[34]

A’ Chliutag

Cha robh aChliutag sa chogadh idir, cha ghabhadh iad e.

Cha chuala Dòmhnall Iain cus bruidhinn a-riamh air carson. Ri chiad chuimhne bhiodh aChliutag afalbh chun obair-, ach an uair sin sguir e.

Thill e turass gun dùil ris. Chunnaic Dòmhnall Iain atighinn e, a-steach mun bhuaile, le ceas, agus ruith e na choinneimh.

Dheàlraich aodann na Cliutaig mar a bàbhaist, agus rug e air làimh air Dòmhnall Iain, rud nach biodh duine adèanamh ach e fhèin. Làmh chruaidh làidir. Ach a rèir colais cha robh an làmh chlì faisg cho math. Dhfhàsadh i sgìths cha dùineadh i ceart mu chas na spaid.

Bha aChliutag air a dhol gu fhois shìorraidh bho chionn iomadach bliadhna mus do thuig Dòmhnall Iain mar a bha e ga ionndrain. Bhon a bhiodh en taigh a sheanar gun fhalbh às, agus seach gu robh e fhèin is Doilidh Beag mu na comhaoisean, bha e eòlach san taigh ac’.

An toiseach, bann aigesan a bha làmh-an-uachdair, ach goirid an dèidh dhaibh a dhol dhan sgoil, dhatharraich sin. Gheibheadh Doilidh Beag an t-uabhas leis, am broinn an taighagus a-muigh timcheall. Taigh-dubh a bhaig muinntir na Cliutaig, a bha leantainn an leothaid, an cùl na h-Àirde.

Latha brèagha samhraidh, ’s iad acluich a-muigh, ’s iad fhathast gun a dhol dhan sgoil, ghabh Doilidh Beag gu mùn air an uinneig.


[35]

Feuch an sguir thu,” dhèigh aChliutag bho staigh, ach cha do charaich e mach. ’S cha do sguir Doilidh Beag gus nach robh dileag air fhàgail aige.

Mu dheireadh bi a mhàthair a bu dòcha seasamh aige, is dèiseag a thoirt dha mun tòin.

Bha bràthair-athar aig aChliutaig a phòs à Grangemouth, ’s a rinn a dhachaigh ann an sin. Cha robh Nollaig nach tigeadh preusantan bho Jessie Dhòmhnaill.

Gu h-àraid sa gheamhradh, bha e math a bhith na do shuidhe uaireachan mòr a thìdann an taigh na Cliutaig, agus earball na gaoith asiabadh mun doras, agus craos mòr fosgailt na mara abagairt air tìr is fearann. Bha Chrissie Ann bliadhna na bu shine na Doilidh Beag.

tha thu leughadh an sin?” ars a h-athair rithe.

The Invincible Trio, ”arsa Chrissie Ann. Thuirt Dòmhnall Iain gur h-e bu chòir dhi bhith air a chantainn achThe Invisible Trio. ”

Thubhairts Doilidh Beag. ’S cha tuirt aChliutag dùrd, ach na shuidhe air an t-seat asmocaigeadh na pìob.

Ach nach ann a sheall Chrissie Ann cobhar an leabhair dhaibh, agus chunnaic iad gur h-i bha ceart, ’s chaidh iad sàmhach.

Bha nàirair Dòmhnall Iain nach robh fios aige air an fhacal. ’S chan fhaighnicheadh e bha e ciallachadh, leis na bhair de thàmailt.

Cha robh e cho nàr leis, ge-, neo faisg, ris mar a thachair dha an clas Miss MacLeod. Air Clas Two. Far na dhionnsaich iad sgrìobhadh is tables is vulgar fractions. Agus far an robh agad ri leughadh às an leabhar, ’s tu na do sheasamh.

One moonlit night the dog met his cousin the wolf, ”leugh Dòmhnall Iain, ’s chaidh leis glè mhath.


[36]

Ach eile, ’s e na sheasamh, thàinig e tarsainn airdemon’.

Cha do chuir sin grabadh sam bith air. Thuirt edemonan aon dòighs a chanadh elemon’. Cha robh teagamh sam bith aige nach e sin a bha ceart.

Thòisich an clas agàireachdainn. Cha do chaisg Miss MacLeod iad. Bha gàire beag air a h-aodann fhèin. ’S bha ig obair air a grìogagan, mar a bàbhaist, ’s air cùl a fuilt. Chunnaic Dòmhnall Iain gun chòrd e rithe gu robh e air a dhol ceàrr. Thuirt i fhèin ri Doileag aPhluic, tidsear na clainne bige, gu robh dhà na thrì a lìogairean air achlas aices’, ’s gur esan aon dhiubh.

Chuir i a rànail e latha eile agus cuistean air failleachadh air. Thug im pointer dha mu chaol an dùirn.

Mus tàinig agheur-leanmhainn sin airO, fada roimhe, ’s dòcha bliadhnathàinig Doilidh Beag air a thòir, ’s thuirt e ris gun dfhuair esan orainsearan is ùbhlan is cnothan na stocainn.

Air orainsearan bha Dòmhnall Iain eòlach, air ùbhlan cuideachd. Nuair a chualecnothan’, a chunnaic e shìos am broinn stocainn Dhoilidh Bhig ach crodhanan .

Ach bha roimhe, an taigh na Cliutaig, ach orainsearan is ùbhlan agus. .. cnothan. Cha robh e riamh air am faicinn: gall-chnothan liorcach agus cnothan cruinne calltainn.

Bhris iad na cnothan leis achlobh’, air an leac air beulaibh an teine. Is bhlais iad orra. Cha robh oisean dhiubh nach do sgrùd sùil is corrag.

Air lathaichean neo-charthannach, neo-chaomh, ma-tha, ’s aghaoth asgiùrsadh na glasaich, is corra chù aleantainn ràtar fiar, ’s ga chall, ’s ga lorg a-rithist, dhèanadh Dòmhnall Iain e fhèin aig an taigh ann an taigh na Cliutaig.


[37]

S air lathaichean geamhraidh eile, ’s am muir aleum geal far na creige cho àrd ri taigh, is sneachd air stad ann an slagan an tughaidh, ’s na churrac geal air bàrr nam post-feans, ’s na starragan nam fògarraich a-mach os cionn cuithe rèidh, len guthan garbha ròcanach, dheigheadh Dòmhnall Iain a thaigh na Cliutaig.

A bhiodh aslìobadh mullach a chinn fhads a bhiodh e ris an altachadhuaireannans dòcha trì mionaidean, ceithir, còig. ’S na bhaige ri ràdh ris aChruithear na shanais nach cluinneadh tu buileach, ’s a thug buaidh air abhalach a bha feitheamh gus am faodadh e làmh a shìneadh gu buntàtis sgadan, no gu cudaigean is aran-coirc.

AChliutag nach cuale riamh acàineadh duine, nach nàraicheadh balach, ’s nach tigeadh trom air, nach robh a-riamh ach gast, nach biodh abruidhinn air fhèin, ’s a bha sìtheil ri bhean.

An tac an teine bhiodh e fhèin is Doilidh Beag adèanamh smoc le calcas is stiallag de phàipear-naidheachd.

Neo atarraing buntàta ròst às aghrìosaich.

Neo acur nam beilleans abrùchdail.

Istibh. Istibh a-nis,” chanadh esan, ’s e leughadh aphàipeir.

Ma thug en aire dha fhèins dha Doilidh Beag atarraing nan sgiathan às na cuileagan a bha taobh-staigh na h-uinneige, cha tuirt e dùrd.

S iongantach gun mhothaich e, oir bhan t-uabhas adol seachad air.

Bha aChliutag aig an obair-latha faisg air aGhearastan. Ron chogadh. Cha be fhèin a dhinnis seo ach fear à Dail a bha còmhla ris.


[38]

Bha gafair aca bha salach air a bheul, agus tàireil leis. Bhiodh eg iomchar air balaich na Gàidhlig. Mar gum biodh bith aige dhaibh.

Co-dhiù, thuirt e rudeigin, agus leig Iain às aphioc. “A ghrìochaire ghuirm. . .” chuala fear Dhail aChliutag ag ràdh.

S chaidh e nulls tharraing e air i. Chuir e na phliac an duine sin. Thug e greis mus do dhèirich e. Na laighe air an rathad a bha iad ag obair acàradh.

Fhuair e mhothachadh mu dheireadh.

Dhiarr aChliutag mathanas air. “I havent hit anybody since I was a boy, ”ars esan ris.

Ach fhuair e a leabhraichean co-dhiù, ’s bfheudar dha tilleadh dhachaigh.

Thug Mèireag a bhean greis mhath air mhuinntireas ann an Lunnainn. Dhinnis i seanchas dhaibh, ’s iad beag, a lean ri Dòmhnall Iain mar a leanas lèig ri bonn bròig.

Thàinig boireannach le flèide dhubh a shealltainn air dhen chlann-nighinn Ghalld’. Agus,” ars ise, “ged nach fhaca mise seo le mo shùilean fhìn, ’s e aodann muic a bhoirre. Cha robh i toirt dhith na flèide sin uair sam bith.”

Thog e bho Mhèireag gur e breitheanas a thàinig air abhoireannach sa, ’s air a pàrantan.

An dùil rinn iad?” ars esan ri Doilidh Beag.

Ach cha robh duine dhen dithis aca ro gheallmhor air faighinn a-mach.

titleA’ Chliutag
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page