[50]

AN LÙNASTAL

Abaichead atighinn san arbhar,
Diasan eòrnafàs gu tairbhe
Fear na tuatha;
A h-uile creutair a tha gluasad
Afàilteachadh na gartmhoirsuairce
A chaidh a bhuileachadh an lànmhoir’ —
Taitneadh tiodhlaic diadhachd ghràsmhoir;
Speuran soilleir gun fiamh orr
Saor bho pheileasaich nan sìontan,
Làithean sona, sìtheil, soirmeil
Saor bho aingealtachd is foireigneadh:
Fonn is aoibhneas feadh nan cluaintean,
Sunnd is geannar leumsnar gluasad.


[51]
titleAn Lùnastal
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textMìosan na Bliadhna
<< please select a word
<< please select a page