[48]

An Duine Dubh

DHFHOSGAIL an duine dubh amhàileid mhór air an làr. Bha achailleachna suidhe air achathair acoimhead am broinn na màileide.

Jumpers, ”ars an duine dubh. ’S bha iad brèagha cuideachd, feadhainn dearg mar fhìon, feadhainn ghlas mar mhuir, feadhainn uaine mar thalamh, feadhainn bhuidhe mar ghealaich. Cha dubhairt i smid. Bha leabhar aig an duine dhubh a dhfhàg e ri thaobh air an làr. Cha deanadh i mach facal dheth. ’S ann a bha an sgrìobhadh coltach ri algebra no ri rionnagan geamhraidh. Dhfheumadh tu a leughadh bhon deireadh chun an toisich. Shuidh achailleach air achathair, ’s i aosd, a ceann mar chlogaid sneachda.

Gowns, ”ars an duine dubh. Bha iad adòrtadh ás a làmhan mar bhùrn no bogha-frois. Co mheud làmh céin a bha air a bhithg obair air na gùintean ud? Smaoinich i air acheud dannsa aig an robh i, trì fichead bliadhna air ais, ’s thug i sùil air an duine dhubh. Am biodh esan adol gu dannsan? Bha aodann tana, geal mar rathad céin. Sheall i air falbh. Dhòirt na gùintean ás a làmhan. Co-dhiùbh chuiread e seachad beagan den tìde dhi a bhithgan coimhead. Chuir e na gùinteannan laighe air muin a chéile.

Stockingsars esan, ’s e toirt a mach stocainnean naidhlean. Cha do chaill a casan an aois acoimhead riutha. Cha do dhfhosgail aon dorus. Laigh a làmhan le coibhneas air na stocainnean. Smaoinich i air a h-athair aslìobadh an eich a bhaca uair. Chaidh i dhiarraidh deoch bhùrn don duine dhubh oir bha an latha blàth: dhòl e e mar a dhòlas lit bainne.

Airgead? aige bha airgead? Cha robh ann ach an aonaranachd, a h-aonaranachd-ses aonaranachd an duine dhuibh. Co ás a thàinig e? shaoghal acoinneachadh a chéile anns an dorchadas. Thug e sùil timcheall an t-seòmair, an sgàthan mòr maol, am Bìobull


[49] air oir na h-uinneig, cùirteirean air an tarraing bho chéile. Chuir e na stocainnean còmhla ris achòrr.

Silk underwear, ”ars esan. Thog i a sùilean air falbh mar gum biodh e air rudeigin uabhasach a ràdh. Bha solus adòrtadh troimhn uinneig afighe a h-aodainn. Sia bliadhna — ’s math dhfhaoidte, ’s bhiodh e air aisna rìoghachd fhéin. Cha be so a rìoghachd-san. Ach dhfheumadh e airgead a dhèanamh. Bha an sìoda alasadh fo a làmhan. Thug i sùil air ais chun an t-sìoda mar gum be bratach a bha i acoimhead.

Eighteen shilling, ”ars esan. Bha làmhan na caillichnan laighe gu sàmhach air achathair.

Eighteen shilling, ”ars esan a rithist. Rinn i gàire. Bha a gàire mar earrach fon chlogaid shneachd. Dhfhairich e sgìthsna dhruim. Cha robh e furasda bhith slaodadh màileid throm troimh na sràidean.

Seventeen shilling, ”ars esan. Rinn i gàire eile. Cha robh e tuigsinn air a bha i asmaoineachadh. Air aon bhalla bha dealbh balaich ann an deise seòladair.

Cha robh càil tuilleadh anns amhàileid. Chrom e a cheanns e dol a chur an aodaich air ais don mhàileid.

Silk underwear, ”ars esan a rithist, ris fhéin, ’s e dolga thogail.

Stad i e.

Chaidh i chun an dreasairs thug i mach sporan. Chunnt i mach ochd tasdain deug dha. Cha robh móran tuilleadh air fhàgail anns an sporan. Rinn i gàire an uair a thug i dha an t-airgead. Rinn esan gàire cuideachd leis an toileachas. Thug e dhi an t-aodach.

Ah ,” ars esan ris fhéin, “chan eil làithean do dhannsaidh seachad fhathast.”

Chuir e gach air ais don mhàileid, aodach flùireanach fuar sìoda ann an teas an t-samhraidh.

Dhùin e amhàileids dhéirich e.

Ghlais i an dorus air achùlaibh.

Nuair a bha e acoiseachd sìos an rathad thog i a làmh ris mar dhuilleag foghair. Lean a sùilean e gus na dhfhalbh e dhachaidh. Bha na busaichean móra adol seachad air an t-sràid. Bha isena coigreach cuideachd.

Thog i an t-aodach sìodas leig i leis ruith troimh a làmhan mar airgead. An déidh sin, chuir i don dreasair e, ’s shuidh i rithist aig an uinneig, acoimhead na sràid.

titleAn Duine Dubh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p

parent textSgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page