[54]

Mo Reul Iùil

Dheàrrsaich solas aoibhnis dhomh,
S be soillse mo reul iùil:
Mar shoilleireachd nan coinnlean
Aboillsgeadh air na bùird;
Shiab air falbh an duibhre
S chaidh brat na h-oidhchair chùl
S bha cuireadh cùirteil blàth-chridheach
Gam fhàilteachadh as ùr.

Dhfhalbh na sgòthan aognaidh ud
Is thàinig gaolnan àit’,
Dhéirich grian na h-aoighealachd
Is caoine na mìos Màigh;
Bha madainn bhlàth na caomhalachd
Asgaoileadh gathan tlàiths
S bha ceileireachd is ceòlraidh
Acur beòthalachdnam phàirt.

Mar ghaoth thar bhàrr nam flùran
Fo dhriùchd na madainn chéit’:
Tha tanail bhlàthna cùbhraidheachd
Mar ùbhlan air agheug;
Tha tìomhaigh chàirdeil ùrlaimh
Mar chrùn fo mhùirneachd sheud
S mar shneachdair iomall stùcan
Tha ùrarachd do dheud.

Tha cuailean dualach rìomhach ort
Mar dhìtheanan an òir
Adolna stuadhan -snaidhm
S achìr ga cur an dlòth;
Ga phleatadh ann an snuadhachadh
S ga shuaineadh anns achòrn
S gur bòidheach mu do ghualainn e,
Cur loinn is uaisl’ ’nad chòir.

[55]
[56]

Gur bòidhche leam do ghluasad
Na raointean uainfo bhlàth
Nuair as àille bhios na cluaintean
Le neòinean snuadhmhor bàn;
Tha teòchridheachd fuaighte riut,
S tu le fuil na h-uaisle làn,
Than sunnd a tha gad chuartachadh
Mar cheòl na cuaichsa Mhàigh.

Tha do phearsana bheusalachd
Mar éirigh gréinair stùc
Air madainn bhòidheach chéiteineach
S an dealt cur geis feadh fhlùr;
Tha do chòmhradh réidh-labhairt
Mar ghleusadh teud achiùil
Gu togail suas ar n-inntinnean
Is -ghean chur air chùl.

Gur eireachdailair ùrlar thu
Na gàrradh-fhlùr fo bhlàth,
Cho dreachmhor ris an ùrchoill
Fo ungadh driùchd bhon àird;
Mar bhogha-froissan iarmailt
Le dathan ciatach àigh
S gach ceann dheth ann am fìon-lios
Gu riarachadh ar càil.

S binne leam do chòmhradh
Na roghainn còisir chiùil,
No fann-ghaoth madainn Chéitein
Le séideag réiteachd rùin;
Tha thu mar fhuaran fìor-ghlan
Tha pailt gu ìotas bùirn
A shil bho bhàrr na h-iarmailt
Gu ìoc-lus anns aghrunnd.

Tha do mhuineal glé-gheal
Mar dhéideag air an tràigh,
Mar shneachdair mullach Éiseabhail
An géiread amhìos Mhàirt;

[57]
[58]

Mar eala bhàn nan cuantan
Air bhàrr nan stuadh asnàmh,
No ceò air iomall Bheinn Chruachain
Taobh tuath de dhEarra-Ghàidheal.

Nuair chì mim measg achòmhlain thu
Bidh thu mar ròs fo bhlàth,
Cho aoigheil agus còmhraiteach
S cho bòidheach ann adghnàths;
Mo dhùrachd-sa an còmhnaidh dhut
Gach sòlas bhithnad phàirt
S nam faighinn mar a dhòrdaichinn,
Gum bi thu beò gu bràch.

An Uibhist ghorm an eòrna
Nad òige rinn thu fàs
Farm bi na tonnan crònanach
Aconnspaid air an tràigh
Far bheil fraoch Chlann Dòmhnaill
Acòmhdach nam beann àrd
S farn dèan an calman còmhnaidh
Mar as deòin leis, anns na càirn.


[59]
titleMo Reul Iùil
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page