Calum Iain Thormoid
Tha greis bhuaithe nis. Cha b’ ann an-dè a bh’ ann.
Dh’èigh Calum Iain Thormoid ri Dòmhnall Iain bho dhoras an t-sabhail. Bha daoine fhathast an sàs ann an lot, ’s an sàs ann am mòine còmhla mar bhaile, ’s a’ freasgairt air càch-a- chèile mu àm na buana, ’s a’ frithealadh fhaingean, ’s a’ dol gu ’n eathar, ’s a-mach ’s a-steach à taighean a chèile, is coilich a’ gairm sa mhoch-thràth, is crodh a’ cnàmh an cìr’ air a’ ghlasaich.
Dh’èigh e ris bho dhoras an t-sabhail, agus Dòmhnall Iain na leth-bhalach a’ gabhail suas an rathad. Smèid e air. “Trobhad,” ars esan, “ ’s rud agam dha do mhàthair.” Agus thill e mach às an t-sabhal le poca beag.
“Seo,” ars esan. “Gheall mi Golden Wonders dha do mhàthair, ’s tha dà thràth agaibh ann an sin.”
Duine trom, tomadach a bh’ ann na choiseachd, is pìoch is spàirn na cuinge glè thric na bhroilleach, ach an dèidh sin a bha làidir, fallain le aghaidh dhearg. Duine dìcheallach aig an robh dà lot is iomadach caora. Agus dà chù-choilearach – coin an aon mhaighstir nach toireadh sùil air duin’ ach air fhèin.
Duin’ aig an robh beart, a bha daingeann dhen Aonadh, a bha fada na cheann nan tigte cruaidh air, nach do phòs, a bha còmhla ri Mairead a phiuthar nach do phòs, agus aig an robh bràthair, Iain, nach do phòs a bharrachd, ’s a chaith a bheath’ aig muir.
Calum fhèin, ma chunnacas a-riamh e air a’ chreagach, ’s ann tearc, ’s ma chunnacas e muigh air an eathar, ’s ann ainneamh.
“Agus O, ’ille chnapaich, nach math mar a tha,” ars esan an uair sin ri Dòmhnall Iain. Agus rinn e seòrsa de mhaoileasaich ghàireachdainn, ’s e sealltainn ri Dòmhnall Iain air oir.
Cha robh fhios aig Dòmhnall Iain cò air a bha e mach. Cha chual’ e Calum Iain Thormoid a’ bruidhinn mar seo a-riamh.
“An cuala tu riamh a’ bhàrdachd ud?” ars esan an uair sin.
“Cha chreid mi gun cuala,” arsa Dòmhnall Iain.
“Bàrdachd a’ bhuntàt’ ,” arsa Calum Iain Thormoid.
“Cha chuala mise sin a-riamh.”
“O, ’ille chnapaich, nach math mar a tha:
bho làn peile gheibh sinn poca no dhà,
’s tha thu fàs dhuinn bliadhna bho bhliadhna.”
“Cha chreid mi nach cuala mi uaireigin e,” arsa Dòmhnall Iain.
“Bidh mi uaireannan ga chantainn rium fhìn,” arsa Calum, “ ’s mi snaidhm clò.”
“Siuthad – can e,” arsa Dòmhnall.
“An ann gu lèir?”
“Seadh.”
“Tha e gu math fada.”
“Can e co-dhiù.”
“Tha cho math dhuinn a dhol a-steach dhan t-seada-bheairt, a-rèist.”
Shuidh Calum aig a’ bheart. Shuidh Dòmhnall Iain thall air muin clò. Clò glas, two -by-two herring-bone.
Agus thòisich Calum Iain Thormoid air ann an sin, ’s cha do stad e gus na chrìochnaich e.
“O, ’ille chnapaich, nach math mar a tha:
bho làn peile gheibh sinn poca no dhà,
’s tha thu fàs dhuinn bliadhna bho bhliadhna.
Tha thu fàs dhuinn bliadhna bho bhliadhna,
’s cha bhi ’m baile sa chaoidh gun bhiadh ann
agus tus’ air do chùmhnadh slàn, fallain.
Agus tus’ air do chùmhnadh slàn, fallain,
’s nach buin an cnàmh ri do cholainn,
no a’ cheò bhàn fhuar ri do bhàrr.
