Dealbh Camilla
Chunnaic mi do dhealbh mar òr-sheud
Am pàipear Posta Di-Dòmhnaich
Mar reul iùil do dh’fhear an t-seòlaidh
Bhios air bhòidse fad’ bho thìr.
Chunnaic mise dealbh na h-àilleachd,
Rìbhinn ghrinn a’ chuailein fhàinnich,
Marcachd steud air achadh fàschoill —
Ìomhaigh fhàilteach agus sìth.
Aodann aoibhnis choibhneil chàirdeil,
Dreach do ghnùis mar ubhal an gàrradh;
Deud cho geal ri sneachd air àrd-bheinn
’S cathadh-làir air ùrlar glinn.
Tha do shùilean ann am bòidhche
Mar an dealt air bhàrr nan neòinean;
Calpa cuimir is troigh chòmhnard —
Cha do sheas am bròig cho grinn.
Ged a mharcaich thu na leòidean
’S air raointean farsaing tha d’ mhion-eòlais,
Cha do smaointich thu ’nad òige
D’ ainm bhith ’m meòmhair anns na glinn.
Cha do dh’aisling thu air cluasaig
’S cha do bhrist e steach ’nad smuaintean
Gum biodh do dhealbh ann cho luachmhor
Am measg ghleanntan uain’ an fhraoich.
title | Dealbh Camilla |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |