Am Fear Nàimhdeil, Neimheil
“An dùil dè thachair an uair sin?”
“Thachair iomadach rud sin.”
An oidhche bha seo agus an Sgeilbheag na chadal fo chraoibh, ’s na brògan donna aige mar chluasaig fo cheann, bhris iadsan a-steach air a shuaimhneas le na facail “Dùisg! Dùisg!”
“Dùisg!” arsa na brògan, “ ’s tu ann an cunnart do bheath’ .”
Thug iad briosgadh air. Bha e air a bhith trom na chadal. An ath mhionaid bha e na shuidhe agus buille a chridhe na chluasan. Bha ’n oidhche cho dorch ris a’ bhìth fhèin. Cha bu lèir dha àird an dùirn. ’S cha robh aon deò gaoith ann. Bha na h-eòin ceann-fo-sgiath nam badan is nan cùiltean fhèin. Bha seòrsa de chlos air an domhan mhòr.
“Dè ’n cunnart?” ars an Sgeilbheag. “Tha ’n oidhche cho dubh dorch ri poit-tearra – chan fhaic mi nì, ’s chan fhaicear mi, ’s dè rèist as ciallta dhuibh? Leigibh dhomh cadal, ’s mi cho sgìth,” ars esan, agus shocraich e a cheann a-rithist air na brògan donna.
Ach aon norradh chan fhaigheadh an Sgeilbheag. Bha ’n cadal air falbh dheth. Chaidh e na shuidhe.
“ ’Eil thu cluinntinn càil?” arsa na brògan.
“Diurra-bhig,” ars esan, “ach a’ chailleach-oidhch’ ag èigheachd deagh phìos às.”
“Dè ’n còrr?” ars iadsan.
“Daolag a’ gluasad air ùrlar na coille.”
“Dè ’n còrr?”
“Buille mo chuisle.”
“Dè ’n còrr?”
“Chan eil ach sin.”
“ ’Eil thu idir a’ cluinntinn gheugan a’ briseadh is corra eun ag èirigh le placadaich sgiath?”
“Chan eil mi cinnteach a bheil no nach eil,” ars an Sgeilbheag.
“Seas,” arsa na brògan donna, “tha rudeigin a’ tighinn.”
“Dè an seòrsa rud?”
“Chan eil fhios: ’s dòch’ gum bi e ann an riochd beathaich, ’s dòch’ ann an riochd duine.”
“Carson? Cha do rinn mise càil air duine.”
“Fàg dhìot na brògan donna. Thoir asta na barallan. Ceangail biodag na Caillich ri ceann do bhata daraich. Le snaimeannan nach gèill. Dà thuras agus dà thuras dùbailt.” Cha robh na brògan donna air òraid cho fada a dhèanamh bho chionn deagh ghreis.
“Thall gu do chùlaibh,” arsa na brògan, “tha còraichean d’ athar. Ma gheibh an rud a th’ ann seachad ortsa, nì e an uair sin air d’ athair an rìgh. Goididh e steach mar fhaileas eadar an latha ’s an oidhch’ mus dùinear an geat’, no mar dheannag deathaich eadar an oidhche ’s an latha nuair a dh’fhosglar e.”
Rinn an Sgeilbheag mar a dh’iarradh air. Ach gheàrr e a làmh le clibisteachd is cabhaig, ’s am fiodh cho cruaidh, ’s chaidh sruth fala gu làr.
“Dè nan ruithinn, dè nan deighinn air falach?”
“Ged a ruitheadh ’s ged a dheigheadh, cha dèanadh e a bheag a dh’fheum dhut. Mharbhadh e thu co-dhiù, ’s bhiodh do
chnàmhan is d’ eanchainn ’s an còrr dhìot aige sgapt’ air feadh an àit’ .”
“Dè a’ ghnothaich a th’ agamsa ris, no aigesan riumsa?” ars an Sgeilbheag.
“Chan eil fhios air a sin,” arsa na brògan donna, “ach seo an t-àm agus seo an t-àit’ .”
“Leis an fhìrinn innse dhuibh,” ars an Sgeilbheag, “tha crith tromham gu lèir agus tha gaoir nam fheòil.”
“Chan eil sinne a’ cur umhail ort,” arsa na brògan, “ ’s gu dearbha cha lùigeadh sinn a bhith nad àit’ .”
“Chan eil de lùths annam na sheasas – ciamar as urra mi a dhol na ghlaic?”
Sheas an Sgeilbheag san dorchadas, ’s cha deigheadh aige air e fhèin a cheannsachadh. A h-uile freumh feagail a dh’fhairich e na bheath’, gach gath gairiseachaidh, a h-uile pioc sgàig is oillt is uamhainn a rinn a-riamh luidean dheth, agus còrr – chruinnich iad na chom nan aon bhailc. Leig e às ràn mar a leigeadh leanabh. Lùig e a bhith marbh. ’S gu sluigeadh an talamh e mar a bha e, e fhèin ’s am bata treun daraich is biodag dheàlrach na Caillich Crìon ceangailte ris le snaimeannan nach gèilleadh, dà thuras agus dà thuras dùbailt.
Oir chluinneadh e, fada, fad’ às, geugan a’ briseadh is corra eun ag èirigh le placadaich sgiath, agus rudeigin no cuideigin na dhearg-dheann a’ dèanamh air. Rudeigin no cuideigin aig an robh bith bàis dha bho thoiseach is bho thùs. Agus a shaltradh crùn an rìgh fo chasan mura gabhte roimhe.
“Chan eil mòr-dhiofar leams’ a-nis am bi mi beò no marbh,” ars an Sgeilbheag, “agus ged a b’ e ainmhidh an t-sluic thu, cuiridh mi aghaidh ort.”
“Sin thu fhèin, a chaomhain,” arsa na brògan donna – a’ chiad turas ’s an aon turas a chualas a leithid ac’. “Theirig a-mach a-nis a mheadhan na buaileig sin, far nach eil craobhan, agus cleachd thu fhèin ris an àit’. Bi air ghleus. Bonnaich do chasan fodhad. Cruinnich thugad neart do shinnsiribh.”
Sheas an Sgeilbheag far na dh’iarradh air, air a chasan loma.
“Tapadh leibhse,” ars esan ri na brògan. Mus robh e càil ach air na facail a leigeil às a bheul, chual’ e seòrsa de sporghail is leum an rud mòr dubh a bha seo a-mach air a mhuin.
Chaidh an Sgeilbheag sìos air aon ghlùin, is fhuair e fodha. Bha grèim teann aige air a’ mhaide daraich, ’s a’ bhiodag air a teum ris, agus shàth e seo suas a mhionach a’ bheathaich mar a dheigheadh aig’ air. Dh’aithnich e gun rinn e call, ’s gun deach e domhainn. Oir shil sruth fala sìos mu cheann ’s mu shùilean.
Bha ’m beathach a-nis air chruth eile, cho fad ’s a chitheadh an Sgeilbheag. ’S e a bha a’ tighinn air ach ceàrnag de dhuine molach dorch anns an robh neart triùir. Chrath an Sgeilbheag an fhuil às a shùilean, ’s nuair a leum a’ chùis-eagail air a-rithist, fhuair e air bàrr na biodaig a chur a-steach na ghualainn. ’S a-rithist a-steach a thaobh na h-amhaich. Feumas e bhith gu robh cumhachd ann am biodag dheàlrach na Caillich Crìon. Am beathach a bha guineach, gonach, gamhlasach, ghoid i a neart. A’ bhiast a bha gu tur iargalta, borb, ana-cneasta, thug i le trì ionnsaighean buaidh air a nàimhdeas agus air a neimh.
A rèir colais, b’ e a bh’aige mu choinneimh a-nis, agus ga chuartachadh, ach duine mar e fhèin. Ach gu robh e dorch, molach agus nach gabhadh sgìthseachadh air. B’ e a bh’ aca nis ach gleac is sàthadh is sadadh is tuasaid is buille is sgleog is tachdadh is ditheadh is fàsgadh.
Bha a’ mhadainn air spiacadh a dhèanamh san àird an ear gu seo, agus chitheadh an Sgeilbheag glè mhath cò a bh’ aige – duine dorch, balbh, molach, molanach, mùdanach, nach do rinn gàire riamh, agus nach gabhadh sgìthseachadh. Mus do lùghdaich, mheudaich an cuid spàirn. Gus mu dheireadh gun dh’èirich ceò dhiubh, ’s gu robh iad cho teth ’s gu robh am feur a’ gabhail teine fon casan is meanglanan nan craobh ri losgadh nam buaileadh iad annt’.
“O, bhoill, a sheòid,” ars an Sgeilbheag, “ma tha dùil agad cumail ort fad an latha, tha ’n aon seasamh-ris agamsa.”
Agus chùm iad a’ dol gus an robh a’ ghrian gu bhith na h-àirde. Thòisich aodach na Sgeilbheig a’ losgadh ’s a’ lasradh, agus stad iad le chèile, agus leig iad às. Dh’fhalbh am fear molach a-steach air ais dhan choille le ceum slaodach, ’s cha do sheall às a dhèidh. Leum an Sgeilbheag a-mach a mheadhan sruthain agus dh’fhuirich e ann an sin gus na sguir am bùrn a ghoil timcheall air.
Mu dheireadh thall dh’fhalbh an teas às an Sgeilbheag, às dèidh dha e fhèin a bhogadh dhà no trì thurais. Agus laigh e an uair sin ’s a cheann air na brògan donna, agus thuit e ann an clò cadail às nach do dhùisg e fad trì latha.
Nuair a dhùisg e, cha robh mìr dhe chorp nach robh goirt, cràidht’. Nuair a tharraingeadh e anail, bha asnaichean ciùrrt’. Nuair a chaidh e air a chasan, bu ghann gum b’ urra dha ceum a thoirt.
title | Am Fear Nàimhdeil, Neimheil |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |