[26]

Don Bhean Phòsta Jacqueline Marsh

Mar éirigh gréinair madainn bhòidheach samhraidh
Tha gaol gun chaochladh adeàlradh ann adghnùis;
Mar ghealach làn air oidhche reòdhta geamhraidh
Tha loinn aboillsgeadh coibhnisnad dhà shùil.

Mar laigheas driùchd air duilleach grinn an neòinein
Mun seinn achòisridh cheòlmhor anns an àird’,
Bidh aoibh is sonas far am bi do chòmhnaidh
S bidh carthannachd mar chòmhdach dhut gu bràch.

Cho abaich ris na diasan anns an t-Sultuin
Tha dreach nan ròsan ruiteach thanad ghruaidh;
Tha tanail measgaichte le mil nam flùran
Fo bhlàth le duilleach ùr air feadh nan cluain.

Cho ealanta ri salmadair nan sgiathan
A sheinneas dhuinn cho ciatach anns aMhàigh,
Cho dealbhach ri Bhénus anns an iarmailt
Tha rìbhinn ghrinn na tìoralachds na bàidh.


[27]
titleDon Bhean Phòsta Jacqueline Marsh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page