[39]

Am Bromaire Mòr

S nàr leam aideachadh nach eil fhios am an aois a bhaTormodnuair a bhruadair e bruadar abhromaire mhòir. ’S dòchgu robh e trì bliadhndeug. Neo beagan na bu shine. Cha robh ann co-dhiù ach an giullan maoth. Bho thoiseach na h-aisling bha e mu thràth air an t-slighe, a cheann-uidhe fa chomhair inntinn, ’s e dols adol. Bha e dols gun fhiaradh air, fad trì latha, a lathas a dhoidhch’, tro choilltean uaigneach is tro gharbhlaich. ’S e dèanamh air bodach a bha fuireach leis fhèin, deagh phìos às. Agus rud aige a bha Tormod ag iarraidh.

Cha bann ag iarraidh ach afìor lùigeachdainn. Cha bann afìor lùigeachdainn ach asìor mhiannachadh le uile chridhe, ’s adleasadh dha fhèin le uile neart gu sìorraidh buan.

Choisich e casruisgt tro abhainn fhuar, air an robh cabhaig eadar bruaichean farsaing. Lùthmhor a bras-shruth cuaileanach, cuisleach, sgeireach, brist’. Agus ro eu-domhainn airson a snàmh. Cha mhòr nach tug i a chasan bhuaithe. Thàinig luairean air a-muigh na meadhan, far am bu duirchi, far am bastaraich’. ’S i ri snìomhs atoinneamh a slighe sìos roimhpmar ròpa dubh. Nan tuiteadh e, dhfhalbhadh i leis agus gheibheadh e sgailceadh mu na sgeirean.

Stad e. Stòlaig e e fhèin le buille dhe shùil a-null tarsainn, agus cumhachd na h-aibhne na ghobhals asàthadh air ploc na tòine. Bha clachan corrach, biorach na bonn a gheàrrs a sgiol e. Agus olbhagan cnapach cruinn a bha cho sleamhainn ri botal. ’S na


[40]

bha sìos eatarra de thuills de chòsan grànda, cama, cumhang, aglacadhs aglasadh caol na cois, ’s ga tionndadh, ’s ga sgochadh, ’s ga leòn gu goirt. ’S ma fhuair e null, cha bann gun fhios aigair, ’s ma bhuannaich e tarsainn, cha bann gun dochann.

An dèidh na spàirn sa leig e anail a-staigh air cùl easa.

Staigh ann an sin san eadar-sholas, far nach leagte sùil air, bha dreathan-donn ga nighe fhèin ann an slaig bhig nach bu mhotha na copan. Atomadhs abocadh ceann is com a h-uile ceann tiotadh, ’s acrathadh a sgiathan.

Ann an sgoltadh nan creag bha raineach ùr afàs na spreodan fada fallain gorm. A bha dùintgus bho chionn ghoirid, agus paisgtair fhèin na chuibhleachan teanna, ’s a bha nis air a sgaoileadh fhèin a-mach. Ach cha do rinn Tormod dàil. Ghreas e a cheum, ’s cha bfhada gus nach robh seirm is faram nan uisgeachan tuilleadh na chluais.

Dhèirich falt a chinn achiad oidhcha chuale bùireil is burralaich nam madadh-allaidh, ’s iad ag adhradh do sheann bhloigh dhen ghealaich. ’S a-rithist nuair a thug e fa-near iad atogail na fuinn, na sròinean aca togte suas, cuid dhiubh bus ri bus, an sùilean dùint’, is càirdeas sìorraidh acga chumail.

Mu dheireadh thall, air latha dorch, thàinig e gu oir coille agus chunnaic e taigh gun cheò gun sholas. Chluinneadh e èigheachd nan creach agus sgiamhail bho staigh. Adol na bfhaisg’, chunnaic e gu robh na dorsan far am banntaichean. ’S nuair a bha a chas air taobh-a- staigh na starsaich, ’s a chleachd a shùil air dubh is duibhre, rinn e mach duine mòr, cnàmhach, a bha greis latha, na sheasamh am meadhan an làir agus sgèan na shùilean.

Bha mucan is uirceanan aruitheadaich a-machs a-steachs a h-uile taobh.


[41]

Siuthad! Siuthad!” dhèigh am bodach gruamach sa ri Tormod. Fàilteachadh cha dfhuair e ach sin.

Thuig Tormod gu robh am bodach ag iarraidh air na beathaichean fhuadach chun na sitig. Ach bha na dorsan brist. Bhan fhàrdaich sna bu shalaiche na bàthach a chunnaic Tormod na bheath’, agus fàileadh innta leagadh tu às do sheasamh.

Bhuail e a bhoisean na chèile, agus ruith iad is sgap iad, ach cha bfhada gus na thill iad.

Mu amhaich abhodaich, air iall caol, salach leathair, chunnaic Tormod clach bheag gheal is toll troimhp’. “Tha mig iarraidh na claich’ ,” arsa Tormod ris.

Leig am bodach braidhm. Agus chunnaic Tormod gur e bha seo ach cùis-thruaiss nach be cùis-eagail, le fhalt caraigeach nach fhaca cìr, ’s a chuid aodaich cho grod. Aodach às nach robh e air a thighinn, a latha no dhoidhch’, seachdainean fada gun Shàboind air sreath.

Cha robh dad a chuimhnaig abhodach gu robh achlach mu amhaich.

bheir mi dhut oirr’ ?” arsa Tormod, ach cha robh seo gu feum sam bith dha. Bham Bromaire Mòr acuachaill timcheall, ’s atoirt riag a-mach, ’s astad, ’s ag èigheachd, ’s acòmhradh ris fhèin gu dian, ’s bho àm gu àm aleigeil às plath gaoithe.

Bha de sgreamh is de dhoillt air Tormod na dhfhòghnadh do thriùir, ach cha robh a chridhe falamh de dhiochd.

Bham bodach atoirt a-steach bràthair-athar air. Coinneach mùdach, dùdach, frionasach, an-amharasach na h-an-aimsir. A bhiodh uaireannan ga chall fhèin leis an droch nàdar timcheall achruidh. A bhiodh aguidheachan dha na daimh, ’s asiamaich dha na gamhna, nuair nach gabhadh iad a chomhairl’ ’s a ruitheadh


[42]

iad air, an àite dhol tron agheat’. Ruitheadh iadsan an uair sin a-rithist, air lost mar a bha esan, asadadh an casan-deiridh gu deas is gu tuath, ’s atoirt dùbhlan dha ann an ciaradh an fheasgair, ’s gun an còrr acri dhèanamh.

Ged a bham bodach sa na dhuine gun shoisgeul, gun sholas, agus broinn na dachaigh aige na fìor - is na muic-maic, uaireigin, ’s dòcha, bha bean aige, is teaghlach, is tuigsis toinisg gu leòr. Air an robh nise dìochuimhn’. A bhair ithe beò le iormaidh agus air a chlàbhadh le mucan crosta.

Ciamar a gheibheadh Tormod achlach cha robh fios aige. Bha bàrdachd is ceòl, fiosachd is gliocas, co-cheangailte rithe. Duine a chuireadh a shùil ri toll na claiche, le cogais ghlan is cridhe gun fhoill, gheibheadh e sealladh air mòran. Chaidh Tormod a-null far an robh am bodach agus thuirt e ris, “Nach toir sibh dhomh achlach a thagaibh mur n-amhaich, agus gabhaidh mi fhìn a cùram.”

Gun fhacal, agus cho solt ri uan, thug am bodach achlach bho amhaich agus shìn e mach a làmh leatha, agus ghabh Tormod i.

Tapadh leibhse,” arsa Tormod, a bha riamh còir agus fialaidh. Ach an dèidh sin, a rèir colais, cha robh e ullamh is deiseil airson a gabhail. Cha leigeadh amhì-chàil leis achlach a chur mu amhaich fhèin far am biodh i air a bhith sàbhailt. An àite sin, bhris e iall salach leathair an t-seana bhodaich bhochd agus shad e gu làr i. Agus ghlèidh e clach gheal na sùla gu tèarainte, na bheachd fhèin, ann an glaic a làimhe.

Agus be sin car amhì-sheilbh.

Thàinig air an uair sin torc dubh. Thàinig air mar aghaoth biast de thorc dubh. sgor-fhiacail ag èirigh às a charbard. Fiaclan fada fiara. Fada, cama, gus rùsladh. Garbh gus rèiteach


[43]

is cumail rian. A fhuair an geurachadh air rùsg nan craobh. Bàrr-chaol gus a dhol domhainn. Crom-fhiaclan achiùrraidh. Fada, puinnseanta, buidhe, nach tionndaidheadh air falbh ach a leònadhs a shadadh a dhaon ionnsaigh.

Thàinig air gun fhiosta bho chùlaibh an torc mòr cumhachdach. Thàinig e air mar ioma-ghaoith, cullach na coille, cabhagach, cunnartach, dearg-shùileach, ’s cha robh fòir air. Cullach neo-athach nan dealgs nan calgs nam bior.

À deireadh a shùl mhothaich Tormod dha. Shìos na bhonnan dhfhairbhein e foirm is faram. Thionndaidh es chuir e aghaidh air. Ach chaidh aig abheathach air a ghearradh san t-sliasaid san dol-seachad, agus chaidh riaghan fala sìos mu iosgaid is mu chalp, agus sìos a bhroinn a bhròig.

Rug e air cabar maide a bha uaireigin na ursainn, leum e às an rathad airsan a bha rithist adèanamh air a bheath’, agus thug e dha e mar a laigheadh e air, mu bhun a chlaiginn.

Cha do stad am beathach. Chùm e dol. A-mach dhan dubhar às an tàinig e. ’S cha do thill.

Am measg na h-ùpraid chaill Tormod achlach. Thòisich e asporghail air a son am measg na bhair an làr de shalchar. Gun e fhèin a ghànrachadh, droch theans gu lorgti. Ach sìos gun deach e air a chorra-biod co-dhiù, agus sin far an robh e, aspògails asporghails acaogadh, nuair a dhùisg e na leabaidh fhèin, agus ùilleag fallais air a mhaol, mar as dèidh daoraich.

Chan eil fhios againne ciall na h-aisling sa, no fiùs a bheil ciall aic’. Faodar a ràdh le cinnt gur e Torc am far-ainm a bhair a shinn-seanair. Ach càit an tèid thu à sin? Cha bhiodh tu ach atogail buatham na bochdainn air aghnothaich sa gu lèir. Dhfheumadh Iòsaph a choreigin a thighinn nar measg agus, air dha cnuasachadh, breithneachadh a dhèanamh.

titleAm Bromaire Mòr
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page