhinnis mi do bhean-an-tighe an ni a bha ruith am bheachd. Thuirt i rium, gum bfhearr dhomhn toiseach mo dhroch chleachdainnean fhein ath-leasachadh.

Mo dhroch chleachdainnean fhein!” arsa mise, ’s mig am thachdadh leis an ardan.

Seadh,” ars ise, “nan sguireadh tu de dheoghal na pioba sin nach teid as do phluic on a dheireas gus an laidh thu, dheanadh tu tòiseachadh maith le tath-leasachadh.”

Dad eile?” arsa mise, ’s mi mothachail air an droch shàthadh a fhuair mi.

Tha ni no dhà eile cho -chiatach ris aphiob,” arsise. “ ’Nuair a theid thu dhiarraidh coingheall leabhraichean air aChaimbeulach, cha ruig thu leas tighn dachaidh le fèath-ghàir air tfhiacail; ’snuair a theid thu dhfhaicinn Mhic-Fhionghain, cha ruig thu leas fanachd leis gu uairs amhadainn.”

Cha robh idir crioch aicair achuis-dhitìdh, ’nuair thainig steall de dhuisge goileach mum ladhran-sa a coire bha ise toirt bharr na teine. Thug sin orm leum gu beothail gu taobh eilan tighe. Thilg mi dhiom mo chaiseart, ’s chunnaic mis amhionaid gu robh mi air mo dhroch sgàladh. Shuath mi ola ri mchoiss shìn mi uam air sorchan i, ’s mig am phianadh leis an dòruinn. Chual an bochd mo ghearan, ’s e fheins an cat acumail cuideachd ra chéiles aghàrradh, far an robh iad agabhail didein o stoirm an ath-leasachaidh ris an do chuir mise mo lamh. Thainig ena


[157]

ruith, ’s e tuigsinn gu robh rud-eigin cearr. Leig mi fhaicinn da mo chas, ’s thòisich abhrùid bhochd air a h-imlich, ’s thug sin faochadh dhomh. ’Nuair a fhuair mi manail, thug mi achmhasan garbh do bhean-an-tighe air son cho beag suims a bhaice mum dhéighinn. ’S ann a rinn i glag gàire, ’g radh gum be sud acheud uair a chual i iomradh air duine bhi air a sgàladh le uisge fuar. “Fuar!” arsa mise, “bha e dearg ghoileach!”

Bha e,” arsise, “cho fuars a thainig e as an spùt, ’s annga chur air an teine ga theasachadh a bha minuair chaidh an dileag sin mu dchasan.”

Sheall mi na bu dluithe air an lot, ’s ged bu duilich leam aideachadh, chunnaic mi nach robh an sgiorradh uile gu léir cho docharachs a shaoil mi, ach chuir an ni a leithid de dhantlachd orms gun tug mi mi fhein as an rathad.

Latha no dhana dheigh sin, thug mi fainear gu robh saod anabarrach math air bean-an-tighe. Cha burrainn domh thuigsinn ciod a bha cearr; oir faodaidh sibh a bhi cinnteach, ’nuair a bhios aoibh air bean-an-tighe, gu bheil gabhdan beaga thaobh-eiginna h-aire. Mu dheireadh, thuirt i, is sin air dhoigh cho caoin-shuarachs ged nach biodh ni fon ghrein aicair a chùl, gu faci Mr. Morrison, a bheans a chlann, afagail an tighes amhadainn, ann an carbad--each; ’s gu faci Mr. Munros a theaghlach afalbh an la-roimhe. “Càit,” arsa mise, “robh iad adol?”

Nach robh thun an t-sàile?” arsise.

