[33]

AIG MO CHOSNADH

Anns an Og-mhìos an 1934 dhfhàg mi an Colaisdeoir, mar a theireadh muinntir abhaile againn fhìn, bha miullamh-ionnsaichte’. Dhaindeoin deuchainn le cion iomadh fhads a bhathar ag ionnsachadh, ’se an deuchainn bu mhotha gu léir nach robh obair ann dhomh an déidh mo shaothrach. Bha an dearbh shuidheachadh againn an uair sins a thann a-nis fhéinmóran a thug a-mach an dreuchd agus gun an obair ann air an réir.

Gleann Fhionghain Mu shia seachdainean roimhn Nollaig, fhuair mi fios bhon Mhoireasdanach a Inbhir Nis a dhol gu Sgoil Ghleann Fhionghain. ’S mise bha gu sunndach an latha sin. Cha robh de bhruaillean orm ach gu robh agamsa ri Barraigh fhàgail air oidhche Di-ciadain, agus talla ùr Bhaile na Creige ga fosgladh an ath Dhi-haoine. Co-dhiùbh, chàirich mi orm an làrach nam bonn, agus ghabh mi rathad an Obain. As a sin dhfhalbh mi air an trèan gu BailaChaolais. Fhuair mi an t-aiseag an sin chun an taoibh thall, far an robh bus afeitheamh gu luchd-siubhail a thoirt dhan Ghearasdan. An oidhche sin dhfhan mi aig na mnathan còire aig am bàbhaist dhomh a bhith acòmhnaidh, agus a chuir flath is fàiltorm agus a rinn mi aig an taigh. Bha iad car cho toilichte gun do dheònaich mi a dhol air ais thuca, eadhon airson aon oidhche, agus miullamh-ionnsaichte’. Sa mhadainn an latharna-mhàireach rinn mi air an t-slighe dhan ghleann eireachdail sin. Bolc an airidh an rathad-iarainn sin a dhùnadh, oir tha seallaidhean air leth tlachdmhor air gach taobh dhiot fad an t-siubhail. Rinn mi air an sgoil thaitnich sin, far an robh buidheann grinn de chloinn afeitheamh ris an tidseir ùir. Chuir sinn eòlas air a chéile, agus dhinns mi naidheachd thoilichte dhaibh: nach biodh iad atighinn dhan sgoil an latharna-mhàireachgum biodh i dùinte chionns gu robh Diùc Kent agus Princess Marina apòsadh. Chòrd mo chuairt dhan ghleann sin rium anabarrach math, agus mi afuireach ann an Taigh aGhlinne aig na peathraichean NicCeallaig. Aig an àm bha Gàidhlig aig an fheadhainn a baosda. Air mo rathad dhan sgoil aon mhadainn thachair bodach rium, agus san dol seachad thuirt mi ris, “Bheil sibh math gu màirnealachadh?” ’Se a fhreagair e, “ as an tug thu aGhàidhlig, a chaileag?”


[34]

Bhatarsaigh An déidh na Nollaig bha abhan-sgoilear aca fhéin atilleadh gu clann aGhlinne, agus bha mise gu bhith a-rithist gun obair. Nuair a ràinig mi an taigh, nach ann a bha litir gam fheitheamh ag iarraidh orm a bhith atogail orm gu Sgoil Eilean Bhatarsaigh nuair a bhiodh na làithean-saora seachad. Chàirich mi orm dhan eilean bheag mhaiseach sin an déidh na BliadhnUire ann an 1935. Bha mi ateagasg na cloinne a bòige, oir bha còrr agus fhichead san sgoil an uair sin. Aig an àm bha sluagh gu leòr san eilean, agussiad fhéin a bha spéiseil. Dhaindeoin cion an uisge, bha na taighean aca air an cumail grinn eireachdail. Air Di-dòmhnaich, bheireadh e do dhùbhlan dhuit feadhainn eile fhaicinn air an éideadh na bu shnasaile na iad sin, a dhaindeoin iad a bhith còmhnaidh an eilean mara. Rinn muinntir an àite mo bheathaoir, ged a bha i air caochladh, ’sann an sin a bha Màiri, piuthar mo mhàthar, a bhana h-òige san Eilean Fhùideach, air thaigheadas; agus cha do dhfhàg ise droch chuimhneachan. Aig an àm bha dhà neo trì dhe na h-eich mhóra a Bhatarsaigh gu treabhadh is cairtearachd. ’Siad na sgothan sheòl a bha adèanamh an aiseig an uair sin. Bha shònraichte agamsa dhomh fhìn, agus i geal agus seòl dearg oirre – ‘Sgoth an Dotair Ruaidha theireadh iad rithe, agus cha robh iomradh air a leithid de rud ri dfharadh a phàigheadh. Bha e cho math. Cha robh agamsa an uair sin ach beagan is naoi notaichean sa mhìos de thuarasdal.

Nuair a bha mi beagan sheachdainean thall, fhuair mi cuireadh gu banais Mhìcheil Nèill Ruaidh, aig an robh bùth san Uidh. Bha e apòsadh a mhuinntir Bhàgh aChaisteil, agussann thall an sin a bha abhanais. Siud abhanais air nach téid dìochuimhnagamsa. Chòrd cuid na bainnse dheth fìor mhath rium, ach theab ceannach a bhith agam air achùis. Air ar tilleadh a Bàgh aChaisteil, cha robh san sgothaidh ach triùir bhoireannach agus aon fhireannach air a dhubh-dhalladh leis an daoraich. Dhéireadh esan an ceann gach tiorma a chur rifeadh san t-seòl. Bha sinne ag éigheach nan creach agus afeuchainn ri phlùcadh fodhainn, agus sinn fhìn ag iomradh mar ar beatha. Thug sinn ceithir uairean an uaireadair eadar Cidhe na h-Airde agus an laimrig a Bhatarsaigh an déidh na bainnse, agus leum sinn aiste mun do bhuail i idir tìr. Turas an ànraidhtheabadh mo bhàthadh!

Air mo cheud chuairt a Bhatarsaigh, bha mi beagan is bliadhnthar fhichead nuair a ghabh mi an t-aiseag. Bha iad riamh coibhneil san eilean gu neach iarraidh air chéilidh. Cha robh mi ach beagan ùine thall nuair a chaidh mi fhìn is cailin eile cuairt air chéilidh a thaigh grinn. Bha cailin agus a màthair afuireach ann. Bha e air chùl fiosrachaidh ormsa gu robh a tàlainnean agéilleachdainn dhan t-sean-bhean, mar a tha buailteach tachairt. Fhads a bha an òg acur uisge sa choire eadar an dhoras, theann a màthair a-nall agus, gu furachail, thug i riobag asam afaighneachd, “Eudail nan nighean, bheil thug ionndrain Mhiughal-


[35]

aigh?” Leig an a bha còmhla rium glag gàire, agus ghreas an téile a-nuas, ag ràdh, “Mo nàire is mo leaghadh, nach eil fhios agaibh nach robh an tidsear riamh am Miughalaigh.” Sin an uair a thuig mi an toiseach an fhìor spéis a bhaig an fheadhainn a bfheudar fhàgail, le cruas an t-saoghail, dhan eilean mhaiseach sin.

Nach iomadh naidheachd a chuala mise mu Mhiughalaigh aig an fheadhainn sin a dhfhàg an cridhe ann. Chuala mi gu robh fear acòmhnaidh ann ri linn Ban-rìgh Victoria anns an robh àirde neo-àbhaisteach. ’S coltach gum besan am fleasgach a bàirde aig an àm san Roinn-Eòrpa gu léir. Dha thaobh seo thugadh e mu choinneamh na Ban-rìgh. ’Se Pàdraig Mór a bainm dha, agus phòs e Anna Chaluim, anns nach robh ach àirde chuibheasach. Bha Pàdraig còrr is seachd troighean a dhàirde. Théid mi fhìn an urras nach robh an dearbh òganach aon uair riamhna bheatha na bu toilichte na bha e nuair a fhuair e greim aon turas eile air cladaichean Mhiughalaigh an déidh a bhith air falbh air an turas-cuain shònraichte sin, san t-saoghal choimheach, gu dhol mu choinneamh Ban-rìgh Victoria.

Be teachd-an-tìr muinntir Eilean Mhiughalaigh, còmhla ri caran mun taigh, a bhith ag iasgach. Cha robh aca sna sgothan ach na siùil agus na ràimh. Air réir na h-eachdraidh a chuala mi, aon latha sònraichte agus fèath nan eun ann, chàirich sgioba orra le ràimh is beagan siùil a chur nan lìon mar a bàbhaist. Dhfheumte feitheamh car tacain san dearbh bhad, an déidh dhaibh an càradh sa ghrunnd iasgaich, mun togte na lìn.

Air an latha shònraichte seo, gu dhan do mhothaich iad air sgeireig bhig thall mun coinneamh ach do mhaighdinn-mhara asìor chìreadh a fuilt. Daonnanse manadh bàthaidh a bhann nam faicte ise mun cuairt. Chuir e ioghnadh air na fir i bhith mun cuairt air latha cho fìor shocair. An ceann tiorma chualiad i ag éigheach dhan sgiobair, “Iain Mhic Ruairidh, Iain Mhic Ruairidh, am faic thu mise?”

Fhreagair esan, “O, chì, ’s mi chì. Ach ged as camalagach eireachdail do chuailean, gu fìor cha mhór mo spéis dhuit.”

Feumaidh nach do mhì-chord an seanchas rithe idir, chionns anns an dearbh mhionaid dhéigh i air ais dha, “Iain Mhic Ruairidh, Iain Mhic Ruairidh, tarraing, tarraing, tarraing do chuid lìon, agus bi adèanamh air an taigh.”

Ged a bha fèath fhathast ann, ghabh e a comhairle. Tharraing iad na lìn agus chàirich iad orra adèanamh air an eilean. Bha cho glan dhaibh! Mu iomlaid na mionaid dhatharraich na siantan, agus thàinig an-uair nach fhacass nach cualas chan eil fhios abhliadhna a leithid. Thug na gaisgich a-mach cala sàbhailte, achsann air éiginn.

Nis, aig an àm seo, nuair a chaidh mi a Bhatarsaigh an toiseach, bha mo chridhe amireag rium; agus nam burrainn dhomh dhen t-saoghal, rachainn a-null air an aiseag a h-uile Di-haoine dhachaigh. Bha caraid còir agam aig taighean aChaolais gu robh mi aleigeil fios gu e bhith


[36]

romham air feasgar Di-dòmhnaich. Air an fheasgar sin bha mi acoiseachd sia mìle a tuath; an sin bha mi adol tarsainn Beinn Tangabhal. Nuair a nochdainn thar a guailne bhiodh Seumas acur a-mach na geòla, agus mu ruiginn shìos bha e bhos romham.

Bha mi adol dhachaigh còmhla ris gu mdheagh bhiadh is gu céilidh. Bha mi an sin acàradh orm trì mìle suas gu Baile Bhatarsaigh, is chan fhairichinn a bhith dèanamh an astair.

Bha na h-òrain luaidh air leth math aig mnathan an eilein, gu h-àraidh aig bean Eachainn Fhionnlaigh, Ealasaid Iain Dhonnchaidh agus bean Iagain Aonghais. ’S iomadh oidhche chridheil a chuir mi seachadnan cuideachd, agus thog mi an deagh chuid dhe na h-òrain.

Aig an àm bha e gu math deuchainneach a bhith call nan dannsaichean air an taobh thall, agus nuair a thàinig mo charaid an t-inspector – ‘D.J. ’, mar a theireamaid, a bha air leth measail air Gàidhligthuirt mi gu robh mi am beachd tàr as gu crìochan ùra.

Mun do dhfhàg mi, tha beachd agam a bhith ag éisdeachd an Rìghseadh, Diùc Windsorair an raidio afàgail a chead dheireannaich aig sluagh Bhreatainn; agus dhfhàg e sinn fo mhì-ghean is fo bhròn.

Eòiligearraidh is Bàgh aChaisteil Fhuair mi a theagasg gu Sgoil Eòiligearraidh nuair a dhfhosgail i an déidh làithean-saora an t-samhraidh an 1937. Bha mi air mo dhòigh gun dfhuair migu tìr’, agus bho nach ruiginn air an dachaigh a h-uile h-oidhchecha robh còmhdhail ann aig an àmbha mi afuireach shìos an Eòiligearraidh fhéin, far an robh mi glé thoilichte. Ach, leth na dunaidh, cha robh mi an sin ach beagan sheachdainean nuair a chuireadh fios orm gu dhol a theagasg gu Sgoil Bhàgh aChaisteil, far an robh móran de chloinn bhig mu choinneamh aoin tidseir. Bha an dithis againn gu bhith teagasg san aon rùm. Nis, bha car de dhfhiamhachd is de dheagal ormsa a bhith adol a theagasg còmhla ris abhan-sgoilear iomraitich sin, Anna NicIain nach maireann. Ach gu fìor fìrinneachs mise nach ruigeadh a leas e. Bàlainn agus beireachdail an t-eòlas a chuir sinn air a chéile. Bha ise anabarrach inntinneach éibhinn. Bha i acreidsinn gur ann mar bu toilichte a bhiodh achlannnan staid a bfheàrr a thogadh iad sgoil. Bhiodh ise agabhail port-a- beul agus achlanns an lamhan an àirds an casan agluasad gu luath, agus misenan teis-meadhon, agus sùrd againn air dannsa, agus ris nach còrdadh achuideachd? Bha Anna air leth math gu innse sgeulachdan. Saoilidh mi gun cluinn mi fhathast i ag innse mu Nighean Bheag nan Dualagan Oir is na Trì Mathain. Cha robh strì aice atoirt air aon dhen chloinn tighinn a-mach a dhinnse na naidheachd as a déidh. ’S math mo bheachd air aon bhalach acur a-mach na h-aoin naidheachd gu sgairteil gus an do ràinig eThug i spàineag as acheud bhobhla mór brochain agus bha e ro theth, thug i spàineag as abhobhla mheadhonach is bha e ro fhuar, agus an sin thug i


[37]

spàineag as abhobhla bheag bhìodach agus bha e … ”, agus stad echa burrainn dha a dhol na bfhaide. An ceann tacain fhuair e, thar leis fhéin, na dearbh bhriathran a lìonadh am beàrna, agus dhéigh e gu sgairteil, “Agus bha e dìreach fiot dhi,” mar a theireamaid mu na brògan ura.

S iomadh oidhche thoilichte a chuir mi seachad air chéilidh air Anna NicIain. Bhiodh mnathan aGhlinne atighinn glé thric cuideachd a ghabhail nan òran luaidh, agus bha móran luchd-turais iad fhéin atadhalcuid dhiubh air thòir òrain Ghàidhlig nan Eilean.

Bhrist an Dàrna Cogadh a-mach san fhoghar, 1939. ’Sann san eaglais a dhinnseadh dhuinn an sgeul bhrònach sin; agus, ged nach robh tuigsinn agamsa air goirteas cogaidh, bha feadhainn san làthair, a fhuair an droch léireadh sa cheud fhear, a shil na deòir gu frasach. Chaill mi mo mhàthair chaomh sa Mhàrt ann an 1940, agusna déidh, glé ghoirid, mo bhràthair a bòige; agus thuig mi an uair sin bhann an léireadh. Ach feumaidh an saoghal a dhol air aghaidh.

Chaidh mi air ais gu Sgoil Eòiligearraidh beagan ùine an déidh seo. Bha móran dhen òigridh air an togail dhan chogadh. Dhaindeoin iomagain am measg an t-sluaigh a thaobh na bha bhuapa, bha sinn trang san sgoil feasgar ri céilidhean is dannsa. Siud far an robh cuideachd na céilidh agus an fheadhainn a thoireadh gach cùl-taic dhuits gach strì. Bha bean Bhriain againn agus bean Dennyclann Ruairidh Iain Bhàin a Brudhairnis a bha air leth math air na h-òrain, ’s nach ann dhaibh bu dual. BhaNialltaidhagainn a Sgoireabhal a thoireadh gach car a chuir Tam OShanter dheth cha mhór air do bheulaibh, le blas is faireachdainnann an Gàidhlig. Le priobadh cridheilna shùilean, gu h-àraidh nuair a ruigteSùsaidh’, bheireadh e srann air On the Road to Mandalay.Bha faram chas is bualadh bhas an sin gad bhódhradh aig meud an toileachaidh am measg na cuideachd. Bha a’ ‘Lalaagainn, a chuireadh na h-eòin an crannaibh le a guth binns a h-òrain eireachdail. Bha Iagan Nèill Dhòmhnaill ann a dhinnseadh sgeulachd cho trics a dhiarrainnagussann aige fhéin a bha an turas a dhol riuthaagus bha Ceit Anna ann. Biad fhéin an fheadhainn a bairidh air gach toileachadh.

Dìreach mun àm seo, fhuair ban-sgoilear àraid eile is mi fhìn cuireadh bhon mhaighstir-sgoil a dhol a-null gu Eilean Eirisgeigh airson dhà neo trì làithean-saora. Bha am Politician air bualadh mu na cladaichean beagan ùine roimhe seo, agus nach ann innte fhéin a bha an luchd a thogadh gach bruaillean far inntinn sluaigh. Nuair a ràinig sinn, bha gean is fonn air gach aon a thachradh riut, agus iad am beachd gun tàinig sinne cuideachd air thòir ant-sòlais’. Gu dearbh, dhfhaodadh tu ràdh gu robh BliadhnUr aca an còmhnaidh, agussann orra fhéin a bha a bhlàth.

