[36]

Eilean Uibhist

Gur moch rinn mi dùsgadh san ùr-mhadainn cheòthair,
Bheir ceilearadh nan smeòrach dhomh ceòlraidh as ùr:
Bidh fonn air gach creutair ag éirigh le sòlas
An eilean gorm an eòrnthug dhomh beòthadh bho thùs;
Uibhist ghorm nan stùcans nam machraichean flùrach,
Nam beanntanan rùnach air an crùnadh le fraoch,
Tìr àraich achluarain bhios gu bràth dhuinnna shuaithneas
Gach àitanns an gluais sinn bidh e fuaightruinn le gaol.

An t-eilean uainbàidheils e cuartaichtle sàile,
Bidh nuallan an làin anns na bàigh air gach taobh:
Than Cuan an-Iar mun cuairt air le gairge an uabhais,
Toirt bàirlinn tha cruaidh dhuinn nuair ghluaiseas aghaoth;
Toirt beairteas guchòrsa, toirt feamainn do na cròicean,
Toirt pailteas de bheòshlaint is stòras is maoin
Tha eunlaith atàmh ann, tha biadh don cuid àil ann,
Than t-seamrag as àille afàs air na raoin.

Gur h-inntinneach gluasad a-mach feadh nam buailtean,
Acoiseachd feadh na luachrachs dol cuairt feadh an fhraoich,
Adìreadh nan stùcan bheir inntinn is sunnd dhomh
S gun dìobair gach cùram thair cùlaibh mo smaoin;
Toirt beachd air gach àilleachd a thair maise nàdair
A chruthaicheadh on àirde le làmh Rìgh nan Dùl
Tha pailteas gach seòrsa an Uibhist ghorm an eòrna
Afuadachadh bròin bhuamnam òigesnam aois.

Gur taitneach le minntinn ma bhòidhchead bhith sgrìobhadh:
Tha dhealbh dhomh cho rìomhachs a chìtear le sùil,
Ged s fhadon bha dàilleachd air fhilleadh am bàrdachd
Aig seanchaidheans luchd dhàn a tha cnàmh anns an ùir;
Am beagan thair fhàgail aleughadh maise nàdair
S a dhfhiosraich mar thà es mar bhà e o thùs,
Gur toil leinn bhithg innse mu eilean ar sinnsear
Na laighe sa Chuan Sgìths do na linntean cha dmhùth.

[37]
[38]

Nuair thig an cadal buans nach cuir mi feum air cluasaig
S a chàirear leis an t-sluagh mi san fhuar-leabaidh dhùint’,
Aghainmheach bhith mun cuairt dhomhs am muran gorm mu muachdar
S an duslach annsn do ghluais mi gam chuartachas ùr,
Mhiannaichinn bhithn càradh measg eòlach agus chàirdean
( ’S gur pailt iad ann a Hàllann acnàmh anns an ùir)
Ann an eilean gorm mo shinnsear, mun drinn mi seo a sgrìobhadh
A théid a sheinn gu cinnteach le binn-bheul achiùil.


[39]
titleEilean Uibhist
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page