[19]

An Fhidheall

BHA Dolanna shuidhe anns achathair nuair a chaidh mi steach. Thog e a shùil bhon phaipear agus thubhairt e:

“ ’S fhada bho nach robh thu stigh.”

Thubhairt mi: “Tha mi toilichtdfhaicinn, a Dholain.”

Ben fhìrinn a bhaige. Bfhada ceart gu leòr o nach robh mi stigh. Ach bha aobhar airson sin. Cha robh Dolan air a bhithg obair airson ùine mhath: cha be gu robh càil atighinn ris ach gu robh an dìomhanas air gréim fhaighinn air. Bha e air a bhith uaireigin ag obair an Glaschu ach air dha tilleadh á sin cha do rinn e car obrach. Cha robh e ach deich ar fhicheads bha e nis air a bhith dìomhain airson sia bliadhna. Chuimhnich mi orm fhìns air fhéin. Bha sinn adol don sgoil còmhla agus aig an àm sin bha iad ag ràdh gun deanadh e feum. Cha robh anns an teaghlach ach e fhéin. Bhàsaich athair nuair a bha Dolan timcheall air seachd bliadhna dhaois. Cha robh mi airson tòiseachadh airEil cuimhnagad?” ’s bha an dithis againnnar tàmh airson dhà-na-trì mhionaidean. Mu dheireadh thubhairt. mi:

n cor a thair do mhàthair?”

Fhreagair e gu goirid:

Chan eil càil atighinn rithe.”

Leis an fhìrinn innse cha robh móran agam mu dheidhinn a mhàthar ach cha bu chaomh leam gun faighneachd air a son. Thug mi sùil timcheall an t-seòmair. Bha seana bhòrd fon uinneig, agus crochte ris an uinneig bha cùirteirean gorma. Dhaithnicheadh tu gun dfhuair iad iomadh nighe. Cha robh teine air ach cha robh sinna iongnadh oir bha an latha blàth. Bha Dolan fhéin an ceann a dhà stocainn. Ri thaobh, air an cliathaich, bha bhòtainn.

Chan eil an aimsir dona idir,” arsa mise ris.

Chan eil,” ars esan.


[20]

Air stòl beag ri thaobh bha frith-theudna suidhe. Anns an uinneig bha grunn phaipearan naidheachd. Cha robh leabhar idir ann. Chuir so iongantas orm oir be leughadair mór a bhann uair.

Tha mi cluinntinn gu bheil Seonag apòsadh,” arsa mise.

Be Seonag mu ar n-aois fhìn: bha ise air a bhith còmhla ruinn anns an sgoil cuideachd. Cha dubhairt e smid.

An aithnich thu am fear a tha i pòsadh?” arsa mise.

Aithnichidh,” ars esan.

Tha mi cluinntinn gur e Sasunnach a thann,” arsa mise.

“ ’S è,” ars esan, agus: “Chan eil fada bho thàinig e dhfhuireachd don bhaile.” Cha deach facal a ràdh airson ùine eile nuair a thubhairt e mar gum bann à breislich.

Carson nach can thu an rud a tha thu asmaoineachadhgu bheil mi gun fheum agus dìomhain? Carson? Atighinn a steach an so a dhfhanaid? Eh? Carson?”

Cha dubhairt mi càil ach bha fhios agam carson a thàinig mi.

Thusana do . . . ’s mise . . .” Cha mhór nach robh e agal. Chunna mi céis Phools anns an uinneig.

Thàinig mi dhachaidh an so o chionn sia bliadhna, ’s cha do rinn mi car. Gach latha dhéireas mi, bithidh mi ag ràdh rium fhìn nach urrainn gun téid na làithean seachad mar so gun bhrìgh gun aobhar, ach chan eil càil atachairt.”

Tha iad ag ràdh nach eil obair furasd fhaighinn co-dhiùbh,” thubhairt mi.

Tha iad ag ràdh! . . . Nuair a smaoinicheas mi . . . Ach nuair a tha duine òg tha e smaoineachadh gum bi e òg a chaoidh, ach thig an t-atharrachadh gun fhios dha. Gach latha, tha nithean afàs nas dorra dhomh. Than saoghal air a dholna bhruadar. Tha fhios agad nach robh móran agamsa mu dheidhinn aBhìobuill achs en fhìrinn a thaig a thoiseach: “Le fallas do ghruaidh ithidh tu aran.” Bha deàrrsadh atighinnna aodann.

Eil thu cluich air an fhidhill fhathast?” arsa mise.

Fidheall?” ars esan.

Seadh,” arsa mise. “Bha thu uair a bha thu mìorbhaileach air an fhidhill.”


[21]

Mìorbhaileach,” ars esan. “Bha mi math oirre. Cha robh mi mìorbhaileach.”

Chaidh minam thàmh.

Lean e air mar gum bann abruidhinn ris fhéin a bha e. “Achs e rud mìorbhaileach a thann ceòl a dhèanamh. Agus tha mi smaoineachadh . . . Ach math? Cha do chluich mi air an fhidhill bho chionn ceithir bliadhna co-dhiùbh ged a tha miga cumail ann an staid mhath.”

Bha fhios agam gum biodh i ann an staid mhath. Agus bha fhios agam cuideachd carson nach do chluich e oirre bho chionn ceithir bliadhna.

Nach toir thu nuas i, ma tha,” arsa mise.

Mus robh na facail a mach as mo bheul dhaithnich mi gun drinn mi mearachd.

Tha thu asmaoineachadh gu bheil aon rud ann co-dhiùbh as aithne dhomh a dhèanamh,” ars esan. “Chan eil mi ag iarraidh do chuidpsychology’ .” Bha bith uabhasachna ghuth nuair a thubhairt e am facalpsychology’.

Chan ann airson sin idir a tha mig iarraidh ort a toirt a nuas,” arsa mises abhreugnam fhacal.” ’S ann a bha mi gus an cluinninn thu acluich. Ach tha thu air a dhol cho geur ris an sgithinn. Chan urrainn do dhuine facal a ràdh riut nach toir thu ciall àraid as.” Leig mi orm gu robh mi feargach. Ann an ùine ghoirid thubhairt e:

Tha mi duilich ach cha chluich mi an fhidheall idir.”

Well, well,” arsa mise, “bitheadh sin mar sin. Ach bha aobhar eile agam airson iarraidh ort. Stad a nis. Eisd riums innsidh mi dhut dhiarr orm. Be Seonag a bha bruidhinn rium.”

Seonag!”

Seadh,” arsa mise. “Bha i airson gun tigeadh tu leis an fhidhill chun na bainnse. Tha e duilich ceòl fhaighinn.” Theab mi ràdh nach robh duine eile air fhàgail anns abhaile ach e fhéin ach gu fortanach chaisg mi mo theanga ann an tìde.

Chan eil fhios agam na smaointean a bha goilna inntinn anns na mionaidean ud, oir is iomadh duine


[22] thubhairt gur e e fhéin a phòsadh Seonag. Chanadh feadhainn eile gur e mise ach bha iad ceàrr mu dheidhinn an dithis. Bha i aig Sasunnachs cha bann aig duine againne. Bithidh mi uairean asmaoineachadh an tug e seòrsa de thoileachas dhomh mo sgian fhìn a thionndadh ann am broilleach Dholain ach tha min dòchas nach tug, ged a tha e duilich inntinn an duine a sgrùdadh. Chuala mi an t-uaireadair adiogadh anns an tàmh. Chunna mi rithist na bòtannannan laighe air an cliathaich air an làr. Smaoinich mi air Seonag ach cha do lean an smuain sin fada.

Tha fhios agam their iad,” ars esan, “mura teid mi ann. Tha fhios agad fhéin bhios iad ag ràdh. Sin a thagainn airson a bhith fuireach ann am baile beag.” Leig mi leis bruidhinn. “Ach tha na làithean sin seachad, mise agus Seonag. Tha ise far a bheil i. Ged a dhiùltainn a dhol chun na bainnse cha be sin a chuireadh bacadh orm, ach cha tuig iadsan sin.” An e sin nach cuireadh bacadh ort? arsa mise leam fhìn.

Fuirich thus ann an sin,” ars esan, “ ’s faodaidh tu sùil a thoirt air aphaipear.” Thubhairt e sin mar gum bann adeanamh magadh air fhéin a bha e. Dhfhosgail e dorus achùlaisds dhfhalbh e. Lean minam shuidhe ris achagailt. Cha tug mi sùil air aon phaipear, cha bann air paipear a bha mi tighinn. Bha mi smaoineachadh: thachras mur a h-aithne dha an fhidheall a chluich, ma chaill a mheòirean an ealantas? Thug mi sùil a mach air an uinneig. Bha faoileag acromadh chun na mara. Bha fear le òrd abualadh post sìos don talamh. Chitheadh tu an t-òrd crochte anns an adhar mus buaileadh em post. Smaoinich mi air iomadh . Cha robh cóig mionaidean air a dhol seachad nuair a dhfhosgail en dorus a rithists an fhideall aigega giùlain mar gun giùlaineadh fear leanabh. Bithidh mi smaoineachadh aig uairean air Dolan agus is e sin an dealbh a gheibh mi dheth, a ghruaidh ris an fhidhill mar gu faiceadh tu fear le a ghruaidh ri gruaidh boireannaich.

