COMHRADH.
EOGHAN OG AGUS EACHANN RUADH, A’ COINNEACHADH AIR AN T-SRAID.
EOGH. —How do you do, Hector? Glad to see you! And how are you?
EACH. —An eatorras, gu robh maith agad Eoghain; ciamar a tha thu fein? Ach an do chaill thu do Ghaidhlig?
EOGH. —Cha do chaill, ’s cha chaill gus an caill mi ’n deo; ach shaoil leam thusa bhi cho fada ’s a’ bhaile-mhor gu’m b’i Bheurla bu deise leat.
EACH. —Cha ’n i; cha ’n ’eil annams’ ach duine maol-theangach, ’s cha ’n ’eil de dh’ eanchainn agam na’s urrainn greim a dheanamh air cànain choigreach; ach foghnaidh dhomhsa an té a dheoghail mi stigh le bainne na cìche.
EOGH. —Tha thu cur iongantais orm, Eachainn; shaoilinn-sa gu ’m b’ fhasa dhuit a’ chànain a th’ ann ad chluasan a h-uile latha ghabhail a stigh, na greim a chumail air an té nach ’eil thu cluinntinn ach fior ainneamh.
EACH. —Cha ’n e an ni tha daonnan ’s a’ chluais a tha daonnan ’s a’ chridhe, Eoghain, agus is ann ’s a’ chridhe tha sinn, am bitheantas, a’ tasgadh nan cuimhneachan air am motha meas againn, bitheadh no na bitheadh iad fiachail
annta fein; cha ’n e nach d’ fheuch mi ris a’ Bheurla, ach dh’ fhairtlich i orm.
EOGH. —Tut! cha ’n ’eil an gnothach cho doirbh ’s a tha thu smaointeachadh. Thoir fainear mar a tha daoin’ eile ’ga labhairt. Leugh leabhraichean ’s a’ chànain sin. Gleidh Faclair maith Gaidhlig lamh riut, ’s theid mise ’n urras nach bi thu fada ’g ionnsachadh na Beurla.
EACH. —Mar thuirt an t-oganach o shean, “choimhead mi iad sin uil’ o m’ oige;” ’s ged a choimhead, tha mise fathast gun Bheurla. Ach a bhi ’g iomradh air an Fhaclair: cha ’n e sin ach an gnothach ciogailteach a bhi smeachranachd air na Faclairean.
EOGH. —Ciamar sin, Eachainn?
EACH. —Matà bho ’n as tu am fear a th’ ann, faodaidh mi innseadh dhuit mar a rinn am Faclair orm. Bha mi o chionn ghoirid a’ tionndadh suas fhacal anns an Fhaclair Ghaidhlig, ’s thainig mi trasd air an fhacal, ‘gaothar’, ’s gu dé a’ bheurla bh’ aig’ air ach‘flatulent? ’Bha iongantas orm nach cuala mi ’m facal so ’ga chleachdadh aig muinntir na Beurla, ’s ghléidh mi cuimhn’ air— ’s tha mi coma ged nach do ghléidh—ach aig an àm shaoil mi gu robh e gle fhreagarrach air son na gaoithe cruaidhe, feanndaidh bhios, air uairean, a’ sianail troimh chaol-shràidean a’ bhaile so, le fead cho cruaidh ri fead-ghlaice.
EOGH. —Seadh, Eachainn, ach ciod a bha cearr air an fhacal? Ciamar a chaidh an gnothach air aimhreidh?
EACH. —Chaidh mar so: bha mi a’ toirt sràid do ’n chuilein mhadaidh agam, ’nuair a thachair aon de dhaoine mora bhaile orm, ’s bho ’n a thuit e mach gu robh a’
ghaoth car àrd, chuir mi failt air an duin’ -uasal le, “flatulent morning, Sir.”
EOGH. —Ho! Ho! Ho! Ha! Ha! Dé thubhairt e?
EACH. —Rinn e snodha gàire, ’s thuirt e, —agus sin ann an Gaidhlig cho maith ri m’ Ghaidhlig-sa,— “Ciod, a dhuine bhochd a’ ghaoth tha cur dragh ort?” ‘Tha le ’r cead,’ arsa mise, ‘an aona ghaoth as fhiosrach mise thigh’n riamh rathad a’ bhaile so, —a’ ghaoth- ’n-ear.’ “Nach cuimhne leat,” ars’ esan, “mar a thuirt a charaid ri Iob; an lion an duine glic a chliabh leis a’ ghaoth- ’n-ear?”
EOGH. —So; nach e bha bearraideach. Thachair do sheise riut, Eachainn.
EACH.— ‘Anns a’ bhaile so,’ arsa mise, ‘biodh daoine glic no amaideach, cha ’n ’eil atharrach gaoth ann leis an lion iad am builg, gabhadh iad caol no reamhar i.’
EOGH. —Mo ghille geal!
EACH.— “Innsidh mise dhuit,” ars’ esan, “Ciod as còir dhuit-sa dheanamh; ’s ma ghabhas tu mo chomhairle, cha chuir gaoth an ear no’n iar dragh ort; cum do bheul duinte. Madainn mhaith leat.”
EOGH.— ’S dh’ fhag e ’n sud thu?
EACH. —Dh’ fhag e ’n sud mi; am sheasamh ann am chnap-starra air an t-sràid, ag amharc as a dheigh, ’s mi faicinn gu soilleir air a shlinneanan gu robh e ’s na crithean a’ gaireachdaich.
EOGH. —Fhuair e chuid a b’ fhearr dhiot, Eachainn. Nach iongantach leamsa thusa bhi cho maol-cheannach an deigh a bhi leithid a dh’ uine ’s a’ bhaile-mhor.
EACH. —Cion na Beurla, Eoghain; cion na Beurla. Bha Ghaidhlig so againne tuillidh is uasal ’na gne. Cha ’n fhiach leatha iasad a ghabhail bho chànainean eile. Cha ’n fhiach leatha a ceann a chromadh air aon doigh no doigh eile, ’s tha sin ’ga fagail air dheireadh.
EOGH. —Tha mi creidsinn nach ’eil thu fada cearr. Ach ciod a rinn thu an deigh do ’n duin’ -uasal dealachadh riut?
EACH. —Cha do rinn dad as fhiach ainmeachadh. Thug mi suil air a’ chù, ’s thug an cù suil ormsa, ’s thug sinn le chéile suil an deigh an fhir a bha nis a’ dol as an t-sealladh aig oisinn na sràide, ach cha d’thuirt sinn smid. Thionndaidh sinn air ball ar sron an aghaidh na gaoith- ’n-ear ’s shèap sinn dachaidh.
EOGH. —An d’ innis thu do ’n mhnaoi mar thachair?
EACH. —Cha ’n ’eil e soirbh diùrais a chumail o na mnathan. An deigh dhomh mo phiob a lasadh, thug mi fainear gu ’n do thachair a leithid so a dhuin’ -uasal orm air an t-sràid. “An do thachair,” ars’ ise, “Ciod a bha e ’g radh?” A nis, gu mi-fhortanach, cha robh breug deas agam, ’s cha robh uin’ agam air té a dheanamh, ’s e bh’ ann gu ’n d’ thainig an fhirinn a mach, eadar mo lamh ’s mo thaobh.
EOGH. —Seadh, ’s gu dé thuirt i ri d’ Bheurla?
EACH. —Cha d’ thubhairt an aon fhacal beag. ’Nuair a chual i an fhailte chuir mi air an duin’ -uasal, thog i a dà laimh mhìn-gheal, bhoidheach os cionn a curraichd; thionndaidh i gealagan a sul ris a chabar-dhroma; ’s an deigh dhi ruith chunntais a thoirt air cabair an fharaidh, chrom i ’ceann
’s thòisich i air figheadh na stocaidh a bha ’na h-uchd, mar gu ’m b’e am meur a bu mhoille am meur a bu diombaiche.
EOGH. —Gabh mo chomhairle, Eachainn, agus loisg am Faclair sin.
EACH. —Tha mi ’ga dheanamh sin, Eoghainn; tha mi toirt stròic as an dràsd ’s a rithist a chur teine ris a’ phiob an àite na h-eibhleig a b’ abhaist domh chur innte.
EOGH. —Latha maith leat Eachainn; chi mi fathast thu mu ’m fag mi ’m baile.
EACH. —Latha maith leat fein, Eoghainn, ’s bi cinnteach gu ’n tadhail thu mu ’m fag thu ’m baile, ach na abair smid mu ’n bheurla mhoir agamsa. Latha maith leat.
title | Comhradh |
internal date | 1907.5 |
display date | a1908 |
publication date | 1910 |
level | |
reference template | MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p |
parent text | Òraidean is sgeulachdan |