[37]

Clachan Chalanais

BHA clachan Chalanaisnan seasamh ri aghaidh an adhair. Timcheall orra bha solus agheamhraidh cho buidhes cho searbh ri leamon.

Ruith am balach dhachaidhs ghnog e air an dorus mar pholas.

Mhàthair, a mhàthair,” dhéigh e. Bha a chorp air chrith. An ceann ùine thàinig a mhàthair chun an doruis. Bha a h-aodann buidhe leis an t-solus.

tha tighinn riut?” ars ise. Bha i air a bhith fuine. Shaoil e gu robh sgianna guth.

Chunna mi iad agluasadars esan, “chunna mi iad agluasad. Chunna mi . . .” Chaisg i e le a ceist.

Na clachan,” ars esan, “chunna mi iad agluasad.”

Thug i steach e ris an teine, ach shaoil e gun tàinig atharrachadh air a gnùis. An robh eagal oirre-se? Bha aran-flùir air abhòrd. Cuideachd air abhòrd bha sgian mhórna laighe, adeàrrsadh ann an solus na làmpa.

Bha iad dìreach mar gum biodh iad afalbh mar armailt,” ars esan.

Cha dubhairt i smid.

Bha iad cho dorch,” ars esan, “cho dorch.” Lean i oirre adeasachadh an arain. Thog e pìos arains thòisich ega ithe. Bha na cùirteirean air an tarraing tarsainn air an uinneig san dorchadas. Bhan coire feadalaich air an teine mar bhalach shamhraidh.

Innis dhomh mun deidhinn,” ars esan.

Mu dheidhinn ?” ars a mhàthair.

Mu dheidhinn nan clachan,” ars esan.

Mu dheidhinn nan druidhean,” ars esan.

Tha iad ag ràdhars a mhàthair, “gur ann airson adhradh a chaidh na clachan a thogail. Bha iad adèanamh adhradh don ghréin.”


[38]

Don ghréin?” ars esan.

Seadh,” ars ise, ’s a guth adol air falbh. Bhiodh aghrian ag éirigh anns amhadainn, ’s thigeadh iad a mach, na druidheannan gùintean geala, ’s na sgeanan aca.” Thug e sùil air an sgithinn a bhair abhòrd.

“ ’S an cnoc,” ars ise, “an cnoc a chì thu an sud, ’s e chanas iad ris Cnoc Caoineadh nam Ban a chionns gum biodh na màthraichean acaoineadh an sin, ’s an clanngan ìobairt aig na sagairtean.” Bha a guth na bfhaide air falbh.

“ ’S bhiodh iad acur achlannnan laighe ann an sloc, mar chreathall, ’s nuair a dheàrrsadh aghrian mar . . .

Stad i.

Mar?” ars esan.

Mar aingeal,” ars ise, “no mar fhuil, thigeadh . . .”

Cha dubhairt i an còrr.

Cuin a thig mathair dhachaidh?” ars esan.

Trì mìosan,” ars a mhàthair.

Tha e aonaranach an so,” ars esan. Cha dubhairt a mhàthair smid.

Cha bhiodh e dona a bhith sealg nam mucan-mara,” ars esan, “an sgian adol sìos . . .”

Isd,” ars ise.

Na cheannaich thu càil dhomh, a mhàthair?” ars esan. Be oidhche na Nollaig a bhann. Ach an dùil bhanns a stocainn, smaoinich e leis fhéin?

An dùil an tig Tormod a mach?” ars esan. Be Tormod bràthair athar.

Chan eil fhios,” ars ise. “Carson a tha thu afaighneachd?”

Na cheannaich thu ubhal dhomh?” ars esan.

An ceann ùine thubhairt e.

Chunna mi iad agluasad.” ’Na mhac-meanmna chuala e na clachan abualadh timcheall an tighe.

Thug e sùil air a mhàthair. Bha a gàirdeanan làn flùir. Bha a h-aodann buidhe ann an solus na làmpa. Bhuail an t-uaireadair naoi uairean.

Chan eil srannag gaoithe oirre,” ars ise.

Tha e dorch,” ars esans e togail oir achùirteir.

