Cleachdaidhean an Aite Nuair a bha mise sa bhun-sgoil, bhiodh tòrraidhean am Barraigh mar sa h-uile h-àite eile. Bhiodh bròn cianail air feadh abhaile aig àm bàis. Aig an àm sin, bhiodh móran adol do thaigh na h-airc fad na h-oidhche. ’Sann latha an tòrraidh a bha an cianalas buileach gar bualadh. ’Sann dhen cois a bha na daoine afalbh leis aghiùlan. An déidh na h-ìobairt san eaglais, bha na daoine a-rithist afalbh dhen coisuairean ceithir neo cóig a mhìltean. Nuair a ghluaiseadh an giùlan taobh a-mach na cachaileith, bha aphìob adol suas. Cha chuala mi dad riamh cho tiamhaidh ris acheud ghlaodh bhon phìob aig tòrradh, agusse am port cianail ud Cha tig Mór mo bhean dhachaigh as fheàrr a tha cuimhnagam air. Bhiodh na boireannaich, ’s na beannagan mun cinn agus achlann air làimh aca, aig deireadh an tòrraidh. Cha choisicheadh iadsan air astar ro fhada. Bha tuilleadhs a chòir aca ri chur air aghaidh aig na taighean. Nuair a bhiodh iad afàgail an tòrraidh, bha iad adol an dàrna taobh dhen rathad agus adol air an glùinean a ghabhail an ùrnaigh, agus na deòir asileadh gu frasach gu làr, mar gum biodh iad afàgail na soraidh


[16]

mu dheireadh aig amharbh.

Cha laigh bròn air uallach, agus cha bfhada a bhiodh am bàsnar cuimhne. Bha e asgaoileadh air falbh bhuainn mar an dealt air madainn Chéitein.

An àm an t-samhraidh bhiodh latha mór aig na boireannaichlatha nighe nam plangaidean. Bha sinn afalbh còmhla ri mmhàthair chun na h-aibhne, atoirt leinn abhallain agus atogail teine beag gu an t-uisge a theasachadh. Nuair a bhiodh e blàth gu leòr, bha am ballan ga lìonadh, na plangaidean gan càradh ann, agus an sin gheibheamaid gu ar mianna bhocadaich le ar casan air an uachdar. ’S coma cho maths a chòrdadh seo rinn. Fhads a bha sinne sa bhallan, bhiodh mo mhàthair anighe bhadan eile san t-sruthan agus slacan aice. Air dhan nigheadaireachd a bhith seachad, bha na plangaideans na badan eile gan cur air thodhar fad latha neo dhà. Bha fleasgaich glé shunndach sa bhaile againn. Air uairean, nochdadh badan sònraichte dhen aodach sa mhadainn, crochte air adhaircean nam mart. Siud an gnothach a rachadh gu ceòl do mhuinntir abhaile, ach bha teaghlaichean ann a bha faotainn an dùbhlain san dòigh seo, agus rachadh achùis an sin gu aimhreit. Chuala mi aon athair teaghlaich a thàinig a dhfhaighinn faothachaidh le bhith ag innse dha mathair mun dol a bhann. ’Se thuirt e, agus faobhar air, “A bhalaich, tha trì nithean sa bheadradh – ‘Na nàraich mi, na sàraich mis na goirtich mi’ ;” agus bha amharas math aige bha ris an olc.

Uair neo dhà, bhiodh dithis de mhnathan abhaile adol thar a chéile. ’Sann mun chloinn mar bu trice. Chitheadh tu gach s a làmhan an tacsa a cruachains iad atrod. An dràsdas a-rithist, bhuaileadh mu seach a basan ri chéile. Bhitheamaid sinne an sgairte falaich, adolnar lùban, ’s an dòchas gun cumadh iad orra greis mhath. An latharna-mhàireach, cha bhiodh cuimhnair an trod agus bhiodh an dithis cho còrdte ri cheann eich.

An àm agheamhraidh, bhitheamaid adol air chéilidh. Aig an àm sin bha daoine cho càirdeil, an còmhnaidh acur fàiltes furan oirnn. ’Se ath-theine a theireamaid ris an fhàd mhòna is lasag as, ga chumailnar làimh le stob iarainn, a bha sinn acleachdadh a bhith toirt leinn gu an t-slighe a shoilleireachadh dhuinn. Cho toilichtes a bhitheamaid san taigh-chéilidh ag éisdeachd ris na naidheachdan agus ris na h-òrain a bha Calum Ruadh agus Dòmhnall Phàdraigbràthair matharair a dhèanamh as ùr. Chan eil iad sin gun sgeultha iad rim faotainn anns an leabhar Deoch-Slàinte nan Gillean. Air an rathad dhachaigh, bhitheamaid atadhal an taigh beag tughaidh ri taobh an rathaid anns an robh seann chailleach bheag bhochd, Seonag, afuireach leatha fhéin. ’Se bha gar tàladh gu sònraichte an sin gum biodh i agabhail ceò, mar a theireamaid sinne, agus cha do dhiarr sinn a cheòl neo a dhaighear ach a bhith gabhail sheallaidh dhith, alìonadhs alasadhs atoirt toit as aphìob bhig chreadha aice.


[17]

Chaidh buidheann abhaile againn aon uair air astar chun an aon taigh tughaidh anns an robh an teine am meadhon an ùrlair. Bha toll gu h-àrd sna sgrathanan luidhearfar am faigheadh an toit a-mach. Air an rathad dhachaigh bha sinn ag aontachadh nach bu chaomh leinn a bhith an dachaigh mar sin far am biodh an toit gad dhalladh.

Seachdainean roimhn àm, bha sinn ag ullachadh airson Oidhche Shamhna. A h-uile bad aodaich a bannasaiche na chéile air an rachadh againn air ar làmh a chur, bha sinn gan cur seachad, afeitheamh air an oidhche ghlòrmhoir ud. Cha robh neach aceannach aodannan leis? – ach bha sinn fhìn atoirt làmh air an dèanamh air pàipearan agus luideagan. Nuair a thigeadh an oidhche mhór, bha achlann acruinneachadh a dhaon taigh a ghabhail nafuaraig’. ’Sann air min-choirce agus uachdar a bha an fhuarag air a dèanamh, agus falaichtair a feadh bhiodh fàinne, meuran, grìogagan agus rìomhaidhean grinne eile. ’Sann an sin a bhiodh an othail feuch a gheibheadh na falachain Nuair a chluinnte an glaodhFhuair mise am fàinne,” theireadh bean an taighe, “Mo bheannachd ort – ’s tusa phòsas an toiseach.” Bha sinn an sin adol air feadh nan taighean a bhòcadaich feuch dhaithnicheadh sinn. Bha achùis math gu leòr fhads a bha achlann air an dol seo, ach thòisich an seo òganaich abhaile iad fhéin air aodannain agus gùintean annasach a chur orra; agus feadh nan taighean gu rachadh iad, aslaodadh nan cailleachans nam bodach a dhannsa, agus air uairean cha tigeadh seo ri càil luchd an taighe. Ach bha an dol acumail an cridhe fad mhìosan ris an fheadhainn sin nach biodh dìth fàth gàire orra.

Air Oidhche Challainn, bha na gillean adol gu gach taigh sa bhaile agabhail nan duan. Aig gach doras, mu faighte a-steach, chluinnte srann air

Mise nochd adol air Challainn, Gille beag nan casan rùisgte

Oidhche Chullainn Challainn fhuarThàinig mi le muan ga reic

agus tòrr eile. Glé thric dhéigheadh bean an taighe, “Gabhaibh tuilleadh,” agus nuair a thoireadh na balaich dùil thairis dhfheumte tionndadh ris na rannan Beurla a bha iad ag ionnsachadh san sgoil. Bha fear dhiubh ag éigheach, “Wasnt that a dainty dish to set before the king? ”agus e afaighneachd dhen fhear a bha ri thaobh, “Gu bhon t-saoghal a tha sin aciallachadh?” Aig an ìre sin, nuair a theannadh aBheurla, bha an doras ga fhosgladh agus na gnothaichean milis gan riarachadh.

Chuala mi gun do thachair do sheòladair Barrach a dhol air tìr an New Zealand aig àm na BliadhnUire. Rinn e air dachaigh nàbaidh a bha air thaigheadas fad cus bhliadhnachan san dùthaich sin. Mu naoi uairean a dhoidhche, chualas an duan a bàille ann an Gàidhlig àghmhor abhaile


[18]

aige fhéin taobh a-muigh an dorais. Cha robh e mar ioghnadh ged a sgrìobh fear an taighe gu chàirdean ag innse mun oidhche sins a leigeil riutha gur i siud an oidhche bu toilichte a chuir e seachad bhon a dhfhàg e eilean a bhreith is àraich.

Nis, dhfhàg mi an taigh caran ùine nuair a chaochail Dòmhnall, bràthair mathar. Dhearb abhantrach aige ri mathair, nan leigeadh e null mi còmhla rithe fhéin agus ris achailin ghasda a thog iad, gun dèanadh e car de chur seachad air cùis amhulaid. Ged a bha mi afàgail an taighe, bha mi air mo dhòigh, chionns bha bùth bheag aca; agus aig an àm sin, ma bha leithid siud agad, bha thu air do chunntais air leth beartach. Bha baile Bhrudhairnis an uair sin am mullach a shòlais, loma-làn sluaighbeag is mór, sean is òg. Daoine inntinneach, coibhneil, toilichtenan staid. Bha Ruairidh Iain Bhàin ann, agus cuimhne neo-àbhaisteach aige. Cha teirigeadh òrain dha, gu h-àraidh orain mun Phrionnsa Teàrlach. Bha anCo-operateair fosgladh, agus sùrd aig gach neach air òran Chaluim Ruaidh:

Thogainn fonn air Co-opero, Hùth-ill o air Co-operéTapadh leat, a Mhór Nèill Eòin, Shuidh air bòrd aCho-operate.

Tha na cailleachan air an dòigh, ’G innse stòraidhean dha chéil’ — “Chuala sinn aig duine còir Gum bi òl sa Cho-operate.”

Sann am Brudhairnis a fhuair mi an ceud leabhar. Leis cho trics a bheirinn sùil air, thairgeadh dhomh fhìn mu dheireadh e. Bha dealbh neo dhà ann, ach cha robh dathan taitneach idir orra. Bha dealbh acheud Rìgh Seumas air Alba ann, ’s gu dearbh cha toireadh a shnuadh as do thoinneamh thu, achsiad na naidheachdan a bha atoirt mo shuim asam. Seadh, feadhainn mu Bhan-rìgh Màiri is Kate Bar-lass, ach gu sònraichte an sin mu Rìgh Raibearts an damhan-allaidh nuair a bha e air fhògradh an Eilean Rathlin. Bha mi a-nis an greim an saoghal an leughaidhrud nach robh san fhasanach dhfhan dealbh thaitneach riamhnam inntinn air Brudhairnis.

Air dhomh tilleadh dhachaigh, ’sann a thàinig abhean-taighe aig amhaighstir-sgoil feuch an leigte mi a-null còmhla ris an t-searbhanta fhads a bhiodh i fhéin air falbh bhon taigh. Chan eil fhios gu cho pròiseils a bhiodh neach a gheibheadh a dhfhuireach dhan taigh-sgoil. Bha àirneis air leth rìomhach ann, agus soithichean airgid. Bhitheamaid air an oidhche adol air chéilidh gu Buaile nam Bodach a chluich chairtean a thaigh Anna Aonghais. Bha bean an taighe abruich poit mhór bhuntàta agus cudaigean, agus bha aig gach aon ri suidhe aig abhòrd mun


[19]

càireadh iad orra dhachaigh. Siud am baile cuideachd anns an robh an greusaicheDodaidhafuireach. Air uairean bhiodh a dhùbhlan aige-san feadhainn dhe na brògan a chur air ghleus, dhaindeoin oidhirp le minidh, iall agus ceap-iarainn.

Aig an àm seo, bhiodh gach cruinneachadh anns an sgoil. Cha robh àite eile ann gus an do thogadh an talla anns abhliadhna 1929. ’Sann an uair a bhiodh pòsadh gu bhith ann a bhiodh muinntir an àitenan sòlas. An déidh na suirighe, nuair a dhèanadh achàraid aonta a dhol an coinneamh a chéile, bha an sin an còrdadh ann. An oidhche sin, bha am fear a bhair tòir na mnatha atoirt leis fleasgach neo dhà agus balgam dhen stuth chruaidh gu taigh athair na air an robh e an geall. Bha fear dhen triùir ag innse fàth an turais, agus bha athair na cailin ag innse gu robh e deònach a toirt seachad. ’Sann ainneamh nach biodh an aonta ann, oir bhathar gan curnam fuireachail roimh-làimh gu robh iad an dùil tighinn. Beagan ùine an déidh sin, bha an rèiteach ann. ’Se ion bhanais a bha sin. Bha mi an taigh nàbaidh oidhche rèiteachMhol’. Thàinig esan agus buidheann fhleasgach as an taobh an iar, agus e atadhal air an càirdean gu falbh còmhla riutha. Shaoil mise gu robh na fiùrain air leth maiseach len deiseachan gorma agus len coilearan cruaidhe. Bha an stuthaigeadh feumail mun àm sin. An latharna-mhàireach, bha aileag air gach aon afalbh bho thaigh gu taigh gu naidheachdan an rèitich fhaotainn. Bhiodh na boireannaich afaighneachd, “ rinn am moladh oirrese?” agus an sin mhol esan?” ’Sann air oidhche Di-sathairne a bha an rèiteach ann, agus Di-dòmhnaich bhiodh acheud éigh aca. Cha rachadh achàraid dhan eaglais san éighte iad idir, ach do dheaglais eile. Bhiodh tu cho leòmach nuair a bha thu beag nam biodh tu càirdeach dhan fheadhainn a bha apòsadh. An déidh na treas éigh, bhiodh abhanais ann an ath Di-màirt. ’Sann afalbh bho thaigh gu taigh a bhiodh am fear a bha atoirt seachad achuiridh, agus nuair a thàinig mi gu ìre dannsa bhithinn fhìns am buidheann a chaidh àrach leam aig an uinneig ga fheitheamh agus ar cridhenar beul air eagals nach fhaigheamaid faighneachd. Cha robh dìobairteach an taigh Mhic Dhé, agus cha robhar afàgail taigh gun chuireadh. Latha neo dhà roimhn bhanais, bha mo mhàthair acur oirrebad aodaich’ – seadh, an t-ìochdar drògaid a bfheàrr a bhaice, an t-aparan deàrrsach dubh, ’s abheannag mu ceannagus, fhads a bha mise beag, mi fhìn air làimh aice, afalbh leis achirc. ’Se cearc an tiodhlac a bha cuideachd na bainnse afaighinn an uair a bha mise òg. Bhiodh othail mhór air mnathan abhaile aspìonadhs abruich nan cearc.

Sann feasgar a bhiodh am pòsadh ann, agussann dhen cois a bha iad afalbh dhan eaglais. Nuair a nochdadh am pòsadh am mullach Bhrudhairnis, ’s a chitheamaid na gùintean sìoda geala, bha sinn adol dhinn fhìn leis an toileachadh. Bhiodh flaga aig gach taigh agus gach fear aig an robh gunna air na cnuic aleigeil urchair, agus achlann aig peilear


[20]

am beatha ag éigheach, “Hoo-rah”. Nuair a bha am pòsadh seachad san eaglais, bha iad acoiseachd gu Sgoil aMhorghain, ach a-nis bha pìobaire sunndach air an ceanns e acluich

chuireadh mulad ort, oidhche do bhainnse? Pìobaire romhads do roghainn afalbh leat.

Thòisicheadh abhanais leruidhle na bainnse’. Cha bhiodh air an ùrlar ach cuideachd na bainnse fhéin. Bha iad an sin asuidhe sìos aig na bùird. Bhiodh am pears’ -eaglais alabhairt, agus fear amaiseach neo dhà eile. Bha an dannsa agus na h-òrain an uair sin ateannadh. ’Sefear aphigea theirte ris an fhear a bha ariaghladh na dibhe, agus bha meas sònraichte air-san, agus air na boireannaich a bhiodhmu na bùird’. ’Se an t-òran a bfheàrr a chòrdadh rium fear nach cluinn mi iomradh air an dràsda:

A ghruagach achùil shnìomhanaich, Bean òg as miannach leam, Do phearsa dhìreach chumadail A chuir mi ort an geall, Ged is maiseach cliùiteach thu, ’S ro mhodhail aig gach àm; Tha blàth mar dhriùchd na h-iarmailt ort Nuair dheàrrsas grian air fonn.

Sann air leth binn a bha an guth aicese a bha an còmhnaidh ga sheinn. Aig Mòd an Obain chuala mi a h-oghachan bho Thaigh an Uillt aseinns acosnadh duais.

Nuair a thigeadh uairean beaga na maidne, bha ruidhle na bainnse ga dhèanamh a-rithist, ach an turas seo bha cuideigin atighinn aghoidbean na bainnse agus bha ancurrac’, an ceannabhàrr, ga chàradh air téile agus an ruidhle acumail air aghaidh. An sin thigeadh neach eile aghoidfear na bainnse, ach bha fear eile agabhail àite san ruidhle. Ged a dhfhalbhadh cuideachd na bainnse, bha càch acumail adol gus an toireadh iad thairis. Fad ùine mhóir bhiodh abhanais acumail bruidhne agus gàireachdaich am measg cuideachd abhaile. Bhiodh sinnenar cloinn fad sheachdainean afalbh as déidh a chéile air an rathad mhór agus luideag am bàrr bata againn, adèanamh pòsaidh.

Sann a sheòladh a bhiodh òganaich a thàinig gu ìre cosnaidh adol. Am feasgar a bha iad afàgail, bha màthair an teaghlaich amarbhadh cearc neo coileach agus ga bhruich gu bhith aig an fhleasgach air an turas-cuain. Bha e air aithris gun do mhaoidh a mhàthair air òganach a thréig a mhisneach e an latha a bha e ri falbh, “Feumaidh tu falbh bhon a mharbhadh an coileach.” Chan eil dùil am gur fìor an naidheachd, oir bha feadhainn am Barraigh an uair sin a bha cho beònan inntinns nach cuireadh neach seachad orra bhith ga dèanamh suas; ach tha fhios agam


[21]

le cinnt gur ann a bhann an coileach aig an àm luach mór.

Sann mu thrì uairean sa mhadainn a bha am bàta afàgail Bharraigh, agus leis a sin dhfheumadh òganaich abhailagainn a bhith gluasad on dachaighean eadar meadhon-oidhche agus uair sa mhadainn. Mu fàgadh e, bha e adol air feadh nan taighean afàgail beannachd aig gach teaghlach. Bhiodh tùrsa sa bhaile an oidhche sin, chionns cha robh neach cinnteach am faicte e tuilleadh. Aig an àm, bha móran sheòladairean adol an callatuiteam san toll. Bhiodh poca seòladair agus na badan aodaich a chaidh aige air a chruinneachadh aig gach fear an àm fàgail an taighe. Bha deannan math de dhfhir abhaile afalbh còmhla ris agiùlain, fear mu seach, greis dhen phoca air a ghualainn fhads a bhathar acoiseachd nan sia mìle gu Bàgh aChaisteil.

Ged a bha am mulad an cois an dealachaidh, bha an toileachadh air feadh abhaile, nuair a thigeadh an teileagram ag innse gu robh fear dhe na seòid atilleadh dhachaigh, acur air chùl gach seudam sìorraidh. Bhiodh an sgioblachadhs an glanadh adol, chan ann a-mhàin san taigh aig an fhear ris an robh dùil, ach anns a h-uile taigh eile sa bhaile, air choinneamh an òganaich. An oidhche a gheibheadh e dhachaigh, an ceann leth-uair bha e afalbh air feadh taighean abhaile a thoirt deoch-slàinte leis abhotal mhór. Bha gach neach atoirt crathadh làmh air agus ag ràdh gu sunndach, “Do bheatha dhan dùthaich, ’s tu cho beò bhon dhealaich sinn.” Cha bhiodh sprochd air neach an oidhche sin.

Adol air ais dhan sgoil: bha a-nis an Sgoilear Beag air soraidh fhàgail againn agus air a dhol air ais gu tìr-mór. San dealachadh thug e, mar chuimhneachan, ceusadh dhan a h-uile aon againn. Chan eil aon teagamh agam nach eil feadhainn dhiubh sin fhathast air sgeul. Bha sinn a-nis air gluasad dhan rùm mhór far an robh am maighstir-sgoil, an Sgoilear Ruadh, ateagasg. Gun teagamh, bho àm gu àm, bha e afaotainn ainmean eile nach robh cho tlachdmhor. Bha e air leth dìcheallach, agus cha chreid mi gun do rinn e coire do neach riamh, an gnìomh neo an labhairt. Bhitheamaid gu tric aseinn, agus bha sinn am beachd gur ann mar a bàirde a dhéigheamaid a bfheàrr a bha sinn gu seinn. Saoilidh mi gu faic mi fhathast aodann abhalaich a bha faisg ormaodann ruidhteach dearg, a chuinneanan gu spreaghadh, ’s e an impis a sgairt a bhristeadh ag éigheach àird a chlaiginn:

Lìon a-mach gu bàrr achuachS cuir an t-slàinte seo mun cuairtSlàinte Gaidheil an Taoibh Tuath Chaidh seachad suas an latha sin.

Dhaindeoin déidh air cluich, bha obair na sgoil air buaidh fhaighinn orm, agus bha mi an sàs a-nis aig an leughadh, aig achunntais agus, le peann agus inc, aig an sgrìobhadh ghrinn sna leabhrain uaine – ‘A stitch


[22]

in time saves nineagus a leithid sin. ’Sann a bha gnothach na sgoil atighinn ri mchàil gu sònraichte. Obair sgoilcha robh an sin ach gnothach, aig an àm sin, a bhair a chur a-mach do chloinndhaoin’ -uaisle’. Bhiodh fear neo dhà dhen ghnè sin atighinn a Bharraigh aig an àm, lem bonaidean clò, gu dhol a dhiasgach air na lochan neo a mharbhadh nan cearcan fraoich. Bhiodh fir abhaile acur an làmhnan ceap nuair a thachradh iad ris nadaoin’ -uaislesin.

Còmhla ris gach car eile, bha mathair aig an àm trang adèanamh nan cliabh ghiomach neo ri snìomh sìoman fraoich a chuireadh e air tughadh na bàthaich. ’S tric a sheasainn làmh ris, ag amharc cho luaths a bha dol nam meòirean. ’Sann a thug e dhomh cead a dhol a tharraing na mòna o chùl na beinne leis an làir bhàin. Bha cliabh air gach taobh dhith anns am biodh amhòine adol. Bha misenam shòlas. An toiseach, nuair a gheibheadh an làir bhàn a fradharc an taighe, bha i adèanamh a dìchill gu làn-bhrath a ghabhail orm. Bha mise gu stàiteil gu h-àrd air a druim, agus ise, an ceann gach tiorma, asradadh a deiridh dha na speuran. Dhionnsaich mi tràth greim a chumail air an t-sréin agus air a muing, gus an do thuig i mu dheireadh gu robh an tagradh leam. ’Se tarraing na mòna obair cho taitneachs a bhiodh òigridh ris aig an àm.

Bhiodh cead aig cloinn an sgoil fhàgail sna làithean sin aig ceithir bliadhna deug. Mar fheadhainn eilena dhreuchd, bha an Sgoilear Ruadh air uairean ga chur gu dhùbhlan. Aon latha, bha ceatharnach ullamh glan gu an sgoil fhàgail an dearbh latha a bha e an aois. Air achnoc, aig àm dìnnearach, bha e gu bòsdail ag ràdh, “Chan eil mise tilleadh innte feasgar idir,” ach cha do chreid neach gum biodh de mhisneach aige. Bhuail an seo an clag, agus ghluais gach aon, mar a bàbhaist, taobh a-staigh aghàraidhach mo charaid, a sheas dìreach far an robh e air an drochaid fhiodh. Dhéigh am maighstir-sgoil air greasadh air aghaidh, ach an àite sinsann a rinn am balach òraid, ag innse dhan t-saoghal gu robh esan an diugh air nèamh beag dha fhéinsaor bho gach bann nach robh atighinn ri chàil. An sin sheas e aige, chuir e aon làmh an tacsa a chruachain, thog e an téile dha na speuran agus, cho sunndachs a chunnaic neach riamh, chuir e dhà neo trì charan leis tarsainn Beinn na h-Ob. Ach cha do mhill sin e. Siud am fear a fhuair air aghaidh san t-saoghal, ged a ghearradh a chuairt car goirid. Chan fhaic mi an drochaid aon uair nach till sealladh aHighland Fling glé bheò air ais thugam.

Nis, nach ann a bha sinn air tighinn gu ìre ùidh mhór a ghabhail ann an dannsa. ’Se am Freasdal a bha leinn. bhair tilleadh air ais dhan bhaile ach caileag a bha an déidh a bhith ùine còmhla ri càirdean an Eirisgeigh. Gu leig thusa fodha, ach na dhionnsaich i siud de dhannsa fhads a bha i thall. ’Sann a gheall i dhuinn gun ionnsaicheadh i am buidheann againn agus, na bfheàrr na sin buileach, nach ann a thug a màthair cead dhuinn a dhol a thaigh aig ceann an taighe-chòmhnaidh. ’Sann againn fhìn a bha


[23]

an latha dheth. Bha sùrd againn air Petronella, Quadrilles, Lancers, Jack-a- Tar Polka, Highland Fling is dannsa chlaidheamh, gun cheòl a thàinig riamh ach port-a- beul. Feuch thusa riut, nach ann a chaidh againn orra cho sgoinneil agus mu dheireadh nach fhaiceamaid an uisge na stiùrach againn an fheadhainn mhór a bhiodh adol gu dannsaichean Sgoil aMhorghain.

Nuair a thigeadh na cèird gu bun na h-aibhne, bha sinn air ar làn-dòigh. A bharrachd air an toil-inntinn a bha gliong nam peileachan air dhruim nam boireannach adol troimhn bhaileagus an treud againne as an déidhatoirt dhuinn, bha aighear gun chiall oirnn nuair a bheireadh an ceàrd mór duiseal aig aphìob-chiùil. Cha robh dìth àite air achnoc gu dhol gu faramach mu na Quadrilles, Lancerss an còrr. ’Se beagan gaoisid a bhiodh e ag earbsa rinn fhaotainn dha airson a shaothrach.

Uibhist agus Beinn na Fadhla – ’sann a bha an sin ach dùthchannan céine dhuinn aig an àm, astar mór air falbh tarsainn aChaolais Bharraich. Bhiodh feadhainn uairean adol gu cùirt an Loch nam Madadh. Dhéisdeadh tu mar neach air am biodh seun ris na naidheachdan aca air an tilleadh. ‘Bocsa nam mionnan’ – rud eagalach a chuireadh an cridhe air chrithnad chom. Bhiodh aca ri fuireach air taobh thall na fadhlach gus an glasadh an latha, agus an uair sin gus am biodh an tràghadh anndrochaid cha robh ann. ’SiadAlasdair nan Rates’ (Ailig Dòmhnallach), Dòmhnall Fearghastan agusBòbaidh,’ aig an robh taigh-òsda Pholl aCharra, na h-ainmean a dhfhan san dealbh co-cheangailte ris nadùth-channan céinesin.

A-nis, anns an sgoil, thòisich sinn air gnothach ùr ionnsachadhdealbh-chluich a dheilbh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, bràthair an Sgoileir Ruaidh. ’Se Ruaidhreachan an t-ainm a bhoirre. Bha faoileag, feannag, clacharan, bean-shìth, leanabh-sìth agus bodach-sìth innte. ’Se am maighstir-sgoil am Bodach-sìth, ’s e acluich na fìdhle, agus mise Faoileag Bhàn Loch Gréine. Chòrd an gnothach fìor mhath ris an fheadhainn mhór a thàinig dhan sgoil ga choimhead an oidhche a shealladh an toiseach e air an stage. ’Sann an oidhche a chaidh sinn gubaile mórBhàgh aChaisteil a chòrd an gnothach buileach rinn, afalbh mar dhaoin’ -uaisle ann an gig. Thuit na glainneachan agam gu doirbh nuair a thuirt cailleach sa bhaile againn fhìn rium, “Rud gun dòigh riamh a chuala cainnt aig faoileig neo aig feannaig neo clacharan?” Shaoil mi riamh gu robh i laghach chun an latha ud.

Car mun àm seo nochd mo mhàthair dhomh gu robh am maighstir-sgoil acur air shùilean dhaibh mo chur air aghaidh gu Ard-sgoil Bhàgh aChaisteil. Bha e air an dearbh naidheachd a thoirt dhaibh mu gach aon eile san teaghlach roimhe seo, ach cha robh an cothrom ann. Bha an ùidh a-nis air fàs cho làidir ann an cuspairean sgoile agus gu robh mi làn-dheònach, ged nach robh sinn afaighinn ach cochair de


[24]

chuideachadh bhon t-siorramachdbeagan agus fichead punnd Sasannach sa bhliadhna.

titleCleachdaidhean an Àite
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
parent textTus M’Oige
<< please select a word
<< please select a page