[92]

Cailean Mi Fhìn

thachair an uair sin?” arsa Tormod.

thachair,” ars a sheanmhair, “ach gun chùm e adol.”

S e bhair a dhòigh nach robh duinann a bhiodh acur cheistean air. Choisich e mìltean air mhìltean gus na shìolaidh e. An ath thaigh a ghlac aire, ’s e fear a bha na sheasamh leis fhèin shuas air cnoc agus na h-uinneagan aige ri glacadh gathan na grèines gan tilgeil a-steach na do shùilean. Ars esan ris fhèin, “Tha brod na dachaigh aig cuideigin ann an siud.” Smèid dithis air an Sgeilbheag bho taobh a-staigh agheat’.

Trobhad a-steach còmhla rinn. Tha e fhèin aig an taigh an-diugh. Gheibh thu do dheagh fhàilteachadh. Thèid frithealadh ort le biadh is deoch. Ann an ceithir ranna ruadha an domhain chan eil duine cho fialaidh is cho faoilidh ri Cailean.” An teis-meadhan na cuideachd chunnaic an Sgeilbheag duine mòr, eireachdail, agus bha e dìreach an uair sin fhèin acrìochnachadh seanchas a bha gu math èibhinn.

“ ‘O, bhoill’ ,” arsa mise ris an uair sin, ars esan riumsa,” arsa Cailean. “Ars ise.”

Agus thòisich a h-uile duine a bha staigh, ’s cha bu bheag sin, alachanaichs agàireachdainn. Bha iad gu sracadh. Agus bha seo achCailean Thann Ach Mi’.

Thigibh a-steach, a bhalachaibh!” dhèigh e. “Cuimhnichibh, chan ann an taigh an duine bhochd a tha sibh! ghabhas tu?”


[93]

ars esan ris an Sgeilbheag, agus lìon e glainne mhòr uisge-beatha dha.

O, tha taighean gu leòr timcheall an seo, ’s abair thusa gast, ach cha toir iad dhut uireads a dheigheadh fo do shùil, de rud sam bith. Ach chan e sin dhuinne. Bha mathair na dhuinaoigheil, agus athair roimhe.

A bhean, leasaich an stòp dhuinn,” dhèigh Cailean, “is lìon an cupan le sòlas.”

Càit an cuala mise siud?” ars an Sgeilbheag ris fhèin.

Thall am measg nan ceatharnach chunnaic e boillsgeadh de bhoireannach brèagha, bàn, is cuairtean fo na sùilean aic’, ’s a h-uile colas oirrgu robh i gus a beul a bhualadh fòidhpleis an sgìths.

Chunnaic an Sgeilbheag gu robh na fir òga air am beò-ghlacadh le Cailean. Agus gu robh cuid aca ri còmhradhs ri coiseachd dìreach mar a bha esan. Bha dùil aige gun innseadh e dhaibh mu Chathach nan Cath. ’S dòchgun cuireadh e tòimhseachan no dhà orr’.

Ciamar a tha leabaidh an leisgein ro fhada dha?”

O, chan eil fhios, tha cho math dhut innse dhuinnsiuthad, a-mach leis, a bhalaich!”

Agus chanadh e fhèin, “Seach gu robh e ro fhadinnt’ .”

Neo chuireadh e seo orr’:

Chan eil e muigh,
Chan eil e staigh,
S cha dachaigh i às aonais.”

Tiud! Chan eil sinne adèanamh bun no bàrr dheth, tha


[94]

a cheart cho math dhut innse dhuinn. Seadh, doras, arsa tus’ – nach tu tha èibhinn, ’s leis thu co-dhiù, ’s càit a bheil dùil riut?”

Ach cha dfhuair e mòran teansair càil a ràdh.

Bha Cailean aseinn amhran gaoil. Agus nuair a sguir e, thuirt fear dhe na balaich, “A, nach ann agad a tha an guth.”

O, bha guth gu math càilear aig do mhàthair fhèin,” arsa Cailean, “ged nach robhn ceòls an cumhachd na guth a bhann an guth mo mhàthar-sa.”

Thall air cùlaibh Chailein chunnaic an Sgeilbheag gu robh a bhean atogail a sùilean suas a chum nam beann.

Co-dhiù,” arsa Cailean, “fhuair min ceòl bho mo mhàthairs abhàrdachd bho mathair còir nach maireann.”

Am bi sibh ri bàrdachd?” ars an Sgeilbheag.

Bithidh, a bhalaich, nuair a leigeas an drip dhomh,” arsa Cailean. “Bàrd ainmeil a bha nam athair, ’s thèid duine ri dhualchas seachd uairean san latha, gun fhiosta dha fhèin.”

An dùil a. .. mu dheidhinn nan gabhadh tu fear ac’ – fear dhe na dàin a rinn dathair. . .”

O, chan eil fhios am, ” arsa Cailean, ’s chuir e a làmh suas is thòisich e aslìobadh fhuilt air ais.

