AN T-IUCHAR
Feur gu àilgheas cruidh is chaorach
Fàs air achaidhean is caolshrath,
Am buachaille gun uaill no gaoid
Ag iomain tàine;
Gucag-bhàitht’ nam bileag uaine
Fàs am measg na cuilc cho snuadhmhor —
Sann le dànadas a bhuainear
I bho frìth-bhac;
Uiseagan gu h-àrd sna speuran
Le’n cuid luinneagan gan gleusadh,
Meadhrachais am measg a-chéile
Cho sgèimh uallach;
Toradh buaile pailt ri fhaotainn,
Cuachan làn de bhainne daonnan
Gu ar càileachd;
Maise nàdair loinneil fhlùrach
Air a measgadh ann an ùr-fhàs
A’ cur sealladh thar na dùthcha
A tha bòidheach,
Dealt a’ priobadh oirnn cho caoin
Am measg nan ròsan.
title | An t-Iuchar |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Mìosan na Bliadhna |