[48]

AN T-ÒGMHIOS

Grian na glòir-réim anns na speuran,
Dòrtadh oirnn a blàths gur feuman
Ìocshlaint do a h-uile creutair
A tha gluasad;
Speachantachd air tighinn san eunlaith
Cumail nàimhdean far a crìochan
Gus an àl a thoirt gu tèarainte
Gu eirte;
Clann ag atharrais guth na cuaiche
Le cruit-chiùil air feadh nam bruachan
Toirt a ceòlraidh nall thar chuan
Gu treòrach inntinn;
Seillean ruadh asaothair sunndach
Deoghal mil á uchd nam flùran
Bruailleanachd adol air dìochuimhn
Ann am blàths an Ògmhios chiataich
Thug dhuinn sùgradh.


[49]
titleAn t-Ògmhios
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textMìosan na Bliadhna
<< please select a word
<< please select a page