Thuig mis amhionaid ciod bu chiall don t-sìd fhèathail a bhagainn. Chuir mi mo lamh am phòcas gun mi mothachail air ciod a bha mi deanamh; ach cha ruiginn a


[158]

leas, cha robh an sin na bheireadh ach astar gle ghoirid on bhaile sinn, ged ghabhamaid giulan cho iomchuidh ri bara-roth, gun ghuth air carbad--each. Bha fhios agam aig acheart àm nach leigeadh ise dhith an ni a bha na beachd, agus be sin dol thun an t-sàile, ciod sam bith a chosdadh e. Thuirt mi fhein, nach bu léir dhomh aobhar air dol thun an t-sàilem bliadhna bho nach robh dad cearr air achloinn. “Nacheil?” arsise, “nam biodh tug an eiridinn mar tha mise, bhiodh fhios agad air sin. Dhfhaodadh tu fhaicinn nacheil Deorsag itheadh na chumadh an deo am breac-an-t- sìl, ’s nach do chinn Domhnull aon oirleach o chionn bhliadhna, ’s tha casan Raibeart afas cho brabhdachs gur gann a theid aigair coiseachd, ’s Catrìona—”

O, stad, stad, air ghaol an Fhreasdail,” arsa mise, “ma tha uidhir sin de thrioblaidn am measg, nach ann a bu chòir dhuinn dol don Fhraing leo?”

Ghabh sinn tigh shios aig taobh an t-sàile, ’s cha be sin an salann saor. ’Nuair a shuidhich sinn sinn fein an sin, thòisich misair cumail mo shuil ri fuaradh, dhfheuch am faighinn ni sam bith am feum ath-leasachaidh. Cha bfhadach gus an dfhuair mi sin. Bha tigh eile ri ceann an tighes an robh sinne, ’s bhan roinn-bhalla eadar na tighean cho tanas gun cluinntes an darna tigh amhor-chuid de na theirtes an tigh eile. ’S e duine gle riasgail a bhan ar coimhearsnach, ’s co-dhiù bha no nach robh an t-ablach mnatha aigega thoilltinn, bhiodh e toirt ruith mharbhaidh oirren dràsts a rithist. Latha de na laithean, chuala mi iorguills an ath thigh, is smaointich mi gum be so mo chothrom air son an duine sin ath-leasachadh. Ghrad leum


[159]

mi stigh far an robh e, direach mar a bha esan air pailleart a thoirt seachad a chuir an creutair truagh mnatha sin cho cruinn ri ceairsle ann an cuil-na-mòna.

A dhuine gun chiall!” arsa mise, “Ciod a tha thu ris?” Dhamhairc e orm mar nach biodh e gu ro mhaithg am thuigsinn. “Nach eil fhios agad,” arsa mise, —ach cha dfhuair mi dol na bfhaide, ’nuair a chuir e thairis an dorn orm ann an cuinnein na sroine, agus sin le a leithid de dheagh ghean, ’s gu faca mise dealanachs gun cuala mi tairneanach nach fhacas nach cuala mi roimhe an leithid; ’s leis a phlathadh a chuir sin orm, chaidh mis shuidh mi ann am poit ghuirmein a bha taobh na teine. Cha robh fhios agam aig an àm ciod a bhas aphoit, ach fhuair mi a mach en deigh-laimh. ’Nuair a thill mo leirsinns mo chlaisteachd rium, ’s gun maite-suidhe bhi ro shocrach, leum mi air mo bhonns thòisich mi air an duinaingidh sin ath-leasachadh ann am fior dha-rireadh

Bhuail sinn air a chéile chnagadh;
Leig sinn air a chéile shadadh;”

s tha mi smaointeachadh gun soirbhicheadh leam impidh a chur air na leigeadh a bhean leam; ach ise, ’n creutair fachanta, an àit i bhi taingeil dhomh air son tighn ga teasragainn, ’s ann a bha i gabhail gach cothrom air stràc a thoirt domh le cas na sguabaich. Chuir so a leithid de ghràin orm ris aphaidhirs gun dfhag min sud iad a reiteach aghnothaich mar a bfhearr a dhfhaodadh iad; ’s ged a dhitheadh iad a chéile, so am fear nach teids an eadragainn a rithist.


[160]

Nuair thainig mi dhachaidh cha do dhaithnich mo bhean fhein mi. Bha mo shron air a leudachadh comhnard ri mghruaidh; aon de mshuilean cho dubh ri màs na poite-ghuirmein, ’s a h-uile meall air mo cheann, air taillibh cas na sguabaich, cho mor ri ubh circe. Thainig an doctair, ’s thòisich e air mo chur an eagaibh a chéile. Dhfharraid e den mhnaoi, ciod a ghne shroine bhann mun deach a h-ath-leasachadh? “Sron gle eireachdail,” arsise, “den t-seorsa ris an abair iad Roman Nose. ”Dhfheuch e mar sud i, ’s dhfheuch e mar so i, ach Roman Nose cha ghabhadh deanamh dhith. Dhfhag e mi, mu dheireadh, le plasda de shlan-lus ri mshroin; staoig de fheoil amh ri mshuil, ’s fuarlait ri mcheann, ’s thug mise fad mhìos anns acheanna-bheairt sin. Bha mi, mu dheireadh, uidh air n-uidh, atighn gum chruth fein, ’s ged a bha fhathast striam de bhogha-frois mu mshuil, ’s ged nach robh mo shron, uile gu léir, cho Romans a bha i, bha mi air chomas dol mun cuairt. Thill sinn don bhaile mhor, ’s gu dearbh cha robh duilichinn orm muinntir an t-sàile fhagailnar deigh.

Feumaidh mi aideachadh nach robh mi cho dian ann an cùis an ath-leasachaidh an deigh dhomh tighn dachaidhs a bha mi mun dfhag mim baile. Chan ann a a mhain a thaobh na giollachd a fhuair mi; ach a thuillidh air sin, am feadhs a bha mo cheanns an fhuarlait, bha uinagam air aghnothach a rannsachadh na bu mhionaidiche, ’s thainig mi, mu dheireadh, gus acho-dhunadh nach robh e daonnan iomchuidh, ma bha e idir ceart, a bhin comhnuidh asparradh ar barail fein air daoineile, olc air mhath leo e. Co againn as urrainn a radh le cinnt gur e bharail fhein is fhearr na


[161]

barail a choimhearsnaich? Ciod achinnt a thagamsa nach robh an duine coirbte sin ag imeachd ann an slighe a dhleasnais, ’nuair a bha e smachdachadh a mhnathas a theann mise ri grabadh a chur air. Tha mi nis lan-dhearbhte gu robh an creutair grànnda mnatha sin feumail air a h-ath-leasachadh.

S ann mar so a bha mi meorachadh air achùis, ’nuair a thainig mi air poinneach balaichs e leadairt caileag bhoidheach, cho neo-lochdach coltass a burrainn duinfhaicinn. Rug mi air chluais airs labhair mi gu sgraingeil ris, ’s dhinnis mi dha an t-àit air an robh e stiuradh mur deanadh e a bheusan ath-leasachadh. Sheall e orm car tiota, mar nach biodh e cinnteach ciod a bu chòir dha radh no dheanamh. Mu dheireadh, glaodh is chaoin e cho cruaidhs a baithne dha. Air ball, leum duine dorcha, geinneach, a mach a bùth goirid uainn. Bha e gun chota, gun bhoineid, ach le aparan leathraich acomhdach a thaobh-beoil, o mhuineal gu aobrainn. Dhfharraid e gu feargach, ciod a rinn mi air abhalach, no ciod an gnothach a bhagam ris. Dhfharraid mise, ciod an gnothach a bhaige-san ris achaileig neo-lochdaich a bha e cnapadhsa ciamhadh cho an-iochdmhor. Gun fhacal tuillidh air no dheth, chuir e smugaid thombacana laimh; sgailc e bhasan ri chéile; dhruid e dhuirn, ’s thug e cuireadh dhomh tighn air maghairt. Bho nach do ghabh misan cuireadhs amhionaid, thog e seorsa de dhiolach, no brosnacha-catha, ’s leum is dhamhais e mun cuairt orm cho luath ri gille-mirein, gus an do chuir e mo cheanns an tuainealaich a bhi strì ri suil a chumail air. ’Nuair a thog e an iolach a dhainmich mi, mun abradh tu