Thug e sùil eile air a mhàthair. Bha ina leth- chrùban tarsainn air abhòrd anns an t-solus


[39]

uabhasach ud. Ri taobh a làimhe bha an sgianna laighe. Co air a bha i asmaoineachadh?

Feumaidh e,” ars ise, “airgead a dheanamh airson triùir a nis.” Thubhairt i sud ris uairs e air faighneachd bu choireach gu robh athair air falbh cho fada.

Shaoil e gu robh nimhna sùilean mar gum biodh i acur achoire air-san. Bha a gàirdeanan rùisgte, cho làidir ri gàirdeanan fir. Bha aparan geal atuiteam mar eas air a beulaibh.

An e mis as coireach?” ars esan. Thug i sùil iongantach air.

Bfheàrr leam gun sguireadh tu chur a mach,” ars ise.

Chaidh e null chun abhùird.

tha thu adèanamh?” ars esan.

Nach eil thu coimhead,” ars ise, “ tha mi dèanamh?”

Am bi thu fada?” ars esan.

Greiseag fhathast,” ars ise, ach cha robh ig éisdeachd ris.

Bha cuimhne aig air oidhche cuideachd, ’s e ag éisdeachd ri athairs a mhàthair atrod, dìreach mus do dhfhalbh athair.

Tha fhios agad deamhnaidh math gu feum mi falbh,” ars athairs ena shuidhe anns achathair ris an teine. Chan fhaiceadh e ach cùl a chinns am falt dubh astreap ris.

Carson a dhfheumas tu?” ars a mhàthair.

Bha a h-aodann geal anns an t-solus.

Airson obair,” ars esan. “Càit a bheil obair an so?”

Nach fhaigheadh tu . . . ?” ars a mhàthair.

Chan fhaigheadh,” ars esan, ’s e aseasamh. Bha athair gu math na bàirde na a mhàthair.

Agus cuideachd,” ars esan, “so an obair as aithne dhomh.”

Smaoinich Iain air amhuc-mhara mhór abàsachadh anns abhùrns an sgianna h-amhaich. Bha am bùrn geal le cop.

Thubhairt a mhàthair an uair sin iomadh nach robh e atuigsinn, ach bha athairna sheasamh mar


[40] gum bann air bòrd soithichs an sgian mhórna làimh.

Co-dhiùbh,” ars athair mu dheireadh,” tha triùir againn ann, ’s chan e dithis. Bu chòir dhut smaoineachadh air a sin.”

Thionndaidh athair anns an t-solus, ’s fhalt dubh adeàrrsadh mar gum bann le sàl.

Deanadh sud achùis,” ars esan.

Cha dubhairt a mhàthair smid, ach bha ina seasamh mu choinneamh an teine, àrd is geal.

Thug e sùil air achraoibh a bha crochte anns an t-seòmar. Cha robh càil air achraoibh ach cha bhiodh i acrochadh nan gibhtean gum biodh e faisg air -uair-dheug. Be so an aon oidhche anns abhliadhna a dhfhaodadh e bhith air a chasan cho anmoch.

Bhuail an t-uaireadair deich uairean.

An e esan bu choireach?

Chan eil mig iarraidh càil,” ars esan, “chan eil mig iarraidh càil airson na Nollaige.”

Cha do leig i oirre gun cuali e.

Chan eil mig iarraidh càil,” ars esan. Thug in t-sùil ud air a rithist. Bha an sgianna làimh dheiss i agearradh an arain. Thog i a sùil airson tiotadh mar dhealanaichs shaoil e gu robh an nimh innte a rithist.

Chan eil mi ag iarraidh càil,” ars esan.

Dùin do bheul,” ars ise. “Bfheàrr leam gun dùineadh tu do bheul airson mionaid.” Cha mhór nach robh i asgriachail. “Chan eil fois agam leat,” ars ise. “Mionaid fois ach nuair a bhios tu anns an sgoil.” Bha an sgianna làimh.

Bha iad agluasad,” ars esan. “Bha iad agluasads na sgeanan aca.” Bha e air chrith. Carson nach robh i atuigsinn? Bha an solus adòrtadh air abhòrd. Bha an làmpa mar ghréin ag éirigh anns an adhar. Bha an sgianna laighe fon làmpa. ’Na inntinn chunnaic e fear le gùn geal atighinn thuige le leabhar.

Leugh sud,” ars esan. Chan fhaigheadh e air a leughadh. Bha a theanga afàs tiughna bheul. Bha e fiachainn ri ruith, ach, air a chùlaibh, chluinneadh e gun sgur na ceumannan slaodach clachach ud anns an t-solus gheur.

Chaidh a mhàthair don chùlaist. Bha am bòrd falamh, ’s gach na àite.


[41]

Shuidh e air cathair mar fhaochaig air creig.

Bha solus na làmpa adeàrrsadh anns an t-seòmar.

Bha an t-uaireadair adiogadh air abhalla. Chaidh e null chun na craoibhe. Nach robh rudeigin co-cheangailte ris achraoibh cuideachd? Dhfhiach e ri cuimhneachadh ach chan fhaigheadh e. Thug e sùil air an dreasair, ’s chunnaic e litirna laighe air. Bha i ann an làmh-sgrìobhaidh athar. Nach iongantach nach do dhinnis a mhàthair dha gu robh litir air a thighinn? Dhfhosgail e mach i, ’s i adìosgailna làimh. Rinn i fuaim mar chlach-mheallain. Càit an robh a mhàthair? Leugh e pìos dhith:” “I am very sorry that I wont be home in three months after all.”

Dhùin en litirs chuir e air ais air an dreasair i. Thàinig a mhàthair a nuas as achùlaists i còmhdaichte ann an geal.

thagad an sin?” ars ise.

Cha dubhairt e càil. Bha e mar chloich air chrith.

bha thu adèanamh?” ars ise.

Chan fhaigheadh e air a ràdh. Bha a guth mar sgithinn.

“ ’S misas coireach,” ars esan, “misas coireach.” Dhéigh e na facail. Stad iga choimhead.

Bha rud aicena làmhans paipear donn timcheall orra. Chaidh i null chun na craoibhs chroch i iad.

Chan fhada gus am bi e aon-uair-deug,” ars ise. “Na fosgail iad gus an tig an t-àm ceart,” ars ise. Shaoil e gu robh cruasna h-aodanns igan crochadh.

Bha iad crochte air achraoibh mar gum biodh iad adèanamh breith air.

Shaoil e gun cluinneadh e fuaim chas suas an rathad chun an tighe, casan móra troma. Bha iad mar cheumannan nan tursachan, iad agiùlan sgeanan mar ghealaich. Air taobh muigh an tighe bha an dorchadass air an taobh stigh bha an solus uabhasach ud. Bha a mhàthair acur bìdh air abhòrd. Bha a h-ìnean mar sgeanan.

Chan eil mi ag iarraidh càil,” ars esan. “Chan eil mi ag iarraidh càil.” Thòisich e sgriachail. Thionndaidh e ri a h-aodann buidhe. Ruith e a mach as an t-seòmar, a chasan abualadh air an làr. Bha iad mar chlachan a bha e aslaodadh as a dhéidh. Dhfhosgail


[42] en dorus, aslaodadhs aslaodadhs ag éigheachd. Bhuail e clach mhór atighinnna choinneamhs achlach acoiseachd. Thainig sgian gheal a mach ás an dorchadas. Thuit e mìltean ghrian air falbh.

Chan eil mi atuigsinn a thachair,” ars a mhàthair ri Tormod. “Bha e fortanach gun tàinig thu.”

Bithidh e ceart gu leòr,” arsa Tormod, “Cha do dhéirich beud dha.”

Chuala e na guthan ateich air falbh.

An dfhuair thu guth an diugh?” arsa Tormod rithe.

Cha dfhuair,” ars a mhàthair, “ach cha bhi e fada tuilleadh. A dhaindeoin sin, eil fhios agad bha mi adèanamh?”

?” arsa Tormod.

Nach robh aleughadh a chuid litrichean o chionn bhliadhnachan. Tha mi gleidheil a h-uile gin aca.”

Thòisich an dithis aca agàireachdainn anns an t-solus bhuidhe, is esanna laighe crùbte anns an leabaidh.

titleClachan Chalanais
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p

parent textSgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page