[67]

Na Brògan Donna

S iomadh sgeulachd a dhinnis a sheanmhair dhan Tocasaid, ’s iomadh seanchas a chuale aice nach cuale aig duine riamh ach aice fhèin. Seanchasan a bhair an deagh lìbhrigeadh, a h-uile s a toiseach acuimseachadh air a deireadh, agus i cho beòthail mu meadhans a lùigeadh tu, ’s cho brìoghmhor ri cnò challtainn.

An seòrsa boireannaich a bhinnt’, cha robh i taobhadh cus ri eaglais, ’s cha robh aon feagal aice ro mhinistear, ’s ma bha feagal aice ro ifrinn phàiteach na dòrainn, cha chualas gu robh neo nach robh, taobh seach taobh.

thachair an uair sin?” chanadh Tormod ri sheanmhair ann am meadhan na h-aithris, nuair a thigeadh abhsadh.

Mo chreach-s’ , a bhròinein, m math dhut a bhith faighneachd dhìoms’ .”

Agus chumadh bean Iain Tuirc oirre leis an sgeulachd, a guth adol na bu cheòlmhora na bàbhaist agus a corp na h-uiread air thurraban.

Bha prionnsann an siud uaireigin air an robh Sgeilbheag mar ainm, agus thachair an latha sach gun dfhuair e paidhir bhròg ùrbrògan donna nach robh atighinn mòran suas mu chaol a chois. À oir a shùil, aon latha, chunnaic e ach na brògan donna adanns leotha fhèin. Nuair a sheall e, bha iad air sgur. Ach bha e cuideachd air an cluinntinn le brag adanns air an ùrlar, agus ars esan riutha, “Siuthadaibh, dannsaibh.”


[68]

O, cha danns sinne dhut mura togair sinn fhìn,” arsa na brògan.

Cha chuala misa-riamh brògan acòmhradh,” ars an Sgeilbheag, “gus an an-diugh.”

Ach thug thu fa-near gu bheil teanganan annainn?” arsa na brògan.

Bhoill. .. thug. . .” ars am prionnsa.

Chan eil fhios fhathast am freagair sinn fhìns tu fhèin a chèile,” arsa na brògan donna, agus choisich iad timcheall air agus stad iad air a bheulaibh.

Tha sibh ga mo fhreagairt-sa cho math ri math,” ars an Sgeilbheag.

So far, so good,” arsa na brògan.

Tiugainn a-steach gu mathair,” ars an Sgeilbheag, “ach an seall mise dha na brògan mìorbhaileach a thagamsa.”

Theirig a-steach gu dathair mas e sin do thoil, ach chan fhaic e sinne adanns a-chaoidh. ’S cha ruiths cha leum sinn ach mar a thoilicheas sinn fhìn.”

Carson?”

Airson siud fhèin.”

,” ars an Sgeilbheag, “ ’s e thannamsach prionns’ – chan eil aig mathair ach mi fhìnagus mas e sin mo thoil, sadaidh mi às sibh. Gheibh mi brògan eile, ’s cha bhi sin fadabrògan mòra, brògan àrda, brògan dubha, brògan tacaideach, brògan gun thacaidean.”

Dèan do thoil,” arsa na brògan, agus chaidh iad balbh sàmhach. Cha do ghluais iads cha do charaich.

Thòisich an Sgeilbheag ag èigheachs aglaodhaich, ’s mu dheireadh shad e na brògan donna mun abhalla leis an droch


[69]

nàdar, bho nach robh iad ga fhreagairt, ach aon phioc feum cha do rinn sin dha ach call, oir cha do bheothaich na brògan fad trì latha is oidhch’.

Dheigheadh e thucis chanadh e, “Siuthadaibh, bruidhnibh; siuthadaibh, gluaisibh; siuthadaibh, freagraibh.”

Las corraich mu dheireadh ann an cridhe aphrionnsa, agus dhfhalbh e le na brògan, adol gan sadadh a mhullach an teine. Shad e a mhullach an teiniad ann an sin, ghabh en grad-aithreachas agus tharraing e mach iad chun na cagailt leis aclobhas na sradagan a-mach mu bhus.