Chan eil math dhomh fiachainn,” ars esan. “Cha do chluich mi oirre bho chionn ceithir bliadhna. Ceithir bliadhna!”

Smaoinich mi leam fhìn: ‘Mur a h-aithne dha a cluich brisidh min fhidheall air dòigh air choreigin no canaidh mi riutha gu robh i air a dhol bho fheum. Feumaidh mi a shàbhaladh o sin co-dhiùbh. Chan eil


[23] aig ach an fhidheall. Leis an fhidhill tha e co-dhiùbh beò, as a h-aonais tha e marbh.’

Isd, amadain,” arsa mise,” bithidh mi fhìn air an aon dòigh mus . . . ’S tha cuimhnagad, anns an sgoil, gur ann a bfheàrr a dhèanadh tu nuair a bhiodh eagal ort. Canaidh duine sam bith sin riut. Bhiodh e ro fhurasda mura biodh eagal oirnn.”

Tha e furasda ràdh,” ars esan,” ach nam biodh fhios agad . . .”

Tha fhios agam air,” arsa mise. “Na bi smaoineachadh nach eil. Cluich. Tha fhios agad cho math riumsa ma chluicheas tun dràsda gun cluich thu chaoidh. Cluich air mo shon-sas airson ar seòrsa nach aithne cluich dhaibh fhéin.”

Cha dubhairt e smid ach bha e sealltainn rium.

Bfheàrr leam gum baithne dhòmhsa cluich. ’S e an gibht as fheàrr a thann. Tha sinnegar breith, afàs suas, abàsachadh. Than saoghal dhuinne mar bhruadar. Achs aithne dhutsa cluich. Tha thu adèanamh brath oirnne mura cluich thu. eile bhruidhneas air ar son?”

Ach cha do thòisich e, ’s nuair a chunnaic mi nach do thòisich e bhruidhinn mi ris a rithist.

Carson a tha thu smaoineachadh a thug mise ochd bliadhna air falbh? Innsidh mu dhut. Ochd bliadhna mhìos a chaidh seachad chaidh mi steach a thigh Seonaig agus so mar a thachair. Cha robh min uair sin ach dhà ar fhichead. Cha robh duine stigh ach i fhéin. Bha teine mór air. Air abhalla mu mo choinneamh bha dealbh a h-athar ann an deise saighdeir.

Tha fhios agad air a bha sinn abruidhinn?” arsa mise.

Thà,” fhreagair i.

Seadh mata,” arsa mise. Cha mhór gu faighinn air na facail a ràdh.

Cha dèanadh e achùis,” ars ise. Shuidh mi ann an sin mar gu faiceadh tu clach ri taobh aibhne.

Tha fhios agad fhéin nach deanadh e achùis?” ars ise.

Bithidh thusna do dhotair. Chan eil dragh agad de chàil ach de dhotaireachd. ’S thachradh nam pòsadh sinns nach rachadh gu math leat. Co air a dhìoghladh tu sin? Tha fhios agam ort. Cha chòrdadh


[24] abheatha-sa riut idir.” Biomadh rud a dhfhaodainn a bhith air a ràdh: ach cha dubhairt mi càil. Chan eil fhios an e an t-àrdan a bhac mi no achinnt gur e an fhìrinn a bhaice.

Co-dhiùbh,” ars ise, “tha mi falbh le fear eileDolan mac Choinnich.”

Chuala mi e atogail abhogha.

Tha thu a réisd air dinntinn a dhèanamh suas,” arsa mise rithe.

Thà,” ars ise. Thug mi aon sùil oirre mus do dhfhàg mi. Shaoileadh tu gu robh neochiontas a deàrrsadhna sùilean. Mìos an déidh sin chuala mi gu robh i afalbh le fear beartach anns abhaile.

Cluich thusa nis airson an dithis againn, a Dholain, ’s cluichidh sinn am fonn againn fhìn aig a banais.”

Thòisich en uair sin ri cluich.

titleAn Fhidheall
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p

parent textSgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page