No a’ cheò bhàn fhuar ri do bhàrr,
i na laighe mìn-gheal air a’ chlàr,
’s là mòr na luin air crìochnachadh.
’S là mòr na luin air crìochnachadh,
’s do dhuilleach gorm air crìonadh aic’
mus dèan thu ’m bun tha èiseil.
Mus dèan thu ’m bun tha èiseil,
blasta le sgadan is blast’ às eugmhais,
gad tharraing às a’ ghrìosaich is gual ort.
Gad tharraing às a’ ghrìosaich is gual ort,
salainn is ìm ort an uair sin,
cha do cheannaich an t-òr biadh nas fheàrr.
Cha do cheannaich an t-òr biadh nas fheàrr,
’s e cheannaicheas dhuinn toradh is bàrr
ach an todhar do bhiadh ’s do thuarastal.
An todhar do bhiadh ’s do thuarastal,
a bheir sgiabadh air cuinnlean san fhuar-earrach,
’s tu againn air do sgealbadh ’s air do thaghadh.
’S tu againn air do sgealbadh ’s air do thaghadh,
crann-dearg ’s na h-eich chalma ga dhraghadh,
bonaid is currac a’ diobadh ’s a’ cur.
Bonaid is currac a’ diobadh ’s a’ cur,
is lìonmhorachd fhaoileag a’ sgiathal gun sgur,
sgread nan guth a’ tàrsainn na ’s urrainn iad.
Sgread nan guth a’ tàrsainn na ’s urrainn iad,
’s an treabhaich’ a’ leantainn gu foghainteach,
clàr taisealach ga dhubhadh sgrìob bho sgrìob.
Clàr taisealach ga dhubhadh sgrìob bho sgrìob,
mu mhac an duine tha e sgrìobht’
gun ith e aran le fallas gnùis.
Gun ith e aran le fallas gnùis,
’s chan eil aon teagamh anns a’ chùis:
tha ’m priogadh ri dhèanamh ’s an todhaigeadh.
Tha ’m priogadh ri dhèanamh ’s an todhaigeadh,
’s mus fhaigh sinne bhroinn sloc is sabhal thu,
an obair-àitich as saothraich’ a th’ ann.
An obair-àitich as saothraich’ a th’ ann,
’s mus tig obair a’ chromain gu ceann
bidh caol-droma glè ghoirt aig gu leòr.
Bidh caol-droma glè ghoirt aig gu leòr,
’s ma thig frasan uisg’ gun chuireadh nar còir,
salach, sliobach cas a’ chromain nar làimh.
Salach, sliobach cas a’ chromain nar làimh,
O thusa tha cho dlùth rinn an dàimh,
’s fhada leinne gu ’m bi thu staigh tèaraint’.
’S fhada leinne gu ’m bi thu staigh tèaraint’,
ceann-còmhraidh thu, cofhurtachd is biadh dhuinn,
fada mach dha na liath-ruisgean bàna.
Fada mach dha na liath-ruisgean bàna,
’s, ’ille chnapaich, nach math mar a tha sinn,
’s tusa fàs dhuinn bliadhna bho bhliadhna.”
“Mo chreach-s’ ,” arsa Dòmhnall Iain, “cò rinn sin?”
“Rinn Noraidh à Adabroc. Chailleadh e anns a’ chogadh.”
“Athair na Tocasaid.”
“Seadh. Daoine tàlantach, a bhalaich.”
“Dè,” arsa Dòmhnall Iain, “a th’ ann an crann-dearg?”
“Tha crann a chleachd daoine bhith ceannach ann an seo uaireigin agus peanta dearg air,” arsa Calum Iain Thormoid.
Latha eile, bhathas a’ tarraing mhònach do chuideigin le làraidh Ailig Dan. A-muigh pìos seachad air Allt a’ Mhaide.
Chaidh an lod a stèidheadh suas, ’s i cho àrd ’s cho brèagha ’s cho binneach, agus sheas na fir a’ gabhail ealla rithe mar a ghluais an làraidh a-steach an rathad.
Ghabh iad teatha an uair sin, chuir iad dhà no trì fhàdan air muin a chèile agus shuidh iad air na sorchain sin, ’s a’ chruach a’ cumail tac rin druim.