O, sad gu deas sinn is sad gu tuath sinn, ach cha dèan sinne toil duine ach ar toil fhìn,” arsa na brògan donna às aghuth-shàmh. “Mill sinn no meal sinn, ach cha ghabh sinne do chomhairle aon uair. Sgar sinn is cuir ceud car dhinn, ach cha ghèill sinn dhut fhèin no dhan an rìgh. ’S ged a dhèigheadh tu àird do chinn, ’s ged a rànadh tum baile, ’s ged a leigeadh tu fead a dhùisgeadh Mac-Talla a tha na chadal sa chreig, agus ged a dhèanadh tu bantrach dhinn thuras dùbailt, cha tèid sinne aon ceum far ar slighe dhut.”

Nuair a chualan Sgeilbheag na geallaidheans na rabhaidhean, O, a ghràidh ort, dhaithnich e. .. O, dhaithnich e nach robh math dha. .. agus bhuail an sgìths e agus shuidh e sìos air an làr ann an sin far an robh e, agus cha robh dùrd aige.

Tha dùil againne togail oirnn a-mach à seo an t-seachdain sa tighinn,” arsa na brògan donna, “agus bu mhath leinn nan tigeadh tu nar cois.”

Bha dùil agam gur h-ann leamsa bha sibh,” ars am prionnsa.

“ ’S ann, ’s chan ann,” ars iadsan.


[70]

Chan eil mòran miann agamsa a dhol à seo,” ars am balach, “agus co-dhiù, cha leigeadh mathair sin dhomh.”

O, bhoill. . .” arsa na brògan ris.

Agus bhriseadh e cridhe mo mhàthar.”

Chan eil teagamh,” ars iadsan, agus an ceann greis dhfhalbh iad leotha fhèin. Choisich iad a-mach tro gheata mòr achaisteil agus an Sgeilbheag na throtan às an dèidh.

O, cha robh an Sgeilbheag airson falbh idir. Nach robh a h-uile càil aige ann an siud fhèin far an robh e: eich air an uidheamachadh le òr is airgead, spòrs is fealla-dhà am measg na h-òigridh agus daoine ionnsaichta bha athair air a lorg dha bhom faigheadh e deagh fhoghlam.

Ach a-nis, nuair a shealladh e gu deas, bha e airson falbh mar a bha na h-eòin, agus tilleadh nuair bu mhithich.

Cha tèid, do chas,” ars an rìgh, nuair a dhfhiosraich e rùn a chridhe. “Agus ma thèid thu air turas goirid, bheir thu leat saighdear no dhà a chuireas dìon orts a bheir sàbhailt dhachaigh thu.”

Cha fhreagradh sin,” ars am prionnsa, ’s e ri cuimhneachadh air na brògan donna, nach ceadaicheadh do dhuine ach dhàsan faighinn cus a-steach orra.

, bheir thu leat an t-each.”

Cha fhreagradh sin,” ars am prionnsa. “Falbhaidh mi leam fhìn agus tillidh mi bliadhna bhon earar, ’s chan eil math dhut mo bhacadhtha mi dol a dhfhalbh a dheòin no dhaindeoin.” Thug e dheth an cearcall caol òir a bhiodh uaireannan mu cheann.

Mas ann mar sin a tha,” ars an rìgh, “tha muile bheannachd agad. Bidh tu nam ùrnaigh-sa gus an till thu.” Chuir an rìgh trì


[71]

buinn òir na bhois, agus dhfhàg an Sgeilbheag an caisteal air chùl.

Cha robh iad glè fhada air an t-slighe nuair a chunnaic iad am fear a bha seo atighinn na dheann-ruith far an robh iad.

n t-ainm a thort?” ars an Sgeilbheag ris.

Tha,” ars an duine, “Cho Luath ris aGhaoith, ’s chan e fuireachd ach falbh a dhfheumas mi.”

Tha mi creidsnach eil mòran feum dhòmhsa dhol a dhfheuchainn annad, ach tha mise mi fhìn glè mhath air ruith,” ars an Sgeilbheag.

Cuiridh sinn char dheug air fhichead mun bheinn ud thall agus tillidh sinn ann an seo,” ars am fear eile.

Siuthad a-nis, a bhalaich,” arsa na brògan donna, a bhaige ann am broinn poc air a dhruim, “cuir dhìot na rudan gun fheum sin leis na bucaill òir.”

S chuir am prionns air na brògan donna.

Mach leinn, ma-tha,” arsa Cho Luath ris aGhaoith, agus a-mach leotha. Bha an Sgeilbheag acumail air a chùlaibh fad an t-siubhail. Bha neart na chasan a bha mìorbhaileach. Ach a h-uile turas a ghearradh e ron fhear eile, bha Cho Luath ris aGhaoith adol na bu luaithe buileach.

O, ’s math an anail a thannad,” ars esan ris an Sgeilbheag, “agus thu feum fhathast.” Bhoill, phiobraich sin am prionnsa agus rinn e roimhe man geàrr, ach rinn am fear eile roimhesan man glas seilge. Chuir iad char dheug mun bheinns iad gualainn ri gualainn.

“ ’S math an sgamhan a thannad,” arsa Cho Luath ris aGhaoith, “agus aigtha fhios latheigin nach dèan thu feum.”

Ghon seo an Sgeilbheag agus gheàrr e a shlighe roimhe mar


[72]

chù seang seilge, ach rinn am fear eile roimhe mar eun air iteig.

Bha mise riamh cho luath ri luath,” arsa Cho Luath ris aGhaoith, “aguss dìomhain dhut leantainn ort.”

Ach bha na brògan donna mu chasan na Sgeilbheig, ’s bha spionnadh na dhà chalpa bha annasach fhèin.

Cha robh do dhà shamhail an seo bho bha Caoilte no Fèinne,” arsa Cho Luath ris aGhaoith ris, ’s iad air abheinn a chuartachadh aon fichead uair.

Bha mise riamh cho luath ri na luin,” ars esan, “ ’s tha cho math dhut stad.”

S ged a bha an Sgeilbheag cho luath ri sparaig mu ghualainn is mu bhuilg na beinne, bha am fear eile mar sheabhag às a dhèidhs os a chionn is roimhe mar a thogradh e fhèin. Dhfheuch an Sgeilbheag na bha na chorp, gus an robh pian na bhroilleach is gath na thaobh is snaidhm cruaidh aceangal a mhoilean ri chèile. Ach air acheann thall, brògan donna ann neo às, bha Cho Luath ris aGhaoith na sheasamh ga fheitheamh, is gàirair aodann. Leig an Sgeilbheag dha fhèin tuiteam gu talamh, is anail na uchd, ’s mus robh math achòmhraidh ann a-rithist, bha am fear eile air falbh mar a thàinig e, ’s cha robhn còrr aige dheth.

Thug an Sgeilbheag ùine na laighe mar eun air a leòn.

O, cha deach leam idir,” ars esan an uair sin, “chan eil mòran feum annam, ’s cha robh a-riamh.”

O, , be bhagad an siud ach Cho Luath ris aGhaoith,” arsa na brògan donna, “agus chan eil duine air uachdar na talmhainn a achùis air, ged a chuireadh e mach a ghoile, agus adha còmhla ris. ’S ann a rinn thu glè mhath.”

O, cha do rinn,” ars an Sgeilbheag, ’s e na laighe na chlod.

O, rinn gu dearbh,” arsa na brògan.


[73]

Cha do rinn mi,” ars an Sgeilbheag, ’s thug iad greis adearbhadh mar sin gus na dhfhàs iad sgìth dheth.

Fòghnaidh siud an-diugh,” arsa na brògan donna ris.

O, bhoill,” ars an Sgeilbheag, “ ’s mi fhìn tha toilichtsin a chluinntinn.”

Cha robh iad glè fhadair an t-slighe an làrna-mhàireach nuair a chunnaic iad cailleach chrotach atighinn nan coinneamh.

Nis,” arsa na brògan a bha mu chasan, “eadar gu bheil thu gad fhaighinn fhèin fann neo fearail, mol an latha dhi agus can seo: ‘Nach ann ann a than latha, a bhoireannaich chòir. ’”

S e a bha seo ach aChailleach Chrìon.

Mar a bha iad adlùthachadh oirre, chitheadh an Sgeilbheag gu robhn t-aodach aicna ragaicheans na riobagan, ’s gu robhn fheòil fhèin atuiteam bho na cnàmhan aice na chluigeanans na chnapan. Cha robh ach fiacail no dhà na ceann. Chuir e iongantas air aphrionnsa gu robh a ceum cho cinnteach. Bha i ga chaol-choimhead. Cha do leag i sùil dheth. Bha greann air a h-aodann. Thàinig crith na dhà iosgaid, bha buille a chridhe ag innse dha gu robh en cunnart a bheath’.

Lean ort,” arsa na brògan ris. “Na fanntaigs na fannaichs na flagaich do cheum.”

Ghairisich am prionnsa. Bha feagal air gun tuiteadh e às a sheasamh.

Ma thuiteas tu,” arsa na brògan ris, “marbhaidh i thu le biodag mheirgeach a thaice a-staigh fo a cleòc.”

O, nach mise bhair fuireach far an robh mi,” ars an Sgeilbheag.

Tha e cho math dhut dìreach craiceann abhuinn a chur air


[74]

abhathais ann an seo, a bhalaich,” arsa na brògan ris, “agus an latha a mholadh dhi mar a dhàithn sinn dhut.”

Sheall am prionnsa-steach na h-aodann san dol seachad, agus chaidh aigair na facail a chantainn a bha diùltadh a thighinn gu bun a shlugain. “Nach ann ann a than latha, a bhoireannaich chòir,” ars esan rithe.

Nuair a fhuair e seachad oirr’ ’s a thionndaidh es a sheall e às a dèidh, nach ann a bheothaich sradag bheag de bhlàths na chridhe dhi, doicheallach, dochannach, daobhaidhs mar a bha a dreach.

Dhfhaodainn tabhachd oirran aon rud luachmhor a thagam,” ars esan ris fhèin, ’s e asporghail sa phoca gus an do lorg e na trì buinn òir. “Gar am biodh ann ach gun ceannaicheadh e dhi biadh is deoch agus aodach is brògan is bat’ .”

Seadh,” arsa na brògan, “agus aitheamh no dhà de dhanart ùr a thèid fhilleadh uimp’, agus leòb de thalamh coisrigte far an càirear fon ùir i.”

Nach stad sibh,” ars an Sgeilbheag, “agus rud agam dhuibh.”

Thionndaidh aChailleach Chrìon agus sheas i ann am meadhan rathad an rìgh.

O,” ars ise, “mo bheannachd aig abhalach nach deach ceum far a shlighe bhuam, mo ghràdh air amhullach a lorg gràdh na chridhe dhomh.” Air na buinn òir cha tug i sùil. Ach spìon i biodag dheàlrach a-mach às a cleòc agus chàir i sin ann an làimh na Sgeilbheig. Gun fhacal ach sin, chùm i oirrgus an robh i cho beag ri cuileag, ’s cha robhn còrr aige dhith.

Cha dìochuimhnich misna rinn sibh dhomh,” ars am balach ri na brògan.

Fòghnaidh siud an-diugh,” arsa na brògan donna ris.


[75]

O, bhoill,” ars an Sgeilbheag, “ ’s mi fhìn a tha toilichtsin a chluinntinn.”

thachair an dèidh sin?” arsa Tormod Noraidh ri sheanmhair.

O, bhoill,” ars a sheanmhair, “tha thu faighneachd dhìoms’ .”

Sgioblaich i na bioran-fuilt na ceann, chuir in cròchan às a h-amhaich le casd, agus chùm i oirre.

Bha an rathad adol na bu chaoile, ’s thàinig an Sgeilbheag gu pìos de choille. Chunnaic e duine aotrom aleums adannss aseinn leis fhèin am measg nan craobhan. Bha e rudeigin robachs bha cruit bheag bhristaige fo achlais, agus bha seo ach Leumachan nan Leum amire ri fhaileas.

chanas iad riut?” ars an Sgeilbheag.