Bha òl is ceol is dannsaca, is dram cha bhiodh orrgann mun Nollaigair neo aig àm sam bith eile. Fhuair sinn cuireadh gu dhol air bòrd a


[38]

bhàta iomraitich sin bho cheannard luchd na salvage. Rinn sinn sin, agus anns an dealachadh thug e dhuinn sìneadas beag blasda mar chuimhneachan air ar turas. ’Si an naidheachd a binntinniche a chuala mi gu robh cuid dhe na fir air chleas nam feòraganadèanamh tholl san talamh, acur seachad mu choinneamh na cruadhaig; ach, gu -fhortanach, nach rachadh acasan air amas air an dearbh bhad san do chàireadh an stòras. ’S iomadh latha an déidh sin a bhitheamaid acuimhneachadh air ar cuairt a-null agus air na céilidhean sunndach a rinn sinn feadh nan taighean.

Pòsadh, is Glaschu aig Am aChogaidhSann a thàinig e nis fainear dhomh pòsadh, oir bha mi air a dhol suas am bliadhnachan. Bha mi cho fìor thoilichte an Eòiligearraidh agus, ged a bha mi afalbh a phòsadh, chaidh deur neo dhà gu làr an oidhche a dhfhàg cuideachd mo ghaoil soraidh agam, aig céilidh san sgoil aig an t-Samhain, 1943. ’Se banais Ghallda a bhagainn, an Glaschu, ach bha gach aon dhe na h-eòlaich air feadh abhaile an làthair. Fhuair sinn còrr agus ceud teileagram a Barraigh. Chàirich sinn oirnn a dhfhuireach a Ghrianaig, far an robh cosnadh mo chéile. Glé ghoirid an déidh seo, gu a bhuail mu chladaichean Eòiligearraidh ach bàta luachmhoran Dexter. ’Sann a shaoileadh tu gur ann a bha Sealbh ag amharc le coibhneas air na cladaichean sin a dhaindeoin cogaidh. A-rèir choltais, cha robh sùgh an eòrna ach gann innte, ach a dhaindeoin sinsna dhà dhéidh, bha gnothaichean feumail eile atighinn gu mìorbhaileach air tìr. Thòisich mi an sin air faighinn parsail air muin parsailchan eil fhios am bhuaithelàn de dhiomadh rud grinn a dhfheumadh bean òg. Air uairean ni driod-fhortan feum do chuideigin, agus cha do chaill mise air abhualadhge bith an taobh bhon tàinig iad, bha mo chuid mhath agamsa de bhadan rìomhach na tubaist.

Aig an àm seo bha mi feadh an latha leam fhìn gun chuideachd gus an tilleadh mo chéile anmoch, agus cha do chòrd e riamh rium a bhith leam fhìn. An seo, nach ann a chunnaic mi pàipearan forfhais airson luchd-teagaisg ann an sgoiltean Ghlaschu. Gun dàil, chàirich mi orm gu Oifis an Fhoghlaim sa bhaile mhór sin, agus an ath latha theann mi air teagasg am Bridgeton an Strathclyde P. School, Carstair Street. Chan ann dhen aidmheil agamsa a bha achlann sin neo an luchd-teagaisg, ach gu fìors mise nach do dhfhairich fuachd sam bith a thaobh na cuid sin. Eadhon an uair sin bha an saoghal car beagbha Gàidhlig aig dithis dhen luchd-teagaisg. Bha dhiubh as an Eilean Dubh, pòsda aig Leódhasach, agus an téile a Dùthaich MhicAoidh.

Fhads a bhitheamaid aig na leasain, chluinnte itealain nan Gearmailteach atighinn a dhèanamh spreaghadh feadh abhaile. Bha na sirens ag éigheach àird an claiginn, “Thoir do chasan leat dha na tuill fon talamh cleas nan coineanach.” Bha sinn adèanamh air an staidhir leis achloinn fo mhì-ghean gus an teannamaid air seinn, agus bha sinn air an dol sin sna


[39]

tuill gus an leigeadh na sirens fios dhuinn gu robh na Gearmailtich air tilleadh an taobh as an tàinig iad.

Air oidhche dhen t-seachdain, bha dithis neo triùir againn adol dhan sgoil fad na h-oidhche air eagals gu leigeadh na Gearmailtich ball teine a-nuas oirre. Ged a bha na sràidean dubh-dorcha, cha robh eagal neo fiamh air aon againn a bhith dèanamh an turais. San sgoil fhéin, cha do bhuail e riamhnar cridhe gum buaileadh dad oirnne, is bha an ùine adol seachad gun fhios dhuinn le naidheachdan is fealla-dhà is òl chupan . Nuair a bha an sgoil adùnadh airson nan làithean-saora san Og-mhìos, 1944, thàinig am maighstir-sgoil dhan rùm far an robh an luchd-teagaisg cruinn. ’Se naidheachd mhì-àghmhor a bhaige: “Tha agaibh ri falbh le buidheann dhen chloinn a-mach as abhaile fad thrì seachdainean gu gleann am Peairt, achs fheàrr dhuibh an taghadh a dhèanamhnur measg fhéin.” Cha do leig mi dad orm, ach chaidh mi far an robh e a dhinnse dha gu robh mo chéile aig muir dhomhain, agus gum bu mhath leamsa an t-uallach sin a ghabhail. Siud an naidheachd a chòrd ris an luchd-teagaisg, agus eagal am bàis orra gun tuiteadh an taghadh orrasan.

Dhfhalbh mi fhìns mo bhuidheann gu ruige Cumaraigh. As a sin chaidh sinn air bus gu Gleann Leydnoch, far an robh sinn ri fuireach ann an Lodge a thairg daoine carthannach airson ar turais. Nuair a ràinig sinn, thug an a bha an t-àite fo cùram cluas gheur dha mo chainnt agus thuirt i, “Chan ann a mhuinntir Ghlaschu a tha sibhse.” Nuair a fhreagair mi gur ann a bha mi as na h-Eileanan an Iar, thuirt ise, “Tha sibh a Barraigh, mar a tha bean achìobair an ath dhoras.” Cho luaths a burrainn dhomh rinn mi air taigh bean MhicAoidh, ged nach robh mi acreidsinn gu robh i a Barraigh, or cha robh an sloinneadh sin san eilean aig an àm. Nuair a ghnog mi, a dhfhosgail an doras ach Ceiteag Ruairidh Iain Alasdair a Ceann Tangabhal am Barraigh, a dhinns dhomh gur ann a bha a céile a Uibhist, agus gur iad cuideachd mo mhàthar na h-aon chàirdean a bhaige am Barraigh. Cha robh mise gun taigh-céilidh; ach, a dhaindeoin àilleachd aGhlinne, agus eireachdas nan craobhan, bha ionndrain shònraichtenam chridhe nach robh mi atuigsinn aig an àm.

Bha clann na sgoile sin grinn, ciallach agus laghach; ach ged a bha, thàinig iargainnam chom, agus thuig mi fàth na h-ionndrain am Peairt. Bha

fuaim an taibh gam shìor éigheach: “Tiugainn, meudail, gu dthìr dhàimh.”

Leis a sin, is gàir na mara an còmhnaidhnam chluasan, thill mi gu eilean mo bhreith is màraich. ’Se a thuirt an Coddy rium an uair a thachair sinn, “Seadh, a bhanacharaid. Tha fhios gun cualthu an seanfhacal: ‘Taghaidh a h-ath-bhuaile. ’”


[40]

Bréidhbhig, Bàgh aChaisteil, Glaschu a-rithist Cha robh mi fada aig an taigh nuair a fhuair mi fios gu dhol a theagasg an Sgoil Bhréidhbhig. Acheud latha, san dol a-staigh, dhfhaighnich mi de chaileig bhig, “ leis thu fhéin, a ghaoil?” Fhreagair i gu socair, “Tha mi leis an Fheannaig.” Shaoil mi gur ann afanaid orm a bha i, agus ghrad dhfhaighnich mi is faobhar orm, “ thuirt thu?” Chrom i a ceann is ghabh i nàire agus leag i gu làr a sùilean, afreagairt gu socair, “Sin an t-ainm a thaca air mathair.” Agus cha do chuir mi seachad móran làithean san dearbh choimhearsnachd sin nuair a thuig mi nach robh aig achaileig ach an dubhla-fhìrinn.

Cha robh mi ach beagan ùine san sgoil sin nuair a nochd am buidheann iomraiteach sin, naBoarded-outs’, a baile mór Ghlaschu. Bhuail a h-uile h-aon dhe na trì deug sin dìreach anns an rùm agamsa. Acheud mhadainn, mun tàinig iad idir a-staigh, nochd nighean bheag Bharrach a-staigh acaoineadh gu goirt. Nuair a dhfhaighnich mi gu idir a bha acur oirre, fhreagair i, “Thug an mhór reamhar bhàn sin thall droch tharraing mun aodann orm.” Dhéigh mi air an bhàin. “ bu choireach gun do dhochainn thu achaileag seo?” dhfhaighnich mi, agusse a fhreagair i agus bus dhiombach oirre, “She was gapinat me. ”Mise an diugh, thuirt mi rium fhìn, ’s fheàrr dhomh casadh riutha sa cheud dhol-a- mach, air neo cha toir mi mo bheò as an lùib. Nuair a bha iad a-staigh agam cruinn cothrom còmhla, thug mi an bhàn gu seisean, agus leig mi fhaicinn dhi ann am barrachds am briathran nach fhaodadh an t-ìm sin a bhith air an roinn sin, air neo gu faodadh i taobh eile a thoirt oirre.

Thàinig an sin inspector aig an robh co-cheangal dlùth ri Glaschu dhan sgoil. “Ciamar a tha clann abhaile mhóir atighinn ri dchàil?” dhfharraid e. Cha robh e air a dhòigh an uair a nochd mi nach robh a leithid siud de dhàireamh dhiubh am measg clann an eilein acòrdadh rium. Nam biodh esan ag éisdeachd aig an uinneig agus acluinntinn na glòir a chuala mise nuair a bhiodh iad a-muighagus srann aig clann Bhréidhbhig air an dearbh sheanchas agus gun tuigsinn fon ghréin aca gu a bu chiall dha na bha iad ag ràdhthuigeadh e an uair sin am port. Gun teagamh air an t-saoghal, bha feadhainn glé mhathnam measg, aguss math nach robh iad uile air an aon réir.

Aig am àm sin, bha clann na sgoil sin glé shunndach gu gabhail òran. Thàinig an sin fear a Inbhir Nis a dhèanamh sgrùdaidh air cor na Gàidhlig am Barraigh. Nochd e a-staigh agus e ag ràdh san dearbh mhionaid, “Bheil aon òran aca?” mar gum biodh e am beachd nach robh. Ghabh iad òran an déidh òrain dha, agus siud gu fìor am buidheann a rachadh gu sunndach riutha.

Bha gille beag air ùr thighinn dhan sgoil an dearbh sheachdain sin. Bha fhios am fhìn gum biodh sùrd aca air gabhail òran san dachaigh sin gach oidhche. Dhéigh mi air Dòmhnall Iain tighinn a-mach feuch an gabhadh


[41]

e òran. Cha bu ruith ach leum siud leis an dearbh òganach sin. Chàirich e aon chas air tarsannan na cathrach agam, mar a dhèanadh athair aig an taigh, agus thug e an luinneag a bàille dhuinnFàilte Rubha Bhatairnisbho cheann gu ceann. Dhfhalbh Dòmhnall MacPhàil le sunnd is fiamh gàire, ag ràdh, “Ma bha cùram ormsa sa mhadainn an diugh mu Ghàidhlig Bharraigh, chan eil dad dhe leithid a-nis orm.”

Bha balach beag eile agam san sgoil sin a chuir mi aon latha air cheann turais gu rùm amhaighstir-sgoil. Thill es e acaoineadhs alasagaich. Nuair a dhfhaighnich mi gu idir a bha ceàrr, fhreagair e sa Bheurla los nach biodh e srac air dheireadh air naBoarded-outs’. “Please, miss, ”arsesan, “he gave me a spleog sa bhus.”

Saoileam fhìn,” thuirt mi riutha le dibhearsain, “gu bu chòir dhuinn a dhèanamh mun chùis?” Dhéigh eucoraich Ghlaschu, “See that piece of wood, miss. Lets drive some nails in” – ach mun dfhuair iad na bfhaide leis an sgeul, chualas an guth aig an fhear a bhair a leòn ag éigheach gu sgairteil an àird: “Crucify him. ” ’Sann mun dearbh àm sin a bha feadhainn adèanamh deiseil gu dhol gun ceud chomain, agus thuig mi gun do rinn mi car ro chudthromach an naidheachd aig an fhear a liubhair e fhéin air achrann.

Se bliadhnachan sona a chuir mi seachad an Sgoil Bhréidhbhigafuireach aig Catrìonaigs gun a-staigh ach sinn fhìn le chéile. Nach iomadh gàire cridheil a dhfhàg sinn eadar na ballachan sin. Bha a céile-se air falbh bhon taigh ga chosnadh, agus mo chéile-sa, Eòin, aig muir dhomhain. Cha bhiodh Eòin atighinn dhachaigh ach nuair a bhiodh leave aige. An uair sin bha e anochdadh le gach seòrsa rìomhach a bha e air a cheannach sna dùthchannan céin. ’Sann aige fhéin a bhiodh na naidheachdan mu na h-àiteachans na h-ioghnaidhean a chunnaic e fhads a bha e air falbh; agus tha mi ag amharas, an uair a theirigeadh an naidheachd, gu robh e fhéin glé chomasach air fad a chuir aisteagus nach ann dha fhéin a bha sin furasda. Mar a thuirt mi mu thràth, bha comas air leth aig Eòin gu faighinn air aghaidh san t-saoghal nan dfhuair e an cothrom an toiseach a latha. Bha ùidh air leth aige an leughadha h-uile seòrsa leabhairagus dhèanadh e seanchas am Beurlas an Gàidhlig mu chuspair sam bith. Nach iomadh fear is sna h-eileanan againne aig an robh comas is tomhas na bfheàrr na bhagamsa gu faighinn air aghaidh san t-saoghal, nan robh saod aca air nuair a bha iad òg.

Dhfhàg mi an sgoil sin sa Ghiblean, 1950. Cha robh mo chridhe ag iarraidh gluasad ged a bha e riatanach dhomh a bhith togail orm. Tha am peannWatermana thug achlann dhomh san dealachadh fhathast agam, ga ghleidheadh gu cùramach mar chuimhneachan air an fheadhainn sin a thug dhomh e len làn-dhùrachd.

Anns abhliadhna 1951 thill mi air ais a theagasg an Sgoil Bhàgh aChaisteil, agus dhfhan mi an sin fad dheich bliadhna. Bha Eòin a-nis aig


[42]

an taigh còmhla rium, agus bha sinna thaic glé mhór. Fhuair e car cosnaidh mun chidhe, far an robh e atachairt ri daoine a thigeadh as gach ceàrn de Bharraigh, agus nuair a gheibheadh e dhachaigh bha e loma-làn naidheachdan. Glé thric thigeadh bàta-iasgaich a-staigh, agus chan e beathach neo dhà éisg a dhfhóghnadh dha ach làn poca. Bha mo chéile cho còir ris an fhaoileig. Thadhaileadh e an iomadh taigh ariarachadh na bha sa phoca, los nach biodh air fhàgail ach aon bheathach éisg neo dhà mu ruigeadh e an taigh. Cha robh de phàigheadh aige ach cochair, ach cha robh e dìomhain an déidh obair achidhe. Fhuair e a shàrachadh acur an taighe air dòigh.

Bha còmhlan cho gasda de luchd-teagaisg am Bàgh aChaisteils nach iarradh tu a cheòl neo a dhaighear ach a bhithnan teis-meadhon. Bhitheamaid ri céilidhean gu airgead a chruinneachadh airson cuirm Nollaig. Bha achlann air an làn-dòigh, is gach buidheann afeuchainn ri bàrr-urraim a thoirt air an ath fhear le òrain, dàin is dealbh-chluichean. Aon bhliadhna bha buidheann agam a rinn dealbh-chluich air an tug iad Am Picnic mar ainm. ’Siad fhéin a chaidh gu sunndach ris. Saoilidh mi gu faic mi fhathast iad len cuid loingeis, agus sùrd aca air an òran a rinn Cal Cairsteig Chaluim nach maireannBàta beag mo ghaoil, ’si bha bòidheach. Leis cho sunndachs a bha achlann len cuid dibhearsain, agus leis na riochdan san rachadh iad, ’se bun a bhann gun do chuir iad an fheadhainn a thàinig gan éisdeachd air ghleus cho maths gu robh gach beag is mór, sean is òg, adolna lùban agàireachdainn mun do theirig an seanchas.

Dheònaich an seo am fear a bha os ar cionn gluasad air ais dhan bhaile mhór. An déidh sin, air dhòigheigin, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle is chaidh aphìob a Thaigh Iain Ghròt an Gallaibh. Beag air bheag, thòisich duine mu seach dhen luchd-teagaisg air èaladh air falbh a thoirt taobh eile orra, agus chuir mise cuideachd na siùil rithe, is dhfhàg mi cuideachd mo ghaoil is thill mi a theagasg a bhaile Ghlaschu.

Chaidh mi a theagasg gu Sgoil St. Anthony aig Crois Bhaile Ghobhainn. Cha robh mi fada an sin nuair a dhinns am maighstir-sgoil dhomh gun tàinig fios gu mi bhith adol gu Sgoil St. Constantines air Uist Street. Ma bha meas agamsa sa cheud dhol-a- mach air siubhal air an subway, fhuair mi mu dheireadh thall mo sheachd leòr dheth fad nan cóig bliadhna a thug mi ateagasg san sgoil sin. Bha fhicheads a h-ochd neo naoi anns a h-uile buidheann a bha tighinn mu mchoinneamh gach bliadhnabalaich agus nìghneagan gasda nach tug dragh riamh dhomh.

Ach nach ann a thòisich a-rithist an ionndrain agus an iargainnam chom

Fuaim an taibh gam shìor éigheach

agus thuig mi nach dèanainn achùis gun a bhith, cleas an trìlleachain, an còmhnaidh an cois na tuinne.

titleAig mo Chosnadh
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
parent textAir Mo Chuairt
<< please select a word
<< please select a page