Latha cùbhraidh, ciùin, agus fàileadh an fhraoich nan cuinnleanan, agus fàileadh ceò na mònach. Chitheadh iad a-null gu Tìr-Mòr, agus sìos gu deas bha a’ mhòinteach a’ tàladh an sùl.
Druim Hallagro.
Filiscleitear.
Bha dùil, aig an àm, gu leanadh na lathaichean ud a-chaoidh: a’ cur air tìr le bara – saothair mhòr – ’s ga tarraing le làraidh.
Thòisicheadh a’ tarraing à Calum Iain Thormoid. Cha robh seo a’ mì-chòrdadh ris. Sheasadh e e fhèin glè mhath.
“Siuthad, ma-tha, can e,” arsa Murchadh Ruadh: “intercontinental ballistic missile.”
“Cha chan.”
“Cha chan, chan urra dhut.”
“ ’S urrainn.”
“Chan urrainn, neo chanadh tu e.”
“ ’S urrainn.”
Tha greis mhath bhon uair ud. Mus do thilgeadh Yuri Gagarin suas dhan iarmailt, ’s mus do chuir duine cas air uachdar na gealaich.
Greiseag ron a seo thàinigThe Cruel Seaa Steòrnabhagh, film dha robhas a’ saoilsinn tòrr. Chaidh cuid dhe na fir a-null còmhla ga fhaicinn. Bha Murchadh Ruadh a’ tilgeil air Calum Iain Thormoid gum b’ fheudar dha èirigh a-mach às le cur na mara.
Shuidh iad ris a’ chruaich co-dhiù, agus thuirt Calum ri Dòmhnall Iain air a shocair, “ ’Eil thu dèanamh saidheans?”
“Tha.”
“Tha. .. tha clach againn ann an siud san iodhlainn, ’s bha mi. .. bha mi lùigeachdainn bho chionn fhada gun toirte sùil oirre.”
“Dè an seòrsa claich?” arsa Dòmhnall Iain.
“Thig fhèin a-nuas is chì thu.”
Chaidh e sìos air feasgar Disathairn’ ’s e aig an taigh às an sgoil. Chluinneadh e beart Chaluim a’ bragail le a brag slaodach fhèin. ’S e Murchadh Ruadh a dh’innis do dhaoine dè ’m fonn a bh’aic’, agus dhen turas sa bha e cho ceart ’s a ghabhadh: December the second, December the second, December the second.
Stad a’ bheart. Dheàlraich aodann. “Hello, Dhòmhnaill. Dè do chor? Dè mar tha h-uile duine?” Rug e air làimh air.
San iodhlainn lorg Calum an dòrnag a bha seo. Cha robh iodhlann, cha robh sabhal, cha robh lot, cha robh taigh-beairt, cha robh taigh-geal le uinneagan àrda nach robh air an cumail snog, sgiobalt aig Calum Iain Thormoid. ’S e fhèin cho speiseant, fiù ’s na aodach-obrach.
Belt leathair glè thric air taobh a-muigh nan dungarees. Belt, nach robh a’ dol tro dhul ach a bha leantainn a chùrsa fhèin sìos mu mhionach, agus bucall làidir buidhe ga cheangal is ga theum. Chumadh an duine saoghalt sa a’ dol fad an latha: chuireadh e tòrr às a dhèidh.
Dà fhichead caora. Crodh. Dà lot. Choinnicheadh tu e air an rathad, ’s e dol eadar an dà lot. Beathach caorach aig’ air feist, na coin chiallach air a shàil, agus an aon pìoch air a bhroilleach.
“Cha chumar taigh le beul dùint’ ,” tha an seanfhacal ag ràdh, ach ainneamh a thigeadh facal eadar e fhèin is Màiread a phiuthar. Bha esan a’ riaghladh a-muigh, agus is’ a’ riaghladh a-staigh. Ach gum biodh esan mì-fhoighidneach, crosanach a-mach dhan fhoghar.
Fhuair e a’ chlach co-dhiù, an cùl na h-iodhlainn, is dh’fhalbh iad leatha a-steach dhan t-seada. Dòrnag a bha cnapach agus a bha gu math trom.
Bha i annasach, ceart gu leòr. Bha aon taobh dhith rèidh agus lainnir às. Chitheadh tu caochladh dhath innte, donn is dubh is beagan dearg is gorm.
