Don Té Rinn Tighinn gam Fheòraich Dhachaigh
Don Mhnaoi Phòsta Catrìona Laing, Uibhist a-Tuath, ceannard seirbheis cobhair na dachaigh
Bhon tha peann agam ’nam mheòirean,
Sgrìobhaidh mi leis sìos mun t-sòlas
Rinn mi ris an rìbhinn bhòidhich
A thàinig gam fheòraich dhachaigh.
Tha i laghach agus bàidheil,
Air a h-aodann fiamh a’ ghàire;
Tha h-anail mar ghaoth a’ ghàrraidh
Far am fàs na blàthan fallain.
Tha i coingeis Beur’ no Gàidhlig,
Tha i comasach sna dhà dhiubh;
Bhuilich freastal oirre tàlann
A thug àrd i ann an aithne.
Tha i tapaidh agus sunndach,
Deas ’na pearsa ’s ’na giùlan;
A dà ghruaidh air dhreach nan ùbhlan
Bhios air cunntair bùth a’ cheannaich’.
Tha i leam mar reul san iarmailt
An àm don fheasgar a bhith ciaradh,
An uair tha ghrian a’ cromadh sìos
’S an cuan an-iar a’ dol ga falach.
Tha a brìodal leam cho ceòlmhor
Ri pìob-mhàl’ fo raghadh mheòirean;
Tha a crìdh cho làn de chòiread —
Cha dèan mèinn an òir a cheannach.
Tha de thaitneas ’na briathran
Na chuireadh mì-ghean air dìochuimhn’,
Tha deud cho geal ri sneachd’ air sliabh
’S e measgaichte le trian clach-mheallain.
Falt dubh dualach ann an òrdagh
’S e cho snuadhmhor agus bòidheach:
Chan eil teagamh nach do chòrd sinn,
Chuir i sòlas mun a’ chagailt.
Sgaoil ar conaltradh gu làidir:
Bhruidhinn sinn mu iomadh àite
Eadar sgòrr-bheanntan Chinn t-Sàile
Chun a’ chàirn a th’ air Beinn Bhragaidh.
Nuair a dh’fhalbh i bha mi tùrsach,
Tha mi daonnan ann ga h-ionndrainn:
Tha h-ìomhaigh leam a-cheart cho rùnach
Ris na flùran air a’ mhachair.
Bidh mo bheannachd ga còmhdhail
Anns an àit’ sam bheil i còmhnaidh —
Cadal suaimhneach socair stòlda
’S dùsgadh beòthail anns a’ mhadainn.
title | Don Té Rinn Tighinn gam Fheòraich Dhachaigh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |