[26]

Do Mhàiri NicillEathain, Griomsaigh

Fàilt’, a ghruagach dhonn mo ghaoil,
Si daoibh a thog mo cheòl
S a chuireadh sunndnam chom le gaol
S a dhaotromaich mo bhròn;
Ged bhithinn ìosal iomadh uair
Mar as dualach do mo sheòrs’,
fiamh do ghàire blàths do mchrìdh
S do bhrìodal mfhàgail òg.

An dealbh a mi dhiot an-dràst
Mar eala snàmh san òb,
Mar shneachd air mullach nam beann àrd
S e deàrrsadh madainn reòdht’,

[27]
[28]

Mar long fo shiùil a-muigh sa chuan
S aghaoth cho cruaidh gu còrs’,
S i stiùireadh cùrsa nall gu luath
Gu Uibhist uainan eòrn’.

Mar ghathan gréinsan àirdan-iar
Tha ìomhaigh chiùin na h-òigh’,
Tha blàths is càirdeas, agus rian,
Tha Crìostalachdnad fheòil;
Tha àilleachd asnàmhnad ghnùis
Gach seòrsa flùir as bòidhch’,
Tha ròsans ùbhlanna do ghruaidh
S céir-bheach mun cuairt do bheòil.

Cridhe coibhneil agus blàth
Cur fàiltair aois is òig’,
Bidh beannachd dhaoine leat gu bràth
Gach fhads bhios tu beò;
Gur fhad o chuireadh ort an crùn
Gu mùirneach aig aMhòd
S a fhuair thun t-urram bhithnad Bhàrd
Le tàlantan do bheòil!

Nuair thig ciaradh air mo
Is gath abhàisnam fheòil,
Adol don t-sìorraidheachd gu bràth
S alaighacnàmh fon fhòd,
Mhiannaichinn gum bithinn dlùth
Don mhaighdinn rùnaich chòir
Ris an robh mi réidh o thùs
S cha bhrist an ùir an còrd.


[29]
titleDo Mhàiri NicillEathain Griomsaigh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page