“Bhiodh m’ athair uaireannan a’ cumail a-mach gur e clach-adhair a bh’ innt’ .” Clach shònraicht’ a bh’ innt’ co-dhiù, nach deach a chleachdadh a-riamh ann an gàrradh. Cha deach a cur am measg nan acraichean aon seach aon air taigh-dubh no air sabhal. Cha do rug duine riamh oirre gus cur na dòrnaig. Bha i riamh ann an siud san iodhlainn leatha fhèin. Thugadh àite dhi.
“Tha cho math dhut a toirt leat,” arsa Calum Iain Thormoid.
Thug Dòmhnall Iain leis i air a’ bhus, am broinn a cheas, còmhla ris na pidseàmas. Chaidh e leis a’ chlaich chon a’ bhoireannaich a bh’ aige son chemistry, sean nighean a bhiodh a-mach air a h-athair an teis-meadhan hydrocarbons, normal solutions agus atomic weights. Chemist a bh’ air a bhith annsan cuideachd.
Chuir i car dhen a’ chlaich air a’ bhòrd agus dh’aom i a ceann. “I’ ll send it away to the University of Edinburgh. ”
Chaidh na mìosan seachad, ’s cha robh guth a’ brath air a thighinn. Chaidh an geamhradh na earrach. Smèid i air a’ mhadainn a bha seo, ’s an clas a’ sgaoileadh.
Ars ise, ’s i dol dearg air beulaibh a’ bhalaich, a bha diùid, balbh air a beulaibh fhèin, “That kind of rock is called ‘gabbro’, I’m reliably informed. And in all likelihood it was carried by glaciers from Scandinavia or Greenland during the last Ice Age.”
“Thank you, ”ars esan.
“Thank you for coming to me, ”ars ise. “Thank you very much, ”ars ise, ’s i ri tionndadh air falbh.
Cho fad ’s as aithne do dhuine, sin far a bheil dòrnag Chalum Iain Thormoid gus an là an-diugh. Air cùl glainne anns an dearbh oilthigh far na dh’fhaillich air Dòmhnall Iain fhèin M.A. a chosnadh nuair a bha e beagan na bu shine. Air cùl glainne ann an ceas air a bheil sgrìobht’ ‘Gabbro: Igneous. Glacier detritus. Ice Age. North Lewis. ’
Thadhail e staigh an taigh-beairt Chaluim agus lìbhrig e ’n naidheachd dha.
“ ’S dè shaoil iad dhith?” ars an duine sin a bha fritheilteach san eaglais ach nach do chomanaich.
“Shaoil gu robh i gu math annasach dha-rìribh.”
“Shaoil?”
“Shaoil.”
“ ’S tha iad a’ cumail a-mach gur h-ann à Tìr Lochlainn a thàinig i?”
“Tha.”
Cha tàinig e steach air Dòmhnall Iain aig an àm gum bu chòir dhaibh a bhith air a’ chlach a thilleadh.
Cha tuirt am fear leis an robh i dad mu dheidhinn. ’S dòch’ gu robh e dòigheil a’ smaoineachadh oirr’ ann an Dùn Èideann, far am faict’ i. Ach bidh Dòmhnall Iain ga caoidh, ’s a’ caoidh nach d’ fhuair iad air ais i.
“Nach mise bha slac,” bidh e cantainn ris fhèin.
Bidh e a’ dèanamh dealbh oirr’ a’ lasradh ’s a’ losgadh a h-astar a-steach roimhp’ bhon àird an ear, ’s an t-adhar dubh dorch agus làn rionnagan. A’ losgadh a slighe sìos roimhp’, ’s i na caoir theine, dearg is gorm is uaine, is earball aist’, ’s a h-uile duine nan cadal, am meadhan na h-ochdamh linn deug.
I toirt clab mòr ann am mullach seann tobht air cùl taigh-dubh, agus cuairteagan ceothaidh ag èirigh far na loisg i a’ ghlasach.
Dà rud thug Calum Iain Thormoid do Dhòmhnall Iain. Pìos bàrdachd agus clach.
“Faire, faire,” bidh e cantainn ris fhèin ’s e gabhail seachad air lotaichean Chaluim, ’s gach tè aca bàn. ’S an iodhlann air tuiteam. ’S an t-seada-beairt dùint’.
“Faire, faire, a Chalum Iain Thormoid, chan e ’n aon baile th’ ann dhòmhsa.”
title | Calum Iain Thormoid |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |