Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil Thog mi orm, san fhoghar sa bhliadhna 1926, gu Ard-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil. Cha robh carbadan am Barraigh aig an àm, agus leis a sin dh’fheumamaid fuireach shuas an sin fad na seachdain. Bha dhà neo trì againn san t-suidheahadh seo a bhiodh trang a’ cunntais nan làithean gu Di-haoine, gu faighinn dhachaigh air ais gu tuath. Bha Barraigh an uair sin am mullach a shòlais a thaobh iasgach an sgadain. Bha am bàgh làn dhrioftairean bho thaobh an ear na dùthcha. ’Se ‘Tròbhasaich’ neo ‘Loonies’ a theireadh muinntir an eilein ris na fir a thigeadh bho na ceàrnachan sin. Bha an t-àite cho fìor thrang – daoine ’nan leum an siud ’s an seo, cutairean gu trang a’ glanadh an sgadain, agus gach stèisean mun cuairt a’ bhàigh a’ goil le daoine. Prìs mhór a bh’ann an cóig notaichean air crann sgadain.
Air dhomh a bhith dà bhliadhna san sgoil sin, bha mo bhan-chompanach a’ fàgail; agus mise chan fhanadh leam fhìn. Bha mi a’ siubhal nam pàipear-naidheachd airson car cosnaidh. Mun deach an sgoil a-staigh có a nochd dhachaigh ach an Sgoilear Ruadh ionann, ag ràdh, “Théid i fhéin is dithis eile a dh’fhuireach dhan taigh againn fhìn thall air an Leideig còmhla ri m’phiuthair.” Bha an tagradh leis, ach ’si sin a’ bhliadhna a’ b’fheàrr a chòrd rium san sgoil sin. Bha maighstir-sgoil ùr agus buidheann teagaisg ’na chois air tighinn, agus siud gu fìor na fir aig an robh turas a dhol air ceann an gnothaich.
’Se fìor dhuin’ -uasal a bha sa cheannard ùr, ach bhiodh éideadh annasach air, agus chan urrainn nach robh e a’ dèanamh a-mach gur e daoin’ air leth a bh’anns na Barraich. Aig an aois aig an robh sin, bheireadh an rud a b’fhaoine gàir’ oirnn, agus nuair a nochd am peitean béin, ’sann a shaoil sinn gur ann a bha e dèanamh Oidhche Shamhna dheth; ach ’se an latha a chunnaic sinn a’ falbh gu pòsadh e agus seacaid dhubh ghobhlach air – té nach do dhearc ar sùil riamh air a leithid – a chaidh sinn buileach as ar beachd. An duine còir – tha fhios gun duirt e corra uair ris fhéin, “Aite caran coltach ris na h-eileanan fad’ as sa Mhuir a Deas.”
An dithis eile a thàinig còmhla ris, bha Gàidhlig aca. ’Se eileanaich a bh’annta le chéile, agus cha robh iadsan car ach aig an taigh. ’Se am fear sin nach d’fhuair móran saoghail dhiubh a thug sinn air sgrìob troimhn Deserted Village aig Goldsmith, agus ’se a chòrd rinn. ’Se fhéin a fhuair na leabhrain dhuinn, agus phàigh sinn daor orra – trì sgillinn am fear! An latha thàinig an t-inspector, cha robh neach an sin nach innseadh bhon iarla gus an uarla dé an naidheachd dha. Dìreach, nuair a bha e mun doras, chuimhnich sinn nach robh fhios againn cuin a bha an duine ciatach Goldsmith mun cuairt, ach ghabh sinn gu luath air tòir fios-
rachaidh; agus ’s coma ciamar a chòrd e ris an fhear-teagaisg nuair a chual’ e sinn a’ toirt freagairt air ceist air nach tug e fhéin dhuinn foillseachadh.
Seo a-nis an dearbh bhliadhna a dh’fhosgladh Talla a’ Bhàigh a Tuath – 1929 – agus bha fiughair mhór am measg na h-òigridh. Aig an àm, bha seann mhaighdean a’ fuireach air an taobh an iar dhen eilean a bha air leth measail air dannsa, agus a bhiodh a’ cleachdadh ghùintean dhen t-seann fhasan. Bha eòlas fìor mhath agam fhìn air an dithis a rinn suas an litir a’ toirt cuiridh dhi a bhith an làthair san talla an oidhche iomraiteach sin a bha i a’ fosgladh. Gus an latha a dh’fhàg i an saoghal, cha robh fhios aig Catrìona bhochd nach tàinig an litir bho bhòrd uaine Lunnainn mar a bha i am beachd.
’Sann air feadh na seachdain a bha an talla a’ fosgladh agus, òg ’s mar a bha sinn, chàirich mi fhìn ’s mo bhan-chompanach, a’ ‘Lol’, oirnn gu tuath. Bha sinn bog fliuch nuair a ràinig sinn an taigh, ach an déidh greim bìdh agus tiormachadh air na badan aodaich chàirich sinn oirnn gu sunndach chun na talla. Nuair a ràinig sinn taigh Uilleim Oig chuala sinn glaodh na pìoba, agus dhanns sinn ceum neo dhà glé shunndach – dìreach air an rathad mhór. Nuair a ràinig sinn an doras ’s a sheall sinn a-staigh, có a bha a’ dèanamh ruidhle an teis-meadhon an ùrlair ach an Coddy agus mo ghalad, Catrìona, agus dithis eile còmhla riutha. Siud agaibh an fheadhainn a rachadh ris gu fonnmhor. Rinn sinn corra ghàire, a’ smaointinn air a’ chuireadh aig Catrìona, ach theab an anail againn stad an uair a mhothaich sinn dhan dearbh dhithis a bha gar teagasg an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil aig an dannsa. Cha mhór nach tug sinn caman dhi, ach nach ann a rinn iad oirnn, ’s cha do leig iad bhàrr ùrlair sinn. Tràth sa mhadainn an latharna-mhàireach bha sinn air ar cois gu coiseachd sia mìle gu Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil. Rinn an dithis fhear a bha san dannsa fiamh gàire nuair a chunnaic iad an dithis thruaghan a bha a’ deanamh an dìchill gu an sùilean a chumail fosgailte fad an latha.
title | Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
parent text | Tus M’Oige |