[43]

Turus Dhachaidh2

RINN am bus a shlighe slaodach troimhn t-samhradh is troimh a dhùthaich fhéin. Bha triùir anns abhus a chùl air an nighean a bha agabhail an airgid, am fear-stiùraidhs e fhéin. Troimhn uinneig chunnaic en corcs am buntàta afàs. Fad air falbh bha na cnuic acòmhradh ri chéile. Bha an saoghal mar leabhar fosgailtes aibhnichean asnàmh troimhe mar sgrìobhadh. Ri aghaidh an adhair chunnaic e fearna sheasamh is spealna làimh. Chual e na triùir bhoireannach abruidhinn ri chéile.

“ ’S chan fhaca tu riamh gùn cho brèagha ris. Theab mi a cheannachd.”

Carson nach do rinn thu sin?”

Thòisich iad agàireachdainn.

Ach bha e cho brèagha,” ars ise. “Bha e cho brèagha. Chan fhaca mi gùn coltach ris o bha min Glaschu.”

Thusa is Glaschu!”

Seadh,” ars ise le tàmailt. “Bha mi ann an Glaschu co-dhiùbh.”

Glaschu!

Smaoinich e air an t-slighe fhada air an tàinig e fhéin, tarsainn chuantan á New Zealand.

“ ’S fhuair thu?” arsa eile.

Cheannaich mi briogais do dhIain. Bithidh e dol don sgoil an dràsd.”

Bithidh Tormod adol còmhla ris,” arsa eile.

Tha iad afàs cho luath,” ars an treas .

Smaoinich e air an latha a dhfhàg en tigh bhliadhna dheug air ais. An robh fhios aige bha eg iarraidh?


[44]

Chunnaic e athair a rithistduine beag dèantanach làn beatha mar fùdar alosgadh, athair a bha air tuath a ghearradh a mach ás an talamh shearbh ud.

tha tighinn riut?” ars athair ris.

Cha robh fhios aige theireadh e, ’na sheasamh mar sgoilear air beulaibh a mhaighstir. Bha a bhràthairna sheasamh ri taobh athar.

Càit a bheil thu dol?”

Chan eil fhios agam,” ars esan.

Thug athair sùil iongantach air.

Na smaoinich thu air do mhàthair?” ars athair.

Smaoinich e air a mhàthair.

Ach New Zealand! Chan eil mi tuigsinn thaga do chur a New Zealand. Nach eil tuath agad an so fhéin?” Bha athair acoiseachd sìos is suas. Chan fhada gum biodh am fùdarga lasadh. Cha robh a bhràthair ag ràdh smid.

Bha na triùir bhoireannach asealltainn ris. Chuala e aca ag ràdh:

Eil thun dùil an e coigreach a thann?”

Cha robh càil a dhfhios aca gu robh e tuigsinn gach facal a bha iad ag ràdh. Thionndaidh iad air falbh bho a shùilean.

Bha dealbh math air cuideachd,” arsa aca. “ ‘The Pity and the Passion.’ Theab mi fuireachd.”

“ ’S bha Coinneach air a dhèanamh airson a bhìdh?”

Cha dubhairt i smid ach bha i smaoineachadh air an dealbh.

“ ’S iomadh oidhche bha thu còmhla ris acoimhead dhealbhan anns na sreathan cùil!” arsa aca. Thòisich iad agàireachdainn a rithist.

Bha sibh féin air falbh an Canada,” ars esan ri athair. Chaidh athairna stad mar uaireadair adol a bhualadh.

Bhà,” ars esan, “nuair nach robh obair an so dhomh. ’S bha fhios agam càit an robh mi dol. Carson nach bi thu coltach ri do bhràthair?” Cha dubhairt a bhràthair smid, ’na sheasamh le dhà bhròig mhóir afàs ás an talamh. An ceann beagan ùine dhfhàg e, le a cheum slaodach, ’s chaidh e sìos chun an fhearainn. Bha athairs e fhéinnan aonar.


[45]

Uilleimars athair.

Seadh, athair,” ars esan.

Carson a tha thu afalbh?”

Chan eil fhios agam,” ars esan. Thug athair an t-sùil iongantach ud air a rithist.

Nam biodh tu coltach ri Tormod . . .” Stad e.

Tha Iain afàs cho coltach ri athair, arsa aca, “anns achoiseachd.”

“ ’S na mhothaich thu mar a bhitheas e atachais a chinn dìreach mar athair?”

Tha iad mar an sgadan,” ars an treas .

Well, thachair riut an New Zealand? ars esan ris fhéin. Anns acheud àite, cha robh e ach na fichead bliadhnas an saoghal mór air thoiseach air. Dhfhiach e ri e fhéin fhaicinn mar a bhà e anns na làithean ud ach cha burrainn dha. Smaoinich e gur ann a bha e mar naidheachd ann an litir ùir. Neochiontas! Co-dhiùbh, ràinig e New Zealand. ’S fhuair e obair gu leòr airson beagan airgid a chosnadh nuair a thog e air a rithist.

Bha e ann an saoghal mór mar isean anns an adhar. Chaidh e deas gus na ràinig e baile mór. Thòisich e ann an obair a bha adèanamh chéisean litreach.

Thug e greis mhath an sin gus na thòisich an t-iarrtas do-ainmichte a rithist.

Eil thu smaoineachadh an còrd an sgoil ri Tormod?” arsa de na triùir.

Tha mi cinnteach gun còrd,” fhreagair eile.

Co-dhiùbh, tha iad cho luaisgeanachs gur ann san sgoil as fheàrr iad. Tha Iain a nis afalbh an déidh nan carbaidean. ’S ann tha eagal orm gun éirich rud dha. Bha ena shlaodadh ri carbaid an latha roimhe. Bha mi ris, ach math?”

Clann an latha an diugh,” ars an treas . “Tha iad cho luaisgeanach. Cha bann mar sin a bha sinne nuair a bha sinn òg.”

An déidh sin thòisich eg obair aig tuathanachableoghan, ’s aglanadh bhàthaicheans acurs abuain. Bha e ùine mhath an sin. Aon latha bha ena sheasamh acoimhead nam mucan astrì ri chéile am measg an cuid bìdh, brùidean móra reamhar. Laigh doilgheas air a spiorad.


[46]

Chan eil cho feumail ri maighstirean sgoile ceart,” arsa de na triùir. “Ach chan eil dragh aca de chàil an diugh ach an sgillinn.”

Chan eil gu dearbh,” arsa eile. “Nach eil na paipearan làn den cuid aimhreit.”

Eil cuimhnagad air aBhodach Dhearg?” ars an treas .

S dhfhàg en t-àite sin cuideachd. An ceann bhliadhnachan cha mhór nach fhaca e New Zealand gu léir. smaoinicheadh gu robh e cho beag?

Ach càiten téid mi nis?” ars esan ris fhèin.

Mu dheireadh bha eg obair ann am factoraidh a bha adèanamh uaireadaireanuaireadair an déidh uaireadair adiogadh.

Aon latha dhfhàs e tinn. Cha robh fhios aige bha tighinn ris. Bha e bruadrachadh gach oidhchmu dheidhinn uaireadairean, ’ga chuartachadh len aodannan móra, geala. Bha a spioradna laighe mar nighinn anns an dorchadas. Aon latha dhéirich e tràth anns amhadainn.

tha thu adeanamh an so?” ars esan ris fhéin.

Bha aghrian adeàrrsadh anns an adhar ach be grian choimheach a bha innte, cha be grian a rìoghachd-san.

Sheall e mach air an uinneigtrì mìle eile! Stad am buss dhfhàg aon de na boireannaich e.

Bithidh migar coimhead,” ars ise ris an dithis eile.

Lean a shùilean is i falbh dhachaidh le bascaidean bìdh. Bha tigh beag ri taobh an rathaids chunnaic e balach atighinnna coinneamh. Bha esanna ruith ach bha ise crùbte leis na bascaidean agus slaodachna ceum. Dhfhàg am bus iad, ach bha e asealltainn ás an déidh airson ùine.

Cha bhi e fada tuilleadh,” ars an dara ris an eile.

Cha bhì,” ars ise, agus: “Tha an turus sìos am baile adèanamh feum dhomh. Chan eil e gu math a bhith an còmhnaidh trang aig mòines fearann.”

S an déidh sin chuir e ri chéile gach sgillinn airgid a bhaiges ghabh e am bàta. Cha robh e air sgrìobhadh chun an tighe fad bhliadhnachan móra. Nam faiceadh e duine de na balaich am port, sheachnadh e e. Cha


[47] robh fhios aig duine càit an robh e. Thàinig an t-soitheach dhachaidh leiss gach duilleag tuinne adùnadh as a dhéidh.

Agus so e nis anns abhus adol dhachaidh. Mìle eile! Bha an dithis bhoireannach afaighinn am bascaidean deiseil, ach dhfhuirich esanna shuidhe mar gum biodh e ceangailte.

Chan eil am bus adol nas fhaide na so,” ars an nighean.

Dhéirich e mar gum bann á cadal.

Fhuair e an mhàileids thug e an rathad air. Bha an samhradh adòrtadh timcheall air, ’s am muir abeucadh mìle air falbh.

Bha an corc òrach, àrd is blàth. Choinnich e duine dubhceannaiche siubhailair an rathad, ’s esan le dhà mhàileid cuideachd. Bha an ceannaiche-siubhail airson am bus a ghlacadh air ais don bhaile. Bheannaich Uilleam an latha dha anns aBheurla ach cha do fhreagair e, mar nach biodh e glé ealanta anns achànan. Smaoinich Uilleam gu robh e coimhead aonaranach.

Ràinig e an geata. Cha robh duine ri fhaicinn timcheall an tighe. Bha cearc no dhà asgrìobhadh facail choirbte anns achrèadhaidh. Leig e sìos an mhàileid aig an dorus. Timcheall air, bha sìth gun chrìoch ach gun cual e seilean afalbh air feadh an latha. Chunnaic e faoileag ateàrnadh chun na mara.

Sheall e sìoss chunnaic e athair am measg achoirc. Faisg air bha a bhràthairna sheasamh.

Dhfhàg en mhàileids dhfhalbh e sìos. Bha a chùlaibh ris amhuir ged a chluinneadh e i abeucail. Bha fhaileas fada air an talamh nuair a chaidh e an coinneamh athar.

titleTurus Dhachaidh – II
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p

parent textSgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page