AN DÙBHLACHD
A dh’ainneoin dranndail ’s fead na docair
Tighinn bhon eara-dheas coirbte dòbhaidh,
Tha Dùbhlachd ùdlaidh a’ toirt àbhachd
Is sunnd is gean air gnùis nam pàistean,
An cridheachan air mhir le sòlas
A’ feitheamh bodach mór na còiread
A’ tighinn troimhn t-similear gu falachaidh —
’S air a h-aon cha dèan e dearmad;
Sluagh a’ cruinneachadh ann an càirdeas
A’ toirt moladh dhan Dia as àirde
A thug maitheanas is saorsainn
Is sìth is sèimhe do shluagh an t-saoghail.
title | An Dùbhlachd |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Mìosan na Bliadhna |