[200]

OMAR KHAYYAM.

Am bard Persianach.

Mun àms an robh Macbheath, —mun drinn Shakespeare an dan-cluiche a tha dol fon ainm sin, —agleachd air son a chinns a chrùin an aghaidh feachd Chaluim-a- Chinn-Mhoir, thainig an duinainmeil so, Omar Khayyám, thun an t-saoghail. Agus mun àms an robh Mànus Casruisgte, Righ Norway, atarruing a luinge trasd an fhearainn aig an Tairbeart Cheinntrich, air chors gu rachadh aigair a radh gum beilean Cinntìre, fhuair Omar bàs. Tha e, mar sin, mu thuaiream ochd ceud bliadhna bhon a chuir Omar ra chéile na rannan sin a dhfhag en a dheigh fon ainm air a bheil iad air an cur a mach,— “An Rubáiyat aig Omar Khayyám.”

Chaneil cinnt air acheart bhliadhnas an drugadh e, ach tha fhios gur ann am baile beag dluth air Naishapùr, ann an roinn Chorassain de rioghachd Phersia a thachair dha bhi air a bhreith.

Feumar a radh ged a bhan duine so ainmeilna lathas na linn fein, nach dthainig ach fior bheagan de mhion-chunntas mu bheatha nuas gar n-ionnsuidh. Tha e coltach gu robh a pharantan an staid chothromaich, oir fhuair Omar an t-ionnsachadh a bfhearr a bha dol aig an àm. ’S


[201]

ann an Ard-oil-thigh Naishapùir a fhuair e fhoghlum, ’s a reir coltais, rinn e deagh bhuil den teagasg a fhuair e. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu dhéighinn so:

Luchd foghluim theagaisg dhomh gach ni fon ghrein,
S thug mi, gun teagamh, leam na beol daibh fein;
Ach brigh an iomlain dhomh, den eolas bhaoth,—
Mar uisge thàinig mi is théid mar ghaoth.”

Aig an Oil-thigh, chuir e eolas air ghillòg, comh-aoisean dha fein, dam bainm Abdul-Khassan agus Hassan Sabbah. Is ann bho aon dhiubhsan, Abdul-Khassan, a fhuaradh amhor-chuid de nas aithne dhuinn mu dhéighinn Omair. Mun dfhag an triuir ghillean òga so an t-Oil-thigh rinn iad co-chordadh eatarra fein, gum biodh iad cuimhneach mu chàch a chéile, agus co air bith dhiubh a thigeadh gu inbhe ards an t-saoghal, no a dheanadh saoibhreas, gun cuimhneachadh e air càch. Fhuair Abdul-Khassan air aghaidh gus an robh e, mu dheireadh, ’na Ard-riaghlair air an rioghachd, fo Alp Arslan, a bu righ air Persia aig an àm. Chum Abdul ra ghealladh; thug e àit ard do Hassan Sabbah an cùirt an righ, agus thairg e leithid eile do dhOmar; ach chuir esan cùl ris an tairgse so, ag radh gum bfhearr leis a bhi air a dhoigh fein, gun suim, gun churam, ag òl fionas adeanamh rann; no mar thuirt e fein ann an de na rannan sin:

Thoir crioman arain dhomh is searrag fhion’,
Leabhar rannan, mar-ri caraid mìn,
Is craobh an fhasaich deanamh sgàil on ghrein;
O, bhiodh am fasach dhomh mar Phàras fein!”


[202]

Nuair a chunnaic Abdul-Khassan so, agus speis mhor a bhi aige de dhOmar, thug e dha còir, ann an saor dhuais, air roinn mhaith de theachd-a- stigh abhaile-mhoir, Naishapùr, anns an robh Omar agabhail comhnuidh. Beagan bhliadhnachanna dheigh sin, thug e dha lan ughdarras thairis air Ard-Observatory na rioghachd. Tha e againn air ughdarras Tarik-ul-Hukama, gum be Omar duine a bfhoghluimtes an rioghachd, cha bann a mhain anns gach foghlum a bha cumantam Persia, ach gu robh e fiosrach ann an litreachas na Gréige. A bharr air so, chaith e cuid da uine ageur-bheachdachadh air oibrichean Naduir, ’s air na laghanna nadurra bha riaghladh gach ni cho fhads a bu chomasach dha sin fhaotainn a mach. Chaith e earrann eile da uine ri speuradaireachd. Cha chuir e, mar sin, iongantas oirnn gu robh an Observatory air a cur fo churam; ach chuireadh e iongantas gu leòir oirnn nan creideamaid an teisteas a bha e toirt air fein, ’s e sin nach robh ann ach am misgear. Tha eg innseadh dhuinn mar so.

Anns an tigh-òsda rinn mi mfhails an smùr,
Is dhealaich mi ri mchòmhdach anns ri mthùr;
Gun dùil, gun dochas, is gun eagal ,
Asnamh gu ceolar ann an gloir gun stéidh.”

Co as urrainn so a chreidsinn air duine bha cho foghluimtes a bhan duine so a reir teisteas a chomh-aoisean fein, ’s a bha am mor urram aig uachdarain na rioghachd, ’s a dhath-leasaich Mìosachan Phersia, gus an dfhag e cho neo-mhearachdach es a tha am Mìosachan againne air an latha-diugh?


[203]

Tha Abulfeda, an t-eachdraiche, adaingneachadh ughdarrais eile thaobh foghluim agus farsuinneachd eolais Omair, ach tha e cur ris na dhfhoghluim sinn bho chàch, gu robh Omar toigheach air bardachds air fearas-chuideachd, ’s nach robh e cur moran luach air fhoghlum fein, no air na nithe sin a rinn e choimhlionadh. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu thiomchioll aMhìosachain, nach do rinn e de dhath-leasachadh air ach an la- a chaidh seachad a dhubhadh a mach, ’s gun suim a ghabhail den la-màireach nach dthainig fathast. Tha so atoirtn ar cuimhne briathran Fear-teagaisg a bàirde na Omar: “No biodh ro-churam oirbh mu thiomchoil an la-màireach; is leòir don latha olc fein.” Tha Omar, mar so, gu minic, acur firinnean cudthromach an ceill, ach air mhodh cho caoin-shuarachs gu faodar, gu tric, gabhail thairis orra gun mhoran suim a thoirt dam brigh. Aig acheart àm, tha e soilleir gu leòir nach robh e fein idir cho suarach mu na nithe sins a bha e gabhail air. Gheur bheachdaich e air laghanna suidhichte naduir, ’s thug e fainear grian is gealach, reult is talamh, cho cinnteach, neo-mhearachdach, agleidheadh, le chéile, an cùrsa suidhichte chaidh orduchadh dhaibh o thùs. Gach creutair a reir aghne acoimhlionadh na criche chum an do chruthaicheadh e. An duine mhain, a reir coltais, air a thilgeadh air an t-saoghal, gun stiuir, gun chompaist, gun chairt-iuil air an seol e, agus buailteach gu bhi air a thilgeadh thuigagus uaithe leis gach gaoth a shéideas. Is ann mar so, a reir coltais, a thaisbean na nithe sin iad fein da inntinn. Chaidh e cho fhads a bheireadh solus is eolas naduir ena oidheirp a dhfhaotainn freagairt don cheisd chudthromaich sin, ciod e do ghnothach-san so, Omair? Tha e fein ag radh,


[204]

O mheadhon talmhainn dheirich mi gu seimh,
Gu cathair Shatuirn anns an t-seachdamh neamh
S ged dhfhuasgail mis an t-slighe iomadh dul,
Cruaidh-shnaim ar crannchuir dhfhairtlich orm gu tur

Ann an àit eile, tha eg radh mun ni cheudna,

An so tha sinn air chuairt fad no dhà,
Air bheagan buannachd dhuinn ach péin is cràdh;
S afagail ceisd ar bith gun fhuasgladh réidh,
An rathad gabhaidh sinn gun suiln ar déigh.”

Chan ann idir troimh aineolas air teagasg Eaglais a dhuthcha a bha inntinn Omairs an t-suidheachadh so, ach a chionn nach burrainn da moran den teagasg sin a chreidsinn. Bha lan-fhios aige gu robh cheart uidhir fiosrachaidh aige fein mu na nithe sins a bha acasan a bha gabhail os laimh a theagasg. Bhan Eaglais laidir aig an àm; ’s e sin ri radh, bha Chléir lionmhor, agus agnathachadh cumhachd mor thar an t-sluaigh; ach bha iad fein saoghalta agus cealgach. Cha burrainn, mar sin, gum biodh mor-bhàigh aig Omar ris aChléir, ’s cha mhò a burrainn gum biodh spéis aig a Chléir de dhOmar. ’S e mar bha, nam bu duine cumante, nach robh bheatha tearuinten am measg; ach bha meas mor aig an righ air Omar, agus be ard-fhear-riaghlaidh na rioghachd a shar-chompanach. Cha robh e, mar sin, soirbh don Chléir am -runna aghaidh a thoirt gu buil. Chaidh, gun teagamh, casaid no dhà churna aghaidh air son a mhì-chreidimh, ach bha Omar cho eolachs aChóran (leabhar naomh luchd-leanmhuinn Mhohammed), ’s a bha iad fein, ’s bha e daonnan deas a dhearbhadh gur ann aige-san a bha an creideamh fior, ’s gu robh a luchd-casaid tur am mearachd.


[205]

Cha robh aca, mar sin, ach cur suas le Omar mar a bfhearr a dhfhaodadh iad, ach bha e feins a rannanmar sgolbaibhn an taobhan.”

Bha gnothaichean adol air an aghaidh mar so, Abdul Kassan ariaghladh na rioghachd gu sicir, teòma; Omar, a reir a chunntais fein, ag òl fionas adeanamh rann, ach, aig acheart àm, atoirt fainear gu robh aghrians aghealach ag eirighs alaidhe aig na h-amannan suidhichte; agus aChléir, faodaidh sibh a bhi cinnteach, agleidheadh suil bhiorach air giulan Omair.

Bha aon eile den triuir chompanach a rinn an co-chordadh a dhainmich mi; be sin, Hassan Sabbah, esan dan dthug Abdul Khassan an t-àiten cùirt an righ. Bu duine comasach Hassan air doigh no dhà, ach an daor-shlaightirena dheigh sin. Aig an àm so, bha e strì, gu cealgach, ris an fhear a bhuilich an t-àit air a chur as a riaghlaireachd, agus e fein a churna àite. Cha do shoirbhich sin leis; chaidh a chuilbheartan a dheanamh follaiseachs chaidh fhogradh a mach as an duthaich fo throm mhasladh.

Cha ruigeamaid a leas tuillidh gnothaich a ghabhail ri Hassan, ach gun do thachair, gu mi-fhortanach, gun dthug e aon ni gu crich a bhean gu dluth ri leas Omair. ’Nuair a dhfhag Hassan cùirt an righ, thug e cearn iomallach den duthaich air, far an do chruinnich e mun cuairt air buidheann de dhaoine coirbte mar e fein. Shuidhich iad iad fein am measg bheanntan iomallach an àite sin, leis an run shuidhichte gun cuireadh iad gu bàs gach aon de dhaoine-mora na rioghachd, an aghaidh an robh gamhlas aca. Air


[206]

son na criche so, chuir iad a mach teachdairean diomhair am fads am fagus, agus troimhn cuilbheartan chaill iomadh duine fiachail a bheatha, agus am measg chàich Ard-riaghlair na rioghachd, Abdul Khassan.

Bha sona bhuille gle throm do dhOmar, ’s bha e air a leantainn le builleile, neo-air-thaing cho trom, ann am bàs an righ, Malik Shah, aig an robh mor spéis do dhOmar. Thainig am bàs car obann air an righ, ’s cha bann gun amharus a bhi air an droch dhuine so, Hassan, gu robh lamh aigann.

Tha e car iongantach gun dfhuaradh iomradhs na cearnan so air Hassan iomadh linn mun dthainig cliu a chompanach fhiachail gur n-ionnsuidh. Thàtar ag radh gun dthainig na Crusaders trasd airs an Airde-n- ear, ’s gur e droch chliu an t-saoghail a bha acair. Tha e air a radh, mar an ceudna, gur ann bho ainm an duine so a thainig am facal a tha againns abheurla aciallachadh mortair, ’s e sin assassin, ach biodh so mar a dhfhaodas e, cha bhi tuillidh gnothaich againn ri Hassan Sabbah.

Ann am bàs an righ agus an ard-riaghlair, chaill Omar an cul-taice cumhachdach a bhaiges na daoine sin. Bha e nis soilleir dha gu feumadh e tuillidh faicill a ghnathachadh a thaobh na Cléire. À chum na criche so, rinn en turus sin a tha mar fhiachaibh air gach deagh Mhohammedanach a dheanamh, ’s e sin, an turus gu Mecca, far a bheil Ard-theampull an Fhàidh aca. Than teampull so do na Mohammedanaich, mar a bha teampull Ierusaleim do na h-Iudhaich. An deigh so cha do chuir aChléir uidhir dragh air Omar; chan e gun do leig e dheth a bhi deanamh


[207]

ranns ag òl fiona; ach, maith dhfhaoidhte, nach robh iad cinnteach cho fhad’ ’s a bha e glic dhaibh dol an aghaidh duine cho comasach air e fein a dhions a bha Omar.

Bha, a reir coltais, meas mor aig aghineal òg a bha faighinn am foghluim aig an Oil-thigh air Omar. Bha e cleachduinn a bhi labhairt gu follaiseach riu mu nithe bhuineadh do theagasg, gu sonraichte mu fheallsanachd. Thainig aon den òigridh sin a thachair a bhi dol air thurus a dhfhaicinn Omair, ’s a dhfhagail beannachd aige mun trialladh e air a thurus. Bha Omar a nisna sheann duine, ’snuair a bha e dealachadh ra charaid òg, dhfheoraich e dheth, cuin a bha fiughair aige bhi air ais? Dhinnis a charaid sin da. “Mata,” arsOmar, “cha bhi mise romhadnuair a thilleas tu, ach gheibh thu muaigh far an comhdaichear i gach bliadhna le blàth an ùr-chéitein.” Chuir so iongantas air an òganach, oir tha e ionanns air a thoirmeasg anns aChóran do neach sam bith a radh càit am bi e air adhlac. ’Nuair a thill an gillòg so bharr a thuruis, dhfharraid e air son Omair, ’s chaidh innseadh dha nach bu bheo e. Chaidh e air ball a shealltainn air son uaigh an duine chòir, ’s fhuair e i dluth air lios mheasan, agus an leac-lighe comhdaichte leis na blàthan a bha tuiteam bharr nan craobh.

Co-dhiù aig Babilon, no Ispahán;
Co dhiù than cup de mhil no dhomblas lan,
Tha fion na beatha sruthadh, braon air bhraon;
Tha chraobh acall a duille, aon air h-aon.”

So mar bheachdaich Omar fein air laithean an duine, ’s faodaidh sinn a thoirt fainear nacheil a bhriathran eu-


[208]

cosmhuil ris na briathran a chuireadh am beul Iob air an ni cheudna:

Amhluidh mar shruth a ruitheas bras,
S nach pill air ais ra shliabh;
Tha lathas bliadhnas linn dol seach,
S cha phill ri neach an triall.”

S e bha mhiann orms an àite so, an deigh cunntas aithghearr a thoirt dhuibh air beathan duine so, dol air maghaidh a labhairt air aghne bhardachd a dhfhag ena dheigh; agus a chur far comhair an t-eadar-dhealachadh a tha eadar inntinn Omair, mar tha i air a foillseachadh dhuinnna bhardachd, agus inntinn nan daoine air a bheil sinn eolach ann am bardachd ar duthcha fein. A chum na criche so, thionndaidh mi cuid de rannan Omair gu Gaidhlig, air son an cur taobh ri taobh ri cuid de rannan nam bard againn fein, a leigeil ris dhuibh an t-eadar-dhealachadh a tha am bheachd; ach tha e soilleir nach ceadaich an uine dhuinn dol cho domhains achùis aig an àm. Faodaidh mi, air a shon sin, a chomharrachadh a mach dhuibh, ann am beagan fhacal, far a bheil am bard Persianach agus amhor-chuid de na baird Ghaidhealach adealachadh gu tur.

Tha, mar is trice, na baird Ghaidhealach, asealltuinn air aghaidh Naduir, le suil gheur, shoilleir, ’s acur an céill ann an cainnt phoncail, dhealbhaich, an ni mar a tha ega thaisbeanadh fein don t-suil, ach is ainneamh leo Nadur a cheasnachadh, —ciamar tha sud mar sud, no carson a tha so mar so. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil am bard, air uairean, acur tuillidh dreach air an ni na tha barantas aigon t-suil air a shon. ’Nuair a tha Alastair Mac Mhaighstir


[209]

Alastair, acomhdachadh bruachan Allt-an-t- siùcair le lusan a bha eu-comasach a bhi lathair don t-suil, —ma bha iad idirs achoimhearsnachd, —air a’ ‘mhaduinn chubhraidh chéit,’ air a bheil e seinn; ’s an uair a tha Donnachadh Bàn ag ainmeachadhfàileadh nan su-craobh is nan ròsanam measg nan nithean taitneach a bha rim faotainn air Beinn-Dòrain, tha amharus againn gur ann a mhain an suil na h-inntinn a bha na nithe sin, ’s nach robh iad a lathair don t-suil chorporra. Ach biodh sin mar a dhfhaodas e, ’s e tha mi ciallachadh gur e mhain aghaidh naduir a tha iad atoirt dhuinn, agus nacheil iad ach fior ainneamh adol nas doimhne. Tha Omar, air an laimh eile, daonnan mothachail nacheils an t-suil ach an sgàthan air a bheil faileas an ni air a thilgeadh, ’s gur anns an inntinn a gheibhear brigh an ni, ma tha e idir ra fhaotainn. Tha e sealltainn air aghaidh naduir le suil thlusail, bhàigheil, ’s atoirt fainear aChéitein,

Le lamh gheal Mhaois acomhdachgheug le blàth,
Is anail chubhraidh Chriosd toirt beathas fàis.”

Ach tha e ghnath astrì ris achùirtein a thogail bharr aghaidh naduir, ’s tha e diombach a chionn gun do dhiult nadur an diomhaireachd fhoillseachadh dha.

A ghaoil, nam burrainn dhuinne ris-san strì,
S tuigsfhaotainn air stiédh shuidhichte an ni,
Nach brisdeamaidna bhloighdean e, ’s a rìs
Ath-dhealbh nas dluithe do lan run ar crì’ .”

Ach tha daonnan an roinn-bhrat dorcha sin eadar e fein agus am fiosrachadh a bàill leis fhaotainn. Tha e ghnath, aghaidh ri aghaidh, ris an dorus ghlaiste sin air son nach dfhuair


[210]

en iuchair. Tha mar so na baird againne asealltainn air nadur on taobh a muigh. Tha iad agabhail ri ordugh na cruinne mar a tha singa thaisbeanadh fein dhaibh, ’s mar a tha iad feinga thuigsinn. Ach calg-dhireach an aghaidh sin a bha an spiorads an robh Omar asealltainn air an t-saoghal. An àite gabhail ri suidheachadh na cruinne mar a tha singa fhiosrachadh fein dhuinn, ’s ann a bha esan acruaidh-ghleachd an aghaidh nan cuibhreach leis an robh an suidheachadh singa chumail ceangailte; cuibhrichean, a reir a bheachd-san, nach robh idir cothromach, ’s an aghaidh an robh e ghnath acruaidh-ghearan, —mar eisimpleir,

Ri mghearan eisd-sa anns na neamhan shuas;
Cuir saor o mchuibhrichean mi, ’s gabh dhiom truas;
Mas ann don phràbar a tham fàbhar tric,
Seall air mo chàs-sa, chaneil mi ro ghlic.

Thuirt mi gun do ghabh na baird againne ri ordugh na cruinne mar bha iad fein atuigsinn sin. Maith dhfhaoidte gum biodh e na bu dluithe don fhirinn nan abrainn gun do ghabh iad ri teagasg na h-Eaglais air achùis, agus sin gun bhi air an gluasad a nunn no nall le teagamh, no le spiorad neo-chinnt sam bith. Theagamh gur e so an t-aobhar nacheil iad agabhail tuillidh gnothaich ri taobh spioradail na cùise. Co-dhiù, tha sinn ag ionndrainn, anns amhor-chuid de bhardachd ar duthcha, na sula tha sealltainn troimh nadur a mheorachadh air achumhachd a tha air a cùl. Chuir Omar, air an laimh eile, cùl ri teagasg Eaglais a dhuthcha fein, a chionn nach burrainn da mhor-chuid den teagasg sin a chreidsinn. Chaidh inntinn dhomhain, gheur, a bhuileachadh air gu nadurra, ’s bhan inntinn sin air a neartachadh


[211]

s air a h-uidheamachadh gu fialaidh leis aghne oilein a fhuair i. Cha robh e comasach da leithid sin de dhinntinn a bhi sasaichte le faoin sgeul, no baoth-mhìneachadh air ni sam bith leis am bu mhaith leatha eolas cinnteach fhaotainn. Bha Omar, mar so, a reir earail an Abstoil, astrì ris na h-uile nithe dhearbhadh, ach cha robh e furasda dha dearbhadh a riarachadh inntinn fein fhaotainn air ni sam bith. Bha e, gu sonraichte, neo-thoilichte le cho beag soilleireachaidhs a fhuair an duine air ciall a thuruis fein troimhn t-saoghal so; a chor truagh a thuruis, agus cho neo-dhaingnichtes a tha bunait a dhochais air son saoghal as fearr. Faodaidh sibh a bhi cinnteach nach robh e taitneach don Chléir an leithide so de cheistean cruaidh a bhi air an cur cho fosgailte le a leithid so de dhuine. Duine bhag òl fiona gu follaiseach; ni a tha air a thoirmeasgs aChóran; agus adeanamh rann anns an robh buaidhean an fhiona sin air an àrd-mholadh. A thuillidh air sin, duine bha cur teagamh anns an neamh a bha iadsan ateagasg a bha air ullachadh fan comhair-san a bha dileas don chreideamh air thalamh; neamh anns a bheil òighean maiseach afrithealadh orrasan a tha troimh chreideamh air an deanamh iomlan. Cha be sin aghne neimh a shasaicheadh Omar, no a bha idirna bheachd; tha e fein ag radh,

Ri neamhs ri ifrionn sheall mi suass a sios;
Troimh chuairt na siorruidheachds air mais a rìs;
Thuirt Aosd nan Laithean rium gu robh o chein,
Mo neamh is mifrionn ann am anam fein.”

Tha na cùisean a bhi mar so eadar Omars aChléir, agus an staid neo-chinnts an robh e mu thimchioll nithe spioradail,


[212]

amìneachadh, ann am mor thomhas, abhlais ghairg a tha air cuid da rannan:

Do mheas na cinnt cha spion thu dearc no dias;
An ceum don fhion-lios sin cha dfhuair thu riamh.”

Mar so, ’nuair chunnaic Omar nach burrainn da na bfhearr a dheanamh dheth, shuidh e sios, mas fhior e fein, a dhòl fionas a sgriobhadh rann, adubhadh a mach an la- chaidh seachad, ’s acumail inntinn saor bho iomaguin mun la-màireach nach dthainig fhathast,

A! lion an cupan, ciod am feum bhi ghnath,
Acaoidh na h-aimsir a chaidh seach cho tràth;
An chaidh seach, ’s am màireach co a chì,
Ma than diugh taitneach, meal e reir do chrì’ .”

Bu choma leis daoine a bhi ghnath fo ro-churam mu thiomchioll nithe an la-màireach; dhaibh-san thug e chosmhalachd so:

Thuirt breac ri tunnaig, ‘teicheamaid gu luath,
Mun tràigh an linne gus an grinneal cruaidh’.
Arsise: ’nuair bhios mise spìontes ròist’,
Ged thràigheadh an cuan tioram, sin domhs’ ?”

Fo chleoc amhi-churam leis an robh Omarg a chomhdachadh fein, bha cridhe suairce, bàigheil, truacanta. Tha e rìs agus a rìsg ar n-earalachadh an aghaidh a bhi neo-fhulangach a thaobh muinntir eile:

Do dcharaid, seadh, ’s do dnamhaid, caoimhneas nochd;
Cha dealbh an cridhe bàigheil ceilg no lochd;
Ni -run namhaid dhuit á caraid gràidh,
S ni caoimhneas caraid dhuit á broilleach nàimh.”


[213]

S a rithist:

Ach thar gach ni, do bhràthair bochd na claoidh,
S na buair gu h-aimhreiteach a chlos a chaoidh;
Mas àill leat sonas siorruidh bhlasad tràth,
Pian tanam fein, ach caomhain péin do chàch.”

Tha fhaireachduinnean fein adol a mach thun gach creutair; thun luibhean na machrach, —eadhoin an dus fo bhonnaibh a chas afaighinn cuid da aire, ’nuair a tha eg iarraidh air a charaid,

Gu h-aotrom saltair air an dus fo dbhuinn,
S gum baon-uair blàth-shuil e na h-àilleig dhuinn.”

Na linntean do-aireamh a chaidh seachad bhon a thainig an duinair thùs a dhàiteach na talmhainn; na muillionan thar chunntais do shluagh a thainigs a dhfhalbh nan linntean sin; gach aon neach fa leth dhiubh, acur seachad a latha ghoirid, thrioblaidich fein, ’s an sin, asnàg air ais thun an duslaich as an dthainig e. ’S e, gun teagamh, a leithid so de smuain a bhrosnaich an inntinn Omair an earail da charaid,

Gu h-aotrom saltair air an dus fo dbhuinn.”

So agaibh a rìs acheart smuain air dhoigh eile,

Chunnaic mi creadhadair afuineadh crèadh,
Nuair rinn i labhairt ris gu soitheamh, sèimh;
Gu réidh, a charaid; guidheam ort, gu réidh;
Ceart mar tha thusan diugh, bha misen !”

Chan e mhain an duslach a bha co-cheangailte rar daonnachd a tha tighinn gar n-ionnsaidh a rìs ann an cùrsa


[214]

naduir; ach aig acheart àm, fathunn mu dhéighinn asruthadh thugainn troimh na linntean a chaidh seachad:

Nach dthainig sgeul oirnn troimh na linntean céin,
A cheart co-ionann ris an ni so fein;
Mun cheud chlod ùrach sin an tùs an ,
Dan drinneadh duine, ann an cruth a Dhé.”

An duine sin a dhealbhadh ann an cruth a Dhé, ’s air an do bhuilicheadh anam mar shrad neamhaidh, do-mhuchte, comasach air nithean àrda ghabhail a steach, ’s an rannsachadh; ach do nach do cheadaicheadh uile dhiomhaireachd na beatha so fhaotainn a mach. An duslachs an do ghabh an spiorad so comhnuidh seal, a nisga luasgadh le gaoth an fhàsaich, ’s air a shaltairt fo bhonnaibh chas, adusgadh ann an Omar smuain mu chor an duines an t-saoghal, ’s ageurachadh inntinn gu bhi meorachadh air eachdraidhs air crannchur ar daonnachd bhon

Cheud chlod ùrach sin an tùs an ,”

gu

Ard ghairm na druma, ’s crìoch achruinne ché.”

Sin agaibh, mata, an gleus air an robh Omar aseinn; gleus, maith dhfhaoidte, nach taitinn ri cluasan a tha cleachdte ri ceol as binne. Tha gleus no dhà ann air a faodar ceol a sheinn, ach chaneil aona ghleus ann a fhreagras do na h-uile ceol.

Bho na h-eiseimpleirean a thug mi dhuibh, bheir sibh fein fainear an t-eadar-dhealachadh mor a tha eadar bardachd an duine so agus bardachd nan daoinagainne. Tha, gun teagamh sam bith, eadar-dhealachadh mor eadar an


[215]

dhuthaich, —duthaich na h-àirde-n- ear, agus duthaich na h-àirde-n- iar, —agus tha fhios agaibh gu bheil buaidh àraidh aig achoimhearsnachds a bheil duinair a thogail, air an taobh a dhionnsaidh an aom a chàil. A dheanamh so nas soilleire dhuibh: ’nuair a tha Donnachadh Bàn ataomadh a mach a chridhe fein amoladh nam beanns nan gleann am measg an robh e air àrach, ’s dan dthug e a leithid de spéis, tha sinne mothachail air ar cridhe fein a bhi mosgladh an co-fhulangas ri faireachduinnean abhaird, direach a chionn gu bheil a bhriathran atoirt fa chomhair ar n-inntinn gach àitis cuspair taitneach, am measg an robh sinn fein air ar n-àrach, ’s a dhruigh cho domhainn ar nadur:

Be sin an sealladh éibhinn,
Bhig imeachd air na sléibhtean,
Nuair bhiodh aghrian ag éirigh,
S a bhiodh na féidh alanganaich.”

S e so guth na h-àirde-n- iar. Chaneil guth na h-àirde-n- ear uile gu leir cho binn. A reir coltais, cha do dhruigh aghaidh a dhuthcha fein cho domhain an cridhe Omair; ach so agaibh facal da ghuth cho fads a tha sin abeantainn ri aghaidh a dhùthcha. Tha e cuireadh a charaid thun

Na stiallaig lombair air nach crom an spréidh,
Eadar am fàsach is an t-àiteach réidh;
Is far nach luaidhear ainm an rìgh non deòir’:
O, sìth do Mhamud air a chathair òir.”

Cha ghluais so cridhe aon againne; “ ’S e farsuinneachd an t-sleibha bfhearr a thigeadh ruinne naan stiallag


[216]

lombair air nach crom an spréidh.” Ach chaneil uinair dol nas fhaide. Dhfheuch mi ri seorsa beachd a thoirt duibh air Omar Khayyám, mar as aithne dhomhse. Chuir mi eisimpleir no dhà da rannan far comhair, sgeadaichte ann an deise Ghaidhealaich; ach faodaidh mi innseadh dhuibh, nacheil e idir soirbh na rannan aig Omar a thionndadh gu Gaidhlig. Tha iad air an cur ra cheile cho teann, chruaidh, sgaiteach, ’s nacheil e furasda doigh labhairt fhaotainns achànain againne freagarrach air an son. Cha dfheuch mi uime sin, ris an litir a leanachd, ach a mhain brìgh an ni a thoirt duibh cho dluths a burrainn domh sin a dheanamh. Is airidh bardachd Omair, mar bhardachd, air achliu as àirde, a reir mo bheachd-sa, ach tha mi creidsinn nach taitinn i ris a h-uile h-aon; ach co dan urrainn a h-uile h-aon a thoileachadh?

titleOmar Khayyám
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page