[162]

bo thugad!” bha sinn air ar cuartachadh le graisg abhaile; mnathan is clann; garlaich bhalach, ’s pràbar mar sin, ’s a h-uile sgornan an sin fosgailte am aghaidh fhein, ’s gun fhios, gun fharraid aig a h-aon diubh ciod a bha cearr. Mu dheireadh, fhuair mi cothrom air bristeadh a mach á measg na cuideachd neo-chubhraidh so, ’s theich mi le mbheatha; ach ma theich, cha robh iadsan idir sgìth de mchuideachd-sa, ’s lean iad mi. Chuir mis na buinn cho maiths a rachadh agam air; ach air fheobhas gun cluichinn-sa na pleadhain, bha slapail an aparain leathraich am chluasan. Shìn sinn as, a suas aon sràid, ’s a sios sràid eile; ’s cha robh cu-fuadain no balach mìomhail a thachair oirnn, nach do thionndaidh leinn gu sunndach a ghabhail pairt anns an ruaig. Chaill mise mo bhoineid, ’s bha na riobagan fuilt a lean ri mcheann afeadalaichs aghaoith, ach cha robh uine ra sheachnadh a dhamharc air son broige no boineid. Bha manail am uchd, ’s mo ghluinean afailneachadh, ach chuimhnich mi air na daoinon dthainig mi, ’s mar a babhaist domh cumail a suas ri faghaid an fhéidh air aisridhean corrach na Beinne-brice, ’s thug mi aon oidheirp eile a chur leud nam bonn eadar mis mo luchd-leanmhuinn.

Bha mi nis atighn faisg air an tigh, ach leis an ulfhartaich oillteil a bhaig mo luchd coimhideachd, bha na coimhearsnaich, beag is mor, sean is òg, a mach gum meadhon air na h-uinneagan; gach suil is beul fosgailte; deas gu beannachadh no mallachadh, direach, mar chitheadh iad freagarrach; ’s ged nach robh fios fon ghrein aca ciod a thachair, thainig iad gun dàil, gun teagamh, gas acho-


[163]

dhunadh, gun drinn mise ni-eigin fior olc; mort, air achuid bu lugha.

Fhuair mi, mu dheireadh, achòmhla chur eadar mis fear an aparain leathraich, ach gu firinneach baimhealach an gnothach dhomh a bhi air mo ruagadh dhachaidh troimh shràidean follaiseach Dhunéideann, le coin is geòcaich abhaile mhoir as mo dheigh. Be iarrtas mo chridhe aig an àm: O, air son claidheamh geur fhaobhair; claidheamh a sgathadh cinn o cholannas a ruigeadh gu eadar-sgaradh nan alts nan smear: na robh sin agam, bheirinn-sa aichmheil a mach air aghraisg sin air son na tamailt a chuir iad orm!

Nuair a fhuair mi mfhuil is mfheoil a chiuineachadh, thug mi bòid air feusag achait, ged a chithinn-sa pràbar abhaile so dol an comhair mhullach an cinn do dhàit as teotha na Innsean an Ear non Iar, gur e so am fear nach togadh lamh no cas gan cumail air an ais. Ciod e mo ghnothach-sa riutha? Nacheil aChleir an sin a dhamharcnan deigh; ach tha Chleir cho bith-dheanadach ag ath-leasachadh an Aidmheilean, ’s nacheil uinacair na ceart aidmheilean sin a chur an gniomh. ’S i mo bharail-sa gu bheil tuillidh eifeachd ann an cuaille maith bata chum dream àraid ath-leasachadh, na tha ann an lan sgireachd de dhaidmheilean, air cho diongmhaltas gum bi iad air an tarruing suas. Biodh na nithe sin mar a dhfhaodas iad, fhuair mise na dhfhoghnas dhomh de dhobair an Ath-leasachaidh.

titleAth-leasachadh
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page