Siuthad, a Chailein!”

All right, a-rèist,” ars esan. “Seo fear a rinn es e air tilleadh leis an acras às dèidh dha bhith cuairt cladaich.”

Siuthad, dall air, a Chailein!”

Na rinn sibh buntàta pronn, buntàta pronn,
na rinn sibh buntàta pronn,
an rud as fheàrr leam a thann?


[95]

Cha do rinn an-diugh,
cha do rinn an-diugh,
ach gheibh thusa ugh.

Is bonnach coirc a dhfhuin mi fhìn,
bonnach coirc a dhfhuin mi fhìn,
s na thogras tu de dhìm.

“ ’S e seòrsa de dhfhiosaicha bha nam athair-s’ ,” arsa Cailean. “Seo luinneag eile a rinn e goirid mus do bhàsaich mo mhàthair.”

Siuthad, a-nis, a Chailein.”

Tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
cha deach i dhan amhòine.

Tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
cha tèid i mach a chèilidh.”

Chrìochnaich Cailean is chrom e a cheann.

O, bhoill, ’s e bàrd a bha nad athair, dha-rìribh,” ars an Sgeilbheag.

“ ’S e bàrd dha-rìribh a bha nam athair,” arsa Cailean. “Nach e sin a bu chòir dhut a ghradha?”

“ ’S e sin a bha dùil am a chantainn,” ars an Sgeilbheag. “Agus mu dheidhinn do bhàrdachd fhèin?”


[96]

O,” arsa Cailean, “tha abhàrdachd ag èirigh às na daoine againne mar a thig bùrn-èirigh gun uachdar. Rinn mise bàrdachd – ‘Òran aGheamhraidh’ – agus ged as e mi fhìn a tha ga ghradha, ’s iongantach geil a leithid ann.”

Siuthad, ma-tha.”

Chuir Cailean a làmh suas air a lethcheann agus ars esan, “O, chan eil fhios am. ”

Siuthad, a-nis,” arsa càch.

Ceart gu leòr,” ars esan, “seach gun tug sibh orm. .. ‘Òran aGheamhraidh’ ,” ars esan, ann an guth ìosal.

Mun àm sa bhliadhn
tha aghrian air teiche gu deas,
tha i dìreadh air èiginn os cionn na beinne
s a cromadh sìos às.

An loch cho caol ri sgithinn
eadar a bruaich,
solas fuar agheamhraidh
adeàlradh bhuaip’.

An tunnag bhochd, nach mairg dhi
latha nan seachd sian,
misis tusle dachaigh bhlàth,
s an cats an fo dhìon.”

Chrom Cailean a cheann is bhris air. “Gabhaibh mo leisgeul. .. tha e abuntainn rium. .. tha e cho domhainn. ..


[97]

Gun fhasgadh air domhain ac
a Shàboind neo sheachdain,
ach acrùbadh còmhla
gus fuachd bàis a sheachnadh.

Na rionnagan apriobadaich gu h-àrd,
lanntairean beaga fuara
gorm-lasrach, dearg-bristeach, geal-daoimean
nach stad fad diog na h-uarach.

Ach reult an fheasgair fhèin a-mhàin,
a tha cho soilleir rèidh:
glan geal, sìobhalt i na h-aimsir
seach gach .

Mun àm sa thig gaoth gheàrrto tuath,
tha cabhadh is flin an dàn dhuinn;
mathair leis an tùchadh, bròinean,
oir a bheòil air sgàineadh.”

Eich, eich, eich,” arsa Cailean, agus thiormaich e a shùilean le nèapaigear sìoda.

Cùm ort, cùm ort.”

Mo thruaighe gillòg mòintich
air am beir cabhadh
astar mhìltean a-muigh,
aimsir mhealltair a charadh.


[98]

Tha canach an t-slèibhe glè gheal,
cop na fairge tuilleadh nas gile,
ach cha mhòr nach dall ùr-chòmhdach sneachd thu
le fhìor ghilead.”

Ach nach ann a stad e an uair sin agus dhèigh e ri bhean, “Tha mise gad fhaicinn. .. na bi smaoineachadh nach eil. .. aroiligeadh do shùilean. .. a gheal-shùileach bhochd gun chonn. . .”

O, bhruidhinn e rithe gu math nasty, ann am fianais a h-uile duine, ’s chuir e cho suarach i ri tràill agus ri sgalag, ann an sin, na dachaigh fhèin.

O, bhoill,” ars an Sgeilbheag ris na brògan, “ ’s math geil abhrolais ud seachad.”

Come on now, ”arsa na brògan donna, “give the man his due – bha pàirtean dheth glè mhath!”

Ma bha, a-rèist,” ars an Sgeilbheag. “Bfheàrr leamsa fada abhàrdachd ud a rinn athair, leanabaidhs mar a bha i.”

O, bhoill. . .” arsa na brògan.

Teich leis,” ars an Sgeilbheag, “bha abhàrdachd aige mar e fhèin: làn gaoith.”

Greiseag an dèidh seo, thug Cailean a-mach iad ach am faiceadh iad am pìos a chuir e ris an taigh.

A bhalachaibh,” ars esan, “cuin a chunna sibh clachaireachd mar sin?” Shuath e a làmh air abhalla. “Seall mar a tha na clachan sin agam air an teum ri chèiles air an leigeadh a-steach na chèile. Chan urra mise cus uaill a dhèanamh às a sin – ’s e thann ach tàlant a thug mi às abhroinn.”

O, ’s e clachaireachd ghrinn a tha sin, a Chailein,” arsa fear dhe na balaich.


[99]

Agus seo achlach mhòr, air cùl an taighe ann an seo, a thog mathair. Mi fhìns e fhèin, sin uireas a thog a-riamh i bhon talamh. Agus seo an lèana far am biodh sinn acur na dòrnaig, ’s far am biodh sinn afeuchainn air amhaide-leisg.”

Chleachd iad a bhith cantainn riumsa nach robh mi fhìn dona air sadadh na dòrnaig,” ars an Sgeilbheag.

Thusa?” arsa Cailean.

Seadh. Agus chan eil mig ràdh nach dèanainn glè mhath air amhaide-leisg cuideachd.”

O, bu chaol do rathad ris, a mhaothain balaich,” arsa Cailean. “Ma thèid thu dhfheuchainn annamsa, creanaidh tu air mar a chrean iomadach amadan romhad. Cnuasaich air leud mo dhroma, air doimhne mo bhroillich, agus air an ghàirdean fhèitheach, fhionnach sin.”

Ach bha an Sgeilbheag air a dhol tro iomadh gàbhadh. Bha àird air a thighinn ann. Bha e air cuideam a chur air. Bha aodann is amhaich dorch aig aghrèin. Às dèidh na bha e air fhulang, bha e ga fhaighinn fhèin cho làidir ri each beag màsach, molach, muingeach.

Shuidh iad air aghlasaich mu choinneamh a chèile. Chuir an Sgeilbheag a bhonnan ri bonnan Chailein. Agus thòisich iad adràghadhs atarraing. Ach brògan donna ann neo às, agus each molach, muingeach, màsach ann neo às, rinn Cailean achùis air trì turais, ’s cha robh sin ro dhuilich dha.

O, feumaidh tu bonnach no dhà ithe fhathast, a bhalaich,” arsa Cailean, agus chuir e falt na Sgeilbheig troimh-a- chèile le a làimh. “Seall fhèin air na crògan sin,” ars esan ris an Sgeilbheag, “leis am faodainn dfhàsgadh nam be sin mo thoil.”

Bha aodann na Sgeilbheig air a dhol cho dearg, leis an nàire. Chaidh e sàmhach, ’s cha bhruidhneadh e ri duine.


[100]

Bhon a bha e cho làn dheth fhèin, bha dùil agad nach robh dad a dhfheum ann,” arsa na brògan. “Ach bha thu air do mhealladh. Tha thu nis air do thàmailteachadh. Bho nach deach leat, tha thu nis cho dùdach is cho dùr ri sean nighean nach dfhuair a slìobadh no a gioradh.” O, cha do sheachain na brògan e. Cha do shèam iad e.

Cha robh siud glè ghlic dhomh,” ars an Sgeilbheag.

Dhfhaodadh tu fhèin a ghradha,” ars iadsan, a dhaon ghuth.

Chaidh a h-uile duine steach an taigh a-rithist, agus lìon Cailean ghlainne mhòrs chuir e sìos i air beulaibh na Sgeilbheig.

Seo, a bhalaichchan fhaigh thu leithid an stuth sa ach ann an taigh Chailein.”

Na òl ach an s’ ,” arsa na brògan ris. “Bidh tu fann claoidhte gu leòr mus fhaigh thu à seo, gar am biodh ceann goirt is aithreachas ort.”

Feuch a-nis ma bhios tun taobh s’ ,” arsa Cailean, “gun tig thu steach ach an gabh mi do naidheachd. . .”

Thig,” ars an Sgeilbheag. Ach ris fhèins e thuirt e, “Cha tig, cha chreid mi gun tig. . .”

Às dèidh dha beannachd a leigeil le Cailean, ghabh e air a shlighe.

Thug e dhà na thrì lathaichean ga dhìteadh fhèin chionns nach robh cus feum ann air dòigh air domhan.

Chaidil e lathas oidhche gun smuaisleachadh. Ars esan ris na brògan, “Carson co-dhiù a bha mi cho buileach claoidht’ ?”

Fhreagair na brògan donna. Ars iadsan ris, “Chaith thu leth latha còmhla riCailean Thann Ach Mi’, agus, a Sgeilbheag, sin agad carson.”

titleCailean Mi Fhìn
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page