Is mise Leumachan nan Leum,
mo chruit nam chois a h-uile ceum,
Leumachan nam brèids nan toll
a bhios acoiseachd tron apholl;
às aonais mo chruit cha dèan mi ceum,
cha dèan mi ceums cha dèan mi feum:
mise Leumachan nan Leum,
nam piollags nan ciollag
s nan luinneag samhraidh.

Leumachan nan Leum,” ars an duine, ’s e ri falbh an taobh uds an taobh ud eile, “nan iollags nam piollags nam brèid. .. Leumachan uiseagach cuiseagach breac amhuiltein samhraidh. .. agus ma bha duine ann a leumadh na bfhaide is na bàirde na mise, cha tàinig e riamh an taobh s’ .”


[76]

Bhoill,” ars am prionnsa, “chleachd iad a bhithg ràdh riumsa gu robh mi fhìn math air leum. Achs iongantach geil math dhomh a dhol a dhfheuchainn na do leithid-sa.”

O, , ’s i seo acheist,” arsa Leumachan. “A bheil mo leithid ann? Cha be ruith ach leum leamsa riamh,” ars esan, “agus ma ghabhas tu orm, mo mhionnan gu sgailc mi mo chruit mu stoc craoibhe, ’s nach seinn mi ach na sheinn.”

Cha bu mhath leam gun dèanadh tu sin,” ars an Sgeilbheag, “ach cha tig às dhomh gun feuchainn annad agus sinn air turchairt air a chèile mar seo.”

Thu fhèins do bhrògan donna,” arsa Leumachan, air nach robh bròg no eile, “ ’s beag a iad dhut.” Agus leum e às a sheasamh, chuir e car amhuiltein agus thàinig e sìos air aon chois.

Feuchaidh sinn cruinn-bhuic,” arsa Leumachan. Chroch e achruit air geug. Sheas e gun ghluasad, agus leum e aon deich troighean co-dhiù. Sheas an Sgeilbheag san aon àitagus leum e throigh dheug co-dhiù, le na brògan donna.

Feuchaidh sinn leth-chois, sìnteag, cruinn-bhuic,” arsa Leumachan.

A Sgeilbheag,” arsa na brògan, “chan eil math dhut leum nas fhaide na ebrisidh tu a chridhe.”

Tha mise dol a leum cho fads as urra mi,” ars an Sgeilbheag.

Do thoil fhèin,” arsa na brògan. “Cha bhi a bheag a phrothaid agad às.”

Sheas Leumachan air leth-choiss thug e brod an leum às, agus gun stad rinn e sìnteag a shìn fada, agus gun bhriseadh air a cheum thug e buic às a bha cumhachdach. ’S iongantach co-dhiù mura robh còig troighean fichead anns na leumannan sin


[77]

air fad. Sheas Leumachan nam brèids nan toll ann an sin agus toileachas na aodann. Lean an Sgeilbheag e. Agus leis na brògan donna air a chasan shaoileadh e gu robh e ri sgèith, agus leum e co-dhiù aon troigh na bfhaide nam fear eile.

Nuair a chunnaic Leumachan nan Leum mar a bhair tachairt, shìn e a làmh chon na cruit agus bhris e i mu stoc craoibhe. Sgèith pìosan dhith a h-uile taobh. Shuidh e sìos air an talamh is ràn e gu goirt. Ràn e gu goirt agus dhèigh e, “Cha seinn mi ach na sheinn gu sìorraidh buan.”

Chunnaic an Sgeilbheag gu robh a chridhe brist’, ’s nach robh fiùs ainm fhèin air fhàgail aige. Cha ghabhadh sìtheachadh air a-muigh no mach.

Ma dhèisteas tu, bheir mise dhut na trì buinn òir a thagam ann an seo,” ars an Sgeilbheag.

Cha ghabh mi iad,” arsa Leumachan. “Chan eil mi gan iarraidh.”

Cuir thusort na brògan sa,” ars an Sgeilbheag, “agus feuchaidh sinn aon uair eile.”

Cha chuir.”

Fhuair e air innse dha mu dheireadh nach robh esan air achùis a dhèanamh air a-chaoidh às aonais nam brògan donna. Agus gu cinnteach is gu fìor gur h-esan Leumachan nan Leum. Ach cha deigheadh na brògan uime. Bha iad ro bheag dha, ’s cha robh e riamh cleachdte ri bròig co-dhiù, neo comasach air leum leotha.

Na bi ga do chur fhèin mun cuairt air mo lost-s’ ,” arsa Leumachan. “Mo choire fhìn a bhann. Bha mi smaoineachadh gur mi a bfheàrr a bhann.”

“ ’S tu as fheàrr a thann fhathast,” ars an Sgeilbheag. Ach


[78]

nuair a dhealaich iad, cha robh iad buileach cinnteach neo buileach dòigheil.

An dèan siud achùis an-diugh?” arsa na brògan.

,” ars an Sgeilbheag, “agus a-màireach.”

Seadh,” arsa Tormod, “ ’s thachair an uair sin?”

Thachair iomadach rud sin,” ars a sheanmhair. “Ach fòghnaidh siud a-nochd.”

“ ’S mi fhìn nach eil glè thoilicht’ ,” arsa Tormod.

O, tha thusrudeigin mar a bha dathair fhèincha ghabh riarachadh ort,” ars a sheanmhair. “ ’S iomadh cunnart tron deach an Sgeilbheag, aguss iomadh caol-theàrnadh a chaidh air fad nan ceithir ràith seo,” arsa bean Iain Tuirc. “ ’S mura tèid sinn ceàrr air a chèile ron ath-oidhch’, cluinnidh tun tuilleadh an uair sin.”

Bha an Sgeilbheag air triall fada bho taigh athar, ’s e dol tro gharbhlaichs tro choilltean dorcha, ’s e gu mòr air aineol. Am feasgar a bha seo, labhair na brògan ris, an dèidh dhaibh a bhith sàmhach deagh ghreis, agus thuirt iad, “ ’Ille, bi air dfhaiceall, oir tha thu nis air còraichean an fhir mharbhtaich ud, Cathach nan Cath. Duine sam bith air am beir e ann an seo, tha e marbh.”

Bhoill,” ars an Sgeilbheag, a bhair fàs rudeigin bragail, “chan eil mise son a dhol air chùl chnocan ro dhuine sam bith. Cha tèid mi aon ceum far mo shlighe do dhuine dubh no geal.”

O,” arsa na brògan, “tha Cathach nan Cath atighinn, aguss fheàrr dhut ruith air neo thu fhèin fhalachchan eil agad ach ùine glè bheag.”

Ach cha robh an Sgeilbheag atoirt mòran gèill dhaibh.


[79]

O, a Sgeilbheag,” arsa na brògan, “a mhic dathar fhèin, a tha na rìgh air rìoghachd, ’s aig a bheil caisteal a tha binneagach beàrnagach shuas gu h-àrd, is bonnantmu mheadhans mu bhonn, seo tha sinneg àithneadh dhut: dèan às an aon an-diugh mar a do chasan dhut, air neo crùb sìos gu h-ìosal am measg an t-seileastair. Geàrr sràbh à àiteigin agus leig thu fhèin sìos dhan bhreun-loch fhuar dhorch sin a chì thu à seo. Oir tha Cathach atighinn. A-màireach, tionndaidhs cuir aghaidh air an duine a thogras tu; an-earar, cuir do bhonnan an tacs na teich ro dhuine chunna tu riamh; ach an aon an-diugh, ruith mar do bheathair neo falaich thu fhèin.”

Bhoill,” ars an Sgeilbheag, “nuair nach do theich mise ron aChaillich. . .”

Do thoil fhèin,” arsa na brògan, “achs e seo an rud: am bfheàrr leat a bhith beò no marbh?”

Beò,” ars an Sgeilbheag.

Seadh, ma-tha,” ars iadsan, agus ruith an Sgeilbheags chaidh e air fàlach air cùl an t-seileastair. Gheàrr e shràbh dha fhèin le biodag na Caillich Crìon.

Air an fhionnaraidh, mus deach ciaradh gu dubhar, chualiad atighinn e. Mus do dhfhalaich an Sgeilbheag e fhèin fon uisg’, fhuair e achiad sealladhs an sealladh mu dheireadh air Cathach nan Cathduine caol àrd cumhachdach agus teine alasradh na shùil. Aodann gun iochd gun thruas gun phàis. Sròin chrom. Beul mar lot air dhroch shlànachadh. Mu a mheadhan bha ròpa garbh, agus aslaodadh ris bha sreath de chlaiginn, ’s iad abragail na chèile a h-uile ceum a bheireadh e. Agus claidheamh fada, a bhiodh ateasachadhs afuarachadh. Nuair a bfhuaire, bha e dorch is ceò dheth, agus nuair a bu teothe, bhiodh e aige


[80]

na làimhs an lann aige dearg air fad agus alasradhs agabhail. A-steach tro fhalt os cionn na cluais bha trì bioran caola fada, agus sin a dhadhbhraich gun tugadh air Cathach nan Dealgs nan Calg.

Spìonadh e fear dhiubh sin a-mach à fhalt agus leigeadh e às e, ’s gar bith an cruth air an cuireadh tu thu fhèin, lorgadh e thu. Cha deigheadh e an ear dhìot, cha deigheadh e an iar dhìot, an gath grad guineach, -thruacant’, do-sheachant’, ’s cha deigheadh e ort seachad, ach ruigeadh e thu. ’S nam faiceadh e thu na do leth-ruith, ’s tu air do leòn, leigeadh e às an dàrna bior caol fada. ’S nam faiceadh e thu ag èirighs atuiteam, leigeadh e às an treas fear. ’S ged a bhiodh tu nad thosd, ’s ged a bhiodh tu air phlosg, sgathadh en ceann dhìot co-dhiù.

An aon bhoillsgeadh a fhuair Sgeilbheag air aodanns air a chruths air a thruis, thòisich a chridhe ri bualadh mar òrd a-staigh na chliabh. Thòisich na brògan donna acunntadh nan claigeann“ . .. dithis fhireannach, triùir bhoireannach, leanabh-cìch, triùir phàistean, mhadadh-allaidh, còig radain. . .”

Agus leig an Sgeilbheag e fhèin sìos dhan uisg’, ’s e cho fuar, ’s e deoghal tro shràbh de dhanail na ghleidheadh an deò ann, ’s e slugadhs atachdadh, ’s a chridhe abualadh mu asnaichean mar dòrn air doras.

Na caraich gun gabh e seachad,” arsa na brògan. “Cùm do cheann fodha.”

Agus an dèidh ùine, thug iad cead dha a cheann a chur air uachdar. “Ach na caraich às far a bheil thu – ’s dòchgun till es a chluasan bioraicht’ .”

Mu dheireadh thug iad dha cead a thighinn às an uisg’. Bha am fuachd air a dhol domhainn ann. Thug e ùine afeuchainn


[81]

suas chon na glasaich air a spògan, ’s e cho lag ri cuileag geamhraidh a dhèireas far a druims a thuiteas sa bhad an comhair a cliathaich. Laigh e san dorchadass e leth-mharbh. Mus tàinig amhadainn dhèalaidh e air falbh air fhaiceall. ’S ro mheadhan-latha bha e air astar math a chur às a dhèidh. Chaidil e ann an cùil dhorch fad is oidhch’, agus cha burra dha gluasad ceart fad seachdain. Agus a-rithist, sàbhailt ann an taigh athar, nuair a chuale fear acantainn ri fear eile, “Chan eil gu math dhut a bhith breabadh an aghaidh nan dealg,” chuimhnich e air na bioran fada caola, ’s air Cathach nan Cath a bha cho osgarra, cosgarra, cèin. ’S air na claiginn, ’s air uisge dorch, fuar na breun-luich. ’S air na beanntans air na coilltean a bha ugalaidh, cugalaidh, ciar. Is dhfhairich e disear, fuar bho a mhullach gu a dhà shàil.

titleNa Brògan Donna
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page