Feadhainn a Chaidh a ChanadaSann dìreach mun àm seo a thòisich iomradh air falbh a Chanada am measg an t-sluaigh. Bha othail mhór air daoine gu falbh, oir cha robh teachd-an-tìr ach mu làimh aig an dearbh àm sin. Beòshlaint cha robh air thuar a bhith ann, a dhaindeoin deòin-bhàidh na feadhainn sin a bha aig aois cosnaidh. Bha daoine sònraichte atighinn a bhrosnachadh an t-sluaigh gu gluasad air falbh gu Tìr an Dòchais thall thairis, far nach biodh dìth neo deireas air duine beo aon uairs gu ruigeadh iad. Bha taighean àlainn gu bhith afeitheamh orra agus, an àite nan sgrobagan chroitean a bhaca am Barraigh, bha tuathanas gu bhith deiseil glan mu choinneamh gach athair teaghlaich. Bha móran dhen chloinn a bha còmhla riumsa san sgoil adèanamh deiseil gu falbh a Chanada. ’S coma gu am farmad a bhagamsa riutha sin, agus gun mi atuigsinn air an t-saoghal carson nach robh mathair-sa adèanamh air falbh mar a bha càch. Bha bràthair mathar afalbh le theaghlach beag lag, agus bha mi san éisdeachd nuair a bha mathair ag earbsa ris: “Air réirs mar a bhios tusa afaighinn air aghaidh, leigidh tu fios thugamsa a bheil an gnothach cho òr-bhuidhes a tha iad acumail a-mach, agus ma bhitheas, bidh sinne sinn fhìn atogail oirnn.”

Latha dubh-bhrònach a bha san latha sin nuair a ghluais ar càirdeans ar luchd-eòlais suas a Bhàgh aChaisteil, afàgail an cead dheireannaich aig gach aon, agus leann-dubh air feadh gach ceàrn dhen eilean. ’Se am bàrd a Eilean Bhatarsaigh, Dòmhnall Iain Mhóir, a bfheàrr a thug an dealbh sin seachad anns an òran Cumha Barrach, a rinn e ann an 1923. Tuigidh sinn ann cho fìor ghoirts a bha an sgaradh.

Cumha Barrach Tha naidheachdan sna pàipearan An dràsdgam chur fo ghruaim, Ag innse mu na nàbaidhean A dhfhalbh air imrich cuain Do chrìochan ciana choigrichean — ’S nach cluinn iad osnaich stuagh Ach gaoirich coill nan àrd-mheangan Ga toirt gu làr le tuaigh.

An latha dhfhalbh ar càirdean uainnS a dhfhàg iad sinn fo ghruaim, Gun dchuireach anns aMharloch iad, An t-eathar làidir luath;


[13]

Nuair tharraing i cuid chàblaichean, ’S a h-àmhainnean fo ghual, Bu bhochd bhith faicinn phàrantan Le sruth gu làr on gruaidh.

Se feasgar Latha Sàbaid bhann, ’S bha bàtaichean mun cuairt Toirt beannachd nam beann àrda dhaibh Mun tarrngeadh iad gu cuan; Bu duilich leams bu chràiteach e Bhith faicinn phàisdean truagh’ ’S ag éisdeachd osnaich mhàthraichean, ’S an cridhga fhàsgadh cruaidh.

Cha bannasach san tràth sin e Ged bhiodh iad làn de ghruaimBha mulad air an sàrachadh, Amilleadh blàth an gruaidh, Afalbh on eilean àlainn sin San deach an àrach suas, ’S gach groban bheann a bàirde dheth A sealladh tràth Di-luain.

On dhfhalbh iad uiles dhfhàg iad sinn, ’S than t-àite seo air thuar, An fheadhainn a thair am fàgail dhiubh, Gun toir am bàs iad uainn; Rinn Mac aChreachair fàidheachd dhuinn Thag ràdh gun tig an uair Nach fhaicear air an làthair ach Geòidh ghlasan àitan t-sluaigh.

Than t-athair measail ainmeil leibh Dhan ainm MacGhilleMhaoil, A chumas ann an òrdan sibhS nach leig a chrò mu sgaoil; Tha chombaistean air dòigh aige Le bòidean Orduigh Naoimh, Aruith achùrsa dhòigheil leibh A bheir gu Glòir sibh saor.

O, mile beannachd uamsthuige, Geds fhada bhuam en dràsdFar bheil achoille ghruamach udNa gathain uaigneach àrd’; Nan tilleadh e air chuairt thugainn, Mo dhùrachd buan gach Gur e bhiodh atoirt fuasgladh dhomh Nuair thigeadh uair mo bhàis.


[14]

Tha mulad mór air pàirt aca On dhfhàg iad Tìr nam Beann, Acaoidh an àite dhàraich iadS nan càirdean a thacann; Ach guidheam soraidh slàn bhith leothMeasg chraobhan àrda thallGun tachair sinn air Calbharaidh San àitair nach tig ceann.

Tha misen seonam aonaran — ’Se fàth mo leòin san àmGun dùil agam ri còmhradh ribh Cho fads as beò mi ann; Ach thig an latha sòlasach San dèan sinn còmhdhail thall; Bidh càirdean is luchd-eòlais ann, ’S théid bròn a thoirt gu ceann.

Bha fiughair mhór oirnn afeitheamh na ceud litreach bho bhràthair mathar, agus thàinig i mu dheireadh thall. Bha e atoirt iomradh air a h-uile sìon a bha riamh ann, ach aon diog cha tug e air sinn a bhith togail oirnn a-null. Thigeadh litir as déidh litreach, ach riamh cha tàinig an cuireadh a bha ar cridhe a-mach thuige. Cha bfhada seo gus an tàinig fios gu mathair bho oifis an Canada, aleigeil ris gu robh a bhràthair air tuiteam an droch shlàinte agus gum bfheàrr dha gabhail roimhe air ais a Bharraigh. Feumaidh gur iad a bha iochdmhor an Canada. Cha robh iad idir ag iarraidh nan truaghan bochda air am buaileadh galair. Bha cuid mhór dhiubh adol as leis abhristeadh-cridhe. Uidh air n-uidh, thill amhór-chuid dhiubh an taobh as an tàinig iad.

Sann an uair sin a chuala sinn mun Choille Ghruamaich, agus mun Tìr a Chaill an Dòchas. An àite an stiùireadh chun nan dachaighean rìomhach a chaidh a ghealltainn dhaibh an uair a chaidh iad air tìr, ’sann a chaidh am pronnadh cruinn cothrom còmhla a-staigh do sgoil nan Innseanach, feadhainn a bha glé chinnteach nas iochdmhoire na na h-uaislean a thàlaidh sluagh ar n-eilein àlainn bhon càirdean is bhon dachaighean leis na dubhla-bhreugan. Cha robh iomradh a-nis air na tuathanais, ach chàireadh gu leòr dhiubh a-mach gu raointean Alberta, agus an sin cha robh ann dhaibh achIain, a mhic, thoir thu fhéin as.” Bha iad acur uibhireach gu h-àraidh air an fhuachd, agus air an oidhche bha eagal am bàis orra ag éisdeachd nan ainmhidhean air nach robh eòlas neo cleachdadh aca ag iorghails asgreadail.

Co-dhiùbh, chuireadh Canada an dàrna taobh, agus bha an saoghal


[15]

sòlasach adol air aghaidh a cheart cho toilichtes a bha e riamh. An deireadh aChéitein agus anns an Og-mhìos, cha do dhiarr caileagan abhaile againn an còrr ach a dhol a bhuain nan dìtheanan eireachdail a bha na bu ghaolaiche leinn na na leugan. Air Loch an Rubha, gu a bha fàs ach an duilleag bhàite – ’segucagana theireamaid sinne riutha. Sin an a bu luachmhoire leinne na an t-òr fhéin. Bhitheamaid a-mach air an loch gu ar meadhon, ’s na cailleachan a bhiodh adol seachad air an rathad mhór ag éigheach nan creach mu rachadh ar bàthadh.

Feumaidh gu robh na Lochlannaich air leth measail air aBhogaich, mar a theireadh iad ris abhaile bheag againne. Bha dhùn faisg oirnn air an togail a-muigh air eilean beag astar nach robh ro fhada bhon chladach agus, mar a rinn an Sealbh, bha aon fhear aig muir-tràigh dìreach air an dearbh shràid chlach a dhfhàg na ceatharnaich sgairteil sin fhéin. Cha robh sinn atuigsinn air an t-saoghal ciamar idir a chaidh aca air meudachd nan clachan sin a ghluasad dhan ionad ud. Aig an àm, bha sinn car coma co-dhiùbh. Chan e bha fainear dhuinn. San fhoghar gu h-àraidh, bhitheamaid adèanamh calg-dhìreach air an dùn aig muir-tràigh. Nuair a bha sinn mu letheach a-null, sheasamaid tacan aturraman air achloich-rabhaidhan sin a bhiodh acur muinntir an dùinnam mothachadh, sna linntean a dhaom, gu robh an nàmhaid gu bhith mun cinn. Aig àm an fhoghair, bàillidh leat a bhith ag amharc nan smeuran móra dubha a bha afàs san dùn. Ged a bha sgrìobadh nan dris ann, cha robh e acur ciùrradh oirnn. Nan rachadh againn air feadhainn dhiubh a chur seachad air ar beòil, thoireamaid dhachaigh iad gu silidh a dhèanamh. Abradh sibhse gur ann an sin a bha an fharpais feuch bu mhotha a chruinnicheadh de smeurain.

titleFeadhainn a Chaidh a Chanada
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
parent textTus M’Oige
<< please select a word
<< please select a page