[40]

Tìr nan Raon

Tìr nan raons nan glaicean uain’,
Tìr nam bruachs nam bealach
Farm bi na tuinn atighinn gu tràigh
S farn dèan na crà-gheòidh fantainn.

A dhainneoin sneachdas gaillinn fuair
Tha geamhradh gruamach seachad
S tha earrach, ùrachd sunnd na h-òig’,
Air tighinn le deòin gur cladach.

Nuair thig aBhealltainn oirnn mun cuairt
Bidh guth na cuaichsna gleannan
Atighinn air sgéith á tìrean céin
S gun dèan i sgeul dhuinn aithris.

Bheir toit an fhraoich air ais ar n-òig
Is iomadh spòrs bha tlachdmhor,
Adèanamh falaisg feadh nam beann,
Afuadach greann is airtneal.

[41]
[42]

Nuair a thig an t-Sultuin àigh
Gur àlainn bhios na seallaidh,
Bidh fraoch nam beannna uile ghlòir
Le iomadh seòrsa dhathan.

Bidh uaines purpurm measg a-chéil’,
Aseudachadhnam maise
Mar bhogha-frois sa mhadainn thràth
A thig tro sgàil nam frasan.

Bidh smeòrach ghlas air cnuic aseinn,
Tha aoibhneasna cuid caithreim;
Bidh seillean srianach triall le srann
Bho fhlùr gu planndna dheannaibh.

Bidh fear na spealair achadh buain,
Is sruth bho ghruaidh de dhfhallas,
Bidh ceangladair gu trangna dhéidh
Cur sguab gu réidh sna bannan.

Bidh fear le sùist afroiseadh dhias
S an sìol gun téid abharraich;
Is ás a-sin chun an damh-sùirn
S bhon t-sùirn chun an àth-bhracha.

Ma thig an t-saothair thoirt gu crìoch
Bidh iomadh ri tachairt
Bidh am muileann is abhrà
Gu làidir cur nan car dhiubh.

Nuair théid a h-uile rud air dòigh
Bidh iomadh seòrsam pailteas
Biadh is aran air abhòrd
Is deur de stòr na bracha.


[43]
titleTìr nan Raon
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page